Stocainnean
Le FIONNLAGH DOMHNALLACH
GED, mar is trice, a tha sia òirlich eatorras iad, gann a chreideas sibh an co-cheangal a tha eadar an t-fhéileadh agus stocainnean. Ann an ceasnachadh a rinn sinn bho chionn ghoirid, feuch carson nach eil am barrachd a’ caitheimh an fhéilidh, fhuair sinn freagairtean de’n t-seòrsa so . . . .
Arsa balach òg, sgiobalta, “Tha stocainnean fhéilidh cho daor taca ri stocainnean aobrainn.”
Arsa fireannach, “Tha’n t-fhéileadh cho trom air stocainnean. Ma thig toll air mo shàil agus an t-fhéileadh orm, tha mi air mo mhaslachadh; ach ma thig toll air mo shàil agus a’ bhriogais orm, chan eil agam ach mo ghalais a leigeil sìos òirleach no dhà, agus bheir mi dha no trì làithean eile as na stocainnean ’s chan fhaic duine beò an toll.”
Arsa fireannach eile, “ ’S e ministear a tha annam-sa, agus cha bhiodh e coltach dhomh an t-fhéileadh a chaitheamh.”
’Nar barail-ne, tha sin a’ dearbhadh gun caitheadh dithis as gach triùir an t-fhéileadh mur a b’e cion stocainnean. Agus b’e sin an call—gum bacadh paidhear stocainnean fìor Ghaidheil bho bhith a’ caitheamh an aodaich a bha air an sinnsirean, gun chur dhiùbh, fad ghinealaichean, ach a mhàin greiseag bheag an deidh Chùil-lodair.
Gus a’ chùis a chur gu ìre, chuir sinn romhainn gun lorgamaid carson a tha stocainnean fhéilidh cho gann. Chaidh sinn sìos am baile agus stad sinn triùir bhoireannach air an t-sràid agus thubhairt sinn riutha gu robh sinn airson ceistean a chur orra mu stocainnean.
Thug a’ cheud te sgleog dhuinn agus dh’fhalbh i.
B’ann as an Fhraing a bha an ath te, agus cha robh facal Gàidhlig aice.
Thubhairt an treas te nach b’urrainn dhi stocainnean fhighe ged a dh’fheuchadh i, agus nach robh an iarraidh bu lugha aice feuchainn co-dhiùbh.
’Nar barail-ne, tha sin a’ dearbhadh gur e an t-aineolas is coireach nach eil am barrachd de’r boireannaich a’ fighe stocainnean.
Ach cha do dh’fhàg sinn a’ chùis aig a sin. Thug sinn, an uair sin, sgrìob air feadh nam bùthan feuch an lorgamaid pàtarain airson stocainnean glùine. Fhuair sinn sin—eallach ar croite dhiùbh—ach bha a h-uile gin aca ann am Beurla. Beurla! Smaoinicheadh sibhse! Tha dearbhadh cinnteach againn (a réir Coimisean nan Croitearan) gur iad luchd na Gàidhlige a chaitheadh an t-fhéileadh nam faigheadh iad stocainnean. Tha dearbhadh cinnteach againn, cuideachd, (a réir An Ollaimh O’ Thì Mhóir, a chaochail le breac-a- seunain ann an Eirinn anns a’ cheathramh linn deug) gu bheil fireannaich aig a bheil Gàidhlig an còmhnuidh a’ pòsadh bhoireannach aig a bheil an t-seann chànain. Mar sin, an uair a chuireas sinn na rudan sin uile an ceann a chéile, tha e soilleir gun caitheadh luchd Gàidhlige an t-fhéileadh, nam bitheadh pàtarain Ghàidhlig aig am mnathan gus sealltainn dhaibh ciamar a dh’fhigheadh iad stocainnean fada.
Chuir sinne Gairm air chois gus gach cuideachadh a thoirt do’r luchd leughaidh ann an dòigh riatanaich sam bith. Mar sin, ged nach
deanamaid an còrr ri’r maireann, tha sinn a nise a’ dol a chur ann an clò, rud nach robh riamh roimhe an clò no’n anart—pàtaran stocainnean ann an Gàidhlig. Ma chòrdas e ruibh, innsidh sinn dhuibh ann an àireamh an Earraich ciamar a dh’fhigheas sibh rudan goireasach eile—deise Shàbaid, lion-sgadain agus anart càise.
A bheil sibh deiseil, mata?
Feumaidh sibh an toiseach ceithir cearlan snàth, ceithir bioran, agus slat thomhais. Cha leig sibh leas ach dà chorraig agus òrdag air gach làimh, ged nach bu mhisde sibh lùdag air an làimh dheas gus duilleag leabhair a thionndadh an uair a dh’fhàsas sibh cho math agus gu leugh ’s gu figh sibh aig an aon ám.
So, an toiseach, na toimhsean airson duine cumanta le dà chois.
25 oirlich eadar am beul ’s an t-sàil
( ’se sin, beul is sàil na stocainn!)
12 oirlich eadar an t-sàil ’s an òrdag mhór.
Feumaidh sibh 4½ lùban chun an òirlich, ach bhon a tha e cianail duilich leth lùb a chumail air a’ bhior, faodaidh sibh 4 lùban na 5 a gabhail a reir agus dé cho reamhar agus a tha’m fear a tha a’ dol a chaitheamh na stocainn (ge be có è, cha dean math dha saill a chur air no dheth fhad’s a tha an stocainn ’ga fighe).
Ceart mata.
A’ cheud bhior—21 lùb.
An dara bior—24 lúb.
An treas bior—20 lùb.
Ma tha sibh ceart, cha bhi lùb idir air a’ cheathramh bior, ach feuch nach tuit e sìos cùl an t-sòfa, oir ’s ann leis a tha sibh a’ dol a dh’fhighe.
A’ cheud chuairt. Figheabh 2 lùb.
Stadaibh a nis, mionaid, oir chan eil Gàidhlig airpurl, agus feumaidh sinn sin. An aontaich sinn gun dean “cramp” an gnothaich—bha am facal, uaireigin, a’ ciallachadh “cnot” ach tha e air a dhol am mach a fasan (a réir Dwelly) agus tha e cho math dhuinn a chur gu feum an so. Mar sin, cleachdaidh sinn bhuaithe so a mach F airson “figh” agus C airson “cramp” (no“purl”). Cumaibh romhaibh a nise. F2 C2 F2 C2 F2 C2 F2 C2 F2 C2.
Cumaibh romhaibh mar sin gus a bheil sia òirlich de stocainn agaibh no gus an tig luaithrean oirbh. Ge be co aca a thig an toiseach, tha còir gum bi pàtaran snog air beul na stocainn.
’S fheàrr dhuinn a nise giorrachadh a thoirt dhuibh air na facail a bhios sinn a’ cleachdadh, no ma chleachdas sinn na facail fhéin a h-uile turus, bithidh an àireamh so de Ghairm cho mór ri “Turus a’ Chrìosdaidh” (an seann fhear).
F = Figh.
C = Cramp.
L = Lùb.
D. A. D. R. A. R. = Deanaibh an dearbh rud a rithist.
T. T. L. = Togaibh tuilleadh lùban.
L. D. L. = Leigibh dhìbh lùb.
L. A. F. L. A. S. S. S. A. S. = Leigibh air falbh lùb an sud ’s an so (tha so feumail an uair a lorgas sibh gu bheil lùban a bharrachd ’s a’ chòir agaibh ’s gun fhios agaibh dé ni sibh riutha.)
Tog. Tog( ’S e sin lùb).
Co. Còmhla.
Tìo. Tionndaidh (an stocainn).
C. A. L. A. D. S. A. A. B. E. Cuiribh an lùb a dh’fhàg sibh air a’ bhior eile. ( ’Se sin anns a’ Bheurla chruaidh Shasunnaich Psso).
Ma dh’ionnsaicheas sibh sin, chan eil rud air an talamh nach figh sibh. Ach na toiribh greim nas motha na chagnas sibh, mar a chanas iad anns a’ Bheurla. Cuimhnichibh gu bheil 6 òirlich de stocainn agaibh agus 31 òirlich ri tighinn. Cumaibh romhaibh.
Cumadh a’ chalpa: C1, F1, airson sia òrlich eile.
An ath chuairt: C1, F1, F2Co, F chun nan 3L mu dheireadh LDL, F1, C. A. L. A. D. S. A. A. B. E, F1.
Na h-ath chuairtean: C1, F1. Cumaibh romhaibh mar so (L. A. F. L. A. S. S. A. S. mar a bhios feum) gus an ruig sibh an t-sàil.
An t-sàil: A’ cheud chuairt = C1, F10, Tio.
An dara cuairt = LDL, C9, F1, C10 Tio.
Fàgaibh 22L air air dà bhior, agus fighibh na 21L a tha air am fàgail air an dà bhior eile. Aig an ìre so, tha còir gu bhèil 43L agaibh agus ceithir bioran. Ma tha barrachd air 43 L agaibh, L. A. F. L. A. S. S. A. S. Ma tha barrachd air ceithir bioran agaibh, feumaidh gun do chaill cuideigin eile fear no gun do bhrist fear de na bioran agaibh fhéin.
Ach co-dhiùbh—
An dara cuairt thar fhichead (de’n t-sàil) L. D. L. C6. F1. C7.
Tha còir a nise gu bheil an t-sàil ullamh. Ma tha toll an sud ’s an so, na cuireadh e dragh oirbh; thig toll air sàil stocainn co-dhiùbh.
Ceann na stocainn: Cuairt 1—F22, L. D. L., F1, C. A. L. A. D. S. A. A. B. E. (so far am bheil L. A. F. L. A. S. S. A. S. feumail).
An òrdag: F2, F2Co, F4, F2Co.
F3, F2Co, F14, F2Co, F1.
Cumaibh romhaibh mar sin gus am fàs an òrdag caran biorach, agus, an uair sin, L. A. F. L. A. S. S. A. S. cho luath ’s a rinn sibh dad riamh.
Ma lean sibh sin, tha còir gu bheil aon stocainn agaibh. Ma leanas sibh a rithist e, bithidh dà stocainn agaibh. Agus mar sin air adhart gus an teirig an snàth. Ge be dé a nì sibh, na tòisichibh a’ slaodadh an t-snàth an uair a ruigeas sibh an òrdag, no bithidh sibh air ais aig beul na stocainn mun can sibh C. A. L. A. D. S. A. A. B. E.
Ma chuireas aon agaibh thugainn paidhear de stocainnean fhéilidh a rinneadh a réir a’ phàtarain so shuas, bheir sinn, mar dhuais, pàtaran snog airson féileadh fhéin fhighe.
title | Stocainnean |
writers | Finlay John MacDonald |
internal date | 1954.0 |
display date | 1954 |
publication date | 1954 |
level | |
reference template | Fionnlagh Dòmhnallach in Gairm 15 %p |
parent text | Gairm 10 |