ALBA AGUS A’ CHUIMRIGH
Sùil air roimh-eachdraidh na dùthchadachd le Tom Nairn
Giorrachadh agus eadar-theangachadh le Iain MacDhòmhaill
I. Dà dhealbh air a bheilear eòlach
. . . The thing that destroyed the civilization of Wales and ruined Welsh culture, that brought about the dire plight of Wales today was — nationalism. . .
Tha leth-cheud bliadhna o chuir Saunders Lewis clisgeadh air a luchd-éisdeachd aig a’ chiad Sgoil Shamhraidh a bh’aigPlaid Cymruleis na faclan sin. ’Sann a bha e toirt rabhaidh dhaibh an aghaidh dùthchadachd nach robh ach poiliticeach a-mhàin — an aghaidh cùrsa coltach ann an dòigh sam bith ris a’ chùrsa a shaoil esan a bha eachdraidh fhreacuaireach Shasuinn air a ghabhail. Agus an cois an rabhaidh bha guidhe airson dòigh-leasachaidh air an t-suidheachadh a bha dìreach Cuimreach; airson dùthchadachd aignidheil agus chulturach air a stéidheachadh air dualchas muinntireil agus a’ sealltainn air ais gu na Linntean Meadhonach.
Tha mu leth-cheud bliadhna, cuideachd, o nochd dùthchadachd Alba le Buidheann Dhùthchadach na h-Alba Iain MhicCarmaig ann an 1928, ann an cruth, ùr is gu robh i, nach fhaillich oirnn aithneachadh an diugh. Cha robh anns a’ ghluasad phoiliticeach seo ach aon de shinnsireachd SNP an là an diugh; ach bha e air tòiseachadh ri dùthchadaich Alba a threòrachadh a-mach ás an tuaineal anns an do mheas Lewis Spence a bha iad. Sgrìobh esan gun do tharraing an gluasad airson ath-bhreith dùthchail. . . many of the greatest cranks . . . There is no chart, no plan, nothing approaching a serious, practical Scotsman-like policy in either art or poltics. An ùine ghoirid bha a leithid seo a’ dol a bhuadhachadh, agus dh’fhògradh na culturaich agus nalitterateursdo dhorchadas iomallach Ceilteach.
Ged nach eil móran ann a-nis a shluigeadh linn-meadhonachas Lewis, no a dhèanadh casaid buileach cho geur an aghaidh ath-bheothachadh an litreachais Albannaich, thathar eòlach gu leòr air an dà dhealbh. Tha iad a’ sealltainn, air an dàrna làimh, dùthchadachd far an robh ceistean mu ghnothaichean culturach na bu bhitheanta; agus air an làimh eile dùthchadachd anns an robh iad a’ faighinn inbhe glé ìseal. Bhiodh cus ann a ràdh gu robh an dùthchadachd Chuimreach culturach ’na sealladh agus an dùthchadarachd Albannach philisteach. Ach chan eil móran ann nach gabhadh ris gu robh na h-uiread de dh’fhìrinn anns an iomradh seo air an eadar-dhealachadh eatorra.
Tha seo ceangailte ri iomadh eadar-dhealachadh eile, agus ri móran dhe’n duilgheadas a th’aig an dithis a’ tuigsinn a chéile. Cha mhór Albannach dha bheil e furasda tuigse agus co-fhaireachdainn a bhith aca mu cheist dheuchainneach na cànain an seo; air an làimh eile, cuirear glé thric iongnadh air dùthchadaich Chuimreach gu bheil a leithid de rud ann ri gluasad dùthchadach as aonais a chànain fhéin.
Tha an t-Albannach a’ faicinn ùpraid smaointeachail ga dèanamh mu neo-ni; tha an Cuimreach fo iongnadh mu dhùthaich far nach eil coltas gu bheil dad ann airson ùpraid a dhèanamh mu dheidhinn. Tha an dùthchadachd Chuimreach riamh air a bhith comharraichte eadar-dhùthchail ’na sealladh, a’ lorg dàimh nàdurra gu leòr eadar i fhéin agus iomadh gluasad agus pearsa air tìr-mór na Roinn Eòrpa. Tha an dùthchadachd Albannach air a bhith buailteach a bhith rudeigin aonaranach, agus gun ach an iomallachd Ghàidhlig aice a’ dèanamh oidhirp airson eòlas a chur air an leithidean sin. Ged a chanas i uaireannan na shaoileas i a bu chóir dhi a ràdh mu dhùthchadasan agus mu bhuidhnean beaga a th’air an cumail sios, tha e nochdte gu bheil cus a bharrachd aig mór-roinn an SNP mu dheidhinn bùirdeasachd nan dùthchannan Lochlannach na mu dheidhinn nan Armhorach agus nam Basg.
Agus mar sin air adhart. Chan eil sinn fhathast a’ tuigsinn a chéile ro mhath; agus bu chòir dhuinn, an déidh leth-cheud bliadhna. Tha feum air: tha roimh-eachdraidh na dùthchadachd Chuimrich agus Albannaich seachad, agus an eachdraidh air tòiseachadh — eachdraidh nach gabh a tilleadh agus eachdraidh aig am bi ’na lùib móran a bharrachd de rudan anns am bi ùidh aig a’ Chuimrigh agus Alba le chéile na nuair a bha iad le chéile ’nan roinntean soitheamh ann an impireachd. Ach chan eil e cho furasda. Tha làn àm dèanamh nas fheàrr na bhith searmonachadh mu bhith seasamh a chéile is mu na h-aon nàimhdean, ach chan eil e cho furasda faicinn có an taobh a
Chan eil e gu móran feum a bhith coimeas an dithis puing air phuing. Chì duine sam bith gu bheil a’ Chuimrigh agus Alba ’nan dùthchannan anabarrach ao-coltach; ach cha leòr sin. ’Sann a dh’fheumas sinn saoilneas a ghabhas a-steach àiteachan mar tha a’ Chuimrigh agus Alba agus a chuireas iad ann an suidheachadh eachdraidheil a ghabhas tuigsinn. Tha fios nach ann gus an uairsin as urrainn dhuinn dearbhadh gu cinnteach càit a bheil sinn, agus dé as urrainn dhuinn a dhèanamh còmhladh, no dé dh’fhaodas sinn a bhith an dòchas ionnsachadh o chéile.
II. Saoilneas meallta
An saoilneas
Chan eil saoilneasachd againn fhathast a leigeas leinn seo a dhèanamh ceart. Ach chan e mhàin sin. ’Sann a tha saoilneas meallta air ceann a thogail a dh’fhaodas ar cur ceàrr.
’S iad na rudan a th’air aire an t-saoilneas seo féineachd agus fòirneart culturach. ’Se an fhéineachd air a bheil e sealltainn féineachd nam muinntirean agus nan ceàrnaidhean oireach as lugha san Eòrpa an Iar; tha am fòirneart anns a’ ghiullachd a fhuair iad o na dùthchadasan aig an robh làmh-an-uachdair gu poiliticeach.
’Sann maoineadach a bha an tighearnas seo agus thugadh o na ceàrnaidhean beaga na dh’fheumte, eadar luchd-obrach agus beairteas nàdurra, agus bha na mhisnicheadh de dh’fhàsmhorachd buailteach a bhith mì-chothrom agus diomain. Ach chan ann maoineadach ach culturach a tha a’ mheàirle air a bheil an saoilneas seo a’ leigeil cuideam. Tha e meas gu bheil earrasachd ro mhór agus ro bhuillsgeanach air seann fhéineachd mhuinntireil a chnàmh air falbh no a sgrios. Agus gur h-ann tre bhith strì airson an cultur fhaighinn air ais a tha na ceàrnaidhean sin ag ath-bheothachadh an diugh.
Anns an leabharThe Centralist Enemytha Iain Osmond a’ dèanamh geàrr-aithris air cuid mhath dhe’n t-sealladh seo. Tha e ag ràdh gu bheil feum air dòigh-beatha far an cuirear feuman na muinntireachd air thoiseach, eadhon ged a bhiodh call maoineadach an lùib seo. Tha e nàdurra gu leòr gum biodh barrachd comais anns an t-strì aig muinntireachdan aig a bheil stéidh làidir fine agus cànain. Mar sin, thathar a’ faicinn gu bheil an dà rud sin air leth buadhach ann an gluasad dùthchadach.
Tha deagh fhiosam gu bheilear glé mhór mu dheidhinn an t-sealladh-
Faodaidh freumh an t-sealladh-saoghail seo — gur h-àlainn a bhith beag — a bhith ann a’ Vienna, mar a tha gu leòr eile, ach tha carachaidhean nan deich bliadhna a chaidh seachad air iomadh cruth ùr a chur air. A bharrachd air a’ Chuimrigh, ’s coltach gu bheil a’ bhuaidh as motha aige an dràsda ann an ceàrnaidhean mar a tha Occitania agus Armorica (a’ Bhreatainn Bheag). Tha na h-uiread de bhuaidh aige ann an Canada. Agus o Ameireaga thàinig leabhar a tha air leth cudthromach airson a’ chuspair seo, Internal Colonialismle Mìcheal Hechter.
Ged a tha seo làn foghluim is figrichean, fo’n t-slige ’sann air an aon rud a tha e mach. Tha e meas gun tug fàs earrasachd Bhreatainn gu bith eilthirean an taobh a-stigh dhith fhéin, anns na h-iomallachdan Ceilteach dhith, airson an dearbh aobhair, aig bun, agus a chruthaich am fàs sin eilthirean air an taobh a-muigh dhith air feadh an t-saoghail. Tha iadsan a bha air an taobh a-muigh air falbh, agus tha gluasad gu saorsa na th’air an taobh a-stigh air tòiseachadh. ’Se gearain an aghaidh cus de bhuillsgeanadh a tha ann an cruaidh-chruinneachadh na dùthchadachd o chionn ghoirid, tha e ag ràdh; tha iadsan air a bheil easbhaidh ga thuigsinn mu dheireadh, agus ag iarraidh nas fheàrr.
Mearachd a thaobh Alba
Nis, tha sinn a’ tuigsinn o Hechter gur e cruth culturach a dh’ fheumas a bhith air an iarrtas aca. Sin as coireach gu bheil e cho mór mu dheidhinn na Cuimrigh, agus cho fuar ri Alba. Tha e failleachadh air faighinn seachad air a’ mhearachd bhunaiteach a rinn e fhéin ann a bhith cur na h-Alba anns an “iomallachd Cheilteach” o thoiseach, agus air sàilleabh sin tha e crìochnachadh le bhith gar càineadh airson mar a tha sinn fo bhuaidh ghnothaichean gnìomhachais agus chunntaisean maoineadach. Bhiodh a’ chuid as motha dhe’n SNP gun faighinn seachad air cluinntinn gur h-e a bh’annta ach Ceiltich a chaidh eilthireachadh, nuair a chuirte stad na bu mhotha orra ri linn faighinn a-mach gu bheil an dòigh anns nach do chuir iad impidh làidir air féineachd chulturach air leth na h-Alba a’ ciallachadh gu bheil an SNP ag aideachadh — le bhith sàmhach mu dheidhinn —
Tha rudeigin ceàrr an seo. Chan e mhàin nach eil an sgrìobhadair a’ tuigsinn gum faod gnè eile uile-gu-léir de “dh’fhéineachd chulturach” a bhith ann, té nach buin gu ìre mhór sam bith ri litreachas no ri suaicheantasan, agus té air nach eil dùthchadaich Alba a’ cur impidh dìreach a chionns gu bheil iad a’ faireachdainn cho tèaruinte innte mar-thà. Agus chan e mhàin mar a chaidh e iomrall mu dheidhinn na tha agus nach eil Ceilteach ann an eachdraidh na h-Alba. ’Sann a tha mearachd nas cudthromaiche air siubhal an t-saoilneis fhéin.
Tha an saoilneas seo ceàrr airson gu bheil e a’ bualadh cus rudan ’nan cnap còmhladh. Araon ann a bhith sgrùdadh màthair-aobhair dùthchadachd ùir anns an Roinn Eòrpa, agus ann a bhith sealltainn air a buaidh, tha e ro ao-domhain. Tha màthair-aobhairean nan gluasadan sin, agus mar a tha iad dualach a dhol fhathast, nas ioma-ghnèitheach na tha an saoilneas a’ gabhail a-steach.
’Se fìor dhòigh-dearbhaidh air a’ choitcheannadh seo, agus feadhainn coltach ris, mar a thathar a’ coimeas na Cuimrigh agus Alba. Ged a tha iad ’nan roinntean dhe’n aon eilein agus air an riaghladh leis an aon stàit, ’sann eatorra, ’s dòcha, a tha an t-eadar-dhealachadh as motha a-measg nan dùthchannan a tha a’ togail ceann, agus gu ìre air leth a thaobh an eachdraidh. Mar a thuirt mi, feumaidh sinn saoilneasachd airson an cur còmhladh; is ann leotha-san, an uairsin, a bu chòir a leithid sin de shaoilneasachd a chur gu dearbhadh.
III. A’ coimeas dhùthchannan
An toiseach, fàsmhorachd
Tha iad ann a sheallas air a’ Chuimrigh agus Corsica, Alba agus Galicia, Friesland agus a’ Bhasg mar chuid dhe’n aon arm, a’ cath gu ìre mhath anns an aon bhlàr. Chan eil teagamh nach ionnan iad ann an dòighean àraidh, ach cha bhithear cinnteach có na dòighean gus an gabhar a-steach gach dòigh chomharraichte anns a bheil iad eadar-dhealaichte.
Tha aon dhiubh sin air am bu chòir dhuinn beachdachadh gu h-àraidh, oir ’s dòcha gur h-i a chuidicheas sinn gu tuigsinn mar a tha Alba agus a’ Chuimrigh ann an eadar-dhealachadh suidheachaidh fa chomhair na tha tachairt san fharsaingeachd. Tha dà ghnothach sònraichte agus eadar-dhealaichte ann: cion-fàsmhorachd agus cus-fàsmhorachd.
. . . cion-fàsmhorachd
’Se sin cion-fàsmhorachd an dàimh ri mar a tha cùisean ann an
Annta sin gu léir tha fàsmhorachd mhì-chothrom air ceàrnaidhean is muinntirean dìreach a chur air ais. Dh’aobhraich i gun do dh’fhalbh daoine, dh’aobhraich i bochdainn chulturach agus faireachdainnean gu robh daoine gun chumhachd agus an crochadh ri daoine eile; agus thug i air adhart fàs maoineadach a bha air leth càm-chumadail agus briste. Bhathar a’ ciallachadh gun leasaicheadh “rùnachdan ceàrnaidheil” nan stàitean móra agus na Margaidh Choitchinn seo, ach a réir coltais bha ro bheag dhiubh ann agus bha iad ro anmoch airson a dhèanamh.
agus cus-fàsmhorachd
Ach tha ceàrnaidhean eile aig a bheil duilgheadasan a chaidh an cumadh ann an dòigh uile-gu-léir eadar-dhealaichte. ’Se thachair dhaibh-san gu robh an fhàsmhorachd aca na bu luaithe is na bu shoirbheachail na bha aig an tìr mun cuairt orra. Gun teagamh, chan eil cus-fàsmhorachd air a bhith orra riamh an taca ri ionadan aig buillsgean fàsmhorachd ghnìomhachasail a Roínn Eòrpa, mar a bha an Ruhr noMidlandsShasuinn is an leithid, ach tha an taca ris na stàitean a bu mhotha aig an robh tighearnas poiliticeach orra. Dh’fhàs iad ’nan iadhtagan beothail, eagar-mheadhonach ann an dùthaich na b’fhaide air ais — comunnachdan earrasach a’ strì airson saorsa, mar gum biodh.
Tha e nàdurrach gum biodh nas lugha ann dhiubh seo na dhe’n headhainn eile. Ach tha barrachd dhiubh ann agus a shaoilte, agus tha iad nas cudthromaiche na tha a’ mhór-chuid de sgrìobhadairean air dùthchadachd a’ tuigsinn. Anns an Eòrpa an Iar tha ceithir dhe’n leithid ann: Catalonia agus a’ Bhasg mu Dheas, agus Uladh agus Alba mu Thuath.
’Sann o chionn ghoirid a thàinig Alba air té dhiubh seo. Ged a bha i ’na seann chomunnachd gnìomhachais mar a bha Catalonia, le a
Tha dà ghnè duilgheadais, ma-tha, a’ cur ri dùthchadaich na h-Eòrpa an Iar. Tha ceàrnaidhean ann air a bheil cion-fàsmhorachd no a chaidh an spùilleadh agus a tha mu dheireadh air tòiseachadh ri cur an aghaidh a’ ghiullachd seo; agus tha buillsgeanan gnìomhachais ann air an tàinig cuid mhath de dh’fhàsmhorachd, agus nach eil air an aon ràmh ris an stàite agus a tha ag iarraidh fàsmhorachd air leth airson faighinn air adhart nas luaithe.
Chan e mhàin gu bheil barrachd dhe’n chiad seòrs ann na dhe’n dàrna seòrsa. Tha iad cuideachd nas nochdte; thathar nas eòlaiche orra.
Tha an t-aobhar airson seo glé ùidheil, agus tha e glé bhointealach ann a bhith coimeas air Alba agus a’ Chuimrigh. Ann an eachdraidh choitcheann na dùthchadachd tha cion-fàsmhorachd freasdalach an còmhnaidh an cois cus-fàsmhorachd smaoineasach agus chulturach. B’fheudar dhaibh-san a bha éiseil an aghaidh an toil, agus a chuireadh ’na aghaidh, riamh dèanamh suas air a shon le sàr-mhiannachd làidir. Tha iad airson saorsa a thoirt do thìrean anns nach eil a’ chumhachd a bhunnaicheadh saorsa. Mar sin, feumaidh iad cuideam a tha cusach a réir sin a leigeil air a’ chomunnachd shàr-inbheach a bu mhiann leo a thoirt gu bith le’n toil nam b’urrainn dhaibh; agus glé thric bidh iad ris a’ seo ann an dòigh glé neulach agus aislingeach.
Ach chan ann a-mhain anns an Roinn Eòrpa a tha buaidh aig smaoineasan a’ cur an céill na gnè dùthchadachd seo; tha iad air feadh an t-saoghail. Agus tha a’ bhuaidh aca cho làidir agus gu bheil sinn buailteach a bhith creidsinn gu bheil an cumadh a th’air an dealbh a tha iad a’ dèanamh air an dùthaich againn fhìn cuideachd.
[346]A rithist, eachdraidheileachd
Thuige seo cha robh mi a-mach ach air fàsmhorachd. Ach tha gnothach eile air am bu chòir dhuinn sealltainn cuideachd, oir tha e bontainn glé dhlùth far a bheil an t-eadar-dhealachadh eadar Alba agus a’ Chuimrigh ri gabhail a-steach. ’Se seo an sgaradh eadar dùthchannan “eachdraidheil” agus “neo-eachdraidheil”.
Chuireadh seo gu mì-fheum an toiseach nuair a chleachd Hegel agus Engels an t-eadar-sgaradh airson mì-chliù a chur air na slòigh a bu lugha agus a b’fhaide air ais agus a bha ’nan dragh dhaibh air clàr-dùthcha na Roinn Eòrpa. Bhiodh na Slàbhaich gu h-àraidh a’ faighinn a’ phuinnsein seo daonnan. “Ablaich de shlòigh”, mar a ghearain Engels, “fhathast ri’m faighinn an siud ’s an seo, agus gun iad comasach tuilleadh air bith mar dhùthaich a bhith aca.” Cha robh an leithidean san Roinn Eòrpa cho nochdte ’s gum b’fhiach iad fiù an ainmeachadh, ach Ceann a Deas na h-Eireann a-mhàin.
Ach tha an dòigh seo air coimhead air a’ ghnothach feumail, ged a rinn iadsan droch fheum dhith. Chan eil e a’ ciallachadh ach gu robh, a-measg na bh’ann de thìrean is de shlòigh aig nach deach air an stàit fhéin a dhèanamh san là a bh’ann, feadhainn ann aig an robh eòlas air a bhith ’nan stàitean roimhe sin, agus feadhainn eile (a’ chuid bu mhotha) aig nach robh. Tha an eachdraidh-stàite seo ro chudthromach, ged nach i a h-uile rud, mar a shaoil iadsan. Tha an oighreachd a th’air fhàgail mar thoradh oirre ’na cuideachadh smaointeachail do ghluasad poiliticeach sam bith a thig ás a déidh; eadhon ged a bhiodh na stéidheachdan air an sgrios, tha cuimhne air an leithid de dh’àm a bhith ann a’ fuireach làidir ann an aigne na dùthcha. Anns an naodhamh linn diag tha mar a nochd Poland agus Hungary, dà dhùthaich a mheasadh “eachdraidheil”, a rithist a’ sealltainn seo glé mhath.
A-mesag nan dùthchadasan a tha ag ath-bheothachadh anns an Eòrpa an Iar an dràsda, tha e soilleir gu leòr gu bheil dhà dhiubh glé choltach ri dùthchannan eachdraidheil anns an t-seagh seo: Alba agus Catalonia. Bha iadsan ’nan stàitean a chrìochnaich am bith neo-eisimealach faisg air an aon àm anns an ochdamh linn diag, agus a thugadh a-steach do dh’aonadh na bu mhotha.
Cha robh an dà cheàrn air an tàinig fàsmhorachd ghnìomhachasail agus air an tug mi iomradh, a’ Bhasg agus Uladh, “eachdraidheil” anns an t-seagh a bh’aig Hegel. ’Se tha annta-san ach cruthachadh an naodhamh linn diag agus an fhicheadamh linn. Ach bha iad le chéile gu ìre neo-eisimealach ann an cuimhne dhaoine a tha beò fhathast: na Basgaich aig an aon àm ri na Catalanaich fo’n phoblachd ann an
’S dòcha, ma-tha, gum biodh e ceart a ràdh mu na ceithir dùthchannan a bha gu ìre fàsmhorach gur h-iongantach na ghléidh muinntir Alba de chumadh an “dùthchadais eachdraidheil”; gun d’fhuair na Catalanaich air ais e; gun d’fhuair na Basgaich e; agus gun do chuireadh e air Pròstanaich Uladh. ’Se th’aca fa leth dàimh air choreigin ri gnìomhachasachd agus fàs air bùirdeasachd; b’iad na comunnachdan a b’eagar-mheadhonaiche a chum no fhuair gnè air choreigin de stàiteachd. Dhaibh-san aig an robh thugadh (agus bheirear a rithist).
Tha na dùthchannan eile, an fheadhainn as pàilte, “neo-eachdraidheil”, agus ghabh an oidhirpean-san an cruth culturach air an do rinn mi iomradh mar-tha: dùthchadachd shàr-mhiannach leis a bheil iad a’ fiachainn ri dèanamh suas airson mar a thugadh orra a bhith ’nan “ablaich de shlòigh”.
IV. Alba agus a’ Chuimrigh: an càradh
Alba
Tilleamaid a-nis gu bhith coimeas na Cuimrigh is na h-Alba. Tha e soilleir gu leòr càit a bheil Alba an dàimh ris an dà dhòigh anns an do sheall sinn air na dùthchannan. Tha i air té dhe na comunnachdan air am bu mhotha a bha fàsmhorachd a-measg nan dùthchannan “tiodhlaicte” a thaobh gnìomhachais agus eagarrachd muinntire; agus ’si as fhaisge air a bhith slàn dhe na dùthchannan eachdraidheil. Dh’fhàgadh deagh ghrunnan de stéidheachdan ann am bith le comhaonta neònach 1707, agus tha iad an làthair gu beagnaich fhathast — a’ bontainn ri modh laghaireachd agus ri cùirtean air leth, agus deagh mheudachd de dh’eagar meadhonach ’nan lùib; ri modh an fhoghluim; ri Eaglais na h-Alba; ri acfhuinn-riaghlaidh (a dh’fhàs mean air mhean ré an naodhamh linn diag). Agus a bharrachd orra-san tha buidhnean is comunnan is stéidheachdan a tha cho Albannach agus a tha na h-ainmeannan aca a’ cur an céill.
Mar sin, cha robh maireannachd na féineachd Albannaich riamh ’na gnothach aig an robh a prìomh cheangal ri litreachas no faireachdainnean air an robh daoine a’ toirt orra fhéin a bhith mothachail; bha i na bu doimhne na sin.
Dh’fhaodamaid, ma-tha, Alba fhaicinn shuas gu h-àrd ann an oiseann na làimhe deise dhe’n dàimh-dhealbh, le deagh chuid de dh’fhàsmhorachd agus de bhith ’na dùthchadas eachdraidheil.
A’ Chuimrigh: fàsmhorachd
Cait a bheil a’ Chuimrigh? Tha mi creidsinn gum faodte a h-àite-se fhaighinn — agus dh’fhaodadh seo a bhith samhlachail — anns an teis-meadhon.
Gu h-eachdraidheil, dh’fhulaing a’ Chuimrigh móran de chion-fàsmhorachd: call sluaigh, fòirneart culturach, fàsmhorachd bhriste agus chàm-chumadail. Tha na rudan sin ri’m faicinn ann an gluasad dùthchadach na Cuimrigh cuideachd, ’s e air a bhith strì ri bhith dìon agus ag ath-bheothachadh muinntireachd air a stéidheadh ann an ceàrnaidhean air falbh o bhailtean agus le féineachd dhualchasach, féineachd a nochdar gu h-àraidh ann an litreachas ’s an ceòl, agus air a cumail a’ dol gu h-àraidh leis a’ chànan.
Ach ann an seagh eile tha a’ Chuimrigh nas dlùithe ann an dàimh ris a’ bhuidheann air an robh cus-fàsmhorachd; coltach riutha-san, bha buaidh mhór aig an Atharrachadh Gnìomhachais oirre. Bha gnìomhachas na Cuimrigh iongantach. Bha e ao-coltach ris an leasachadh maoineadach a bu bhitheanta a dhèante ann an roinntean fad-air-ais ann a bhith anabarrach farsaing agus dian — obair an iaruinn gu h-àraidh. Cha robh a leithid ann an gin dhe na dùthchannan Eòrpach eile aig a bheil suaip ri dùthchadachd na Cuimrigh.
Ach bha an gnìomhachas seo coltach ris mar a bh’aig ceàrnaidhean oireach eile ann a bhith air a stiùireadh gu beagnaich o’n taobh a-muigh: cha b’e saothair bhùirdeasach ’nan dùthaich fhéin a bh’ann idir (mar a bh’ann an Alba na sa’ Bhasg); bha e cus na bu choltaiche ri ionnsaigh o’n taobh a-muigh. ’S math-dh’fhaodte nach robh seo — gnìomhachasadh smaointeachail mór agus aig an aon àm air a stiùireadh o’n taobh a-muigh — ach aig a’ Chuimrigh a-mhàin.
agus eachdraidheileachd
Ma thionndaidheas sinn a-nis chun a’ sgaraidh eile a rinn sinn, eadar dùthchannan “eachdraidheil” agus “neo-eachdraidheil”, chì sinn nach eil càradh na Cuimrigh buileach cho soilleir agus a shaoileamaid an toiseach. Ged nach eil i ’na dùthaich “eachdraidheil” anns an t-seagh anns a bheil Poland, Alba no Catalonia, chan eil i dìreach uile-gu-léir “neo-eachdraidheil” a bharrachd.
Thathar eòlach gu leòr air na tha neo-eachdraidheil innte: a territory inhabited by an agrarian population united by . . . a primitive social and economic structure and by the fact of not speaking English, mar a thuirt Eric Hobsbawm. Ach cha b’urrainn Atharrachadh Gnìomhachais na Cuimrigh, eadhon anns a’ chruth a ghabh e, gun an suidheachadh
Bha gluasad Cuimreach an naodhamh linn diag, is e air a stéidheachadh air Neo-aontachd a thaobh creidimh, a’ ruighinn o’n Eisteddfod, a chaidh ath-bheothachadh, gu Colaisdean Oilthigh na Cuimrigh, o Leabharlann Dùthchail na Cuimrigh gu Annaslann mór Chardiff. Ged a bha e fhathast anns an t-seagh bu chuinge “culturach” — le a phrìomh ghnothach riKultur — bha gluasad an seo a bha o thoiseach air a dhol gu math na b’fhaide air adhart na gearanan bhàrd is aislingean bhuidhnean beaga, is a bha gu ìre air cruth culturach, air cumadh dùthcha, a chruthachadh far nach robh stàit air a bhith idir.
Bha an gluasad an aghaidh an t-Sasannuchadh a rinn an ionnsaigh earrasach air a’ Chuimrigh mu Dheas, ach aig an aon àm bha e gu ìre air a stéidheachadh air. Dh’fhiach e ri dìon a chur air an dòigh-beatha a bu dual — ach cuideachd ris an dùthaich aomadh gu bhith na bu fhreacuairiche ’na dòigh. Mar a ghabh Saunders Lewis ris ’na chraobh-sgaoileadh ainmeil ann an 1962, thug an t-Atharrachadh Gnìomhachais a bha cho bagarrach dha’n chànan agus dha’n dòigh-beatha Chuimreach dhaibh cuideachd cothrom ùr air fuireach beò — seadh, an aon chothrom a bh’ann a bhith maireannach agus mar a thachair do chànan na Cùirn agus dha’n Ghàidhlig Eireannaich agus Albannaich a sheachnadh. Bha Cuimris, le bhith ’na cànan anns na Glinn far an robh an gnìomhachas, air tighinn cuid dhe’n t-slighe gu suidheachadh na Catalanais.
V. Alba agus a’ Chuimrigh: a’ bhuaidh a bhios aca
Tha mar a thachras do dh’Alba air an t-slighe gu féin-riaghladh bointealach ri dùthchannan eile, ach chan eil chun na h-ìre a shaoilte. Gun teagamh, mhisnicheadh e càch stàit ùr a bhith ga stéidheachadh anns an Eòrpa an Iar. Ach tha inbhe làidir na h-Alba mar “dhùthaich-eachdraidheil” a’ ciallachadh nach eil i cho math mar eiseamplair airson nan dùthchannan eile far a bheil dùthchadachd chulturach bitheanta.
Tha coltas gum bi mar a thachras dha’n Chuimrigh fada nas buadhaiche aig a’ cheann thall, agus i, mar a thuirt mi, aig teis-meadhon na dàimh dhealbh. Tha muinntirean éiseil na h-Eòrpa an Iar a tha air ath-
Tha snàthlainnean àbhaisteach na fàsmhorachd mhì-chothrom air an snaim ri chéile gu h-anabarrach teann agus nochdte sa’ Chuimrigh, agus mas urrainn dha’n dùthchadachd Chuimreach iadsan agus na snàthlainnean eile a tha slaodadh an aghaidh a chéile fhighe ann an còrdach poiliticeach, faodar an dòigh aca a leantainn ann an àiteachan eile.
Bha dùthchadachd riamh ’na strì airson sealladh sàr-inbheach air dualchas agus cultur a cheangal ris an fheum airson fàsmhorachd mhuinntireil agus mhaoineadach anns an là a bha’n làthair, agus ann an eachdraidh fhreacuaireach na Cuimrigh tha an dà rud sin a’ coinneachadh a chéile gu h-anabarrach dian, agus a’ cur mar dhleasdanas air a’ ghluasad dhùthchadach treòrachadh poiliticeach a thoirt seachad.
Dé an còrr a tha ri thuigsinn o na thuirteadh mar-tha? Mar a tha gluasadan eile, tha iad seo is an neart gu ìre ’na laige dhaibh, no an laige ’na neart. Dh’aobhraich gluasad mór culturach na Cuimrigh, agus an dùthchadachd ann an dàimh cho dlùth ris, gur dòcha gu robhar a’ leigeil cus cuideam air. Ma choimheadas sinn a rithist air na thuirt Saunders Lewis o chionn leth-cheud bliadhna, chì sinn gu robh na h-uiread de ghealtachd, eadhon eagal, anns an t-sealladh a bh’aige air ùghdarras poiliticeach. Oir ’se thuirt e, we must have self-government. Not independence. Not even unconditional freedom. But just as much freedom as may be necessary to establish and safeguard civilization in Wales. Cha robh ann an stàit poiliticeach nach robh, mar gum biodh, air a naomhachadh le feuman a’ chultuir, agus le na mheas an cultur luachmhor, ach dìreach obair Mhamoin. Bha dùthchadachd chulturach agus dùthchadachd aorach airson cumhachd fhaighinn air am faicinn dìreach calg-dhìreach an aghaidh a chéile. Agus mura bheil mi air mo mhealladh thathar a’ faireachdainn seo gu math làidir sa Chuimrigh fhathast.
Dé mu Alba? Tha an laige air gluasad dùthchadach na h-Alba tur eadar-dhealaichte ri laige na Cuimrigh, agus ’se sin philisteachd ghleusda, chunbhalach a’ ghluasaid o thòisich e, agus an sgaradh eadar an rud air an tug Lewis Spencepractical , Scotsman-like policyagus an rathad iomrallach a ghabh anintelligentsia. Tha an gluasad Albannach a’ buannachadh o eagar meadhonach làidir a bhith ann; ach ’se aon rud mu’n eagar sin gu bheil fìor chion-earbsa aige ann an anabarr de sheòrsa sam bith far a bheil cultur ri ghabhail a-steach.
Le féin riaghladh glé fhaisg, tha an laigeScotsman - likeseo air fàs nas cudthromaiche. Chan fhacas riamh anns a’ mhac-meanmna dùthaich shàr-inbheach leis an dealas a fhuaradh a-measg ghluasadan dùthchadach eile, agus tha cion seo ga fhaireachdainn a-nis. Tha an SNP air feallsanachd dhe’n t-seòrsa seo, no rudeigin coltach ris, a thoirt a-mach (The Radical Approach: Papers on an Independent Scotland), ach tha cruaidh-fheum fhathast aig dùthchadaich na h-Alba air rudan poiliticeach agus culturach a thoirt gu chéile dhe’n toil gu ìre nas motha na rinneadh riamh roimhe. Tha feum air dòighean ùra fhaighinn air ceangal a dhèanamh eadar gnothaicheileachd phoiliticeach agus smaoineasan culturach, eadar stéidheachdan na cumhachd agus mac-meanmna dùthcha ùir. Tha mi fhìn o chionn ùine air a bhith gabhail pàirt ann an cur air chois stéidheachd eadar-dhùthchail airson seo a leasachadh. Tha gu bheil i air a h-ainmeachadh eadar-dhùthchail a’ sealltainn nach urrainn dhuinn a leithid seo de dh’obair a dhèanamh leinn fhìn; feumaidh sinn sealltainn a-mach. Tha sgrùdadh cultur dùthcha an diugh ag iarraidh gun coimhead sinn oirre còmhla ri feadhainn eile.
Agus ’si a’ Chuimrigh té dhe na h-àiteachan anns a bheil na h-eadar-dhealachaidhean bhuainn fhìn as fheumaile ris am faod sinn coimhead. Chan fhàs dùthchannan cho eadar-dhealaichte gu bràth dìreach “coltach ri chéile” anns an t-seagh chumhang sin. Chan eil sin gu deifir. ’Sann a tha feumail ionnsachadh mar a dh’atharraicheas sinn — agus feumaidh sinn sin a dhèanamh ’nar dòigh fhìn — tre bhith an còmhnaidh a’ tighinn gu chéile agus a’ sgrùdadh ’s a’ coimeas a chéile. Seo, dhuinne, an t-eadar-dhùthchadachd ùr a bu chòir éirigh á gluasadan dùthchadach ùr na Roinn Eòrpa.
FACLAIR
dùthchadachd, nationalism
dùthchadas, nationality
dùthchadach, nationalist
freacuaireach, modern
iomallachd, fringe
saoilneas, theory
saoilneasachd, theoretical framework
féineachd, identity
maoineadach, economic
fàsmhorachd, development
earrasachd, capitalism
buillsgeanach, centralised
muinntireachd, community
eilthir, colony
coitcheannadh, generalisation
rùnachd, policy
iadhtag, enclave
comunnachd, society
eagar, class
eagar-mheadhonach, middle - class
ùidheil, interesting
bointealach, relevant
smaoineas, idea
smaoineasach, ideological
sàr-mhiannachd, idealism
sàr-inbheach, ideal
cusach, extreme
stéidheachd, institution
dàimh-dhealbh, graph
oireach, peripheral
gnìomhachasadhindustrialisation
(Tha sinn fo fhiachan do Iain MacDhòmhnaill airson an obair seo a ghabhail os làimh — Fear-deas.)
title | Alba agus a’ Chuimrigh |
internal date | 1977.0 |
display date | 1977 |
publication date | 1977 |
level | |
reference template | Iain MacDhòmhaill in Gairm 100 %p |
notes | translation |
parent text | Gairm 100 |