[13]

AIR BRUAICHEAN NA RHEIN

le Fionnlagh MacSuain

Aig deireadh na bliadhnan uiridh fhuair còisir na sgoil againn (Sgoil Abair-pheallaidh) cuireadh a dhol a sheinn ann an cuid de sgoiltean agus eaglaisean na Gearmailt. A chionn gun do smaoinich sinn gum biodh seona bhuannachd mhór dhuinn, rinn sinn ullachadh air feadh agheamhraidh agus a-nis, ann a bhith atoirt sùil air ais, bu mhath leinn a ràdh gum be turas air leth sònraichte a bhagainn, turas a dhfhàg làrach domhainn oirnn agus a bhitheasna chloich mhìle dhuinn fad ar beatha. Ann an iomradh mar seo, chan eil e comasach ach boillsgeadh beag a thoirt seachad air ar cuairt, na h-àiteachan anns an robh sinn, na daoine ris an do choinnich sinn, gus na beachdan a ghabh sinn air an dùthaich gu léir.

Be bana-Ghearmailteach, Frau L. Haberecht á Cologne, a thug dhuinn an cuireadh an toiseach. Tha greis a-nis bho thòisich i atighinn do dhAlba agus tha i air ùidh mhór a ghabhail anns aGhaidhealtachd agus anns aGhàidhlig. An déidh dhith móran rannsachaidh a dheanamh air eachdraidh nan Ceilteach agus a daoine fhéin, thàinig i gu ciallach chun acho-dhùnaidh gu robh luach mór ann an cultur nan Gaidheals gu foghlumadh Gearmailtich, aosda agus òg, móran bhuaipe. Leis a sin, ghabh i os làimh gu còisir Albannach fhàilteachadh a-steachna dúthaich agus lorg i mach teaghlaichean bha deiseil gu gillean agus caileagan na sgoil againn ghabhail fon cùram airson aona latha deug. Na bfhaisg air làimh, aig an dearbh àm, bha fear ciùil na sgoile, Maighstir Seumas Scott acur na còisir air ghleus agus atoirt gach ball air adhart ann am pongan ciùil de gach seòsa. Mun do dhfhalbh sinn air achiad den Ghiblinn, chùm achòisir cuirm anns an sgoil airson sgillinnean a chruinneachadhon cosgais a chumail sìos.

Ged a bha sinn anabarrach sgìth aruighinn ar ceann-uidhe, chuir cridhealas is coibhneas nan Gearmailteach spionnadh ùr annainn agus bha fhios againn, anns abhad, gu robh làithean grianach air thoiseach oirnn. Air achiad latha Sàbaid sheinn achòisir ann am


[14]

[Dealbh]
Còisir na sgoile


[15]

Bonn, ceann bhaile na Gearmailt, ann an eaglais Pròstanach, far an robh móran san éisdeachd. Mun do dhfhàg sinn am baile brèagha seo, chùm sinn aona chuirm chulturach. An déidh ruaig air feadh abhaile chaidh sinn na bfhaide tuath gu Cologne agus gu baile Bergheim a tha suidhichte faisg air aon de na mèinean guail as motha san Roinn Eòrpa air fad agus a tha acumail an treas cuid den chonnadh ris aGhearmailt. An sin chunnaic sinn an crann cladhaich as truime san Roinn Eòrpa, agus mura be mheudse dheanadh an obair latha am buain na mònadh sna h-Eileanan. Ann am meadhon na seachdain, sheinn achòisir ann an àrd sgoil Bhergheim agus bha ena annas do dhòganaich an sin sgoilearan fhaicinn ann an deise sgoile, aseinn bho chuimhne, cleachdadh nach eil idir ri fhaighinn sacheàrnaidh ud den Ghearmailt, dhaindeoin cliù an ceòl. Air latha eile rinn companaidh T.V. prógram de na caileagan agus na gillean aseinn air lianaig air beulaibh achaisteil Paffendorf. Mun do ruith an t-seachdain gu a ceann bha amhórchuid againn air a dhol air feadh Chologne agus air lorg a-mach na h-àitean annasach agus na rudan inntinneach tha dol air adhart annta. Baon de na h-àitean sin musaem Ròmanach far a faca sinn goireasan tighe tha còrr is mhìle bliadhna dhaois. Air an dara Sàbaid bha achòisir agabhail pàirt ann an seirbheis ann an eaglais an Köln-Klettenbergsa mhadainn agus feasgar fhuair sinn an t-urram seinn anns an eaglais Ghothic as motha air an t-saoghal, CologneCathedral, togalach shnasail tha fìor tharraingeachna cruthsna dealbh, ’s a tha nochdadh inntinn agus dealas air leth. An sin bha móran sluaigh ag éisdeachd, an cuide ri mac-talla as làidire a chuala sinn riamh. Air Di-luain, latha deireannach na féille, sheinn achòisir aig seirbheis Càisge air iomallaibh abhaile.

ar cuairt, bha móran ann thug bhuainn ar suim. (1) Cho coibhneils a bha na Gearmailtich ruinn oir ged a bha sinn sgapte bho chéile ann an dachaidhean fa leth, fhuair sinn uile di-beatha bha air leth gasda. Ged nach robh Gearmailtis againn, cha robh dìth na cainnte sinna bhacadh air seanachas oir tha na Gearmailtich, am bitheantas, ealanta ann an iomadh cànain, bharrachd air Beurla. Cuin a ruigeas sinne an ìre sin ? (2) Bha e duilich dhuinn a chreidsinn gu robh an rìoghachd an sàsna chéile fhichead bliadhna air ais. Ri linn an dara cogaidh bha Cologne air a bhombadh gu dona agus be an Eaglais Mhór fhéin an aon thogalach a ghléidh a


[16]

[Dealbh]
Cuid den chòisir còmhla ris aMhaor Iakobs, a thug dhuinn aoidheachd abhaile ann an Cologne. Agus rud annasach: tha achòisirnan seasamh air brat-ùrlar a thug Hitler seachad mar thiodhlaic an uair a ghabh e Vienna le lamhachas làidir, agus bha e math ar casan a shuathadh air.


[17]

bhunaitean. Bhaig aGhearmaílt tòiseachadh ás ùr agus le dìcheall agus luchd riaghlaidh thoinisgeil thog i a-rìs air làraich lom. Ann an iomadh seagh, bi an rìoghachd a bhuannaich an cogadh oir tha beartas agus dòighealachd innte nach eil ann am Breatainn an diugh. (3) Bha móran, gu h-àraidh na feadhainn bu shine abruidhinn gu fosgailte air achogadh, Hitler, na Ruiseanaich agus na prìosain campa. Choinnich sinn feadhainn bha an gréim aig Sasunnaich agus Ameiriceanaich agus leis a sin bha duilleag neo dhà de dheachdraidh na Roinn Eòrpa air a toirt beò dhuinn. (4) Air sgàth gu robh sinn afuireach còmhla ri teaghlaichean eadar-dhealaichte, fhuair sinn a-steach na bu dlùithe air cridhe na Gearmailt: na daoine fhéin, an dòigh beatha agus mar a bha iad ariaghladh gach latha. Tha fhios againn a-nis carson a tha iad cho làidir, fallain. An seo tha sinn ag ithe am biadh ceàrr. (5) Nochdadh dhuinn cuideachd an ùidh thaig Gearmailitch ann an Alba agus am féin-cheasnachadh tha dol air adhart innte an dràsda. Tha cuid afaicinn ceangal eadar an droch dhiol chaidh dheanamh air Gaidheil agus am fulangas a lean droch riaghladh anns aGhearmailt fhéin. Tha ùidh aca anns an éileadh, aphìob-mhór, ceòl agus bàrdachd na Gáidhlig, agus gun robh cuid againn co-dhiù a bhuineadh do phàirt de rìoghachd nach tàinig riamh fo smàig Impireachd na Ròimh.

Sachrìochnachadh feumar aideachadh gu bheil ar bana-charaid, Frau Haberecht, ag iarraidh greasad air an latha anns a faic i barrachd bhuidhnean mar seo atighinn á Alba don Ghearmailt agus an rathad eile. Cha leigeadh na buidhnean seo a leas a bhi ealanta ann an rud sam bith ach dìreach làmh a shìneadh ann an coibhneas ri coigrich aig a bheil dualchas eadar-dhealaichte riutha fhéin. Troimh eòlas air dùthchannan eile, théid ar n-eòlas air ar dùthaich fhéin a chothromachadh agus a dhoimhneachadh. Cuideachd, théid ar n-inntinn fhosgladh agus cha bu mhisde dhuinn ged a choimheadamaid air ar suidheachadh o bheinn nas àirde, uair neo uaireigin. Bu mhath gu dearbh gu robh barrachd dha seòrsa ma chuairt.

A dhaithghear, tha sinn asùileachadh còisir às aGhearmailt a thighinn far a bheil sinne, agus bidh sinn an dòchas gu faigh iad


[18]

uimhir a thoileachadhs a fhuair sinn fhéin. Do sgoileirean Ard Sgoil Bhraghaid Albann chaidh féin-fhiosrachadh a mheudachadh gu mór agus tha mi làn chreidsinn gu fuirich an turas seo beònan cuimhne agus blàthnan cridhe, an uair a bhitheas eòlas an cuid leabhraichean air crìonadh air falbh.

titleAir Bruaichean na Rhein
internal date1977.0
display date1977
publication date1977
level
reference template

Fionnlagh MacSuain in Gairm 101 %p

parent textGairm 101
<< please select a word
<< please select a page