[167]

MI FHIN IS DENIS HEALEY IS CARGHUS AN TOMBACA

le Murchadh MacLeòid (Liùrbost is Dun Eideann)

Is iomadh bliadhna bho thòisich mi air an tombacacòrr is tri fichead, saoilidh mi. Agus mus do thòisich mi idir air bha magaid mhór agam de smocadh. Cuimhne cho fada air ais is a tha agam is ann air Iain is ena shuidhe air stòl an taic an teine is pìob aigepìob chrom is copan oirre aig bun na coise; e toirt spliùchan ròin a-mach ás a phòcaid, e ga fhosgladh is atoirt a-mach ás pìos tiugh de thombaca rolla. Ghearradh e mun cuairt is òirleach dheth leis asgean-phòcaid, agus nuair a dheanadh e sin gu dòigheil thaoisneadh e an tombaca eadar a bhoisean. Lìonadh e phìob is chuireadh e cainean rithe. Cho furachairs a bhiodh mo shùil air a h-uile car a chuireadh e dheth bho bheireadh e chiad cheò ás aphìob gus an leigeadh e seachad i is an cuireadh e air ais i ann am pòcaid-a- muigh apheitein-mhóir a bhiodh air! Cho duineils a bha Iain acoimhead leis aphìob, agus cho cinnteachs a bha e le smugaid an dràsdas a rithist do mhullach an teine mhòine bhiodh air a bheulaibh! Gun greasadh an latha bhiodh pìob is tombaca is spliuchan ròin agam fhìn!

Cha tainig an latha sin, ach thainig làithean eile. Thòisich achiad chogadh agus dhéirich a-mach air ball achuid bu mhotha de dhfhir abhaile oir bha iad gabhte cheana ann an seirbhis achrùin, an fheadhainn bu shine anns anNavyagus cuid na bòige na iad sin ann aMhilitia. Cha bfhada gus am biodh iad atighinn dhachaigh air fòrlagh is làn am pòcaidean de thombaca is decigarettesair an siubhal. Cha chuimhne leam gu robh móran eòlais agam fhìn no aig mo chomhaoisean aircigarettesroimh an àm seo, ach cha bfhada gus an robh sinn suas riutha, Cha robh sin duilich is gillean anNavyis balaich aMhilitia cho fialaidh leotha. An ùine ghoirid shùghadh sinn acheò aca sìos nar sgamhanan agus thilleadh sinn a-mach air ais i troimh ar cuinneanan dìreach mar a dheanadh na h-inbhich.

Anns an latha bha siod cha robh guth gun tugadh nacigarettescansair sgamhain oirnn. Gun teagamh bha an leabhar a bha againn anns an sgoil “The Laws of Health”, amaoidhinn oirnn nam biodh


[168]

sinn ris an tombaca nar n-òige nach tigeadh fàs oirnn agus nach biodh sinn ach nar troichean beaga, meata. Ach bheireadh feart air an earail fhaoin sin agus fianuis calg dhìreach an aghaidh sin gu soilleir fo ar comhaircuid againn a bha glé throm air an tombaca agus iad aig acheart àm adeanamhnan deann gu àirde nan sia troighean. Fada mus tainig sinn gu ìre bha sinn suas ris a h-uile seòrsa smocadh ged a bann ri nacigarettesa thug sinn a-mach ar ceard, mar gun canadh tu.

Cha do dhfhairich mi fhìn a riamh gu robh smocadhcigarettesadeanamh cus cron dhomh a thaobh slàinte, agus mar sin cha tug mi móran spéis do na rabhaidhean a bha tighinn anns na bliadhnachan mu dheireadh seo bho dhoctaran an aghaidh smocadh. ’Se bha agam air achùismar a thuirt mi ris an te tha còmhla riumnach robh e gu cus diofar n galair a chuireadh crìoch air fear a bha air an deich is an tri fichead a chur ás a dheidh.

Sin an staid inntinn anns an robh mi as t-earrach an uiridh is mi ag éisdeachd ri Denis Healey, Ionmhasair na rìoghachd is a cur dheth air an telebhisean aig àm aBhudget. Anns achòmhradh a bha aige thuirt e rud no dhà nach do chòrd rium idir. Gu dearbh ghabh mi leithid de ghràin dheth aig an àm is gun tuirt mi leam fhìnis esan abruidhinn air tuilleadh chìsean a bha e leagail air muinntir an tombaca — “Dean thusa sin, mo ghille math, ach aon pheighinn ruadh chan fhaigh thu bhuamsa tuilleadh”.

Sguir mise den tombaca an oidhche sin. Cha do leig mi guth orm ris an te tha còmhla rium, agas bha mi chuid a bfheàrr de sheachdain gu dòrainneach fon charghus mas do mhothaich i nach robh mi smocadh. Smaoinich! Agus dùil agamsa gu robh cunntas aice air a-uilecigarettea chuirinnnam bheul fad an latha!

Nach eil thu smocadh?” ars ise.

Chan eil”, arsa mise, “tha faisg air seachdain bha sguir mi”.

thug sin ort?”

Thug”, arsa mise, “Denis Healey agus na chuir e ás a chorp an oidhche bha mi fhìn is tu fhéin ag éisdeachd ris air an telebhisean.”

Is math ma mhaireas”, ars ise, is lachan gàire aice.

Ach bhan trasgadh a leag mise orm fhìn éigeannach da-rìribh. A h-uile uair a dheidhinn cuairt a-mach á taigh shaoilinn gu robh a chuid bu mhotha de dhaoine air na sràidean ri pìoban nocigarettesnocigarsa dhaon gnothach airson mise leimheachadh.

Coma leat dhiubh”, their mi leam fhìn, “cum do shùilean ri làr.”

Ach tha air an làr ach bunancigarettesa tha càch air an tilgeil


[169]

bhuapa an deidh an sàth a ghabhail dhiubh! Agus am fad a tha ann an cuid dhiubh! Seall siod is òirleach a dhfhad ann. Feumaidh gun do thuit e á lamh cuideigin is nach bu diù leis a thogail!

Na bu diù leatsa thogail a bharrachd! Ma thacigarettesa dhìth ort tadhail anns abhùth thombaca sin shìos an t-sràid, agus airgead gu leòr nad phòcaid”.

Bha dùil agam na seasainn ris acharghus fad aon seachdain nach biodh achùis cho dona dhomh. Ach O, cha bann mar sin a bha idir. An ceann deich latha no mar sin, chuir mi romham a dhol sìos gu bùth Uilleim, am borbair, feuch an tugadh e dhìom am falt. Choisich mi null gu ceann-uidhe abhus. Bha busna thàmh an sin is thug mi ceum a-steach ann. An deidhinn suas an staidhre far am biodh daoine smocadh, no am fuirinn ri làr far an robh smocadh air a thoirmeasg?

Ma thu thu dol a chosg achòrr dhe do bheatha seachnadh ceò tombaca is bochd an rud dhut e.”

Suas an staidhre leam. Cha robh mi càil ach air suidhe nuair a thainig an seo a-steach is shuidh i anns an t-suidheachan air mo bheulaibhboireannach òg, eireachdail, bean phòsda is falt cuaileanach buidhe-ruadh oirre. Bha i air sgeadachadh cho grinn spaideils a dhiarradh tu, àileadh fann cùbhraidh dhith, is i coimhead cho aoidheil. Thug i pacaidcigarettesa-mach ás abhag a bhana h-uchdan dearbhcigarettesa chleachd mi fhìn a bhith smocadhchuir i aonna beul dhiubh is thòisich i rùilleach anns abhag. Ach a réir coltais cha robh an dearbh rud a bha i sireadh anns abhag idir. Thionnsaidh i rium fhìn is fiamh gàire oirre agus dhfhoighnich i dhìom an robh leithid do rud is cainean agam. Bha sin agam gun teagamh, lasrachan a fhuair mi mar thiodhlac bhon te tha còmhla rium bliadhna no dhà air ais.

O bha mo bhana-charaid cho taingeil.

(Is duilich leinn gun do chaochail Murchadh an uiridh. Dhfhàg e corra sgrìobhadh a tha sinn an dùil a thoirt am follais o àm gu àmFear-deas.)

titleMi Fhìn is Denis Healey is Carghus an Tombaca
internal date1978.0
display date1978
publication date1978
level
reference template

Murchadh MacLeòid in Gairm 102 %p

parent textGairm 102
<< please select a word
<< please select a page