[279]

NA BOTHANAN NISEACH

le Coinneach Mac a’ Ghobhainn (Glaschu)

Ho rosem bothan, ho risem bothan,
Am faca sibhm bothan a rinn sinn,
Na faca sibhm bothan a rinn sinn a thogail,
Anns a bheil dùil againn caitheamh agheamhraidh.”

Tha mu leth-cheud bliadhna bho chaidh abhàrdachd sin a chur ri chéile, ri moladh achìad bothan a thogadh ann a Sgìre Nis. Achs beag a shaoil na gillean a bha cho dìcheallach agus cho co-aonaichte dha thogail, agus na bothanan eile a thainigna dhéidh, gum biodh cliù agus -chliù nam bothanan air a sgaoileadh fada agus farsaing air feadh na tìr, eadhon gu iad a bhith air an dìteadh ann an Cùirt an t-Siorraidh an Steòrnabhagh, agus gum biodh am facalbothanair a ghabhail a-steach don achànain Bheurla gu bhith ri ciallachadh àite -laghail, -rianach, agus -thlachdmhor, anns a bheil daoine ri reic agus rig òl deoch làidir, mar a chaidh a facal Eireannach ‘shebeen’ roimhe.

Ach anns an tuil bhriathran a thaom a-mach mu dheidhinn nam bothanan bho chionn ghreis air ais, agus gu sònraichte air abhliadhna a chaidh seachad, tha aon dha ràdh gu tric a tha cèarr agus a tha feumach air a cheartachadh. Tha amhór-chuid ri toirt fainear gun deach na bothanan a-mhàin a thogail gu bhi ag òl deoch làidir annta. Ach cha deach. Thog na gillean na bothanan airson iad a bhina àite céilidh agus cruinneachaidh. Gun teagamh, bhidh casga leann dha òl annta an dràsda agus a-rithist aig amannan sònraichte, mar banais no bliadhna-ùr, mar a bàbhaist a bhith dhan òl anns na saibhlean roimhe. Cha ruigeadh pòcaid móran fhear air nas motha na sinn a cheannachd anns na làithean ud.

Mu àm na bliadhna 1930 bha abhochdainn a bhuail a Rìoghachd le còmhstri agus dìth obair buileach nochta air aGhaidhealdachd, agus gu sònraichte anns na Eileanan an Iar, far nach robh obair cosnaidh ach tearc. Bha an sluagh ann a sin an inneadh air na bheireadh iad do bhiadh as an talamh, air a chuideachadh le beagan


[280] iasgach, airson am bith-beò. Ann a Sgìre Nis, far a robh àireamh 2,500 anam acòmhnaidh air beagan talaimhcroitean a bha air an gearradh sìos gu meud 3 no 4 acaireanbha cùisean buileach doirbh. Ach a dhaindeoin sin bha daoine ri bristeadh a-mach bhon a staid bhochd ìosal a bha aca anns na taighean dubha, agus le cuideachadh bho Bhòrd an Fhearainn an Alba (BOAS) mar a bhann aig an àm, ri togail taighean ùra, le co-fhurtachd nach robh aca roimhe. Cha robh iad sin cho freagarrach no tho fosgailte airson a bhi dhan cleachdadhnan taighean céilidh agus a bha na seann thaighean agus bha sinna aobhar do na fir na bothanan a thogail. Bhiodh iadnan àite céilidh agus cleasachd aca air an fhionnairidh gun togradh iad a dhol dhachaidh, agus sin gun trioblaid a thoirt do neach sam bith eile.

Thog matà na gillean na bothanan mar a thubhairt am bàrd:

Aig toiseach an earraich gun do thòisich na balaich,
Ri cruinneachadh geinnean is geimhlean,
S atogail nan clachan, ’s cha robh iad glé fhada,
Bhon bha iad uile a dhaon inntinn.”

Thog na balaich na bothanan agus goiridna dhéidh thog iad orra don aChogadh mhór. Thug iad còrr air cóig bliadhna fon an daorsa, ri cathachadh an aghaidh an nàmhaid anns gach ceàrnaidh don t-saoghal. Air dhaibh a saor-chomas fhaotainn agus pilleadh dhachaidh, le beagan airgid bho shaor-thiodhlac aChogaidh, agus bha cuid nach do phillmas es gun rinn iad subhachas anns na bothanan le searrag de dheoch làidir, a chuireadh umhail orra.

Ach an déidh achogaidh thainig oibrichean cosnaidh, le airgead agus saidhbhreas nach fhacas riamh roimhe a leithid; agus seach gum bheil e an dàn do chuid an t-airgead agus an t-òl a bhith co-cheangailte, ’se an duilgheadas gum bheil an subhachas ri dol air adhart fhathast.

titleNa Bothannan Niseach
internal date1978.0
display date1978
publication date1978
level
reference template

Coinneach Mac a’ Ghobhainn in Gairm 103 %p

parent textGairm 103
<< please select a word
<< please select a page