CO-CHOMUNN NIS
le Dòmhnall Moireasdan
An t-inneal buanna
Nuair a chuala am fear-deasachaidh gu robh mi dol cuairt a Nis as t-samhradh, dh’iarr e orm tadhal air Anna NicDhòmhnaill, a tha os cionn obair Van Leer an sin, agus rudeigin a sgrìobhadh do Ghairm mu ’n cho-chomunn a thathas a’ stéidheachadh anns an sgìre. Gu mì-fhortanach, bha Anna i fhéin air chuairt aig an àm (anns na Stàitean Aonaichte) agus le sin chan fhaca mi idir i; ach chaidh mi chéilidh air Dief Seidsligh — Sasannach Gàidhealach a tha teagasg an Sgoil Lìonail — agus chuir esan air mo dhòigh mi, agus ’sann dha thigeadh. Bha facal agam cuideachd ri Iain MacIomhair á Sgeadharstaigh, a bha ’na chabhaig a’ tarraing na mònach mus fhalbhadh e a chur seachad a làithean-saora air àirighean Chàrlabhaigh.
Ann a bhith beachdachadh air Co-chomunn Nis, dh’fheumamaid a bhith mothachail air a’ bhrosnachadh air leth a fhuair an sluagh bho obair Van Leer agus bho sgeimichean-obrach an Riaghaltais. Na dìochuimhnicheamaid a bharrachd am math a tha Comhairle nan Eilean a’ dèanamh ann a bhith toirt obair do dhaoine: tha móran á Nis ag obair an Steòrnabhagh agus ’nan dachaidhean fhéin gach oidhche.
Bha agus tha na Nisich eòlach gu leòr air a bhith ag obair an cuideachd a chéile, ach ’sann bho chionn dà bhliadhna a thòisich iad a’ smaoineachadh air co-chomunn a chur air bhonn. ’Se lusan a chur agus marcaid-ghlasraich a bhith aca a’ chiad oidhirp a bha san amharc; ’s bha bruidhinn cuideachd air craicinn a chruadhachadh. Ach a’ bhliadhna an earraich a chaidh, chùm Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd coinneamhan an Steòrnabhagh aig na bhruidhinn feadhainn á Eirinn mu na co-chomuinn ioma-ghnéitheach a tha aca san dùthaich sin; agus dh’fhosgail seo sùilean nan Niseach cho farsaing ’s gun sgrìobh iad chun a’ Bhùird le beachdan ùra.
Chuidich am Bòrd iad gu inneal-buanna a cheannach; agus ged nach do gheàrr e arbhar an uiridh, rinn e frasadh a bha mìorbhaileach, agus bhathas a’ béileadh an fhodair aig an aon àm. Faire, faire, am bualadh leis an t-sùist agus an suathadh air a bheil cuimhn’ againn! Thug an t-inneal ùr uiread de thogail dha na croitearan ’s gun chuir iad am bliadhna uiread eile de shìol corca ’s a chuir iad an uiridh. Chuir feadhainn eòrna cuideachd; ’s tha dòchas nach eil an seo ach toiseach tòiseachaidh. Có aige tha fios nach bi iad fhathast a’ togail chruidh ’s a’ cumail bainne riutha fhéin ’s ris a’ chòrr de ’n eilean?
Tha seo a-nis an dàrna bliadhna aig an sgeime-obrach ann an lios na sgoile an Cros. Chaidh mìltean phlanndraisgean a reic an sin an uiridh — fiach còrr air ceud not. Tha an talamh air leth torach, ’s tha ann dheth na chumadh baile Steòrnabhaigh ann an glasraich bho cheann gu ceann de ’n bhliadhna. Tha cóig no sia de sheòrsachan càil ann am bliadhna, agus rudan eile air nach eileas cho eòlach. Cha robh fiù ’s maro nach fhaca mi ann an aon de na taighean-plasdaig; agus bhathas a’ togail taigh ùr airson tuilleadh àite do lusan fo dhìon.
Thugadh ceum mór air adhart toiseach na bliadhna-sa fhéin le cothrom a thoirt do dhaoine airgead a chur an sàs. ’Se fichead not an neach a chaidh iarraidh an toiseach, ged bha cuid ag ràdh gu robh sin ro-bheag. Thug feadhainn seachad barrachd, ach an déidh sin cha bhi aca ach aon bhòt, gus nach fhaigh duine sam bith làmh-an-
Iain MacIomhair, Fear-cathrach a’ Chomuinn-stiùiridh
Jef Sedgley, Rùnaire a’ Chomuinn-stiùiridh
uachdair. Gus nach bi daoine feitheamh gun phàigheadh gus am faic iad a bheil an rud a’ dol a dh’ obrachadh, tha dùil prìs na h-earrainne a dhùblachadh an ceann shia mìosan bho théid an co-chomunn a stéidheachadh (sin cho fada ’s a bheir am Bòrd not air an not). Tha am Banca Rìoghail a’ gabhail an airgid bho na daoine, agus tha seo ’na chuideachadh mòr. Nuair a bhios cùisean air dòigh, théid cuireadh a thoirt do Nisich a tha air falbh bho ’n taigh earrannan a cheannach.
Tha dùil gun tig cóig mìle deug not a-steach, agus tha Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd air gealltainn a’ cheart uiread a chur ris. A-mach air a sin, tha am Bòrd a’ tairgsinn nan iasadan agus nan tiodhlaicean àbhaiseach (suas gu trì fichead ’s a deich anns a’ cheud). Chan e sin a-mhàin ach pàighidh e manaidsear gu h-iomlan a’ chiad trì bliadhna agus am pàirt airson dà bhliadhna eile. Ma tha an co-chomunn a’ dol a dh’obrachadh, bu chòir dha bhith air a chasan mu ’n àm sin. Théid prothaid sam bith a bhios ann a chur gu feum a’ cho-chomuinn; ’s le sin cha leig duine leas sùil a bhith aige ri riabh a’ chiad ghreis.
Mus bi seo an clò, tha dùil gum bi comadaidh air chois agus gum bi sanas anns na pàipearan airson manaidseir. An uairsin théid na h-oidhirpean air an robhas a’ beachdachadh a chur chun a’ Bhùird an òrdugh taghte, agus théid gach aon a sgrùdadh gu mion mus téid airgead a chur a-mach air a son — rud nach tachair, chanainn, roimh dheireadh na bliadhna.
Seo sia oidhirpean leis a bheil am Bòrd riaraichte air a’ chiad sealladh:
(1) Lios-lus le marcaid-ghlasraich. Gabhaidh an co-chomunn sgeime-obrach Sgoil Chrois os làimh air cheann sreatha.
(2) Gnothaichean-fearainn de gach seòrsa. A-mach air an inneal-bhuanna, tha innealan-cura agus stealladairean aca mar tha; ach bidh feum air rudan mar innealan-tiormachaidh cuideachd.
(3) Todhar-Gallda air prìs reusanta. Rinneadh gu math le seo am bliadhna, ’s thathas an dòchas gun dèanar nas fheàrr an athbhliadhna.
(4) Bùth air chuibhleachan a reiceas iasg ’s buntàta-slisneach, cho math ri tea is cofaidh ’s na deochan eile bhitear ag iarraidh far am bi sluagh cruinn aig maidsichean is dannsan. ’S nach biodh i math aig faingean, ’s teàrr is morghan a-nis air ròidean na mòintich?
(5) Bùth-shaorsainneachd anns an dèanteadh dorsan, geatachan,
(6) Garaids. Bhiodh seo glé fheumail, ach bhiodh i cosgail a ruith. Mar tha fìor a-thaobh gach oidhirp eile, dh’fheumadh an sluagh làn-fheum a dhèanamh dhith.
A-thuilleadh orra sin, thathas a’ beachdachadh air bùth-bhéiceireachd, bùth-bhorbaireachd agus bùth-ceimist.
Tha aon rud cinnteach: tha e fhathast fada ro-thràth breith a thoirt air a’ ghnothaich. Le sin saoilidh mi nach biodh e ceart aig an ìre-sa guth a thoirt air cnapan-starra. Gheibh an duine bhios fada beò deireadh gach sgeòil an asgaidh.
Chaidh an co-chomunn a bhaisteadh fhads a bha mi aig an tigh. ’Se an t-ainm a chaidh dha ’n leabhar CO-CHOMUNN NIS LIMITED; agus bhon tha na Nisich an diugh dà-chànanach, mar tha Gàidheil eile, ’s dòcha gum bi iad riaraichte gu leòr le sop ás gach seid. Co-dhiù tha sinne an dòchas gun soirbhich leotha.
Na taighean-plasdaig
title | Co-chomunn Nis |
internal date | 1978.0 |
display date | 1978 |
publication date | 1978 |
level | |
reference template | Dòmhnall Moireasdan in Gairm 104 %p |
parent text | Gairm 104 |