[49]

A’ COMHRADH RIS AN URR. MURCHADH MACRISNIDH

Ath Mhoderàtor na h-Eaglais Shaoir

(Dhiarr Gairm air Calum MacMhathain, Leòdhasach a tha na oileanach ann an Colaisde na h-Eaglais Shaoir an Dun Eideann, còmhradh a dhèanamh ris an Urr. Murchadh MacRisnidh. Seo agaibh e, agus tha ar taing aig an dithis aca.)

Calum MacMhathain: An toiseach a Mhgr MacRisnidh bu mhath leam meal-an-naidheachd a chur oirbh air an urram mhòr a chuir an Eaglais oirbh.

Murchadh MacRisnich: Tapadh leibhse airson ur meal-an-naidheachd choibhneil.

C.M. : Gu bhur smuaintean a thaobh na h-uallaichean a tha air an leagail oirbh?

M.M. R.: Thaobh na h-uallaichean tha air an leagadh orm am bliadhna tha mi ag ùrnaigh gum bi neart cuirp agus inntinn air am buileachadh orm airson coinneachadh riutha. Tha mi ga mheas mar shochair mhòr gum faighinn air sam bith a dhèanamh airson cuideachadh adhbhar Chrìosda anns an t-saoghal.

C.M. : ’Se Bacach a thannaibh nach e? Innsibh dhuinn beagan mu ur n-òige.

M.M. R.: Rugadh agus thogadh mi an Sgìre aBhac an Leòdhas agus cha robh càil annasach nam eachdraidh an sin air am burrainn mi iomradh a dhèanamh.

C.M. : Gu abhuaidh a bhaig an diadhachd a chunnaic sibh an sin oirbh?

M.M. R.: Bha, gun teagamh, buaidh mhòr aig an diadhachd a chuala agus a chunnaic mi nam òige orm. Bha adhradh teaghlaich air a chuartachadh moch agus anmoch; bha eachdraidh na Fìrinn air a


[50] teagaisg dhuinn air an t-Sàbaid; bha teagaisgean na Fìrinn air an ionnsachadh leinn ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist, agus bha iomradh cùbhraidh againn ga chluinntinn air daoine a dheàlraich ann an eaglais Dhè anns an eilean agus an àiteachan eile.

Bha mi creidsinn gun tàinig atharrachadh gràsmhor am beatha mo phàrantan tren do dhaidich iad Iosa Crìosd mar an Slànaighear. Mar sin bha fhios agam gum feumadh atharrachadh bho nèamh a thighinn nam eachdraidhseadh gum feumainn creidimh slàinteil ann an Iosa Crìosd dhionnsaigh am bheil na h-uile air an cuireadh. Ach bha mi naoi bliadhna deug a dhaois nuair thàinig mi gu bhith faicinn agus creidsinn slighe slàinteil Dhè ann an Iosa Crìosd. Agus gu fìrinneach cha bann mar a bha dùil agamsa a thachair sin. Chan e mhàin gu robh eòlas air Crìosd mar iuchair a dhfhosgail doras na Fìrinn do minntinn, ach rinneadh na h-uile nithean nuadh dhomhbha eadhon fuaim Sruth aGhlinne aseinn air cliù Iehòbhah dhòmhsa.

C.M. : Innsibh dhuinn beagan mun dòigh anns an dfhuair sibh gairm na ministrealachd.

M.M. R.: Thàinig aghairm gu ministrealachd an t-soisgeil aig an àm sin agus tha mi creidsinn gun robh stèidh na gairm sin air a leagail nam eachdraidh anns na bliadhnachan a bha mi sireadh slàinte do manam Ach nis rinn aghairm sin gnothaich soilleir rium ann an dòigh anns an robh e eu-comasach dhomh gun a dhol a-mach le soisgeul nan saor ghràs.

C.M. : Tha e coltach gun robh sibh anns an Nèibhi. Innsibh dhuinn beagan mun a seo.

M.M. R.: Faodaidh neach a thuigsinn nach robh e furasda do bhalach leis na faireachdainnean sin is na beachdan sin a bhith air a thilgeadh air messdeck long-chogaidh. Gidheadhse dearbhadh buannachdail a bha ann agus fìor ullachadh math airson obair na ministrealachd. Thug na bliadhnachan sin cothrom dhomh air a bhith faighinn an tuilleadh cinnte an e fìor ghairm na ministrealachd a bha rium eadar-dhealaichte ris an eud a tha an eachdraidh nan uile a thug Dia beò tre ghràs.

C.M. : An robh e duilich dhuibh a dhol air ais gu bhith nur n-oileanach an uair sin?

M.M. R.: Cha robh idir airson da adhbhar.

(1) Bha fios agam gun robh muile bhuadhan air an gairm gu bhith searmonachadh Chrìosd, agus ged a bha eòlas agam tren ungadh a[51]


[52] fhuair mi, bha mi ag iarraidh tòrr a bharrachd de eòlas air an Fhìrinn uile, air na cànainean anns an robh i air a sgrìobhadh air tùs, air an rannsachadh a rinn daoine diadhaidh air an Fhìrinn, agus air eachdraidh na h-eaglais bho làithean nan Abstol. Bha iad sin uile ga mo dhian chur-thuige.

(2) Bha mar an ceudna tart orm riamh gu eòlas fhaotainn agus cha do leig mi dhìom a bhith sireadh eòlais an sgoil-latha agus an sgoil-oidhche agus an dèidh sin le cùrsa foghluim tren phost a bha cuimseachadh air inbhe starsach na Colaiste. (Bha mi gun crìochnachadh achursa sin nuair a thàinig mi gu eòlas air Crìosda Dhè.) Mar sinsann a bha e na thlachd ro mhòr dhomh a bhith faighinn cothrom a bhith strì ris an fhoghlum fad na h-ùine.

C.M. : Tha mi atuigsinn gun do rinn sibh tuilleadh foghlum a thoirt a-mach an Ameireaga. An tug seo sealladh na bfharsainne dhuibh air saoghal na diadhachd?

M.M. R.: Be miarrtas air a bhith tuigsinn achreidimh Chrìosdail na bfheàrr a thug orm a dhol a dhAmeireaga. Dhaingnicheadh mo chreidimh an sin agus fhuair mi air a bhith tuigsinn na bu shoilleire mar a bha feallsanachd na Fìrinn cho eadar-dhealaichte ris an fheallsanachd tha mar stèidh aig beachdan -chreidmheach clann nan daoine. Mar a fhuair mi sealladh na bfharsainne air saoghal na diadhachdsann bu mhotha a ghràdhaich mi teagaisgean na Fìrinn agus a rinn mi an tuilleadh uaill ann an teagaisgean Leabhar Aidmheil aChreidimh.

C.M. : n ùine thug sibh thall thairis?

M.M. R.: Bha mi thall thairis còig bliadhna deug agus deich mìosan.

C.M. : Innsibh dhuinn beagan mun choithional a bhagaibh an Detroit.

M.M. R.: A chionn gur h-e muinntir Leòdhais achuid bu mhotha dan robh mi dèanamh seirbheis cha robh mòran dealachadh eadar mo dhòigh-beatha an siud bhon seo ach a-mhàin na h-eadar-dhealaichean a thag èirigh bhon aimsir, bho astar, is bho chaochladh nithean eile. Bha seirbheis Ghàidhlig agam a h-uile Sàbaid an Detroit agus coinneamh urnaigh Ghàidhlig a h-uile Diardaoin.

C.M. : ur beachd air cor na h-eaglais an Ameireagaidh an diugh? A bheil buaidh nan soisgeulaichean mòra leithid Billy Graham cho omraiteachs a bhios Breatannaich asmuaineachadh?


[53]

M.M. R.: Tha mi meas gu bheil barrachd buaidh aig an eaglais an Ameireaga na thaice an Alba. Chan eil mi ag àicheadh nach eil mòran chreudan annasach ag èirigh an Ameireaga an lorg an sgoltadh tha eadar an eaglaiss an Stàit. Agus a thuilleadh air sin tha fhios agam gu meas sinne mòran dhe na teagaisgean aca glè staoin. Dhaindeoin sin tha buaidh mhòr chan ann a-mhàin aig soisgeulaichean ainme ach aig an t-Soisgeul anns an fharsainneachd air feadh na tìre.

C.M. : n ùine nis bho thill sibh a Leòdhas?

M.M. R.: Tha mi air ais an Leòdhas bhliadhna dheug anns aMhàrt a chaidh.

C.M. : Chan eil rian nach fhaca an teaghlach agaibh atharrachadh mòr air an shaoghal.

M.M. R.: Bha an teaghlach agam òg nuair a thill sinn dhachaidh, bha sgoil ris an ursainn, agus bha goireasan atighinn achuids achuid. Mar sin cha robh e cho duilich dhoibh cleachdadh ri dòighean ùra na tìre dhan tàinig iad. Tha mi creidsinn gur h-e fuachd achiad gheamhraidh bu dorra cur suas leis a thachair ruinn.

C.M. : Na mhothaich sibh fhèin gu robh atharrachadh mòr air an àite bho dhfhalbh sibh?

M.M. R.: Cha burrainn dhomh radh gun robh atharraichean mòra air am faicinn leam idir nuair a thill mi, oir nuair thàinig solas an dealain agus am bùrn a-steach do na taighean agus nuair a thòisicheadh air blàthachadh nan taighean le pìoban tetha thug sin dachaighean an eilein gu inbhe co-ionnan ri inbhe dachaighean an ceàrnaidhean eile. Bha na h-atharraichean sin timcheall air tòiseachadh nuair a dhfhalbh mi.

Bha aon atharrachadh annan Telebhiseanan ìre mhath anns gach dachaigh. Faodaidh e bhith na mheadhon air math no olc. Tha mòran cloinne ann an diugh agusse an telebhisean am bainne-cìche a tha aca agus tha am beachdan air an cumadh leis bho tha iad aspògail air an làr. Chì iad agus cluinnidh iad fada mus eil iad comasach air leughadh. Chan eil duine nach fhaic an cunnart a dhfhaodas a bhith an seo, oir tha e toirt togail na cloinne, an tomhais co-dhiù a-mach á làmhan nam pàrantan. ’Se seo aon dhe na h-atharraichean bu mhotha dan tug mi aire.

C.M. : Gu bhur beachd air cor beò-shlaint sluagh nan eileanan?


[54]

M.M. R.: Tha beò-shlaint an t-sluaigh iongantach math a dhaindeoin gach . Tha sinn toilichte airson nan oibrichean tha tòiseachadh ach chan eil sinn ameas gu bheil obair sam bith cho do-sheachnaichte feumail agus gum biodh sochairean an t-soisgeil, agus gu sònraichte an t-Sàbaid, air an call ra linn. Tha sinn an dòchas nach tachair seo.

C.M. : Innsibh dhuinn beagan mun choithional agaibh ann an Steòrnabhagh.

M.M. R.: Tha e glè mhòr. Tha thogalach againn, aon air Sràid Fhrangain agus aon eile air Sràid Choinnich. Chan e mhàin gu bheil sin atoirt cothrom dhuinn air an t-sluagh a ghabhail gu lèir a dhaon suidhe ach tha e dèanamh comasach dhuinn Gàidhlig agus Beurla thoirt dhoibh moch is anmoch gach seachdain. Airson seo tha mhinistear asearmonachadh gach Sàbaid. Tha e na gealltanach a bhith faicinn uimhir de chlann na h-Ard-sgoile acur an aghaidh air an t-soisgeul agus a bhith faicinn cupaill òga len teaghlaichean afrithealadh na h-eaglais moch is anmoch. Cha robh sinne cho cleachdte ri bhith faicinn sin nar -ne. Agus cuideachd am baile am Breatainn no an Ameireaga anns an tachradh tu ri fir agus mnathan air an t-sràid a bhiodh aconaltradh air an Fhìrinn cho nàdurrach agus a bhiodh daoine eile air an aimsir?

C.M. : Gu bhur beachd air cor na h-Eaglais Shaoir nar -ne anns an fharsainneachd?

M.M. R.: Cho fada is a ghleidheas an Eaglais Shaor teagaisgean nan saor-ghràs chan eagal di ach aon uair is gun leig i gliocas an t-saoghail a-steach a riaghladh taigh Dhè bidh spiorad an Tighearna ga trèigsinn agus bidh i na closach mharbh. An tha fìor mun Eaglais Shaoir tha e fìor mu dheighinn a h-uile eaglais agus tha feum mhòr aig gach eaglais air pilleadh ri Dia ann an aithreachas.

C.M. : De bhur beachd mu aonadh nan eaglaisean?

M.M. R.: Chan eil duine, is cinnteach, a chaidh aonadh ri Crìosd aig nach eil dàimh aonaidh ri luchd-leanmhainn an t-soisgeil, agus tha iomadh neach dhiubh sin an Alba a rannsaich eachdraidh na h-eaglais bho làithean nan Abstol a tha ri bròn airson nam brisidhean a thàinig air an Eaglais Chlèireach nar dùthaich. Tha iad sin ag iarraidh amannan beannachaidh trem biodh na h-eaglaisean clèireach is eile atighinn gu bhith asleuchdadh aig casan Chrìosd, mar am Fàidh, an Sagart agus an Rìgh. ’Se gu fìrinneach smachdachadh Dhè a thàinig


[55]

air an eaglais a bhris i na bloighdean. Ach tha mi acreidsinn cuideachd gu faod aonadh nan eaglaisean a bhith aig amannan na smachdachadh mar an ceudna. ’Se sin an aonadh a tha air a dèanamh comasach tre mhì-chreidimh nan eaglaisean fhèin. Tha aonadh eadar amhuinntir tha dèanamh adhradh do Dhia ge be air bith am buidheann de eaglais Chrìosd dam buin iad: agus don mhuinntir sinse focal Dhè a-mhàin riaghailt an creidimh agus am beatha.

Saoilidh mi gur h-e an t-aonadh seo a tha ag èirigh bho dhàimh slàinteil dhaoine gu pearsanta ri Crìosd a bfheàrr leam an tuilleadh cudthrom a leigeadh air nar latha fhèin agus leanaidh aonaidhean eile achuid agus achuid an lorg sin. As eugmhais seo chan eil ann an aonadh sam bith eile ach a closach eaglais sam bith nas motha agusis feàrr madadh beò na leòmhann marbh”. Bu mhath a bhith cuimhneachadh gun robh na h-uile càil aig eaglais Laodicea na beachd fhèincha robh dad a dhìth oirre ach Crìosd! Tha e coltach gun robh Esan air taobh a-muigh an dorais. Teagaisg ro fheumail do na h-uile eaglais againna h-uile h-aon! Agus aonadh gun Crìosd anns amheadhon chan aonadh e. Bu chòir dhuinn a bhith glacadh dòchas bhon seoged a bha Crìosd a-muigh gun robh e bualadh an dorais.

C.M. : Nise, a Mhgr MacRisnidh innsibh dhuinn gu bhur dòchasan airson an ùine a tha romhainn.

M.M. R.: ’Sann a tha sinne acur feuma mar eaglaisean, mar shluagh, agus mar rìoghachd air pilleadh ri Dia ach an dèan E tròcair oirnn. Tha feum againn gun cluinneadh sinn na tha os cionn na rìoghachd agairm traisg, irioslachaidh agus aideachadh peacaidh bho phàileas na Ban-righinn dhionnsaigh abhothain as ìsle anns na h-Eileanan a Siar. Nach e sin a bhiodh misneachail! Co aige tha fios nach pilleadh Dia o dhian-chorraich agus nach ann a lasadh E ar coinneal ás ùr.

Beannaichte gun robh ainm an Tighearna.

C.M. Mòran taing a Mhgr MacRisnidh airson còmhradh ruinn agus tha sinn aguidhe làithean sona dhuibh mar mhoderàtor.

titleA’ Còmhradh ris an Urr. Murchadh MacRisnidh
internal date1978.0
display date1978
publication date1978
level
parent textGairm 105
<< please select a word
<< please select a page