POCA PRISEIL
le Ceiteag M. Nicghriogair
’S iongantach an rud ma tha duine beò nach d’fhuair uair no uaireigin tiodhlac beag sìmplidh air an do chuir e luach nach gabhadh meas an òr no airgead.
’Se a leithid sin a fhuair mise an turas a thainig Calum a-nuas á Duthaich Mhicaoidh a choimhead oirnn. Cha tainig e ’n rathad riamh ’s a làmh falamh ’s le a ghasdachd àbhaisteach am feasgar ud smèid e null orm gu cùl an Renault.
“Seall dé th’agam dhuit an seo!”
Bha poca canbhais ’na shlaoid sa’ chùl ’s is mi a dh’aithnich a chruth! Dearbh choltas a’ phocain chruaidh ghrobanaich a bhiodh a’ brughadh mo dhroma a’ tighinn o’n pholl mhòna leis an dèidh na sgoile o chionn . . . cha chan mi cia mheud bliadhna.
“Mìle taing!” thuirt mi ri Calum. “Nach mi bhios air mo dhòigh a’ cur fàd dhe seo air an teine an dràsda ’s a-rithist gus cianalas milis a thoirt orm fhèin.” Cha robh am barrachd sogan air a’ bhàrd nuair a fhuair e am badan fraoich “bho thìr nan aonach àrd.”
Mar a tha duine buailteach a dheanamh ri tabhartas luachmhor sam bith ghlèidh is chaomhainn mise am poca mòna gus gu maireadh e cho fada ’s a ghabhadh dèanamh. ’S cha robh caoran no smùirneach dheth nach do mheal mi chun na lasrach mu dheireadh. Ach nuair a bha stoirm a’ cur crith air an taigh ’s mi a’ sùghadh thugam àileadh cùbhraidh na mòna chan e idir oidhcheannan gailleannach a thigeadh an toiseach gu m’ chuimhne nuair a chleachd sinn a bhith cruinn mun chagailte ann an Uibhist.
’Sann a bha mi casruisgte a-rithist air feasgair ghrianach na mo ruith dhachaigh ás an sgoil ’s cabhag orm chun a’ phuill mhòna gus mo chuid fhèin dhe na rùghain a thogail. Chan e uile gu lèir cho dèidheil ’s a bha mi air a bhi crom a’ cur nan rùghan ri chèile a chuir sùnnd orm idir ach bha e cho èibhinn a bhi a’ coimhead airson nam fàdan san do dh’fhàg mi làrach m’ òrdagan! Bha e na chleas aig a’ chloinn uile a bhi a’ seasamh air fàd an siud ’s an seo nuair a bhiodh
Bha togail is cruachadh na mòna sùnndach an còmhnaidh seach gum biodh sgioba math còmhla an sàs. Cha bhiodh daoine fada ’g obair nuair a bhuaileadh am paghadh cuideigin ’s bhiodh leisgeul againn teine lasadh airson balgam dhen te ruaidh a dheanamh. Bhiodh an uair sin n “picnic” ann ’s chròidheadh a h-uile duine timcheall gus blasad fhaighinn dhe na sgonaichean le ìm Gaidhealach is gruth ’s an uair sin na painceicean. Bhiodh mire ’s fealladhà an sin. Tha e coltach gu robh a’ mhòine a’ sgaoileadh blàiths is cridhealais fada mus ruigeadh i a’ chagailte air oidhche fhuar geamhraidh.
’Sann á cruaich cinn an taighe bha mòine a’ gheamhraidh a’ tighinn ’s cha robh làmh nach biodh ri feum nuair a thigeadh ám lìonaidh nam pocannan ’s nan cairtean gus a’ mhòine thoirt dhachaigh. ’Se obair sgileil a bh’ann an deanamh nan cruach mhòra ’s bha na bodaich, ’s gu dearbh feadhainn dhe na cailleachan cuideachd, glè mhath air an togail le gnìomhadh snasail a chumadh an t-uisge gun drùdhadh orra.
Cha robh mòran thaighean an Uibhist ri m’ chuimhne-sa far am faicte an teine air a’ chagailte ach tha beachd agam air gu leòr theintean fosgailte le ursannan cloiche air gach taobh agus tarsan-nain iaruinn air an aghaidh (mus do dh’fhàs daoine cho ùr-nòsach leis am “Modern Mistress” ).
Neo-ar-thaing nach bi sinn ag ràdh gur h-iad a bha grinn na seann teintean fosgailte ach cha roghainnichinnse air a h-aon na crainn ’s na slabhraidhean sùitheach a bha siud a bhith agam an-diugh — gun ghuth air na poitean ’s na coireachan salach! ’S mu dheidhinn tilleadh gu lìomhadh le “black lead” bu cho math leam peanas eile.
Chan eil teagamh nach robh càirdeas is gean timcheall air seann chagailte na mòna nach eil cho nochdta mu na “fire suites” a tha fasanta a-nis. Cha b’eagal nach fhaigheadh duine sam bith fàilte is èisdeachd ealamh a’ dol do thaigh le sgeul no naidheachd ’s cha ruigeadh tu leas a bhith a’ diùrrais gus nach toireadh tu aire muinntir an taighe far a’ bhocsa! Ma bha bocsa idir air bòrd an oisean an taighe cha b’e dealbhannan a bha a’ tighinn ás ach rolagan na caillich ’s i cur na cuibhle-shnìomh air ghleus.
Chan fhaca mise dad air bocsa nan dealbh fhathast a dh’fhuiricheas cho fada nam chuimhne ris a’ chur-seachad a bhiodh againn air oidhche geamhraidh ’s craoslach mòna gar garadh. ’S
’Se a chòrdadh rium an oidhche thigeadh Dòmhnall Ruadh còir nach maireann air chèilidh. Bhiodh tòimhseachain is cleasan is cuireidean aige a thàlaidheadh òigridh sam bith.
Bheirte greis an toiseach air “Sruthan a’ dol an aghaidh bruthaich” is“ ’S àirde e na taigh an righ. ’S mìne e na sìoda.” Mura tòimh-seamaid ceart a’ chiad oidhche cha bhiomaid aig fois gus am faigheamaid a-mach am freagairt a dh’fheitheamh air an ath oidhche thadhladh Dòmhnall.
Chuireadh e an còmhnaidh greiseag seachad a’ toileachadh na cloinne le cleasan is lùthchleasan agus ’s e fhèin a bha cho sùbailte ri duine againn. A’ leantainn Dhòmhnaill mura biomaid air ar crògan air an ùrlar a’ fiachainn ri bocsa mhaidseachan a thogail le’r fiaclan bhiodh spàirn oirnn an comhair ar cùil a’ strì ri cleas a’ chaorain. Airson seo bha caoran mòna ga cheangal air ceann sreainge. Bha thu cur a’ chinn eile dhe’n t-sreaing nad bheul, a’ tilgeil na sreainge tarsainn mullaich do chinn ’s a’ cromadh gu d’ chùl gus an ruigeadh an caoran an làr. Gun tuiteam air do dhruim dìreach, cuimhnich! ’S iomadh cumadh èibhinn agus lasgan gàire a dh’aobharaich an cleas ud.
Bha cleas caorain eile aig Dòmhnall cuideachd ’s thug e mo char asam fhèin leis co-dhiù iomadach uair mus do thuig mi nach e buidseachd a bha e a’ cleachdadh idir! Chuireadh e tri caorain taobh ri taobh air an ùrlar ’s rachadh e ’nuair sin a-mach gu cùl an dorais. Bheanadh cuideigin do dh’aon chaoran fhad’s a bha Dòmhnall a-muigh ’s nuair a thilleadh e dh’innseadh e dhuinn dè ’n caoran. Cha robh e riamh ceàrr ’s bha mise co-dhiù a’ smaoineachadh nach robh cumhachdan mìorailteach a bh’aig drùidh ann an sgeulachd riamh nach robh aig Dòmhnall Ruadh.
’Sann a bha mi duilich nuair a fhuair mi mach gu robh sròn bròige cuideigin dhe na bha mu’n teine a’ stiùireadh Dhòmhnaill chun a’ chaorain cheart a h-uile turas.
Cha tainig an duine “bionic” sin a bheireadh bàrr air na rudan iongantach a dheanadh Dòmhnall Ruadh. ’S nach sinn a bha furasda
Tha mi’n còmhnaidh a’ saoilsinn nuair a chluinneas mi duine a’ caoidh na mòna nach e blàths bodhaige a tha daoine ’g ionndrain ach an toileachas inntinn a bha coimhcheangailte ri companas mun teine mhòna.
Tha amharas agam nach bi ar caraid Calum fada gun sgrìob eile a ghabhail an taobh seo. ’S co aige tha fios nach bi pocan priseil aige dh’ùraicheas mo chuimhne a-rithist air oidhcheannan cèilidh o chionn fada.
title | Poca Prìseil |
internal date | 1979.0 |
display date | 1979 |
publication date | 1979 |
level | |
reference template | Ceiteag M. Nicghriogair in Gairm 107 %p |
parent text | Gairm 107 |