O CANADA
le Ruaraidh MacThomais
Tha e gòrach breith, no uaireannan beachd fhèin, a thoirt air àite tha duine air ùr fhaicinn, ach dh’fhaodadh nach dèan e cron tarraing a thoirt air rud no dhà a thachair rium anns a’ cheàrnaidh den dùthaich mhòir seo anns na thadhail mi air an t-samhradh seo chaidh. ’Se Co-chruinneachadh nam Fineachan a thug ann mi, ann an cuideachd nam bàrd eile Iain Mac a’ Ghobhainn, Somhairle MacGillEathain agus Dòmhnall MacAmhlaigh. Co-dhiù ’sann fo sgàil a’ Cho-chruinneachaidh a bha sinn, ged as e Fèisd Litreachais Albannach-Canèidianach ris an robh ar gnothach.
Bha e neònach a bhith a’ faicinn dùthaich a tha cho làn de ainmean Albannach, is Gaidhealach, agus àiteachan air an do chuir mi eòlas o chionn fhada tre bhith a’ leughadh bàrdachd is sgeulachdan Gàidhlig a Albainn Nuaidh: Abhainn Bharney a chuir Bàrd Thighearna Cholla ann am bàrdachd o chionn còrr is ceud gu leth bliadhna, Mabou is Margaree, Loch a’ Bhras d’Or, Antigonish is Sydney is Halifax. Agus bha e inntinneach a bhith a’ cluinntinn na Gàidhlig, glè thric le blas nan dual-chainntean Albannach, bho dhaoine nach fhaca Alba a-riamh, agus uaireannan feadhainn a thàinig a sean-seanairean ’s a sean-sean-seanairean as an t-seann dùthaich.
Bha tè air a robh Catrìona NicDhòmhnaill ag obair ann am Baddeck, ann an Aitreabh nan Seann Daoine: tè bhrèagh dhreachail dhen t-seòrsa chitheadh tu fo chliabh mònach nam òige, agus bha beachd aice gur h-ann
Taigh-tasgaidh Alexander Graham Bell, am Baddeck.
’Sann an seo bha an Fhèisd againn.
Raghnall Sutharlan
a Leòdhas a thàinig pàirt de a cuideachd. “Co as,” dh’fhaighnich Dòmhnall MacAmhlaigh, “a bha do sheanmhair?” Thug i an t-sùil ud air, agus dh’èirich a guth man bradan a’ leum as an uisge: “A Thighearna, dè fios a th’agamsa! ”, agus chluinneadh tu ceòl Gàidhlig Leòdhais anns a h-uile lide.
Agus bha bodach ann air a robh Eachann MacGuaire, le deagh Ghàidhlig, ach cha robh beachd idir aige co as a dh’fhalbh na daoine aige no cuine. Eadhon nuair a chuir sinn Muile is Ulbha na chuimhne cha tàinig an eachdraidh air ais thuige.
Tha na bailtean-mòra air a bhith tarraing dhaoine as an dùthaich thall an sin mar a tha iad an seo fhèin, agus is iomadh baile-beag, le sgoil is eaglais, a chaidh bàn. Ach an uair a theid baile bàn an siud, sluigidh a’ choille e: a’ choille ghruamach, a’ choille dhosrach, a’ choille a tha a’ fàs seachd troighean an àirde gach bliadhna, a’ sabaid ri obair an duine, ròidean is feansaichean is taighean. Is beag an t-iongnadh ged a dheidheadh rud de eachdraidh nan daoine a fianais cuideachd. Chuala mi fear ag radh nach robh muinntir Alba Nuaidh a’ dèanamh mòran gearain idir air mar a chaidh an athraichean an cur as an fhearann ann an Alba. Is dòcha gu bheil iad ro eòlach air slugadh, ’s gur h-e an t-àm tha làthair tha cunntadh. Ach air an làimh eile, shaoil mi gu robh sluagh an àite anabarrach moiteil as an dàimh a bh’aca ri Alba, agus baidheil ris a’ Ghàidhlig, ged a shaoileas iad gu bheil Gàidhlig aig Albannaich as bith an ann Gaidhealach no Gallda a tha iad.
Tha muinntir Chanada glè eòlach a-nis air an t-strì a tha ag èirigh eadar dà chànain. Bha Frangaich ann an Ceap Bhreatainn o shean, agus bha iad pailt ann an Ontario is an Quebec. Bha fear a Quebec a’ leughadh còmhla rium fhìn ann am Baddeck, fear Ronald Sutherland a tha na Phrofeasair anns anUniversite de Sherbrooke, agus a tha air mòran a sgrìobhadh mun dà-chànanachas sin, Beurla-Fraingeis. Tha e ag obair an dràsda air dealbh-chluich mun Leòdhasach sin air a robh amMegantic Outlaw, fear Dòmhnall Moireasdan. Ach chuir Sutherland seachad bliadhna an Oilthigh Ghlaschu, agus dh’ionnsaich e mòran mu chluiche na pìoba bho bhràthair-athar Sheumais MhicNeill. Chi sibh ann an seo e a’ cluiche na pioba. Bha fear mòr eile sa’ chuideachd, Al Purdy, deagh bhàrd, agus thuirt e rium gu robh Sutharlan a’ toirt na chuimhneoctopusaig a robh dùil ri leasachadh teaghlaich. ’Sann ann an dòigh glè chàirdeil a thuirt e seo – bha iad mor aig a chèile.
Cho fad ’s a chithinn, ’s a chluinninn, chan eil mòran Gàidhlig ga cleachdadh gu follaiseach an Ceap Breatainn, agus chanainn nach eil i glè laidir aig daoine fo aois leth-cheud, ach is iongantach mura h-eil àiteachan ann air a’ chaochladh.
Abair iasg anns an dùthaich sin, agus fèill air anns na taighean-bidhe. Bha an giomach gu math saor, is glè phailt, teth no fuar. Agus dh’fhiach mi iasg nach do dh’fhiach mi roimhe: am brod-iasg noswordfish. Tha blas
A’ toirt brod-iasg air tir
glè math air, martuna, is coltas turbaid air an fheòil aige. Ann an taigh-bidhe ann a Halifax bha tanca-ghiomach aca am meadhon an ùrlair, agus bha tè dhe na bha ag obair ann a’ cur seachad na tìde dhi fhèin le bhith togail nan giomach, fear an dèidh fir, as an uisge ’s a’ toirt cead dannsa dhaibh.
Tha mi cinnteach gu bheil deoch gu leòr aca cuideachd, ach chan fhaic thu cus dhith gu follaiseach. Chan eil taighean-seinnse pailt, agus an àiteachan chan eil ann achliquor - storefar a faod thu deoch-làidir a cheannach. Chunna mi fear leis an deoch ann a Sydney, ach cha robh a leithid pailt. Rud eile a mhothaich mi: chan eilsexga sparradh air daoine anns na pàipearan-naidheachd ’s anns na sanasan-reice mar a tha tachairt an seo. Tha stuamachd fhollaiseach ann, as bith dè tha dol an cùiltean.
Is iomadh balach Gaidhealach a tha ’s a bha eòlach air bailtean mar Sydney is Halifax, le an calaidhean seasgair. Chuir mi cuairt air còrnair ann a Sydney ’s cò bha sin air mo bheulaibh ach Iain MacRath, an seinneadair, ’s Mairead a bhean, ’s iad air ùr ruighinn a Quebec, far a robh iad a’ cur cuairt air na seann bhailtean anns a robh Gaidhlig mus do mhùch an Fhraingeis i. Cha do thachair eòlach rium ann a Halifax, ach bha mi a’ toirt sùil air bàtaichean-mòra na Neibhidh (Canèidianaich)
A’ gabhail na grèine ann am Baddeck: Dòmhnall MacAmhlaigh is Iain Mac a’ Ghobhainn
Iain Mac a’ Ghobhainn is Somhairle MacGhill-Eathain a’ còmhradh; Al Purdy na sheasamh faisg orra, ’s am pathadh air
Mi fhìn air an aiseasg aig Baile nan Sasannach an Ceap Bhreatainn. Tha bratach Alba Nuadh glè choltach ri bratach na h-Albann: crann (noSaltire) le leòmhann dearg na theis meadhon
agus a’ cuimhneachadh nan inneasan a bhiodh aig balaich Leòdhais air na ceàrnaidhean sin. ’Se baile mòr brèagh a th’ann a Halifax, agus tha iad ag ath-nuadhachadh an t-seana-bhaile gu sgoinneil. Bha taisbeanadh de ealdhain Albannach a’ dol ann an gaileiridh an sin.
’Sann ann a Halifax a tha Oilthigh Dhalhousie, agus tha cruinneachadh de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig aca ann an Tasg-lann Poblachail Albainn Nuaidh an sin. Chunnaic mi làmh-sgrìobhainn Bàrd Thighearna Cholla ann, is an làmh-sgrìobhainn a dh’fhàg an Lighiche Eachann MacGhillEathain as a dhèidh (an Lighiche sin air an deach Johnson is Boswell a shealltainn am Muile ann an 1773). Tha grunn de làmh-sgrìobhainnean ann cuideachd a rinn an t-Urr. Donnchadh Blàr, agus thug mi an t-òran seo a aonan dhiubh.
Losgadh Tombaca
(An deicheamh cuspair ann an Leabhar 10 (D. B. Blair) ann an Cruinneachadh nan Làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig an Taigh-tasgaidh Poblachail Albainn Nuaidh, Oilthigh Dhalhousie, Halifax)
EARRANN 1. LE NEACH EILE [is dòcha Blàr? ]
Tha ’n lus o India, nis ruadh,
San latha gorm, san oidhche buaint’,
’G ràdh theid thu eug;
Gach feòil is feur.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Tha phìob seo, lag mar lili bàn,
A’ cur an cèill gum faigh thu bàs.
Mar sin do chruth,
Ma bheanar riut.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Nuair theid an deatach suas gu h-àrd,
’N sin chì thu dìomhanas gun stà
Gach saidhbhreis saoghalt’
Air falbh le gaoith.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Nuair bhios a’ phìob neoghlan a-steach,
’N sin chì thu d’anam breun le peac’,
Oir feumar teas
Ga dèanamh deas.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Nuair thilgear leat an luath air falbh
’N sin canaidh tu riut fhèin gu dearbh
Gur duslach thu,
’S gum pill gu h-ùir.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
EARRANN 2. Le Ralph Erscin
’N do ghearradh ’m meangan seo gu d’fheum?
Mar sin bha ’m Meangan Cliùiteach treun:
Thig trocair uaith
Gu crìch as uaisl’.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Ma thig sùgh ìocshlainteach a-mach
A lus tìr chèin cho searbh am blas,
Feuch ciod an neart
Tha ’m faillean less’?
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Tha ’n gealladh dùnadh staigh, mar phìob,
’S le beul a’ chreidimh toirt gu d’ chrìdh
Gach feart slàinte
Tha ’n Ròs Shàroin.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Is faoin bhith tarraing pìob neo-laist’,
Mar sin gach meadhon on taobh mach
Gun tein’ o nèamh
Gu d’ chridhe ghleus’.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Tha ’n smùid, mar thùis, a’ dol an-àird,
Mar ’s còir do d’ chridhe ’n ùrnaigh ghnàth,
Le h-èigheach dhèin
Dol chun nan speur.
Sin smaoinich, ’s loisg tombaca.
Tha Leabhar-lann eireachdail aca ann an Oilthigh an Naoimh Frannsaidh Xavier ann an Antigonish, is gu leòr de leabhraichean Albannach is Gaidhealach ann. Chaidh Dòmhnall MacAmhlaigh is mi fhìn a shealltainn air a’ Phiuthar Mairead NicDhòmhnaill an sin. Tha Maureen Lonergan, a bha na h-oileanach agam an Glaschu, a’ teagasg cuideachd anns an Roinn Cheiltich an Antigonish, ’s i air pòsadh am bliadhna fhèin. Chur sinn grunn uairean a thìde seachad cuideachd le Iona Bantrach Chaluim Iain MhicLeòid, a dh’fhàg mu mhìle leabhar Gàidhlig is Gaidhealach is Canèidianach aig an Roinn Cheiltich an Oilthigh Glaschu. Thug ise cuairt sinn anns a’ chàr troimh’n dùthaich timcheall air a’ bhaile.
Iona NicLeòid (as fhaisge air a’ chamara) a’ còmhradh ri Renee NicGhill-Eathain
’Se baile beag brèagh agus fìor cholaisde eireachdail a th’aca an sin.
Ann a Sydney cuideachd tha taigh-tasgaidh aca, fo stiùireadh an Dr. Bob Morgan, far a bheil mòran aca mu eachdraidh Cheap Breatainn.
’Sann an sin a tha Tormod Dòmhnallach, as an Eilean Sgitheanach, ag obair cuideachd. Sheall an Dr. Morgan dhuinn beagan de na bh’aca, eadar leabhraichean is phàipearan is theipichean ciùil is sgeulachd. Agus thug
Louisbourg
Ceann-suidhe na Colaisde, an t-Athair Dòmhnall Caimbeul, air chuairt sinn seachad air Abhain Mhira, gu ruig Daingneachd Louisbourg, a chaidh a cur ris an làr sa’ bhliadhna 1758, nuair a bhriseadh cumhachd nam Frangach anns a’ cheàrnaidh sin. Ach chuir a’ chuibhle car, agus tha an daingneachd a-nis ga togail as ùr, mar a bha i anns an linn sin, agus Fraingeis is Beurla taobh ri taobh, air pàipear ’s air film ’s air teip.
Tha Fraingeis is Beurla taobh ro taobh cuideachd air gach pacaid is canastair is crogan bidhe a chì thu. Abair dòigh mhath air dà chànan a chumail a’ dol còmhla. Tha thìde againn a leithid a dhèanamh leis a’ Ghàidhlig – agus dhèanadh, nam biodh Riaghaltas againn aig a robh bàidh ris a’ Ghàidhlig.
Tha cuid de na seann Innseanaich fhathast rim faicinn anns an tìr, na daoine leis a robh i mus tainig na Sasannaich is na h-Albannaich is na Frangaich. Tha an cànan beò fhathast( ’se Innseanaich den treubh Micmac as pailte an Albainn Nuaidh). Mus do dh’fhàg mi an dùthaich chuir mi an dàn seo ri chèile, ann a Halifax:
Tha aodannan leathainn
nam Micmac ’s nan Eskimo
duilich am mùchadh:
chì mi ban-Innseanach
air chùl nan grìogagan
am bùth a Halifax;
chuala mi mu bhan-Eskimo
am Montreal —
cha bu dùirig dhi
an cuireadh a dhiùltadh
a dhol a laighe
le fear nach b’fhiù leath’ —;
’s ged a tha aodannan
nan Ameireaganach plaomach
chan ionnan an gaol
ris an dùthaich dhùir seo:
chan eil a blonaig air an gruaidh.
Uime sin
cuiridh mi m’aghaidh
air mo dhùthaich fhìn,
air a bheil an aghaidh-choimheach,
gun fhios nach gabh i
uair no uair-èiginn
suathadh dhan a’ bhlonaig.
title | O Canada |
internal date | 1979.0 |
display date | 1979 |
publication date | 1979 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThòmais in Gairm 108 %p |
parent text | Gairm 108 |