[66]

GAIDHLIG AN SGOILTEAN EARRAGHAIDHEAL

le Maoilios Caimbeul

O chionn timcheall air bliadhna air ais (san fhoghar78) chuir Comhairle nan Seirbhisean Sòisealta airson Mhuile agus I ceistear mun cuairt pàrantan clann nam bun-sgoiltean. Bha iad airson faighinn a-mach ma bha no nach robh pàrantan ag iarraidh Gàidhlig dhan cloinn anns an sgoil. Chithear anns achlàr fodha seo gu robh cha mhòr na pàrantan air fad ag iarraidh an cànan dhan chloinn aca.

Cha robh an t-Oban agus Lathurna fad air dheireadh ann a bhith acur iarrtas a-staigh airson tidsear Ghàidhlig a thadhladh air sgoiltean na ceàrnaidh sin. Tha e coltach gu robh iadsan air a bhith asireadh tidsear dha na thrì bhliadnachan air ais, ach nach dfhuaireas freagairt dhan t-sanas a chaidh a chur saphàipear. An turas seo bha iad fortanach tidsear fhaotainn a bha ag iarraidh an imrich a dhèanamh à Glaschu dhan Oban.

Se bha buidhe mu dheidhinn an t-suidheachaidh aig an àm seo gu robh Ughdarras an Fhoghluim airson Earraghàidheal agus Bòid deònach tidsear fhasdadh an chuid do Lathurna agus do Muile. San Iuchar bha sanas ann an Tìm an Obain airson tidsear a thadhladh air na sia bun-sgoiltean Muileach, taobh a-muigh Thobar Mhoire. Feumar a radha nach e àm freagarrach a bhann sanas a bhith ann am pàipear-naidheachd agus na sgoiltean air sgaoileadh airson achead samhraidh. Cuideachd cha robh ach aon sanas ann an aon phàipearTìm an Obain. Co-dhiù no co-dheth, aig an àm cha dfhuaras aon fhreagairt airson na h-obrach.

Se call mòr a bha seo. Nam bitheadh tidsear air fhaotainn bhitheadh e ciallachadh gum bitheadh gach pàisde ann am Muile fo dhusan bliadhna a dhaois afaighinn a bheag no mhòr de Ghàidhlig anns an sgoil. A-nis tha


[67] fhios againn gu bheil cuideigin ag iarraidh na h-obrach, ach leis na gearraidhean aig a bhànThatcharach dhfhaodte nach fhaigh duine idir an obair.

Se cùis mhaslaidh a tha seo. Cuimhnich gur e seo an , comhla ri Tòraidhich eile, a tha dèanamh othail mu shaorsa bhith aig pàrantan a thaobh oideachadh an cloinne. Ach ged a tha pàrantan Mhuile air a dhèanamh soilleir gu bheil iad ag iarraidh Gàidhlig dhan cloinn, rud is e an còir, chan fhaigh iad e. Saoil an geàrr iad cuspairean eile far a bheil luchd-teagasg mar tha? ’Sen fhìrinn gun deach tarcais a dhèanamh air Gàidhlig ann an Earraghàidheal o chionn iomadh bliadhna, tha ciallachadh nach eil tidsearan idir ateagasg Gàidhlig anns na bun-sgoiltean anns amhòr-chuid den t-siorrachd. (Bha Gàidhlig ann am bun-sgoiltean Ile gu o chionn ghoirid agus tha i air a teagasg an Tiriodh, tha mi smaoineachadh). Ciamar as urrainn dhaibh a ghearradh nach eil ann? Ma tha gearraidhean gu bhith ann tha fhios gur e bha còir a ghearradh ach cuspairean far a bheil luchd-teagasg mar tha, agus chan e feadhainn anns nach eil ach gann no gin.

Ach tha cuid de dhaoine (cuid dhiubh ann an àrd inbhe) toilichte greimeachadh air leisgeul sam bith airson dìmeas a dhèanamh air aGhàidhlig, air a bheil iad acoimhead, le lèirsinn amh, mar chuspair nach eil airidh air an 20mh linn.

Ationndadh a-nis chun na h-adhartasan chaidh a bhuannachadh an Earraghàidheal. Tha Ughdarras an Fhoghluim air nithean feumail a dheanamh anns abhliadhna chaidh seachad. Chaidh tidsear fhasdadh airson sgoiltean an Obain agus Latharna, agus tha i a-nis atadhal air dòrlach mhath de na sgoiltean beaga. Tha faisg air ceud sgoilear ann am bun-sgoil Thobar Mhoire afaighinn Gàidhlig mar a leanas: 13 bliadhna chairteal na h-uarach san t-seachdain; 47 bliadhnacairteal na h-uarach gach latha.

Chuir an t-Ughdarras Buidheann Obrach Gàidhlig air bhon airson stuth ullachadh agus airson beachd a ghabhail air teagasg na Gàidhlig san t-siorrachd. Tha am buidheann seo air coinneachadh ceithir tursan gu ruige seo. Aon de na nithean a bannasaiche thachairse cùrsa co-sheirbhis (in - service) anns an Oban air an 1820 latha den t-Sultainn. Bha trì tidsear deug ann às na bun-sgoiltean mun cuairt an Obain, cuid gun Ghàidhlig idir nuair a thòisich iad, a thuilleadh air buill aBhuidhinn Obrach.

Se misneachadh mòr a bhann do fhileantaich a bhith afaicinn thidsearan gun Ghàidhlig adèanamh adhartas mìorbhaileach anns achànan fo oideachadh Jake Dòmhnallaich. Aig ceann na trì latha ghabh aon de na tidsearan sin clas ann an aon de sgoiltean an Obain, agus bi a bha sgoinneil. Dhearbh siod dhuinn nach leig a leas neach a bhith na fhileantach airson eòlas feumail a chompàirteachadh ri clas, gu h-àraidh ma tha tidsear fhileanta atadhal air na sgoiltean, mar a tha anns an Oban.


[68]

Ma tha Gàidhlig gu bhith air a teagasg anns an fharsaingeachd feumaidh ni-eigin mar seo tachairt, far am faigh tidsearan a tha deònach an cànan ionnsachadh cothrom sin a dhèanamh aig cùrsaichean co-sheirbhis. Ach dhfheumadh na cùrsaichean a bhith na bfhaide na trì làithean!

Tha cùrsaichean co-sheirbhis eile, mar a bhanns an Oban, air am planadh. Bithidh sinn an dòchas nach tig gearraidhean nan Tòraidheach as an rathad air na planachan ionmholta sin.

Airson geàrr-chunntas a dhèanamh air aghnothaich. Tha gluasad dòchasach atighinn bho Ughdarras an Fhoghluim an Earraghaidheal ach mar as dual tachairt a thaobh na Gàidhlig tha cion an airgid abagairt tuisleadh a thoirt sachùis. Agus chan eil, gu ruige seo co-dhiù, de mhoit agus de uaill aig luchd an fhoghluim anns aGhàidhlig agus gun aidich iad gu bheil i airidh air cul-taic sam bith os cionn chuspairean eile, ged tha làn-fhios againne gu bheil, an dèidh an dìmeas a dhfhulaing i, agus a tha i fulang, aig ùghdarrasan foghluim agus ùghdarrasan eile.

titleGàidhlig an Sgoiltean Earraghaidheal
internal date1979.0
display date1979
publication date1979
level
reference template

Maoilios Caimbeul in Gairm 109 %p

parent textGairm 109
<< please select a word
<< please select a page