[203]

THA trì bliadhna bhon a chuir Rùnaire na Stàite air chois Comhairle Rannsachaidh gu bhith adeanamh sgrùdadh agus beachdachadh air cor na croitearachd air aGaidhealtachd. A nise, mu dheireadh thall, tha tagraidhean na Comhairle sin air a dhol troimh chìr mhìn an Riaghaltais, agus mum bi an àireamh so de Ghairm ann an làmhan an luchd-leughaidh tha còir gum bi sgeul againn air dreach agus tuar aChoimisein ùir. ’Se an Coimisean sin am prìomh rud a dhiarradh leis aChomhairle Rannsachaidh an uiridhmar a chuir sinn an céill ann an Aireamh 8 de Ghairmagus is ann air aChoimisean sin a bhios an crochadh muilinn no eaglais a dheanamh de gach puing eile a thogadh leis an Ollamh Taylor agus a chuideachd.

Anns acheud dol a mach, tha sinn toilichte a chluinntinn gum feum Gàidhlig a bhith aig aon de bhuill aChoimisein so. Tha sinn acur meal-an-naidheachd air an tùr a rùnaich so, agus tha sinn uasal as na Buill Pàrlamaid Albannach a bhùrd as Sir Uilleam Darling an uair a chuir e teagamh ann am feum na cànaine anns aghnothach so.

Ach tha luchd Gàidhlige agus luchd Gàidhlige ann, agus, an uair a dhainmichear ball Gàidhlige aChoimisein tha sinn an dòchas nach ann air a theangaidh a thaghar e ach air a thuigse air ceisdean cudthromach na croitearachd. Tha iad ann, agus gu leòir dhiubh, a tha adeanamh am beò-shlaint air fearann na Gaidhealtachd. Bheireadh e aobhar dòchais air chor-eigin do chroitearan aChinn a Tuath nan deidheadh fear dhiubh sin a roghnachadh, ’s chan e giobal a oifis ann an Glaschu non Dun-éideann.

Far am bin ceann, bithidh acholainnma dhfhaodas sinn an sean-fhacal a chur cas-ma-sheach achsen fhìrinn bhochd gu bheil sinn buailteach sin a ghabhail cus gu cridhe. Le prìomh oifis aChomuinnoifis Ghàidhlig aBh.B. C. —seadh, oifis Gairm fhéinagus iomadh oifis eile a bhith ann an Glaschu, tha sinn an cunnart a dhiochuimhneachadh nach ann an Glaschu a tha grian na Gàidhlige alaighes ag éirigh ach anns aChuan Shiar a tha ag iathadh mu na h-Eileana an Iars mun Iarthuath. Mar sin, tha e ann an comas aChoimisein so ceum aghliocais a nochdadh don chòrr, ma chuirear urram beag an taghaidh air fear aig a bheil blas agus tuigse na talmhainn air a chuid Gàidhlig. Agus, eadhon ged a dheanadh e mearachd bheag an gràmair an suds an so cha chamamaid guth.

titleAs a’ Chathair
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page