H. A. Thurston, Scotland’s Dances. 160 t.d. (Bell, 11/6)
’S leabhar beag feumail a tha so do dhuine nach eil ro fhiosrachail mu dhannsa, is mu eachdraidh nan dannsam Albannach is Gaidhealach. Ged nach eil diagraman anns an leabhar tha mìneachadh air a thoirt seachad air ceumannan nan dannsan, agus air a’ bhuntanas a tha aig caochladh sheòrsachan dhannsan ri chéile. Mar sin, tha an t-ùghdar ag innseadh dhuinn gum buineadh an dannsa“Strip the Willow”do dhannsan a bha a’ riochdachadh fighe aodaich, agus tha e ag ràdh gum b’ann a Lochlainn a thainig na “dannsan figheadaireachd” sin o thùs.
Ach chan eil eachdraidh nan dannsan air an cur sìos an so gu h-òrdail pungail idir. Tha criomag air a thogail as a sud is as a so, ach cha do chuireadh na bloighean ri chéile ro mhath. Chì sinn gu bheil buntanas aig dannsan Albain Nuaidh ri dannsan na seann dùthcha, is tha ainmean aca air dannsan mar a tha “MacDhomhnuill Shléibhte” agus “Macleòid Leódhais”. Ach chan eil guth air cuin a chaidh an cruthachadh. Tha beagan ’ga thoirt seachad mu’n bheul-aithris mu Ruidhle Thulachain, ach chan eil guth air ainm an duine a bh’anns a’ bheul-aithris—Iain Dubh Geàrr. Bha mi ’n dòchas gum faighinn fiosrachadh na bu chinntiche mu’n dannsa “Seann Triubhas,” ach cha d’ fhuair.
Tha ainmean Gàidhlig gu leòir air feadh an leabhair so. Is cinnteach gun gabhadh barrachd soluis a chur air eachdraidh dannsa nan tugadh duine sgrìob mhath air litreachas na Gàidhlige. Tha obair an so do chuideigin, is ged nach biodh i ro chudthromach, b’fhiach i a dèanamh.
R. R.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scotland’s Dances) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | R.R. in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |