Johnston’s Clan Histories. “Na Rothaich” le Frisealach Reilig, agus “Clann ’Illeathain” le Iain MacEachainn. Clo-bhuailte le W. & A. K. Johnston, Dun-éideann. Pris, 5/- an urra.
Tha dà leabhar bheag eile air tighinn am follais anns an àireamh a thatar a’ clo-bhualadh le W. & A. K. Johnston fo’n ainm“Johnston’s Clan Histories. ”Is iad so, Eachdraidh Chloinn ’Illeathain, agus Eachdraidh nan Rothach. Leabhraichean beaga, le deich duilleagan fichead anns gach fear. Chan iad idir a’ cheud fheadhainn. Chunnaic sinn mar thà, anns an dearbh chumadh agus aig an aon phrìs, eachdraidhean nan Camshronach, nan Domhnallach, nan Caimbeulach, nam Frisealach, nan Griogarach . . . iad sin agus Clann ’IcGriogair, Clann ’IcCoinnich, Clann ’IcAoidh agus Clann ’IcLeòid.
Anns an là anns a bheil sinn beò, tha ùidh do-chreidsinn ann an eachdraidhean nam fineachan agus nan teaghlaichean Albannach. Ach, mar is trice, chan e am fàsach do’n duine chumanta, lorg fhaotainn air leabhraichean aig prìsean ciallach—leabhraichean anns an lorg e am beagan a tha dhìth air. So iad mu dheireadh thall. Air a’ cheud duilleig—no duilleagan—tha iad a’ toirt dealbh riatanach de tartain; an deidh sin tha iad a’ sealltainn bràisde agus suaicheantas an Triath. Tha duilleag eile a’ sealltainn clàr na h-Alba, agus a’ cur an céill nan àiteachan do’m buin gach fine. Cha chan duine sam bith gu bheil an eachdraidh a tha ’leantainn trom no domhain, ach ni i chùis, agus tha na clo-bhualadairean a’ deanamh oidhirp dhìchiollach gu daoine comasach a lorg airson an eachdraidh sin a sgrìobhadh. Tha gu ruigeas na puirt pìoba a bhuineas do gach teaghlach air an ainmeachadh, agus na cinn-feadhna air an sloinneadh air ais cho fad ’s a ruigeas eachdraidh. Tha sin anns na leabhraichean so ’s an còrr. Agus mar a fhiach sin crùn chan eil fios agamsa dé ’s fhiach!
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (“Na Rothaich”) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |