W . S. Thomson, The Highlands in Colour,64 t.d. (Oliver and Boyd,1954) 12/6.
Tha luchd-leughaidh Gairm eòlach air na deilbh aig W. S. Thomson as a’ Ghearasdan, fhaicinn, ach mo thruaighe, ’sann an dubh ’s an geal a tha iad air an toirt am follais againne. Ach anns an leabhar so tha trì fichead dealbh-camera ’s a trì air an cur an clò, leis gach dath a tha air aodann na dùthcha, gun luaidh air dathan na mara is nan speur. Is brèagh an leabhar a chuir MacThómais ri chéile. Shiubhail e fada is farsuing air tir-mór na Gaidhealtachd agus anns an Eilean Sgitheanach, agus is dòcha gun toir e leabhar eile dhuinn anns am faic sinn na h-eileanan eile. (Tha e air leabhraichean-dhealbh a chur an clò mar thà air Barraidh is Tiriodha agus air Muile is I.
Ann a bhith a’ toirt sùil air leabhar de’n t-seòrsa so lorgaidh duine na h-àitean air a bheil e fhéin eòlach, agus thug e ’nam chuimhne, le taitneachd, làithean samhraidh is geamhraidh an Siorrachd Pheairt, an Geàrrloch, an Cataibh, am Bràigh Mhàirr. Bheir mi sùil air iomadach uair fhathast, is ballachan liatha a’ bhaile mhóir a’ magadh orm troimh ’n uinneig.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Highlands in Colour) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |