[217]

Marsaili Nan Oran

Le STIUBHART MAC-AN-T-SEALGAIR.

FHADS a thogar fonn air òran Gàidhlige, bithidh daoine aconnspaid mu obair Marsaili NicUalraig-FrisealMarsaili nan Oran, no Marjory Kennedy-Fraser mar a theirear rithe anns aBheurla. Their cuid gun tug i am mionach as na h-òrain Ghàidhlig; their cuid gun do rinn i meabain de na fuinn; their cuid, air an làimh eile, gun do spìon i móran as an tiùrra leis am biodh an làn air falbh mur a bì. Co-dhiùbh no co-dheth, aidichidh a h-uile duine gun tug i òrain Innse-Gall gu cluas mhór an t-saoghail, agus cha chan móran gum bu droch rud sin.

Rugadh Mairead Cheanadach, mar a bhinnte an uair sin, ann an 1857nighean do sheinneadair ainmeil, Dàibhidh Ceanadach, a bha iomraiteach air clàir-ciùil an t-saoghail. Bha an teaghlach uile cho ceòlmhor ris na smeòraich, agus cha bu chùis iongnaidh e, mar sin, gu robh Marsaili, on bha ina gurc, air a teagasg ann an eachdraidh agus ann an cluiche ciùil. Gann a ruigeadh i air an stòl, an uair a bha i acluiche aphiàno da h-athair, agus cha robh i ach fichead bliadhna dhaois an uair a chaidh i comhla ris air chuairt sheinn do dhAstràilia.

An diugh, tha siubhal adhair agus siubhal mara air Astràilia a thoirt gu bun na h-ursnach, ach, an uair sin cha ben sùgradh idir aghaidh a chur air taobh shìos an t-saoghail. Sheòl i air abhàta siùil, “Am Ben Ledi” —nach robh idir cho comhfhurtails a bha i dìonachaguss fhiach an turus ainmeachadh ged nach nochdadh e ach nach robh dìth smiora air Marsaili.

An deidh cuairt Astràilia, thug Dàibhidh Ceanadach leis triùir den teaghlach air chuairt-sheinn eile do dhAfrica. Cha be sin móran a bfhasa, oir chaidh iad an null an uair a bha cogadh nanZulusaig a theas. Thug iad am beatha as a sin cuideachd, agus chaidh iad don Eadailt far an robh Marsaili afaotainn teagasg mar sheinneadair. Fhads a bha iad ann am baileNiceair chuairt, chaidh triùir aca do fhear de na tighean-seinn a dhéisdeachd ri seinneadair ainmeil, La Donadio, aseinn ann anLucia”; chaidh an tigh-seinnna theine, agus anns an ùpraid a bhann, chaidh an triùirSeumas, Ceit agus Ealasaid a mharbhadh. Cha dfhuair Dàibhidh Ceanadach seachad air an tubaisd riamh.

Cha robh Marsaili ach cóig thar fhichead, ann an 1882, an uair a nochd i acheud ùidh ann an òrain Ghàidhlig. Chuir i trì ann an rian seinn airson trì guthan— “Guma slàn a chì mi,” “Fear aBhàta,”



[218]

[Dealbh]
Marsaili agus Patuffaan nighean aice a tha nise pòsda mu Dheas



[219]

[Dealbh]
An teaghlach aig Daibhidh Ceanadach. Chaidh triùir dhiubh a chall anns an teine ann anNice.’

agusMo nighean donn bhòidheach” —agus thug im follais iad air na clàir-sheinn cho trics a burrainn dhi.

Ann an 1887, bliadhna an deidh bàs a h-athar, phòs i Alasdair Friseal a bha ateagasg ann an Colaisde Sheòrais Watson ann an Dun-éideann. Bha e gealltanach mar fhear teagasg ach cha robh e riamh tapaidh am bodhaig agus chaochail e an deidh trì bliadhna deug de dhroch shlàinte ann an 1890. Sguir Marsaili a sheinn, agus rinn i a dachaidh le a dithis chloinneDàibhidh agus Patuffaann an Dun-éideann fhéin, far an do rinn i beò-shlàint le bhith ateagasg seinn agus cluiche piàno.

Greis an deidh bàis a céile, thugadh fiathachadh dhi òraid a thoirt do choinneamh ann an Dun-éideann. Roghnaich i mar chuspair, “Ceòl nan Ceilteach,” agus rinn i seòrsa de thrusadh cabhagach, air fuinn as cóig dùthchannan CeilteachEireann, AChuimrigh, Eilean Mhanainn, ABhreatainn Fhrangach agus Alba fhéin. Ri linn sin, fhuair i greim air cruinneachadh de dhòrain as aBhreatainn Fhrangaich a rinneadh leis an Ollaimh Ducoudray ann am Paris, agus bhuail e oirre gum bu chòir an dearbh sheòrsa trusaidh a dheanamh air òrain Ghàidhlig na h-Albann.

Be Iain MacDhonnchaidh, fear dhealbh, a chuir cagarna cluais mu Eirisgeidh, agus, mu dheireadh thall thug i sgrìob don eilean sin far an robh Maighstir Aileanna shagart aig an ám. Thill i do Dhun-



[220]

[Dealbh]
Marsaili agus Coinneach MacLeòid. So mar a bhiodh iad agiùlan an inneil recòrdaidh ann an Eirisgeidh.

éideann le móran de fhuinn Ghàidhlig, ach cha robh sgeul aice air facail gus an dfhuair i iad bhon Ollamh Alasdair Mac GilleMhìcheil. Besan a thug i fhéin agus Coinneach MacLeòid gu chéile, agus, eatorras iad, thug iad am follais acheud leabhar deSongs of the Hebridesann an 1909.

Rinneadh othail mhór mun leabhar an uair a nochd echaidh na mìltean leth-bhreac dheth a reic, agus chan fhóghnadh leis an t-saoghal ach am barrachd le dhòrain nan Eilean.

Mu dheireadh bha ceithir leabhraichean tomadach ann an clò gun ghuth air móran de dhuilleagan eile.

Mun do chaochail i, ann an 1930, chuir Marsaili nan Oran am mach leabhran, “The Life of Song, ”anns a bheil eachdraidh a beatha agus a h-obrach air innseadh. Tha i air a tiodhlacadh ann an Eilean Ithe, far a bheil a clach uaghach atoirt iomraidh air a h-ùidh anns na h-òrain Ghàidhligclach lìomhach air a bheil na facailThig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol is ceòl.”

Tha a dithis chloinne beò, slàn, fhathast. Tha Dàibhidh afuireach ann am Muileann Dhài(Milngavie)—tha e nise trì fichead bliadhnas a seachd a dhaoisagus tha Patuffa pòsda aig ministear anns an Eaglais ShasunnaichAn t-Urramach Hoodagus acòmhnaidh ann an Sasuinn, faisg air Newmarket.

titleMarsaili Nan Oran
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Stiùbhart Mac-an-t-Sealgair in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page