Beagan mu’n t-Seanchaidh
Le CALUM MACGILLEATHAIN, Conan
IS e Aonghus Og a bha air an Luachair a thuirt “cha teirig seanchas,” agus is iomadh seanchas fada a rinn Aonghus ’na latha, agus is ann aige fhéin a bha an gnothaich ris. Nach e a thuirt ri Seumas Mór, agus e ag innseadh dha mar a chunnaic e mac Fear Thùisinis, is a nighean cuide ris, aig Gearraidh na h-Aibhne, “Gu sìorruidh bhràth a shaoghail, a Sheumais, ach am peirceall a bh’ air Meig.” Agus ri mo cheud chuimhne bha feadhainn eile ann a dhèanadh deagh sheanchas fada an deagh Ghàidhlig gun mhilleadh gun mhabadh gun mheirg.
Ged a bha fuidheall de sheanchas na Féinne is nan Gaisgeach eile, le an earradh uaine an earradh glas is an earradh dearg, ann ri linn mo sheanar, is e fuidheall ro bheag buileach a rug air m’ òige. Ach bha Iain na h-Airde Bige an uair a thàinig e do’n sgoil san Scarpa agus rann aige orra, agus e air a thogail cuide ri bodaich a dh’ fhanadh ri seanchas a dheanamh! Ged a chaidh sin as mo chuimhne is ann aig Iain is e ’na bhrogach a chuala mi, “Chan eil a san doimhneachd no a san fhuarachd an ceithir rann-ruadh an Domhain na chrathadh mo sheuna còmhnaidh ach Iain Mór mac an t-saighdeir ann an Alba.” Agus ged a tha Iain beò an diugh, an Càrnais, cha rachainn an urras gu bheil dad air cuimhne aige, ged a bha “naidheachd an Fhir Mhaoil gun fhalt” aige do na balaich Scarpach is e air ùr-thighinn do’n Eilean.
“Thuirt e rium,” is “thuirt mi ris,” “ars esan” is “arsa mise,” agus e aca facal air an fhacal. An uair a bhiodh Ruairidh MacLeòid ri seanchas chan e mhàin gum biodh na facail aige ceann sreath ach bhiodh am blas a bha air gach seòrsa Gàidhlig a labhradh na daoine fa leth aige a cheart cho cinnteach, biodh duine Ileach no Catach.
An uair a thàinig na leabhraichean maiseach sin as an Eilean Mhór no Am Blascaod, air ceann an iar-dheas Eireann, bha an dearbh bhuaidh orra, bha iad cho làn de’n iomradh air na dearbh bhriathran a bha aig daoine. Is ann mar sin a bhiodh na Gaidheil a’ dol ris an t-seanchas, mu dheireadh có-dhiùbh.
Tha cuimhne agam air Lachlann MacLeòid a bhith turus san Scarpa agus chaidh sinn a chéilidh air Seonaidh Shothaigh, mar a chanadh na h-eòlaich. Bha Seonaidh air seanchas a dhèanamh dhomh bliadhnaichean roimhe sin air nithean tur neo-àbhaisteach a thachair, aon oidhche, sa’ Cheàrdaidh san t-Ob, agus an turus ud a bha Lachlann cuide rium dh’ iarr mi air Seonaidh an seanchas innseadh agus rinn e sin gu togarrach, agus thug mi fainear gu socair, mar a rinn e an dearbh sheanchas air an dearbh dhòigh agus gun e fàgail nì as no a’ cur nì ùr ’na cheann. Bha an rud a chunnaic is a chuala e aige math!
Ri linn a’ Chogaidh mu dheireadh thuirt Coinneach MacGilleathain as an Taobh Tuath sna Hearadh ri fear a bha cur ceist air, “Bha e ann! Mur biodh e ann cha bhiodh e aig a’ bhodach.”
B’ e am bodach a sheanair, agus abair seanchaidh, agus bha Coinneach làn-chinnteach nach robh dad aig a sheanair ach mar a chunnaic is a chuala e. An uair a rachadh duine thar nan crìochan sin cha bhiodh ann ach blabhdaire, agus cha b’ ann tric a bhiodh bun is bàrr air an rud a bhiodh aig blabhdaire. Cha bhiodh am blabhdaire ach a’ blabhdaireachd agus cha b’ fhiach dhut a dhol fada le a chainnt
no a chunntas. Ach an seanchaidh ciallach, dòigheil cha robh e riamh gun fios is fiosrachadh, agus chan fhaiceadh e duine ’ga fhàgail cho falamh agus a thàinig e.
Bha uair, gun tà, nach robh an seanchaidh Gaidhealach an eisimeil a chuimhne a mhàin, ged a bha cuimhne mhath aige agus cainnt da réir. Bha na Seanchaidhean o shean ’nan luchd-sgoile. Bha an seanchas sgrìobhte aca! Bha an sgoil a bha aca ’gan leantainn mar mhuinntir aon tighe no teaghlaich ’nan ginealaichean gnàthaichte, agus i aca mar cheàird no mar aon aobhar, seadh is ’na cosnadh oir is ann orra bha iad a’ tighinn beò. Bha fonn is fearann aca is bha inbhe is ionmhas aca air thàilibh an cuid sgoile! An uair a chruinnich O Cléirigh, an Eirinn, an t-eòlas mór farsuing a fhuair e agus na Goill air buille a’ bhàis a thoirt do sgoilearan agus Seanchaidhean móra nan Gaidheal chaidh aige air innseadh, gu ceart, fìor, a réir an latha ’s a’ bhliadhna, có aige an d’ fhuair e na sgrìobhainnean agus càit an do rinn e fhéin coipi do’n réir. Bha e fhéin de shliochd nan Seanchaidhean Gaidhealach sin, agus bha càch gu còir pailtlàmhach aige an uair a ràinig e iad a’ sireadh an eòlais a bha aca. Thàinig an dà latha air Gaidhealtachd araon an Eirinn is an Albainn. An deidh dol á stoc do Clann Mhuirich theirig an seanchas sgrìobhte an Albainn agus chaidh na seann sgrìobhainnean iad fhéin air chall is a dhìth gun diù gun dragh. Bha an uair sin an seanchas uile gu léir an eisimeil na cluaise is na teangann, agus is ann a’ sìor dhol as a bha an seanchas agus e nis air a’ bhòrd beag gun duais air a shon is gun urram dha ach gun tugadh luchd-céilidh gu deireadh, urram na h-éisdeachd do’n t-seanchaidh a dheanadh seanchas mar bu chòir da!
Ach bha taobh eile air A’ Mhaoil. Bha a’ Bheurla a spàrr na Goill air na Gaidheil a’ fàs agus bha luchd-togail na Beurla dol gu leabhar a rìs le naidheachd is seanchas, ach, cuimhnich, e aca am Beurla. Dh’ fhàg cuid de na daoine a chuir air mhaireann an t-eòlas a bha aca ulaidhean againn am Beurla mar sin fhéin.
An Leabhar-lann Baile Steòrnabhaigh tha Sgrìobhainnean an “Sgoileir Bhàin.” Tha cuid againn an dùil gur h-iad na leabhraichean tana a sgrìobh e dad as luachmhoire tha aca ann. Bha esan ’na sheanchaidh ceart agus tha call ann nach robh e an comas da an seanchas a dhèanamh an sgrìobhainnean Gàidhlig, oir is ann mar sin a bhiodh an comas ceart aige. Is e a rinn e a sheanchas a chur am Beurla de’n t-seòrsa lom a bhiodh aca an uair a chuireadh sgoilean Beurla suas air tùs san Eilean Fhada. Is ann ’na Mhaighstir-sgoile bha “An Sgoilear Bàn” air tùs agus is ann sna Hearadh a thòisich e agus is ann an Leódhas a sguir e, agus e dol gu ceàird ùr dha fhéin, a’ chùbaireachd. Carson a bhiodh e ri sgrìobhadh mar sud? Is dòcha leinn gu robh dìreach air son cur seachad dha fhéin, agus a cheart cho dòcha a chum agus gum biodh cuimhne bhuan aige ri a làimh air na bha e lorg de eòlas air eachdraidh nan Eilean a lìon beag is beag. Tha fhios cuideachd gu robh fèith is nàdar an t-seanchaidh ann, agus gu robh e cho math air seanchas innseadh am measg nam bodach agus a bha e gu éisdeachd far am faigheadh cluas mhath Ghaidhealach a lom-làn eadar na Hearadh is Uig. “Bha là dhe sin.”
An diugh tha féill ùr air seanchas. Thà is air seanchaidhean, ach an uair a bha iad aig am feabhas cha robh an saoghal mór Gallda an dùil gu robh luach a’ ghamhainn ruaidh air fear seach fear aca!
title | Beagan mu’n t-Seanchaidh |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Calum MacGilleathain in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |