Cuairt an Arcaibh
LE SEUMAS MACTHOMAIS
’S iomadh là is bliadhna o bha mi ’miannachadh cuairt shamhraidh gu ruig Arcaibh. Chan e nach do thadhail mise an Arcaibh a roimhe, agus chan e a’ chuimhne b’ fheàrr a thug mi leam as. Ghabh mi an cothrom aon uair maille ri oileanaich eile air soitheach bathair a bha dol eadar Obar-dheadhain agus Steòrnabhagh timcheall a’ Chinn a Tuath. Chan e na bha thlachd agamsa a bhith air muir a chuir an rathad mi, ach gu innse dhut-sa, a chionn nach robh am faradh daor.
Bha an turus-cuain réidh, gasda a’ tòiseachadh, agus cha robh fear de na balaich againn air bòrd nach robh a’ chùis a’ còrdadh ris gu ro mhath. Dé b’ fheàrr na bhith sitheadh air bhàrr nan uisgeachan ri fiath nan eun? Có nach deanadh maraiche? Ach a bhalaich ort, mur an robh car eile an adhairc an daimh mus robh an oidhche seachad! Shéid a’ ghaoth an ear nuair a bha sinn a mach a Gallaibh, agus ghluais na bòc-thuinn gu nuallanach. Thòisich an t-soitheach mhór ri turracadaich o thaobh gu taobh, sìos is suas, air ais ’s air adhart. Ma thòisich, sguir an t-aighear agus an ceòl agus an gàire. Shlìog fear an deidh fir fo rùm, agus ’s e fear sgiobalta bhiodh air thoiseach air càch.
Nuair a bha sinn a’ dol troimh an Chaol Arcach, ’s an fhairge air bhoil le sruth lìonaidh, bha gach mac màthar ’na shìneadh air ùrlar na soithich, coma ged a b’ e an grunnd fhéin an cala, nan sguireadh an snìomh ’s an luasgan mallaichte a bha ’gar claoidh. Gach mac màthar ach Dòmhnall, ’s e bu chòir dhomh a ràdh. Bha esan ’na shuidhe air beulaibh a’ ghealbhain gun sùil thruais air càch, a phluic làn de bhiadh-slighe na bha ’gan aoirneagaich fhéin air an làr. Fhuair esan aiseag fharasda, ach theab sinne am bàs fhaighinn. Faradh ann no as cha chuireadh coin a’ bhaile an t-slighe ud sinne rithist. Rinn sinn Stromness dheth mu ghlasadh an latha.
Ach is fhada o’n oidhche bha sud, agus is farsuing a sgap na gillean gasda a bha air bòrd. Saoghal sona dhaibh ge be àite a bheil iad.
O chionn dà shamhradh air ais sheòl mi troimh an Chaol Arcach aon uair eile, ach cha robh ànradh cuain ann agus rinn sinn cala dheth mar gum biodh sinn a riamh air muir. Cha do leig mise dad orm ri duine beò a bha air bòrd gu robh cuimhne agam air là eile agus gum bì.
Chuir mi dà sheachdain seachad air Tìr-Mór Arcaibh, mar a their iad fhéin ris an eilean anns a bheil an dà bhaile puirt, Kirkwall agus Stromness. ’S iomadh nì a chunnaic agus a chuala mi am measg an luchd-àitich fad na h-ùine sin, ach aig an ám-sa cha dean mi iomradh ach air tuathanachas nan Arcach.
Tha eileanan gun àireamh ri deanamh suas na siorramachd-sa, ach chan eil ach fichead dhiubh air a bheil daoine ri fuireachd. Tha ceithir mìle deug de’n aon mìle fichead a tha ’g àiteach nan eilean air Tìr-Mór. Mar a thachair anns na h-Eileanan a Siar againn fhéin, tha àireamh an t-sluaigh a’ sìor dhol nas lugha. De’n dà mhìle dheug ar fhichead a bha aon uair an Arcaibh, chaidh móran diubh gu deas agus gu tìrean céine a sholair an teachd-an-tìr nuair nach robh cùisean cho soirbh aig an tigh agus a tha iad a nis.
Ged a shaoilear gu bheil Arcaibh seachranach tha soitheach a’ dol ’s a’ tighinn gach là eadar Inbhir-Theòrsa agus Stromness agus tha bàta bathair a’ ruith eadar Kirkwall agus Obar-dheadhain dà là san t-seachdain. Faodar aiseag adhair fhaighinn eadar Arcaibh is Inbhir-Nis, agus Obar-dheadhain gach aon là tha freagarrach.
Bha uair a bha an t-iasgach feumail an Arcaibh. Nach minig a chuala sinn mu’n iasgach samhraidh an Stronsaidh, ach an diugh, mar a dh’innis bodach dhomh air an laimrig aon là, chan eil bàta iasgaich a’ tighinn gu cala le sgadan idir. Tha beagan ris na giomaich anns na h-eileanan as iomallaiche fhathast.
Tha a’ mhór chuid de’n t-sluagh a’ toirt am bith-beò as an talamh. O chionn leth cheud bliadhna is còrr bha Arcaibh a’ cur móran gràin, coirce is eòrna, dh’ionnsaigh Lochlainn agus gu deas, ach sguir sin. Thuit prìs an t-sìl agus biadh bheathaichean roimh ám a’ Cheud Chogaidh agus thuig tuathanaich Arcaibh gum pàidheadh e na b’ fheàrr dhaibh crodh àrach. An àite mìltean tonna gràin a bhith fàgail Arcaibh gach bliadhna ’s ann a dh’fheumas iad biadh bheathaichean a thoirt á duthchannan eile nis a chionn nach cuir an talamh dheth de bhàrr na bheathaicheas an stoc a tha air fàs cho lìonmhor.
O chionn fichead bliadhna thòisich iad air cearcan a chumail ann an lìonmhorachd, agus an diugh chan eil taca gun àireamh mhath chearc. ’S ann leis na h-uighean a tha bean an tighe a’ ceannach gach goireas a dh’fheumas an teaghlach.
Fad an dà chogaidh mu dheireadh chruinnich àireamh mhór sheòladairean mara is adhair do dh’Arcaibh. Dh’fhosgail so margaid ùr do thoradh an fhuinn, agus fad a’ chogaidh mu dheireadh gu sònraichte bha feum air barrachd bainne na bha e an comas nan tuathanach an toiseach a thoirt seachad. Bhrosnaich so iad gu crodh bainne a chumail a thuilleadh air na bha aca.
Nuair a sguir an cogadh ’s a dh’fhàg na seòladairean cha robh an aon fheum air bainne ach ghabh an riaghaltas cùram a’ ghnothaich, agus thogadh tighean bainne, aon an Kirkwall agus fear eile an Stromness, far a bheil bainne gach maidne air a thionndadh gu càise a thatar a’ reic air feadh Alba.
Bha uair a bha Arcaibh air a roinn ’na oighreachdan farsuing ach o chionn leth cheud bliadhna air ais thòisicheadh air briseadh sìos nan oighreachdan sin ’nan tacannan beaga is móra. An diugh tha ochd tuathanaich as a h-uile deich leis a bheil am fearann a tha iad a’ làimhseachadh. Tha mu dhà mhìle is trì cheud taca ann bho chóig gu leth cheud acair an té, trì cheud trì fichead ’s a naoi bho leth cheud gu ceud acair, agus mu cheud gu leth os cionn ceud acair.
Le còmhnadh Bòrd an Fhearainn tha mu chóig ceud acair de thalamh ùr ’ga thoirt a steach gach bliadhna, talamh cnocach agus talamh ìosal, bog. Anns an talamh ùr-sa fàsaidh troimh ùine chan e a mhàin feur math ach mar an ceudna pòir eile. Tha gainmheach shligeach pailt mu na cladaichean, agus tha i ro fhreagarrach airson talamh searbh a dheanamh milis.
So cuid de na nithean a tha comharrachadh a mach an seòrsa tuathanachais a tha na h-Arcaich a’ deanamh:—
Tha iad a’ cur na talamhainn uile gu ìre, agus tha toradh fìor mhath aige ’ga ghiùlain. Chan eil na bailtean fearainn cho mór ’s nach oibrich an teaghlach na ’s leotha fhéin, no cho beag ’s nach toir gach teaghlach am bith-beò as.
Tha na tuathanaich an urra gu mór ri acfhuinn oibreach, tractoran de gach seòrsa, oir chan eil luchd oibreach ann ach buill an teaghlaich. Tha iad a’ cur ùidh gu sònraichte ann am beathaichean—crodh reamhar, crodh bainne, mucan, is cearcan. Tha cuid a’ taiceachadh air crodh reamhar, cuid air crodh bainne, agus cuid eile air cearcan. Ach gheibhear beag no mór de gach seòrsa air gach taca.
Ma rannsaicheas sinn tighinn-a- steach agus cur-a- mach gach seòrsa taca fa leth, gheibh sinn beachd nas fheàrr air mar a tha cùisean ag oibreachadh. An toiseach beachdaichidh sinn air aon taca anns a bheil ochd acairean deug ar fhichead de thalamh àitich a tha gu sònraichte an crochadh air crodh reamhar, mucan, is bàrr. Tha trì acairean deug fo choirce, ceithir fo bhuntàta, trì fo nèip, agus ochd deug fo fheur. Thug an crodh a steach an uiridh £500 , na mucan £850 , cearcan is uighean £600 , buntàta £400 . Tha sin a’ tighinn gu £2 ,493. Tha a’ chosgais, eadar biadh bheathaichean, todhar, tuarasdal, agus acfhuinn àitich, tighinn gu £1976 . Tha sin a’ fagail £517 aig an tuathanach air a shon fhéin a thuilleadh air biadh an teaghlaich.
Seall a nis air taca air a bheil crodh bainne. Tha cóig acairean fichead de thalamh àitich ann, deich fo chlòbhar, agus da fhichead is aon fo ghlasaich.
Tha an tighinn-a- steach mar a leanas:—
Bainne £1300
Trì bà agus sia laoigh 136
Cearcan 40
Uighean 650
[Dealbh]
Tuathanach Arcach a’ treabhadh. Caolas agus beanntan Hoy air a chùlaibh. (John Gosse.)
Tha sin a’ deanamh £2126 . Thàinig a’ chosgais eadar biadh bheathaichean, tuarasdal, todhar, agus acfhuinn àitich gu £1742 5/ -, a’ fàgail £384 . Feumar a chuimhneachadh gur e buill an teaghlaich a fhuair an tuarasdal.
A rìs, chì sinn mar a dh’ oibrich taca chearc a’ bhliadhna air a bheil sinn a’ beachdachadh. So an tighinn-a- steach:
Crodh £455
Caoraich 292
Mucan 1150
Uighean 960
Cearcan 450
Iseanan là dh’aois 3000
Tha an t-iomlan a’ tighinn gu £6440 . So a’ chosgais:—
Tuarasdal £580
Sìol cura 120
Todhar 200
Biadh 3500
Bha da fhichead ’s a cóig de thighean chearc air a’ bhaile-sa, agus bha luach na h-acfhuinn tuathanachais aca a’ tighinn gu £3 ,400.
Far a bheil taca beag bithidh an tighinn-a- steach beag d’a réir, ach is math leotha an dòigh as fheàrr a ghabhail gu bhith solair teachd-an-tìr aisde.
Gu bhith a’ faighinn beachd cothromach air an ùidh a tha aig na h-Arcaich ann am beathaichean bhiodh e iomchuidh àireamh gach seòrsa a tha air an àrach leotha a nochdadh.
Nuair a bha biadh bheathaichean saor agus pailt, mar a bha e eadar an dà chogadh, ghlac na tuathanaich an cothrom agus chì sinn gun do dh’éirich àireamh nan cearc agus nam muc cabhagach.
Anns a’ bhliadhna 1913 bha 250,000 cearc an Arcaibh, ach anns a’ bhliadhna 1936 bha 500,000 ann, agus anns a’ bhliadhna 1952 bha an àireamh an àirde gu 800,000. Chuireadh a’ bhliadhna sin do Lìte agus do Ghlaschu 163,422 pasgan uighean le deich dusan fhichead anns gach pasgan, agus reiceadh iad air 4/7 an dusan.
A thuilleadh air uighean tha ceudan mìle isean là no dhà a dh’aois ’gan reic gach bliadhna.
Anns a’ bhliadhna 1951 bha còrr air naoi mìle crodh bainne, barrachd air dà fhichead mìle crodh reamhar, dà mhìle agus seachd ceud each, seachad air trì fichead mìle caora, agus suas ri sia mìle muc air na h-eileanan Arcach. Anns a’ bhliadhna cheudna bha suas ri 29,000 acair fo choirce, 1,500 fo eòrna, 2,300 fo bhuntàta, agus 7,800 fo nèip. Ach bha 52,000 fo chlòbhar, agus 15,000 fo ghlasaich. Chithear raointean de chlòbhar geal air gach làimh.
Tha an aimsir an ìre mhath fliuch, le gaoithtean cruaidhe gu minig, agus le adhar gruaimeach. Mar sin, cinnidh feur nas fheàrr na bàrr sam bith eile, agus tha na tuathanaich gu mór an crochadh air airson biadh bheathaichean. Is e am buannachd an tuilleadh feòir a bhith fàs riutha gu bhith neo-eismeileach air biadh thar chuan. Sin an t-aobhar gu bheil talamh ùr aca ’ga thoirt a steach gach bliadhna.
Dé nis as aobhar gu bheil na h-Arcaich cho adhartach ann an tuathanachas? Tha barrachd air aon aobhar ann. Tha na tuathanaich iad fhéin ’nan daoine èasgaidh, sgoinneil, agus iongantach làmhcharach. Togaidh iad an tighean fhéin, agus bàthaichean do’n spréidh gun dol an eisimeil luchd ceàirde; agus cha leisg leotha obair sam bith a tha feumail gu bhith leasachadh na talamhainn a dheanamh, no saothair iomchuidh sam bith airson leas an cuid bheathaichean.
Tha iad toilichte le’n crannchur agus a’ leigeil an taice gu h-iomlan air obair fearainn. A thaobh ’s gu bheil an talamh torach, agus gu bheil gu leòir fearainn aca airson an teachd-an-tìr a thoirt as, chan eil an ùine air a roinn air obair eile.
Agus a thuilleadh air sin, ’s e daoine tha annta a ghlacas an cothrom nuair a thig e, nach leig seachad e mas urrainn iad, agus a tha ullamh gu co-chomunn a sheasamh.
Nach iongantach gu faicear air iomadh taca bàthaichean nas fheàrr na na tighean còmhnaidh aca fhéin. Tha aire nan tuathanach an diugh air an stoc a chur an lìonmhorachd a chionn gu bheil féill mhath air gach beathach a dh’àraicheas iad. Chan urrainn iad stoc a chumail ach mar a thogas iad àiteachan freagarrach chum an dìon o’n droch shìde. ’S ann as an stoc a tha dùil aca ri airgead leis an tog iad tighean nas fheàrr dhaibh fhéin.
title | Cuairt an Arcaibh |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |