Iain N. MacLeoid( “Alasdair Mor”)
Sar-Sgriobhadair Gaidhlig
Le T. M. MACCALMAIN.
BU mhór da-rìribh an call dùbailte a thàinig oirnn mar Ghaidheil air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, an uair a thug am bàs bhuainn Eachann MacDhùghaill anns an Earrach agus Iain N. MacLeòid aig toiseach a’ Gheamhraidh. Ghleus an dithis ud pinn a bha deas agus fileanta, araon an Gàidhlig agus am Beurla. Le chéile fhuair iad an togail agus an ceud oileanachadh ann an àitean air nach d’ ràinig meirg na Beurla, am measg sluaigh aig an robh fhathast làn-sheilbh is làn-eòlas air beul-aithris is seann-chleachdaidhean nan linntean a dh’aom. Le chéile rinn iad saothair mhór a chur air mhaireann do dhaoine eile agus do na ginealaichean ri teachd an taisgeach prìseil a bha aca ’nan eanchainn is ’nan cridhe. Bha iad eadar-dhealaichte bho chéile an iomadh dòigh, ’nam buadhan, ’nam beachdan, agus ’nan dòigh-sgrìobhaidh, ach bha iad co-ionnan ann an dìlseachd do’n Ghàidhlig, agus anns an lethcheud bliadhna mu dheireadh cha robh a h-aon (a mach bho’n Ollamh Dòmhnall MacLaomainn) a thug bàrr orra no a sheasadh anns an aon shreath riu ann am meud agus tlachd na sgrìobh iad ann an Gàidhlig.
B’ ann a mhuinntir an Eilein Sgitheanaich a bha Iain N. MacLeòid, ach, ma bha “Eilean a’ Chèo” mar mhàthair dha, b’ i “Eilean an Fhraoich” a mhuime, agus cha bu bheag an àireamh a shaoil gum bu Leódhasach e. Cha b’ iongnadh sin, oir sgrìobh e móran mu Leódhas agus air son Leódhais.
Rugadh Iain N. MacLeòid an Tròndairnis—an Cill-bhacstair an sgìr Chille-Mhoire—anns an Eilean Sgitheanach, anns a’ bhliadhna 1880. Thachair gur e am maighistir-sgoile a bha aige Mgr. Iain Mac-an-aba nach maireann, fìor dhuine gasda agus sgoilear math Gàidhlig, agus tha fhios gur mór a’ bhuaidh a bha aige-san air Iain òg MacLeòid. B’ ann mar fhear-cuideachaidh(pupil teacher)còmhla ri Mac-an-aba a thòisich MacLeòid ri teagasg sgoile.
An deidh cùrsa-foghluim anns a’ Cholaisde an Obar-dheadhain fhuair Iain MacLeòid làn-theisteanas mar fhear-teagaisg sgoile, agus an 1902 shuidhicheadh e mar mhaighistir-sgoile an Eilean Bheàrnaraidh an Leódhas. Ged nach d’ fhan e an sin ach mu thrì bliadhna, bu mhór a’ bhuaidh a bha aig na bliadhnachan am Beàrnaraidh air. Phòs e té de mhaighdeanan Bheàrnaraidh, Anna nighean Chaluim MhicLeòid am Breacleit a bha measail mar mhisionaraidh ’na là. B’ ann am Beàrnaraidh a chaochail a mhàthair, a bha a’ cumail tighe dha mus do phòs e, agus chàradh a dusd an seann chladh Bheàrnaraidh Bhig. B’ ann am Beàrnaraidh a thòisich e ri ùidh a ghabhail ann am bàird Leódhais. Thòisich e le bhith a’ cruinneachadh gach mìr a gheibheadh e de bhàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn (Iain Phàdraig), “Bàrd Iarsiadair,” anns an robh mór-thlachd aige. Ach is ann a thachair e ri iomadh bàrd eile agus chuala e mu fheadhainn ris nach do thachair e, gus mu dheireadh an do cho-dhùin e, mar a thubhairt e
fhéin, “nach robh baile beag eadar Tigh nan Cailleachan Dubha ann an Uige agus Tigh MhicDhùghaill ann an Nis anns nach robh bàrd no dhà a rinn òrain a b’ fhiach a bhith air an cumail air chuimhne.” Chùm e air a’ cruinneachadh, agus mu dheireadh ann an 1916 chuireadh an clò an leabhar uasal sin, Bàrdachd Leódhais.
Aig ceann nan trì bliadhna am Beàrnaraidh thug Iain MacLeòid “dùthaich dhubh nan Gall” air, mar a thubhairt e fhéin. Bha e greis a’ teagasg sgoile an Larkhall an siorrachd Leanndraig (an e Larkhall “Talla na h-Uiseig” no “Làirig-tholl”? ). As deidh sin bha e tacan an sgoil aig Sliabh a’ Chlamhain a mach á Dun-éideann.
Bu tric e aig an ám so an cuideachd nan Gaidheal fiùghail a bha air cheann cùisean na Gàidhlige an Glaschu is an Dun-éideann, Aonghas MacDhonnchaidh is Donnchadh MacGille-ruaidh is “Fionn” is Iain MacPhàidein is móran eile an Glaschu, agus Domhnall Mac na Ceàrdaidh is Gaidheil eile an Dun-éideann. Is iomadh oidhche chaidreach charthannach a chuir e seachad, thubhairt e, am fàrdaich fhialaidh Eanraig MhicGhille-bhàin( “Fionn”) an Glaschu. B’e Iain MacPhàidein a b’ ùghdar do’n òran a chleachdar gu tric mar òran-dealachaidh aig céilidhean is cuirmean Gaidhealach, “Soiridh leibh is oidhche mhath leibh.” “Is ann an uair a bha e aig cuirm-chiùil oidhche Di-haoine aig Mòd Ghlaschu anns a’ bhliadhna 1907,” sgrìobh Iain N. MacLeòid, “a rinn MacPhàidein an t-òran taitneach sin. Bha e ’ga chur ri chéile is e ’na shuidhe ann an talla a’ Mhòid, agus thachair mise ris am measg a’ chòmhlain mhóir a bha ri sgaoileadh an oidhche sin. Thug e a thaobh mi is chuir e a làmh ’nam achlais is sheinn e “Oidhche Mhath Leibh” dhomh o thùs gu éis, agus bu mhise mar sin a fhuair a’ chiad sheirm de’n òran sin a mhaireas beò fad iomadh là.”
Anns a’ bhliadhna 1907 chuir An Comunn Gaidhealach Iain MacLeòid do Leódhas “airson cunntais a thoirt air na h-oidhirpean a bha air an deanamh a’ bhliadhna sin airson a’ Ghàidhlig a thoirt beò,” agus bha coinneamhan aige air feadh an eilein. Mu’n ám so rinn e feum mór do aobhar na Gàidhlige, a’ brosnachadh nan Gaidheal gu bhith uasal as an cànain is na bhuineadh dhi.
As deidh sin chuir MacLeòid seachad àireamh bhliadhnachan air cheann na sgoile air an Dòrnaidh an Cinn-t- sàile. Bha e mar an ceudna a’ teagasg Gàidhlig agus ’na cheann-iùil anns na mòdan beaga soirbheachail airson na h-òigridh a bhàtar a’ cumail. Thàinig dithis sheinneadairean ainmeil á sgoil na Dòrnaidh ri linn do MhacLeòid a bhith an sin—Seumas Caimbeul agus Ealasaid a phiuthar.
A Cinn-t- sàile chaidh MacLeòid gus an taobh an ear—an toiseach do sgoil Earagaidh an Srath Fharragaig, agus an deidh sin airson
[Sanas]
móran bhliadhnachan bha e an sgoil a’ Chnuic Bhàin an Sgìr Mhuire faisg air Inbhir-nis. An uair a leig e dheth uallach sgoile chaidh e a dh’ fhuireach am Manachainn Mhic Shimidh.
Bha làmh aig Iain MacLeòid an iomadh cùis is aobhar a chum math a cho-chreutairean. Bha e ’na Eildear agus ’na Chléireach an t-Seisein anns an Eaglais. Bha e ùine mhór air Ard-chomhairle a’ Chomuinn Ghaidhealaich agus ’na cheann-iùil measail am measg Gaidheil an taoibh tuath. Theagaisg e clasaichean Gàidhlig agus theagaisg e ann an Sgoil-shamhraidh A’ Chomuinn. Theagaisg e còisirean òga ann an ceòl nan Gaidheal. Choisinn e iomadh duais aig na Mòdan, ’nam measg an crochadan òir mar an co-fharpaiseach a b’ iomraidiche ann an litreachas. Is iomadh Mòd—mór is beag—aig an robh e ’na bhritheamh. B’ esan aon de na daoine foghainteach a thug a mach a’ bhuaidh an 1918, an uair a ghéill an Riaghaltas dhaibh agus a thugadh àite is cothrom do’n Ghàidhlig anns na sgoilean ann an Achd an Fhoghluim air a’ bhliadhna sin.
Duine mór, an corp agus an inntinn agus an spiorad. Cha robh cumhangachd sam bith ann, ach fialaidh farsaing cairdeil. Chan fhaic sinn a chaoidh a leithid, ach is aobhar-buidheachais gu bheil a mhac, Calum Iain MacLeòid thall an Albainn Nuaidh, ag imeachd gu dlùth an cas-cheuman a athar.
Tha sgrìobhaidhean Iain N. MhicLeòid air an sgapadh air feadh mhóran mhìosachan is irisean is phaipearan-naidheachd, agus tha e anabarrach doirbh gach nì a sgrìobh e a lorg. Sgrìobh e móran am Beurla ann am paipearan-naidheachd, gu sònraichteThe Northern Chronicle, The North Star,agusHighland News.Bho 1917 gu seachdain no dhà roimh a bhàs sgrìobh e cha mhór gach seachdain “Litir á Beàrnaraidh” ann an paipear-naidheachd Steòrnabhaigh, dlùth air dà mhìle litir uile gu léir, agus chuir e àireamh mhath dhiubh sin ri chéile anns an leabhar, Litrichean Alasdair Mhóir, an 1932. Sin leabhar a tha a’ cur dreach air litreachas na Gàidhlige ’nar latha-ne agus a bhios feumail do na ginealaichean a thig ’nar deidh. Sgrìobh MacLeòid ann an Alba (paipear seachdaineach Gàidhlig) agus anns An Sgeulaiche agus an Guth na Bliadhna—paipearan is irisean a bhiodh Ruaraidh Arascain is Mhàirr a’ cur a mach eadar lethcheud is cóig bliadhna deug ar fhichead air ais, ach cha d’ amais sinn air a h-uile àireamh dhiubh sin fhaicinn. Mar sin, faodaidh nithean a bhith annta a sgrìobh MacLeòid air nach eil forfhais againn. Cha mhò a b’ urrainn dhuinn iomradh mionaideach a thoirt air a Litrichean á Beàrnaraidh. Faodaidh sinn a ràdh gu robh móran aige sgrìobhte nach deachaidh riamh an clò. Rinn e eadar-theangachadh air an leabhar Bheurla aig Màrtainn Màrtainn mu na h-Eileanan Siar, agus air cunntas a sgrìobh Dòmhnallach Mór na Tòisigheachd mu chuairt a thug e ’na òige a chruinneachadh bàrdachd is sgeulachdan anns a’ Ghaidhealtachd, agus bha àireamh eile aige a cheadaich e dhuinn fhaicinn. Ma tha iad fhathast air mhaireann, b’ fhiach an cur an clò.
Bidh sinn gu mór an comain neach sam bith a bheir fios dhuinn mu nì sam bith a sgrìobh Iain N. MacLeòid an Gàidhlig nach eil anns an iomradh so. Cha robh cothrom againn air a chuid sgrìobhaidhean am Beurla a lorg.
Obair-Litreachais
1906. Oran an t-Seana Ghille, le Iain Smith. An Deò-Gréine I. 135.
1906. Iain Smith, Bàrd Iarshiadair Uige. An Deò-Gréine I. 145.
1907. Airighean Leódhais. An Deò-Gréine II. 78, 115, 126, 144.
1908. Seann Sgeul: Mar a dh’àiticheadh Hiort. Guth na Bliadhna V, Air. 1, 58.
1908. Mac Crùislig. Guth na Bliadhna V, Air. 4, 380.
1908. Dòmhnall Dòmhnallach, Bàrd Bharabhais. Alba (8 Gearran), 5.
1908. Bàrd Leódhasach: Alasdair M. MacNeacail. Alba (29 Gearran), 6.
1908. Suas leis a’ Ghàidhlig. Alba (7 Màrt, 5; 21 Màrt, 4; 25 Giblean, 4).
1908. An Deise Ghaidhealach. Alba (11 Giblean, 3; 25 Giblean, 3).
1908. Murchadh Smith, Bàrd Liùirboist, Leódhas. Alba (18 Giblean, 5).
1908. Saobh-chràbhadh Gaidhealach. Alba (16 Céitein, 3; 23 Ceitein, 4).
1908. Bàird agus Bàrdachd an Eilein Sgitheanaich. Alba (18 Iuchar, 3; 25 Iuchar, 3).
1909. Fionnghal a’ Phrionnsa. Transactions of the Gaelic Society of InvernessXXVII, 224.
1909. Dòmhnall Gorm Dhunthuilm. An Sgeulaiche I. 44.
1910. Lunnainn A Rìs. (Na Bonaidean Gorma). (Seann Sgeul air son na Cloinne). An Sgeulaiche I, 416.
1910. Coille Mhór Stratharragaig. An Sgeulaiche II. 194.
1910. Uisge Shamhraidh. An Sgeulaiche II. 283.
1910. Litir gu caraid am bardachd (le Calum MacAsgaill). The Celtic MonthlyXVIII. 114.
1911. REITEACH MORAIG: dealbh-chluich.
1912. Beachd air Coinneamh nam Maighistirean-Sgoile am Peairt. An Deò-Gréine VII. 125.
1916. BARDACHD LEODHAIS. (Glaschu: Alasdair Mac Labhruinn agus a Mhic).
1916. POSADH MORAIG: dealbh-chluich.
1916. Luadh Bantrach Sheòrais (dealbh-chluich). An Deò-Gréine XI. 93, 101.
1916. Céilidh Tigh Dhòmhnaill Sgaitich. An Deò-Gréine XI. 123.
1916. Còmhradh eadar Dòmhnall Eachainn agus Anna, Bantrach Chaluim Iseabail á Aird-ghobhair. An Deò-Gréine XI. 151.
1916. Còmhradh eadar Catriona is Anna. An Deò-Gréine XI. 184.
1916. Eildeirean an Lòin Mhóir. An Deò-Gréine XII. 7.
1916. Coinneach Odhar: dealbh-chluich. An Deò-Gréine XII. 46, 57.
1917. Còmhradh eadar Murchadh Gobha agus Anna Chìobair. An Deò-Gréine XII. 70.
1917. Air Chéilidh am Baile nam Fòid. An Deò-Gréine XII. 107.
1917. Fionnghal a’ Phrionnsa: dàn-chluich. An Deò-Gréine XIII. 8, 27, 44, 53, 76.
1917. Dòmhnall nan Oran, am Bàrd Sgitheanach. Transactions of the Gaelic Society of InvernessXXIX. 219.
1917. Domhnall nan Oran. Guth na Bliadhna XIV, Air. 4, 444.
1918. Braighdeanas Strathnabhair. An Deò-Gréine XIII. 8, 27, 44, 53, 76.
1918. Uilleam Ros. An Ròsarnach II. 113.
1918. Sgeul. Guth na Bliadhna (Geamhradh 1918). (Cha do lorg sinn an àireamh so.)
1919. Mar A Dh’àiticheadh Hiort (sgeul bho charaid aosda an Steòrnabhagh). An Deò-Gréine XIV. 109.
1919. Orain Ghàidhlig. Guth na Bliadhna (Earrach 1919). (Cha do lorg sinn an àireamh so).
1927. Seann Sgeul mu Eilean Hirt. Guthan o na Beanntaibh, 87.
1930. Muinntir a’ Bhaile againn féin. An Ròsarnach IV. 85.
1930. Rian-solaraidh na Gaidhealtachd. (A’ cheud duais aig Mòd 1930). An Gaidheal XXVI. 39, 53.
1932. LITRICHEAN ALASDAIR MHOIR. (Oifis “Cuairtear Steòrnabhaigh” ).
1932. Uilleam Ros. (A’ cheud duais aig Mòd 1932). An Gaidheal XXVIII. 5, 29, 43, 58.
1934. Còmhradh eadar Catriona agus Dòmhnall Ruairidh. An Gaidheal XXX. 23.
1934. Iain MacCoinnich, Fear-deasachaidh “Sàr-obair nam Bàrd Gaidhealach.” (A’ cheud duais aig Mòd 1934). An Gaidheal XXX. 36, 53.
1934. An t-Urramach D. A. MacDhòmhnaill, D. D., Nach Maireann. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1934, Air. 4, t.d. 5.
1947. Na Bonaidean Gorma. An Gaidheal XLII. 59.
1947. Cor na Gàidhlige. An Gaidheal XLII. 61.
1947. Litrichean an Gàidhlig. An Gaidheal XLII. 67.
1947. Dìmeas na Gàidhlige. An Gaidheal XLII. 86.
1947. Achmhasan. An Gaidheal XLII. 88.
1947. Na Seumarlain. An Gaidheal XLII. 89.
1947. Donnchadh Mór Chinn-t- sàile. An Gaidheal XLII. 107.
1947. Cailleach Barney. An Gaidheal XLII. 114.
1947. Coille Mhór Srath Ghlais. An Gaidheal XLII. 119.
1947. Clò-bhuailtearan Gàidhlig. An Gaidheal XLII. 127.
1947. Tàillear na Manachainn. An Gaidheal XLII. 136.
1947. Am Buachaille agus am Ministear. An Gaidheal XLII. 145.
1947. Comunn Bealoideas na h-Albann. An Gaidheal XLII. 151.
1947. Eilean na h-Oige. An Gaidheal XLIII. 2.
1947. Fuineadair na Manachainn. An Gaidheal XLIII. 7.
1948. Sgrìobhaidhean Gàidhlig. An Gaidheal XLIII. 42.
1948. An Fheannag agus am Madadh-ruadh. An Gaidheal XLIII. 44.
1948. Mar a Fhuair Diarmad am Ball-seirce. An Gaidheal XLIII. 49.
1948. An Adharc-shnaoisein Shianta. An Gaidheal XLIII. 67.
1948. Biadh Da-rìribh. An Gaidheal XLIII. 78.
1948. Tomas na h-Ordaig. An Gaidheal XLIII. 81.
1948. Ceòl no Cànain? (litir). An Gaidheal XLIII. 87.
1948. Dràma Gàidhlig (litir). An Gaidheal XLIII. 87.
1948. Am Madadh-ruadh agus am Bonnach Beag. An Gaidheal XLIII. 91.
1948. Foghlum an t-Seann Ghaidheil. An Gaidheal XLIII. 101.
1948. Sgeul mu Mhac Codrum. An Gaidheal XLIII. 102.
1948. An Sionnach gun Iorball. An Gaidheal XLIII. 104.
1948. Am Madadh-allaidh an Còmhdach Caorach. An Gaidheal XLIII. 115.
1948. Ruairidh a’ Chadail. An Gaidheal XLIII. 129.
1948. An Gobha is na Sìdhichean. An Gaidheal XLIII. 131, 145; XLIV. 7.
1948. An Giadh agus na h-Uibhean. An Gaidheal XLIII. 141.
1949. Gàidhlig nam Pioghaidean. An Gaidheal XLIV. 23.
1949. Cill Amhlaidh an Uibhist a Deas. An Gaidheal XLIV. 78.
1949. Rìgh nan Eun. An Gaidheal Og I. 21 (An Gaidheal XLIV).
1949. Murchadh is Crùn a’ Phension. An Gaidheal XLIV. 81.
1949. An Naomh Mo Chua agus a Chompanaich. An Gaidheal Og I. 38 (An Gaidheal XLIV).
1949. Na Bàird Ghaidhealach A B’Aithne Dhomh:
Niall MacLeòid. An Gaidheal Og I. 3 (An Gaidheal XLIV).
Fionn. An Gaidheal Og I. 10. (An Gaidheal XLIV).
Donnchadh MacGille-Ruaidh. An Gaidheal Og I. 13 (An Gaidheal XLIV).
Dòmhnall MacDhòmhnaill a Beàrnaraidh. An Gaidheal Og I. 22 (An Gaidheal XLIV).
An t-Urramach Dòmhnall MacCalum. An Gaidheal Og I. 26 (An Gaidheal XLIV).
Alasdair M. MacNeacail. An Gaidheal Og I. 37 (An Gaidheal XLIV).
Domhnall MacIomhair. An Gaidheal Og I. 41 (An Gaidheal XLIV).
1950. Màiri Mhór nan Oran. An Gaidheal Og II. 1 (An Gaidheal XLV).
An t-Urramach Murchadh Mac a’ Ghobhann. An Gaidheal Og II. 5 (An Gaidheal XLV).
Coirnealair Iain MacGriogair. An Gaidheal Og II. 9 (An Gaidheal XLV).
An t-Urramach Dòmhnall Uilleam MacCoinnich. An Gaidheal Og II. 13 (An Gaidheal XLV).
Dòmhnall MacDhòmhnaill (Dòmhnall Chràisgein). An Gaidheal Og II. 18 (An Gaidheal XLV).
1950. Iain MacPhàidein. An Gaidheal Og II. 28 (An Gaidheal XLV).
Aonghas MacCoinnich. An Gaidheal Og II. 28 (An Gaidheal XLV).
Murchadh MacLeòid. An Gaidheal Og II. 44 (An Gaidheal XLV).
1950. Am Bochd Ruadh. An Gaidheal XLV. 54.
1950. Uisdean Mac Gilleasbuig Chléirich. An Gaidheal Og II. 20 (An Gaidheal XLV).
1950. Sgial nan Cat. An Gaidheal Og II. 29. (An Gaidheal XLV).
1950. Sgeul ri Aithris air na Ciuthaich. An Gaidheal Og II. 45 (An Gaidheal XLV).
1951. Na Bàird Ghaidhealach A B’Aithne Dhomh:
Aonghas MacDhonnchaidh. An Gaidheal Og III. 8 (An Gaidheal XLVI).
Murchadh MacGille-Mhoire. An Gaidheal Og III. 10 (An Gaidheal XLVI).
An t-Urramach Niall Ros. An Gaidheal Og III. 16 (An Gaidheal XLVI).
Catriona F. Urchadan. An Gaidheal Og III. 20 (An Gaidheal XLVI).
Dòmhnall Mac na Ceàrdaidh. An Gaidheal Og III. 24 (An Gaidheal XLVI).
Aonghas Mac Dhòmhnaill. An Gaidheal Og III. 28 (An Gaidheal XLVI).
Ruairidh MacAoidh. An Gaidheal Og III. 40 (An Gaidheal XLVI).
Bàird Bheàrnaraidh Leódhais. An Gaidheal Og III. 44 (An Gaidheal XLVI).
Aonghas MacGille-Mhoire. An Gaidheal Og III. 2 (An Gaidheal XLVI).
1951. A’ Ghobhar Ghlas. An Gaidheal Og III. 1 (An Gaidheal XLVI).
1951. Niall a’ Chathaidh. An Gaidheal Og III. 15 (An Gaidheal XLVI).
1951. Seanchas. An Gaidheal Og III. 24 (An Gaidheal XLVI).
1951. Seanchas. An Gaidheal XLVI. 72.
1951. Dòmhnall Cam MacDhùghaill. An Gaidheal Og III. 25 (An Gaidheal XLVI).
1951. Mar A Dh’àiticheadh Hiort. An Gaidheal Og III. 20 (An Gaidheal XLVI).
1951. Mac Crùislig. An Gaidheal Og III. 33, 38 (An Gaidheal XLVI).
1951. A’ Ghàidhlig anns a’ Chùbaid. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1951, Aireamh 9, t.d. 6.
1951. Marta is Muire. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1951, Air. 12, t.d. 6.
1952. Bean Shamaria. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1952, Air. 5, t.d. 5.
1952. Dàn Sholaimh. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1952, Air. 8, t.d. 4.
1952. Dòmhnall Gorm. An Gaidheal Og IV. 6, 10, 16 (An Gaidheal XLVII).
1952. Mar A Chaidh Mac Nèill do Shealtainn. An Gaidheal Og IV. 12 (An Gaidheal XLVII).
1952. Fionn MacCumhaill. An Gaidheal Og IV. 14, 19, 22 (An Gaidheal XLVII).
1952. Mar A Fhuair Fionn Fiacail an Eòlais. An Gaidheal Og IV. 27, 30 (An Gaidheal XLVII).
1952. Mar A Fhuair Fionn Bran. An Gaidheal Og IV. 31, 34, 38 (An Gaidheal XLVII).
1952. Eirig Fhinn. An Gaidheal Og IV. 39, 43, 45 (An Gaidheal XLVII).
1953. Oisean an déidh na Féinne. An Gaidheal Og V. 2, 6 (An Gaidheal XLVIII).
1953. An Dotair Bàn. Gairm, Air. 3, 21.
1953. Iain Thorcuill. An Gaidheal Og V. 10, 13, 17 (An Gaidheal XLVIII).
1953. Cath nan Eun. An Gaidheal Og V. 19, 21, 27, 30, 33 (An Gaidheal XLVIII).
1953. Dàn Clann Lir. An Gaidheal Og V. 38, 41. (An Gaidheal XLVIII).
1954. Dàn Clann Lir (air a leantainn). An Gaidheal Og VI. 6, 12 (An Gaidheal XLIX).
1953. Eaglais Chliamain an Ródal. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1953, Air. 1, t.d. 6; Air. 2, t.d. 7.
1953. Seann Eaglaisean Leódhais. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig, 1953, Air. 8, t.d. 6; Air. 9, t.d. 8; Air. 10, t.d. 7; Air. 12, t.d. 6.
1954. Seann Eaglaisean Leódhais (air a leantainn). Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1954, Air. 2, t.d. 8.
1954. Fiosaiche Pheitidh. Life and Work (Na Duilleagan Gàidhlig), 1954, Air. 3, t.d. 5.
1917-54. “Litir á Beàrnaraidh. .” Litir sheachdaineach anns anStornoway Gazette.Litir sheachdaineach an Gàidhlig fo’n ainm-phinn, “Calum Seòladair,” anns anHighland News. (Mhair so trì bliadhna, ach chan aithne dhuinn cuin).
Ann an Leabhraichean Sgoile Gàidhlig (Blackie):
Leabhar I. 43. Bratach MhicLeòid.
65, 67, 70, 73. Fionn.
Leabhar II. 2. Fionnghal NicDhòmhnaill.
28. Calum Cille.
Leabhar III. 23. Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.
29. Oisean an Tìr na h-Oige.
Leabhar IV. 16, 20. Deirdre.
43, 48. Niall MacLeòid Bheiriseigh.
Ann an Leabhraichean Leughaidh (Blackie):
Leabhar II. 47. Bratach MhicLeòid.
81, 83. Fionn.
133. Calum Cille.
Leabhar III. 63. Oisean an Tìr na h-Oige.
76. Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir.
Leabhar IV. 16, 19. Deirdre.
39, 44. Niall MacLeòid Bheiriseigh.
Leabhraichean a dheasaich e airson a’ chlò:
1917. DAIN SPIORADAIL, le Calum MacNeacail.
1923. FEAR-SIUBHAIL NAN GLEANN, le Murchadh MacGille-Mhoire. (MacLabhrainn).
1925. DOMHNALLAN: Dàn an ceithir earrannan, leis an Urramach Dòmhnall MacCalum. (MacLabhrainn).
I Hiuraibh O Chan Eil Mi Slan
(BHA sinn toilichte litir fhaighinn bho aon de ar leughadairean mu thimcheall an òrain so. Tha Mgr. Eóghan MacFhionghuinn, as Eige, ag ràdh gur h-ann anns an eilean sin a chaidh an t-òran a dheanamh o chionn ceud gu leth bliadhna na còrr, is chuir e thugainn sgeulachd an òrain, mar a chuala e i aig a mhàthair is aig a co-aoisean-se.)
Tha mi a h-uile ràithe a’ coimhead a mach airson an leabhrain mheasail sin a tha sibh a’ deasachadh fo’n ainm Gairm. Thainig e g’am ionnsaigh o chionn seachdain, agus chunnaic mi rud ann a dh’aiseag mo smaointean air ais gu làithean m’ òige. ’Se sin an t-òran a fhuair sibh a nall a Ceap Bhreatainn an Alba Nuadh. ’S tric a chuala mi mo mhàthair a’ gabhail rannan de’n òran an uair a bha mi ’nam bhalachan beag.
’Sann an Eige a chaidh an t-òran a dheanamh bho chionn ceud gu leth bliadhna air ais na còrr. ’Se bantrach a bha còmhnaidh air Bràighe na Cille a rinn e an uair a chaidh a fear a b’ òige dha ceathrar mhac a thogail leis a’ “Phress Gang” an ám cogaidhean Bhonibart. Bha aona teaghlach diag air a’ Bhràighe aig an ám sin, ged a tha e diugh ’na fhàsach fo roinich a ruigeas an chrios.
An rann leis an chuala mise an t-òran a’ tòiseachadh tha mi a’ faicinn nach eil e idir aca ann a Ceap Bhreatainn. Tha e a’ dol mar so:
’Sa Rìgh, gur mise tha fo mhulad
Bho latha Rudha Phuirt Bhàin.
Tha laimrig aig Rudha Phuirt Bhàin, agus ’sann an sin a chaidh na gillean a chur air bòrd a’ bhata a ghiùlain iad gu Tir-mór.
’Se Domhnall Gorm a bha air cheann a’ “Phress Gang” agus bha e air a sheanchas an so le seann dhuine gum b’ ann do theaghlach Shléibhte bha e. Beagan ùine an deidh an ama tha a’ bhantrach bhochd a’ bruidhinn air, anns an òran, chaidh e mach air cheann buidheann gu uchd buailidh. Là an sin, bha an dà fheachd air an tarruing suas ma choinneamh a chéile an òrdugh baiteal. Bha Domhnall Gorm air beulaibh a dhaoine air each aigeannach, lùthmhor, agus a’ coimhead glé thoilichte ann fhéin. Thionndaidh e ri feadhainn de shaighdearan, ’s a’ bualadh a bhois air a shliasaid throm, reamhar, thubhairt e: “ ’S math a tha mollachdan nam bantraichean a’ dol dhomh.” Ma gann a leig e am facal as a bheul, thainig peilear bho aon de ghunnachan móra nam Frangach agus fhuair Domhnall Gorm dha fhéin e.
Cha chuala mi riamh cunntas air an do thill mic na bantraich as a’ chogadh, agus cha mhotha a chuala mi dé bu shloinneadh dhaibh. Glé bheag a deidh sìth a bhith air éigheadh chaidh an sluagh a bh’ air a’ Bhràighe, còmhla ri gu leòir eile, fhuadach gu America gu àite dheanamh do chaoraich. Tha mi cinnteach gu bheil sìol nan daoine sin beò slàn an diugh ann an Alba Nuadh, agus ’sann mar sin a thainig an t-òran air ais thugainn thar a’ chuain. Guma fad a chumas iad suas òrain agus cleachdannan na seann dùthcha.
EOGHAN MACFHIONGHUINN,
Am Faoilleach, 1955.
title | Iain N. MacLeoid( “Alasdair Mor”) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | T. M. MacCalmain in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |