[254]

An Oidhche Bha I Sileadh A’ Bhrochain

[’Sann aig Lachlann Macleòid, a Barraidh, a tha a nis afuireach ann an Glaschu, a chuala mi an sgeulachd éibhinn so, is chuir mi air pàipear i dìreach mar a dhinnis esan i. —FIONNLAGH DOMHNALLACH. ]

CHA bu toigh le duine sam bith na bàillidhean. Ach, co-dhiùbh, bha aon chailleach ann am fear dhe na h-eileanan a bha gu math fada am mach orraair na bàillidhean. Agus bha i sìos leis amhàlbha dha no trì de bhliadhnachan air a dhol seachad nach do phàidh i sgillinns bha eagal oirre, an uair a thigeadh am bàillidh, gun cuireadh e mach as an tigh i.

Co-dhiùbh, latha bhann an so, thainig i dhachaidh— ’s cha robh aice ach gille nach robh sian de dhòigh ann, bha e car faoin dheth fhéin— ’s thubhairt i ris . . . .

Tham bàillidh san ath bhaile an diugh; bithidh en so am màireach, agus bithidh sinn air ar cur a mach as an tigh agus as an fhearann cho cinnteachs a tha sinn ann an so.”

“ ’Se naidheachd bhochd tha sin, a mhàthairarsesan.

“ ’ars iseach tham bàillidh atighinn an nochd, air feadh na h-oidhche, agus theid thusa agus bheireadh tu leat an gunnaagus cuiridh mi fhéin an iurchair ann mun fhalbh thuagus theid tha dha leithid so a dhàite agus nuair a bhios am baillidh adol seachad ort, dìreach marbh ann an sin e.”

Ceart gu leòirars esan.

Nuair thainig an oidhche, thug abhantrach an gunna làn dhan ghille agus dhfhalbh e agus ràinig en t-àite bha so, ’s cha robh e fada anns an oidhche air dorchnachadh, nuair a thainig am bàillidhs as an dol seachad a bhaige chuir e crìoch air abhàillidh. Cho luaths a chuir e crìoch air abhàillidh thill e dhachaidh.

Ach, co-dhiùbh, nuair a dhfhalbh esan, dhfhalbh ise agus chuir i air poit bhrochain agus rinn i làn na poite de bhrochan, agus nuair bha i asmaoineachadh a bhiodh esan air tighinn faisg air an tighbha craobh goirid dhan tighagus dhìrich i suas air achraoibh agus shuidh i air meangan ann an sin, agus aphoit aice, agus nuair a bha esan adol seachad thòisich i ri sradadh abhrochainn an suds an seothach— ’s abualadh airsans abualadh anns a h-uile àite.

Co-dhiùbh, chaidh esan dhachaidhs cha robh ise a stigh idir, ach ghabh i car ma chnoc agus thainig i dhionnsaigh an tighe air rathad eile agus chaidh i stigh.

Seadhars ise. “Ciamar a chaidh dhuit?”

O mharbh mi am bàillidh!”

Glé mhath!”

Ach, a mhàthair, ’s ann ann a than oidhche iongantach an nochdnach eil i sileadh brochain.”

Brochan!” ars ise.

Seadh, tha i sileadh abhrochain an nochdnach seall sibh maodach.”

An thà gu dearbh fheinars iseagus feumaidh mi do ghlanadh.”

Thug i ruith air a ghlanadh agus thug i dha a bhiadh.



[255]

“ ’S fheàrr a nis falbhars iseagus tiodhlaicidh sinn am bàillidh far nach fhaigh duine greim air. Agus dhfhalbh iad agus thiodhlaic iad am bàillidh agus thill iad dhachaidh.

Faodaidh tu nisars isea dhol a chadal; cha tig em màireach co-dhiùbh, agus cha tig e airson lathaichean!”

O cha tigars esantha e marbh.”

Co-dhiùbh, chuir in gille a chadal agus dhfhalbh i fhéin air n-ais a rithist agus thog im bàillidh as an àite . . . as an uaigh as do chuir iad e, agus fhuair i seann chlosnaich de chaora, agus chuir i as an aite chianta e agus thiodhlaic i gu math e, agus dhfheuch i ri fhalach cuideachd. Agus thill i dhachaidh.

S dhéirich iad an lathairne-mhàireach, ’s chaidh naidheachd nach dthainig am bàillidh idir. ’S thainig an naidheachd as abhaile eile gun dfhàg e. Cha robh ach feumaidh gun do dhéirich rud-eiginneach don bhàillidh, agus chaidh an naidheachd ma chuairt. ’S ann a thòisich a h-uile duine ri siubhal airson abhàillidhs cha robhar afaighinn sgeul na iomradh air.

Ach, co-dhiùbh, ’s iad asiubhal, a bha dol seachad ach an t-amadanmac na bantraichagus dhfhoighnich iad e . . . .

An fhaca tusa non cuala tu guth mu dheidhinn abhàillidh?”

Ochars esanmharbh mise am bàillidh!”

An do mharbh thu e?”

Mharbh.”

“ ’S a rinn thu ris?”

Thiodhlaic mi e?”

n do thiodhlaic thu e?”

O, thall ann an sothugnaibh,” ars esan“ ’s coimhididh mise dhuibh far am bheil e.”

Dhfhalbh iads thòisich iad ri cladhach ann a sins thainig achlosnach orra.

O ghaoil an àireimh, na bithibh atoirt feairt air an amadan ad, air neotha fàgaidh e a h-uile duine agaibh nas miosa na e fhéin. Thugnaibh dhachaidh!”

Achs iongantach gum bheil fios aigair rud-eigin . . .”

S chaidh fear eile an null far an robh e, ’s dhfhoighnich e dheth . .

Cuin a mharbh thum bàillidh?”

Och, mharbh mi en oidhche bha i sileadh abhrochain!”

An oidhche bha i sileadh abhrochain?”

Seadh, sin an oidhche mharbh misem bàillidh.”

Och, thugnaibh dhachaidh airson Maireann no nin duine sin amadan dhan h-uile duine tha so. Bithidh e gàireachdaich gu bràth oirbh.”

S cha robh ach dhfhalbh iad dhachaidhs cha dfhuaireadh am bàillidh fhathast.

Chan eil fhiosam cho fadas a fhuair abhantrach as an fhearanns as an tigh, ach, co-dhiùbh, fhuair iad na bfhaide na bha dùil aca. Nam biodh am bàillidh air faighinn thuca an lathairne-mhaireach, bha iad air an cur as an tigh.

Sin mar a chuala mise.

titleAn Oidhche Bha I Sileadh A’ Bhrochain
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Lachlann MacLeòid in Gairm 11 %p

parent textGairm 11
<< please select a word
<< please select a page