“Gnothaich Bhoireannach”
Le CAIRISTIONA NIC AOIDH.
AN cuala sibh guth riamh air An Ollamh Urramach Uilleam Greum? Canaidh móran, anns a’ cheud dol a mach nach cuala—no foighnichidh iad, fa chomhair na ceiste, an ann anns an Eaglais Shaoir no anns an Eaglais Stéidht’ a tha e! Ach nan canainn “an cuala sibh guth riamh air Billy Graham—cha bhiodh teagamh mionaid anns a’ chùis!
Tha a thurus an deidh baile nuadh a dheanamh de Ghlaschu—thatar an dòchas, co-dhiùbh! Cuin a chunnacas riamh roimhe dròbhan mar so de fhir ’s de mhnathan eadar Luain is Dòmhnach a’ dol a dh’ fheitheamh air facal Dhé. Abraidh cuid gu bheil móran dhiubh sin air am brosnachadh le iongantas is deasbaireachd, agus nach ann le cràbhadh no le diadhachd. Biodh sin mar a dh’ fhaodas, ’s neònach mur a faigh a’ mhór chuid aobhar is cothrom air an anam a rannsachadh.
A rìs, their na h-aimh-chreidmhich nach bi a chliù ach di-bhuan, mar oiteig
[Dealbh]
Billy Graham
[Dealbh]
An“Glory”—bàta nan itealan—ann an Loch Euraboll. B’ann bhuaipe-se a chaidh itealain le biadh is fodar chun nan croitean bha fo shneachda.
ghaoithe, ach oidhirp sam bith a tha an taic ùrnuighe is adhraidh cho dùrachdach ’s a tha so, chan fhaod nach soirbhich leis. Is taitneach, co-dhiùbh, bhith a’ faicinn innleachdan an latha ’n diugh—dealbhan agus radio agus telibhisean—air an cur an greim gu facal Dhé a chraobh-sgaoileadh.
Is iomadh cruaidh-chàs agus teanntachd a thàinig an cois na droch shìde a bh’ againn air a’ gheamhradh so. Is iomadh dachaidh anns na ceàrnaidhean iomallach mu thuath a fhuaras air glé bheag bidhe agus mur a b’ e furtachd agus cobhair nam bàtaichean adhair, ’s ann air dhroch dhòigh a bha móran dhiùbh. Bha là ann, anns nach fhaigheadh tu an fhàrdach a b’ irisle gun bholla flùir is min-choirce, ach cha robh e comasach dhuinn ullachadh de’n t-seòrsa sin a dheanamh re linn a’ chogaidh, agus, mar sin, chaidh an cleachdadh ionmholta sin a fasan. Ach ’se mo bheachd-sa gun teid na mnathan sin a bha ’nan éiginn am bliadhna, an urras nach tachair an nì ceudna dhaibh tuilleadh ma ghabhas e seachnadh. Tha iomadh seòrsa bidhe an diugh air ullachadh ann a leithid de dhòigh ’s gun gléidh e a mhaitheas fad ùine mhóir. Tha iomadh seòrsa eanraich ann a tha blasda agus brìogh-mhor, leithid na“Maggi Soups. ”Tha iad air an ullachadh ann am pacaidean beaga nach gabh móran rùim air an sgeilb.
Có a’ bhean-tighe nach eil an còmhnuidh an tòir air pìos àirneis air choireigin a bheir barrachd tlachd agus comh-fhurtachd
do’n tigh. Fhuair mi forfhais bho chionn ghoirid air bòrd beag cho snog ’s a chunnaic thu riamh, air am faod thu obair sgrìobhaidh a dheanamh ’s tu ’nad shuidhe sa’ chathair mhóir ri taobh an teine. Tha cas phìobanach air a’ bhòrd, air a cumadh los gun téid i steach fo bhonn na cathrach air chor ’s gum bi am bòrd fhéin air t-uchd. Tha am bòrd so, mar an ceudhna, air leth freagarrach ri taobh na leapa ma tha biadh aig duine ri ghabhail ’na laighe.
Chan e a h-uile bean òg an diugh as urrainn poit-tea airgid a thoirt air lom ’s i ag ullachadh a’ bhùird airson luchd-céilidh. Ma leanas cùisean mar a thà iad, a’ dol nas miosa ’s nas daoire, ’s gann as urrainn dhi an tea fhéin a thoirt dhoibh! Ach a thaobh na poit-tea, gheibhear te glé shnasail ann an stàilinn aig prìs reusanta (seach airgead) agus cha bhi cùram ort gum feum i a sgùradh a h-uile uair a théid thu thoirt làmh oirre. Le soitheach siùcair is soitheach bainne de’n cheart seòrsa, cha bhiodh dìth eireachdais air do bhòrd. Agus ma tha toil agad bonnach air leth blasda is aotrom a bhith agad còmhla ris a’ chupan tea feuch am flùr “Be-Ro.” O’n cheud uair a dh’fheuch mise e, cha dùraig mi seòrsa sam bith eile a cheannach.
“Cha robh Samhradh riamh gun ghréin; cha robh Geamhradh riamh gun shneachd.” ’S cha robh Earrach riamh anns nach do chleachd a’ bhean tighe a bhith a’ glanadh ’s a’ sgùradh an tighe ’s a’ lìomhadh àirneis is ùrlair. Fhuair sibh an deagh chomhairle o Mhurdaig air an ràithe so chaidh, mu stuthan a bhitheas feumail air dhuibh a dhol am greim. Am faca sibh am“Polywhirl Rotary Polisher” ?Bheir e lìomhadh grinn air an ùrlar ann am mionaid no dhà, agus chan eil e an deicheamh cuid de phrìs innealan lìomhaidh an dealain.
Anns a’ cheart bhùth chunnaic mi àsuig a bhitheadh math anns a’ chidsin, gu sònraichte aig ám ullachaidh a’ bhidh—innleachd a rùisgeas trì puinnd buntàta ann am mionaid!
Tha an saoghal uile a’ caochladh tuair aig ám Earraich, agus tha nàdur a’ sgeadachadh na dùthcha le ùralachd is àilleachd air nach amais sinne gu sìorruidh, ge be cho eireachdail ’s a bhios ar n-éideadh. Chan eil té dhinn nach miannaich riobagan ùra air choireigin mun ám so de’n bhliadhna, agus, a réir na chithear ’s na chluinnear gu ruige so, cha bhi e doirbh rudeigin rìomhach a chòrdas ruinn a lorg am bliadhna. Tha clò de gach seòrsa air a dheagh mheas airson còtaichean, deiseachan agus dreasachan, gu sònraichte an seòrsa clò cnapach a bha cumanta fad a’ gheamhraidh. A Ameiriga, tha“boucle”air a thighinn thugainn a rithis, agus ’se deagh naidheachd a tha ’n sin.
Tha aon rud cinnteach, gun cuir thu feum air còta dìonach a gheamhradh ’s a shamhradh anns an dùthaich so, agus, an diugh, tha móran de chòtaichean de’n t-seòrsa sin eireachdail gu dearbh. Gheibhear iad ann an clò agus ann an sìoda molach, agus ad shnog ’nan cois.
Chualas o chionn ghoirid gu bheil inneal fighe ùr air a chur an uidheam le fighidh Bhràigh Mhàirr. ’S coltach gum fighear ceithir fichead sreath ’s a deich leis ann am mionaid. Ma shoirbhicheas leis an inneil so, chan fhaod nach toir e nuas prìsean an aodaich. Tha aodach fighte Bhràigh Mhàirr gun teagamh snasail agus grinn, ach ’se fìor chorra thé as urrainn dusan no trì nota deug a thoirt air“twin-set. ”Uimhir eile, agus cheannaicheadh tu fhéin beairt fhighe.
title | “Gnothaich Bhoireannach” |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Cairistiona NicAoidh in Gairm 11 %p |
parent text | Gairm 11 |