[15]

MO THILLEADH DHACHAIGH

le Ealasaid Chaimbeul

(Choisinn Ealasaid Chaimbeul o chionn ghoirid achiad duais ann an co-fharpais sgrìobhaidh a bhaig aChomann Leabhraichean, le eachdraidh a beatha fhèin, agus seo agaibh beagan den eachdraidh sinFear-deas.)

Aig Sgoil Bhrèibhig, 1950.

San Iuchar anns abhlianna naoi ceud deug tri ficheads a sia (1966) bha mi air ais am Barraigh air làithean saora. Fad nan còig blianna roimhe seo, bha mi air bhith teagasg an sgoil an Glaschu. Dhinnis ban-charaid dhomh agus sinn le chèile nar suidhe air Cnoc na Fèille am Bàgh aChaisteil, gun robhar alorg ban-sgoilear thall an eilean maiseach Bhatarsaigh. Bha deich blianna fichead bhon dhfhàg mi e, agus aig an àm sin, bha còrr is fhichead de chloinn eadarainn aig amhaighstir-sgoiles agam fhèin. Bha dàimh agam riamh ris an eilean oirsann ann a bha Màiri, piuthar mo mhàthar, air thaigheadas nuair a bha misenam chaileig, ged bha i nis air triall bho chionn grunn bhliannachan gu a dachaigh bhuan. A bharrachd air a sin, bha fhiosam fhèin, ged nach aidichinn do neach fon ghrèin e, gun robh mulad mòr is cianalas gam bhualadh a h-uile turas bha mi tilleadh a bhaile mòr Ghlaschu, dìreach aig an dearbh mhionaid bha am bàta gam ghiùlain troimhn t-seòlaid.

Chuir mi fios suas gu oifig an Fhoghlaim an Inbhir Nis, gum bithinn glè dheònach dhol a sàs sachar cosnaidh sin nam faiceadh luchd an fhoghlaim sin iomchuidh. Bheirinn mo ghealladh nach robh freagairt na litreach sin na bfhaide na trì latha bhuam, agus iad aleigeil fhaicinn dhomh gur iadsan a bhitheadh sin deònach gabhail roimheam gu an dleasnas sin a choimhlionadh

An t-seachdain mun dhfhàg mi Glaschu, dhinnis mi do chlann na sgoil an sin gu robh mi am beachd togail orm gu crìochan ùr. San dearg mhionaid dhfhaighnich iad càit idir robh mi dol. Nuair fhreagair iad nach cuala iadsan


[16]

Sgoil Bhàgh aChaisteil. Mise samheadhon an aodach dorcha, ’nam shuidhe.

Sgoil aGhearasdain 1932, an dèidh Mòd Ionadail; mise leis achupa.


[17]

aon uair riamhnam beatha iomradh air an eilean bheag iomallach air an robh mi dèanamh cùrsa, chuala mi an guth beag binn aig aon chaileig aglaodhaich saBheurla — “Tha fhios agamsatha sibh adol a Bhatarsaigh.” Nach e an saoghal tha beag! Dhèigh mi dhiTrobhad a-nallinns dhomh an t-ainm a thort.” Cha robh achlann sin agam ach mu thrì seachdainean aig an ìre seo. Nuair fhreagair i mi, bhagam ach caileag le Eòsag Iain Raghnaill a bha mi teagasg uaireigin an Sgoil Bhàgh aChaisteil, agus a màthair a Bhatarsaigh. Tha Eòsag le theaghlach e fhèin an diugh air thaigheadas san eilean sin, is nach àlainn an naigheachd sin.

Sann mu mheadhon na Sultainn a 1966 a sheas mi aon uair eile mar bhean teagaisg air clàir ùrlair Sgoil Bhatarsaigh. Ach mo chreachs mo lèireadh, cha robh mi fada air ais nuair a thuig mi nach bi an dealbh bhòidheach ghlèidh mise riamhnam inntinn dheth a bhagam a-nis idir. Bha i air car-a- mhuiltein chur dhith. Bha baile beag Eorasdail, far bàbhaist dhomh bhith dol air chèilidh air a dhol a-nis fàs, agus na taighean aca, gu beag-nithe, air dhol bho dhòigh. Bha baile beag Charagraidh far am bàbhaist còig no sia theaghlaichean bhith, a-nis am freasdal a dha neo trì. Glè ghoirid an dèidh dhomh tilleadh, ghabh mi àireamh an t-sluaigh. Eadar fhear is bhean is chlann cha robh air fhàgail ach tri fichead is seachd deug. Bha misneach an t-sluaigh gu math ìosal, agus cha bfhada gun dfhuair mise na fàthan air mo mhisneach fhèin a lùghdachadh. Chuireadh cruaidh orm, ged bha mi leam fhèin, dhol a chòmhnaidh don taigh-sgoil, nach robh faisg air dachaigh sam bith eile. Nach i achuibheall thàinig mun cuairt. An diugh, seòlar neach sam bith air am buail an taghadhbiodh e Gallda neo Gaidhealacha-staigh do na dearbh thaighean còmhnaidh sin, ’s gun gnothach idir aca ri sgoil glè thric.

Se sin abhlianna chaidh mo dhùbhlanachadh gu mfhiaclan. Glè ghoirid an dèidh mo thillidh, bha coinneamh aig muinntir an eilein fiach an gabhadh dad a leasachadh dèanamh sachàs anns an robh sinn. Bha fear sònraichte a Tir Mòr salàthair. Glè thric bidh feadhainn den treubh sin atighinns an teanganam pluic! Nuair thog mi mo ghuth an àird, dhfhaighnich e dhìom saBheurlaCo as a bheil thusa?” Nuair fhreagair mi, thuirt e, “Ciod idir chuir air ais an seo thu?” Choisich mi sgrìob sìos an rathad leis agus nach ann thuirt e rium os ìosal, “Bheil thu idir acreidsinn gu bheil e ro anmoch dad do leasachadh sam bith dhèanamh an seo?” ’S beag an t-iongnadh gedse an ‘Dying Island’ bhaca air sna pàipearan naidheachd. Cha robh air thuar bhith air fhàgail ann ach seann daoine is beagan chloinne. Cha robh taic aca bho ghàirdean neartmhor nan òganach. Bha iadsan, gu beag-nith’, air taobh eile thoirt orra air thòir theachd-an-tìr.

Cha bfhada gu na thuig mi gun robh an uileann annam fhèin cuideach Tuigidh fear-leugaidh leth-fhacal! Chunnaic an t-àgh freagarrach, comas


[18]

Sgoil Bhatarsaigh: achlanns mi fhìn anns abhliadhna 1967.

thoirt dhòmhsa a dhèanamh a-mach air gnùis neach thigeadhnam chuideachd co-dhiù bha an sruth leam neonam aghaidh. Ach chaidh a dhèanamh follaiseach dhomh am briathran cuideachd gum bfheàrr dhomh bhith togail orm taobh eile. Cha robh latha gun latha. ’Sann a bàbhaist dhòmhsa bhith air bharraibh bas aig luchd teagaisg, ach a-nis bha caochladh cuir air clò-allaidh.

Leugh mi am pàipear bhon dhfhàg mi an dreuchd, gun robhar an làn bheachd Eilean Bhatarsaigh fhalamhadh dha neo trì bhliannachan roimh 1970 mar rinneadh air Hiort. Thuig mi am port an uair sin.

Nuair bu duilghe bha achùis, ’sann thuirt mi rium fhèin, “A Chlannaibh nan Gaidheal, cothaichibh, cothaichibh,” agus siud an sàs gun tug sinn. Nach ann a chunnaic a Freasdal freagarrach gun thill òganach neo dhà bho mhuir, agussann fhuair iad saod air sgothan ghiomach fhaotainn. Mòr thapadh leis aphearseaglais bhagainn an uair sin. Cha do dhfhàg esan air sgeir leinn fhèin sinn. ’S mòr an taic thug e seachad.

Nochd dealbhannan an seo sna pàipearan naidheachd den chrodh bha dol gu margadh, asnàmh tarsainn aChaolais Chumhaig, feadhainn


[19]

dhiubh gam bàthadh, agus na fir a bhanan ceann afaighinn an dùbhlan san oidhirp. Bha gliong air a fòn an oidhche sin bho luchd mo ghràidh san sgoil an Glaschu, ag èigheach dhomh, “As uchd Math riut, bi tilleadh an seo cho luaths a rinn thu riamh.” ’S mise dhfhaodadh sin, ach bha mòran ann nach fhaodadh.

A cheart cho luaths a nochd dealbhannan achruidh saphàipear, bha pronnaich air thearraich uabhasach ann, gu bàtaiseig cruidh fhaighinn don eilean. Nach bu mhìorbhuileach sin! Thàinig i sin cha mhòr am priobadh na sùla, agus tha i fhathast trang ag aiseig achruidh, ’s gun na fir asgaoileadh an cridhe mar bàbhaist.

An seo, chuir sinn fios gun robh sinn ag iarraidh cumhachd an dealain, bocsa an T.V. , is gach goireas eile co-cheangailt ri cumhachd an dealain, null do na dachaighean. Thigeadh achlann, an impis dhol a cnàimh na h-amhaich, fiach chiad fhear gheibheadh an cothrom innse dhomh naidheachdan ‘Jackanory’ agus ‘Blue Peter’. Cha robh latha gun latha. Thug seo misneach mhòr do shean is òg, agussann chuir sinn sprogan oirnn. Cha deargadh neach fon ghrèin a-nis ar putadh an comhair ar cùil.

An dèidh na Càsga an 1974, bhuail tiormachd an-àbhaisteach an t-eilean. Air druim na crìche, bha de dhuisge na dhèanadh feumalachd

Mi fhìn an Lourdes san Iuchar 1979.


[20]

Aig Sgoil Bhatarsaigh, còmhla ri balach bha mi teagasg achiad turas an seo; e nis agus taigh-òsda aige dha fhèin.


muinntir abhaile thall, ach bha àiteachan eile ann bha glè eiseil as aonais uisge. Thòisich sinn a-rithist air sgrìobhadh, air glaodhaich agus air gearain gus mu dheireadh na chàradh pìob uisge air aghrinneal null a Barraigh agiùlain thugainn a Bhatarsaigh ar toil uisge.

Cha do stad sinn aig a sin. ’Sann bha sinn a-nis air thòir talla seach a bhith freasdal na sgoile airson cruinneachaidhean. Gun teagamh, thuig sinn gun robh an tagradh leinn nuair chaidh an riaghladh an earbsa ri Comhairle nan Eilean. Gum bu fada beò iad is ceò as an taigh — ’s nam bithinn-sa dol seachad, seo aon , gun teagamh, a thadhladh a-staigh.

titleMo Thilleadh Dhachaigh
internal date1980.0
display date1980
publication date1980
level
reference template

Ealasaid Chaimbeul in Gairm 113 %p

parent textGairm 113
<< please select a word
<< please select a page