BILE NA GAIDHLIG
le Ruaraidh MacThòmais
Air Dihaoine an 13mh là den Ghearran, 1981( ’s nach math a thaghadh an là) thug Dòmhnall Stiùbhart P.C. , B.P. Bile air beulaibh Taigh nan Cumantan, gu bhith air a leughadh an dara turas. Mar tha fhios againn, cha deach leis, oir cha robh buill Pàrlamaid gu leòr an làthair, mar as tric tha tachairt air Dihaoine no air là eile. Ged a chailleadh an oidhirp sin, is fhiach dhuinn sùil a thoirt air a’ ghnothach. Dh’fhaodadh gu bheil rud no dhà ri fhoghlum bhuaithe.
An toiseach, cha robh am Bile air a chur ri chèile cho cùramach ’s a dh’fhaodadh. Tha Dòmhnall Stiùbhart seòlta a thaobh poilitics, ach chan eil e cho fiosrach sin a thaobh ghnothaichean Gàidhlig, agus is dòcha nach robh an fheadhainn a bha ga chomhairleachadh seòlta gu leòr a thaobh poilitics co-dhiù.
Cha robh e duilich do na buill a bha làthair an Taigh nan Cumantan rudan cearbach a lorg anns a’ Bhile, agus ’se an fheadhainn a bha air a thaobh bu mhotha a lorg ann. ’Nam measg bha Raibeart MacGhillFhinnein, B.P. Chataibh is Ghallaibh, a bha gu math fada air taobh a’ Bhile, agus Màirtinn O Nèill (Sruighlea a Sear agus Clach Mhanainn). Bha e gu h-àraidh duilich do mhòran a bha an làthair gabhail ris an roinn den bhile a bha tagradh cead Gàidhlig a chleachdadh ann an cùirt sam bith an Albainn. Bha e air a bhith na bu chiallaiche a leithid sin fhàgail as, oir chan eil e gu mòran feum cus iarraidh ’s gun dad idir fhaighinn.
Thog an roinn den bhile a bha a’ dèiligeadh ri foghlum còimhstri cuideachd. Cha robh e soilleir anns an roinn (den bhile) an e foghlum Gàidhlig no foghlumtreGhàidhlig a bha ga iarraidh, agus ann a bhith a’ gabhail a-steach àiteachan cho eadar-dhealaichte ri Roinn na Gaidhealtachd agus na h-Eileanan Siar, bha e soilleir nach gabhadh an aon rud a dhèanamh gu coimhlionta anns gach àite. Bha gearan ann nach robh na roinnean-dùthchail air an dèanamh soilleir gu leòr, agus cuideachd cha robh e glè shoilleir ciamar a bha an lagh ùr seo gu bhith dealaichte bhon lagh a th’ann (oir tha cothrom aig daoine air a’ Ghaidhealtachd mar thà foghlum Gàidhlig iarraidh dhan cuid cloinne, agus tha sin ga thoirt dhaibh anns a’ chumantas).
Cha do thogadh mòran còimhstri a thaobh na roinne (sa’ bhile) a bha ag iarraidh gum biodh Gàidhlig air a cleachdadh ann am formaichean ’s a leithid, ged a bha feadhainn a bha an aghaidh a’ bhile ag ràdh nach tugadh an roinn seo air Ministear Riaghaltais dad a dhèanamh nach dèanadh e as a h-aonais. Agus cha robh mòran deasbad ann mu choimitidh airson Gàidhlig air Rèidio is TV, agus is dòcha nach robh mòran brìgh anns an roinn seo co-dhiù.
Is dòcha, ma tha, gu robh am Bile rudeigin lag, ’s gum b’fheàirrde e
[Dealbh]
Dòmhnall Stiùbhart
mòran smaoineachaidh a dhèanamh mu a leithid. Ach dè mu dheidhinn an smaoin a bha air chùl a thoirt gu Pàrlamaid an Iar-Mhanaisdeir idir?
Tha An Comann Gaidhealach o chionn blianna no dhà air a bhith a’ dèanamh mòran othail mu na Buill Pàrlamaid a tha air taobh na Gàidhlig. Aig Mòd Pheairt chuir iad bileag a-mach le na h-ainmeannan aca, agus dè nach dèanadh na seòid sin nam faigheadh iad cothrom. Tha e coltach an dèidh sin nach tàinig ach triùir dhiubh gu coinneamh a chumadh dhaibh am Peairt aig àm a’ Mhòid.
Cuiridh sinn sìos an seo ainmeannan nam Ball Pàrlamaid a bha gu bhith ’nan curaidhean ann am Blàr na Gàidhlig, agus cuiridh sinn † ( ’se sinRequiescat in pace) mu choinneamh gach duine nach do thog ceann anns a’ bhlàr:
Dòmhnall Stiùbhart
Hamish Gray
John A. Corrie †
Russell Johnston †
Robert MacLennan
John J. Mackay
Alick Buchanan-Smith †
Hector Monro †
Albert McQuarrie
J. A. Stewart †
Alex Pollock
Bruce Millan †
Frank McElhone †
Hugh D. Brown †
Norman Buchan †
Dennis P. Canavan †
David Steel †
Geraint Howells †
David Alton †
Alex Fletcher
Lord James Douglas-Hamilton †
M. Ancram †
William Whitelaw †
Edward Taylor †
Harry Ewing †
Gregor Mackenzie †
John Smith †
J. Dickson Mabon †
J. Maxton †
Alan J. Beith †
Joe Grimond †
Gordon Wilson
Chì sinn mar sin gur h-e ochdnar den chath-bhuidhinn ainmeil anns an robh dà dhuine dheug ar fhichead a ràinig an cath ( 25% ). Bhruidhinn fear dhiubh gu làidir an aghaidh a’ bhile ged a thug e vòta dha (b’e sin Iain MacAoidh, Earra-Ghaidheal).
Faodaidh sinn a-nis an ciadad a chur sìos mu choinneamh nam Pàrtaidhean, ach cha ghabh sinn gnothach ach ri Buill Pàrlamaid do roinnean Albannach anns a’ chunntas seo. Bithidh cuimhne aig ar luchd-leughaidh gu robh gach Pàrtaidh ann an Albainn a’ gealltainn taic a thoirt don Ghàidhlig roimh ’n Taghadh mu dheireadh. Seo mar a rinn iad nuair a fhuair iad an cothrom:
[Bòrd]
Ach cha robh a’ chùis air fhàgail an urra ri Buill Pàrlamaid Albannach. Bha 60 duine an làthair, a’ cunntadh luchd-innse nam vòtaichean, agus cha robh ach 15 dhiubh sin a roinnean Albannach.
Bha e gu math soilleir nach robh am Bile seo gu bhith air a leigeil troimh Phàrlamaid. Nan robh barrachd air a bhith an làthair, faodaidh sinn a bhith cinnteach gu robh an Riaghaltas air barrachd de Bhuill Pàrlamaid Shasannach a chuipeadh a-steach. Eadar sin agusfilibuster (rud a rinn iad co-dhiù, gu h-àraidh Alex Fletcher agus Douglas Hogg, mac Hailsham) cha robh an Riaghaltas air am bile seo a leigeil troimhe.
Is dòcha nach cluinn sinn mòran tuilleadh mu dheidhinn‘Without support for Gaelic at Westminster the language has no chance of survival’ (bileag a’ Chomainn Ghaidhealaich). Tha dòigh eile air na figearan seo shuas a leughadh.
title | Bile na Gàidhlig |
writers | Derick Smith Thomson |
internal date | 1981.0 |
display date | 1981 |
publication date | 1981 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThòmais in Gairm 114 %p |
parent text | Gairm 114 |