SUIDHEACHADH AN IASGAICH ANN AN SCALPAIGH
le Dòmhnall R. Moireasdan
An acarsaid tuath, Scalpaigh.
(Tha greiseag a-nis bho sgrìobh ar caraid an cùnntas seo: tha ‘am blianna’ a’ ciallachadh 1980 — Fear-deasachaidh)
Tha iasgach a’ mhaoraich eadar creachain is mùsgain-chaol rudeigin ìseal seach an àbhaist, na mùsgain-chaol gu seachd àraid ris a bheil a’ mhòr-chuid dhe na h-eithrichean Scalpach aig an àm seo. Chan eileas a’ faighinn na prìs àbhaistich air na mùsgain-chaol, mar sin tha na h-iasgairean ag ràdh nach eil e furasda idir adhartas a dhèanamh nuair a theid a h-uile nì a chur ann an coimeas, a h-uile laogh a chur ri mhàthair fhèin. Thug seo air na h-iasgairean smuaineachadh air lùghdachadh àireamh an sgioba, mar an t-eithear anns an robh còignear de sgioba a’ fiachainn a-nis a’ chùis a dhèanamh le triùir. Faodaidh gun obraich seo nuair a tha ’n t-sìde
Agus nuair a tha margaidhean sìos anns an Roinn-Eòrpa, mar eisimpleir, fairichear buaidh seo gu h-aithghearr. Agus tha bàtaichean a rìoghachdan eile a’ dol an sàs cuideachd. Bha na mùsgain-chaola a Albainn a’ dol dhan Spàinn, ach cha b’e mhàin gun deach a’ mhargaid sin sìos ’na ceannachd, ach tha bàtaichean-iasgaich na Spàinnte fhèin air bruchdaichean de na mùsgain-chaol a lorg anns a’ chuan on a bheil na h-iasgairean Spàinnteach fhèin a’ sgrìobadh le bàtaichean tha uidheamaichte airson an adhbhair. Mar sin tha an Spàinn ann an neo-eisimealachd.
’Sann mar as trice a-mach a Steòrnabhagh a tha na h-eithrichean Scalpach a’ co-sheasamh. Tha ’n aon bhuaidh a bhios aig a’ mhargaid air eathraichean-iasgaich Leòdhais aice air na h-eithrichean Scalpach.
Tha iasgach an sgadain air a thoirmeasg. Bha na h-eithrichean Scalpach ri iasgach an rionnaich an uiridh anns a’ Chuan Sgìth, ach cha robh iad cho fortanach leis an uiridh idir. Mar a their na h-iasgairean, “Tha iad air a chur as a rian” — is e sin na bàtaichean-mòra leis an lìon-sporain (purse - net). Bheir an lìon tha seo màillich de rionnach as còmhla. Thathas a’ dùnadh an lìn timcheall air cnap den rionnach no den sgadan, ’s an sin ga thogail air bòrd a’ bhàta, ’se sin na bàtaichean tha uiread ri beag bhàta-marsantachd. Tha na h-iasgairean den bheachd nach b’fheàirrde an sgadan riamh a bhith ga ghlacadh anns an dòigh seo, agus anns an dòigh eile — leis an tàbh-lìon eadar-dha-lionn (mid -water- trawl). ’Se sin as adhbhar gun cluinnear na h-iasgairean ag ràdh gu bheil iad “ga sgrios” (an sgadan). Bheir an glacadh sin naoi ’s a deich a cheudan tonna a cnap sgadain neo rionnach. “Cuimhnich thusa”, arsa aon de na h-iasgairean Scalpach rium, “na th’ann dhe na bàtaichean ud a’ glacadh na mìltean tonna de sgadan neo rionnach. Dè tha dol a sheasamh ris a sin?”
Bha uaireigin ’s b’e na lìn-chlach (drift - nets) a bhatar a’ cleachdadh. Bha mar sin cothrom saor-thoile, mar gun canadh tu, aig an sgadan air snàmh gu sìtheil dhan lìon, a bharrachd ri bhith air a riasladh cuide ri càch ann am poca-lìn. Eadhon ri itheadh, thatar a’ cumail a-mach leis an t-sluagh choitcheann nach eil an sgadan a th’air a ghlacadh leis an lìon-slaodaidh cho math ris an sgadan a theid a ghlacadh le na lìn-chlach, do bhrìgh gu bheil an fhuil air a leigeil as ann an dòigh a tha a’ fàgail an èisg, no an fheòil, air, agus gun e air a mhalcadh aig an aon àm.
’Sann le lìn-sgrìobaidh a tha a’ ruith leis a’ ghrùnnd, ’s na h-eithrichean dha slaodadh as an deighidh le cumhachd na beairte-làidir annta, a tha na mùsgain-chaola air an cruinneachadh, ’s an aon nì fìor mun a’ chreachan: a’ treabhadh grùnnd na mara air a’ mhodh seo.
B’àbhaist na h-eithrichean-iasgaich a bhith a’ faighinn taic, neo
O chionn bhliannaichean air ais chan eil an giomach ri cladaichean Scalpaigh mar a bha e, agus ’se as adhbhar air a seo, a-rèir aon de na giomadairean ris an robh mi còmhradh, bàtaichean-ghiomach a bhith a’ briseadh iasgach a’ ghiomaich anns a’ chuan mhòr, bàtaichean coimheach, ’s gun chothrom aig na giomaich ga fhaighinn tighinn chun a’ chladach a-staigh.
Tha iasgaireann ann an Scalpaigh a-nis o chionn blianna neo dhà air cur air chois tional airgid, ann an comas roinnean le cuideachadh fhaotainn o Bhòrd Leasachaidh na Gaidhealtachd, gu taigh-cur-air-adhart maoraich, giomaich, mùsgain-chaol, is dòcha iasg-geal a shailleadh ’s chur gu margaid air an tionndadh troimh na cùrsaichean freagarrach ann am factoraidh le bhith ga mhìneachadh san nòs seo. Chan ann an Scalpaigh ’na aonar a bha cùis mar seo air a dealbh. Tha roinnean anns a’ chruinneachadh o iomadach ceàrn, a Steòrnabhagh, Mallaig ’s a leithid sin.
A thaobh Scalpaigh, b’e ’n t-iasgach aon de phrìomh bheò-shlaintean na coimhearsnachd ’s an t-sluaigh ann. Na h-eithrichean iasgaich as motha tha Scalpaigh tha iad timcheall tri fichead troigh, tri fichead ’s a trì, mur
Ann an Seomar Sgoile ann an Scalpaigh na Hearadh.
a’ mheud seo an tè as motha dhiubh. Saoilidh mi gu bheil meòrachadh nan Scalpach a-nis a’ dol timcheall air leth fheadhainn, leth-mheud, fhaighinn airson iasgach nam mùsgan-chaol le clèibh. Chaidh tè de na h-eithrichean as motha a reic o chionn còrr is blianna neo dà bhlianna air ais.
’Se na seòrsa èisg a bhios na h-eithrichean Scalpach a’ glacadh: a’ chaoiteag ’s an trosg ’s an adag; chan e nach bi seòrs èisg eile, mar am mac-lamhainn (monk - fish), boinnean (lemon - sole), lèabag-bhreac (plaice), falmair (hake), camas-glas (nàdur de sgait), ach ’se chaoiteag dhiubh sin as trice ’s as lìonmhoire th’air a glacadh.
’Sann air a’ chloich a tha ’m mùsgan-caol air a shloinneadh ann a freagairt na ceiste, “Dè a fhuair sibh an-diugh de na mùsgan-chaol? ”, neo dha chur dhan cheart chainnt a chluinnear, “An robhprawnsagaibh an-diugh? ”, is freagraidh an t-iasgair Scalpach “Dusan clach” neo “Fichead clach” ’s a leithid sin. Iad air an tomhais air a’ chuideam ’s an t-iasg-geal air a shloinneadh air bocsaichean: dusan bocsa, neo deugachadh, fichead ’s ficheadan bocsa.
’Sann a-mach o chladach nan Eileanan Sianta neo na h-Eileanan Mòra, agus a-mach a Roghadal air àirde, mar a theireadh na seann iasgairean, bhios na h-eithrichean Scalpach ag iasgach. B’ann air a’ bhlianna seo (1980) co-dhiù.
Nuair tha sul anns a’ mhuir, tha beath anns a’ mhuir gu bhith beathachadh an èisg. Bidh na h-iasgairean a’ toirt tarraing air “nach eil sul anns a’ mhuir”, agus “Nuair a tha an samhradh teth, a’ ghrian teth, tha am muir an uair sin beò le sul”.
Tha eadar-dhealachadh mòr eadar Scalpaigh an là-an-diugh seach Scalpaigh an là-an-dè. Bha obair iasgaich gu leòr a’ dol air adhart ann an Scalpaigh an là-an-dè, suas o na bliannaichean 1920, neo o thoiseach na linne seo. Chan eil an-diugh idir mar a bha an uair ud Scalpaigh mar chòs dheillein le obair iasgaich air fhèin. Chan eileas a’ cur obair iasgaich ann fhèin mar a bha ’n uair ud. Tha na h-eithrichean iasgaich a-mach ’s a-steach as an acarsaid neo na h-acarsaidean, ’s a’ ceangal suas ri cidhe. Thairis air a seo chan eil an còrr eile a chanas neach as fhiach aithris air a thaobh an iasgaich ann an gnìomhachas mòr sam bith. Bidh na h-iasgairean a’ càradh lìon air na cidheachan, a’ toirt air bòrd lìon agus fiolcaidhean eile an co-thàth, a’ co-roinn ris an obair tha gnèitheil sna seaghan seo; a cur ris a sin ullachadh nam bàtaichean, dha sgrìobadh, dha ’m peantadh ’s a leithid sin.
Ciamar a bhitheas, dè a bhios an t-iasgach a’ cur ri Scalpaigh ann an cùnntais bhliannaichean fhathast, tha sin a’ fuireach gu fhaicinn. Tha e dall air na h-iasgairean fhèin. ’S cha b’ann air a’ bhlianna seo ’na h-aonar a bha coslas fuaraidh air suidheachadh an iasgaich ’s tha dòchas dha thaobh, ma chumas an ginealach òg a tha ag èirigh suas ann air adhart, a’ cumail an gualainn ris ann an ìsleachd ’s an àrdachadh.
title | Suidheachadh an lasgaich ann an Scalpaigh |
internal date | 1981.0 |
display date | 1981 |
publication date | 1981 |
level | |
reference template | Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 115 %p |
parent text | Gairm 115 |