FEASGAR CALLA
le Cairstìona A. NicLeòid
Tha an eachdraidh a leanas air tighinn bho pheann Iain MhicArtair a cheana le chùnntas cunbhalach fhèin (Gairm 33 (1960); Rosg nan Eilean). Faodaidh e bhith gun tig an sgeul thiamhaidh seo bho pheann sgrìobhaiche fhathast le tuilleadh phuingean ga lìonadh a-staigh.
’Se feasgar colgarra, bagarrach a bh’ann air a’ cheathramh là den Dàmhair 1938 ged a bha beagan lasachaidh gaoithe ann seach mar a bha i troimh an oidhche. Ma bha mòran adhartais air a dhèanamh anns an àm ud air bhith craobh-sgaoileadh roimh-innseadh air aimsir, cha tugte cus aire, seach a bhith an urra ris a’ bhreith bheireadh seann chinn (gu minig ceart) air aghaidh nan speur agus air àbhaistean eunlaith agus ainmhidhean.
Bha aon chomharradh cinnteach againne ann am Pabail air an-uair agus stoirm ri bruthadh, ’se sin nuair a chitheamaid tràlairean ag acrachadh air lag a’ bhàigh.
Air madainn a latha iomraidich seo nuair a dh’èirich am baile bha dà thràlair a dh’fhalbh a Steòrnabhagh gu cur chun a’ ghrùnnd iasgaich anns a’ Chuan a Tuath air acair a leagail, an dara tè mu dha no trì cheudan slat bho shròin na laimrig ann am fasgadh nan Toll Dubha, agus an tè eile mu chairteal a mhìle an ear air a sin.
B’e ainm na tè a bha ’na laighe mun ear an Carisbrooke GY 207, agus b’e ainm an sgiobair aice Fred Thomsett, agus b’e ainm na tè eile Buckingham. ’Se glè bheag a tha aosda gu leòr airson cuimhne bhith aca air an tubaisd nach eil na h-ainmean sin air an sgoradh air clàr an cuimhne.
Bidh balaich ’nam balaich, agus anns an là ud b’e an cladach an àros, agus bha e ’na ghnàths aca nuair a thigeadh cothrom mar seo cur gu muir anns a’ gheòla bu deiseile aig an àm agus glè thric gheibheadh iad crochadh na praise nuair a thachradh daoine gràsda riutha.
Is neònach, mar tha facal ga chur, mur e grad fhiath na gaoithe mòire bh’ann nuair a dh’fhalbh seachdnar ghillean a Clèide, a bha air an là a chaitheamh mar gum b’e air a’ phràisteach a’ feitheamh na h-oiteig gu cur chun a’ Charisbrooke — ’sì a b’ fhaisge.
Chunnacas eathar eile a’ nochdadh bhon a’ Phort Mhòr le triùir innte agus rinn iadsan air a’ Bhuckingham.
Nuair a fhuaireadh eathar Chlèide air bhog mheas iad gun robh i ro luchdaichte, agus, mar tha freasdal a’ faicinn iomchaidh aig iomadh àm, chuireadh dithis a-mach aisde. B’e an dithis air an deachaidh caol-theàrnadh Iain MacLeòid (Iain Shandaidh) agus Dòmhnall Stiùbhard (Dolan Laids). B’e an còigear a chaidh a-mach Iain Stiùbhard (An Caidhsear), Amhlaigh Stiùbhard (Amhlaigh Gais), Alasdair MacMhathain (Uidais), Coinneach Dòmhnallach (Coinneach Beag) agus Murchadh Caimbeul (A Moirean).
Cha do thuig iad anns an dol-a- mach gun robh sin fada na bu shoirbhe
Cidhe Phabail is Eilean Phabail air fàire.
dhaibh na tàrsainn air ais, oir tha seòlas Phuirt Lidhear caol sgeireach agus glè shian bhuailte le srùpladh tràghadh mara, sgealan greannach bhon iar-thuath, agus na Sgeirean Lèithe a’ casadh am fiaclan biorach troimh chìrein gheala ghailbheach.
Dh’iomair iad an dà ràmhach, balaich òga chalma, gus an do tharraing iad suas i air taobh fasgaidh a’ Charisbrooke, ach cha robh coltas beothalachd sam bith air bòrd. Cheangail iad an t-eathar agus leum iad fhèin an àird. Ma leum cha b’ann a dh’ionnsaigh na seasgaireachd. Thòisich fear an dèidh fir den sgioba ri nochdadh agus dh’aithnich iad an gruaimiche spràiceil a theann air grìusdadh agus mallachadh dhaibh gum b’e seo an t-àrd cheannas. Dh’fhiosraich e dhiubh càit am Fear Mòr an robh dùil riutha na cia airson a bha iad ri snòtaireachd; iad dhol air ais don eathar na bu luaithe na thàinig iad aisde.
Cha robh na balaich idir aineolach air làimhseachadh eathair, agus mar thoradh air sin bha deagh lorg aca nach dèanadh iad cladach dheth. Chitheadh iad am marcach-sìne dol mar chathadh-làir gu feur glas, agus chluinneadh iad onfhais an tuinn tràghaidh ri slugadh a’ mhuil agus ga sgeith air ais air an tiùrr le toirm. Bha an t-suaile bho thuath ag èirigh bhon doimhne ’na cliathan a’ briseadh bàn agus a’ toirt clisgeadh air a’ bhòrd chinnteach bha fo an casan. Bha Alasdair MacMhathain air tilleadh an oidhche roimhe seo bho ghairm an rìgh a fhreagair e gu toileach agus gun gheilt, agus dh’fheuch esan ri reusonachadh ris an ùmaidh mhì-fhialaidh, e ghabhail riutha co-dhiù gus an tugadh a pìos lìonaidh agus gur dòcha gun dèanadh iad ruith cladaich, agus gun robh an t-eathar letheach làn mar a bhà.
“Ma tha taomaibh i ach ’se an t-eathar ur n-àite”. Cha robh air ach an t-òrdugh a ghiùlain a-mach, oir mhaoidh e orra gun cuireadh e iad fear an dèidh fir tarsainn a taoibh. Am feadh ’s a bha na balaich ri dol air ais don eathar bhris an peantair breòite a bh’aca ga ceangal, agus rug sgioba na tràilair le geadha. Dh’òrdaich an uair sin an sgiobair an teas a chur an àirde, ach dhiùlt a h-uile ball den sgioba am ball-langais a thilgeadh don eathar agus thilg e fhèin e. Dh’iarr am meit air an einnseanaidhear gun e nì a dhèanamh ach gluasad, gun robh iad an sàs an gnothaich ain-dligheach. A’ chiad bhraigheadh a thug an tràlair aisde fo astar thug i leis an ailbheag as an eathar leis a’ ghrèim. Cha tug i ach aon suaineadh aisde anns a’ mhuir-cùil leis a h-uile pearsa bha ’na broinn. Thàinig an t-aon teasairgean a fhuair a bheatha as an àirde crochaichte air a’ bhall, agus, le glaodh bàis a chompanaich ’na chluasan, air a lapadh leis an eagal agus leis an fhuachd, chuala e an uile-bhiast ag iarraidh am ball a ghearradh.
Cha ghabhte òrdugh air bòrd tuilleadh bhuaithe.
Am feadh ’s a bha an t-ana-cleas oillteil seo ga chur an gnìomh bha sgiobair a’ Bhuckingham an dèidh balaich Phabail laraich fhialachadh le tacar èisg, air an iomain a-staigh uidh air n-uidhe ann am fasgadh na tràlair cho fad ’s a leigeadh dànachd doimhne dha. Chuir e loidhne asda agus cha do leig e as a shùil iad gus an tug iad sgread air a’ mhol. Nach bu shubhailceach gnèidheil dèiligeadh an duine uasail seo, agus nach e thaisbein àrd-ealantachd ann an coimeas ris a’ bhurraidh aineolach a leig ruith da bhurraghlas ri cho-chreutairean? ’Sann nuair a thòisich e le leus-rannsachaidh ’na chearcaill a’ soillseachadh muir agus tìr a thuig fear a’ Bhuckingham gun robh ni-eigin air gabhail àite. Ma bha Fred Thomsett idir den bheachd gun sgaoileadh e brat dall-cheò air a’ chùis le seo a dhèanamh chuir sgiobair a’ Bhuckingham fios air bàta-teasairginn Steòrnabhaigh agus ’sann bhuaipe thàinig for gur h-e Murchadh Caimbeul a bh’aca air bòrd. Dìlleachdan cheithir blianna deug, cha do dh’fhuiling am balach dochann sam bith ’na bhodhaig ach theàrnadh e a suidheachadh searbh. Ma chuireas neach a thoinisg chumanta an cleachdadh tha e nàdurrach gum bi e ag altrom smuaintean dìomhair, muladach gus an là thèid e fhèin dan ionnsaigh.
Bha mòran den bheachd nach robh an duine gu math ’na inntinn, seadh gun robh e ceàrr-chiallach. Ma bha sin fìor tha lorg ghoirt gur e dreuchd glè mhì-fhreagarrach anns an robh e sàs.
’Sann an Cùirt an t-Seisein an Dun Eideann a thagradh an sgiobair, agus fhritheil grunnan chuspairean co-cheangailte ris a’ cheann-teurma seo a’ chùirt mar fhianaisean, ach, ’se cùis dhìtidh an sgioba aige fhèin bu ro mhaslaiche. ’Se binn ath-cheum muirt (culpable homicide) a thàinig a-mach air a cheann agus fhuair e prìosan.
Is iomadh eathar a bha air a slinn ann an stioghaichean a Rubha anns an là ud ach is neònach gu robh mòran ann a dheidheadh gu sàl eadar
Tha eachdraidh nan Eileanan an Iar mar àitean iasgaich anns an fharsaingeachd luma làn de bhàthaidhean agus euchdan ’nan cois, ach ’se dh’fhàg a’ chreach seo cho tur do-ghiùlainte nach robh i do-sheachnach. Tha tuilleadh dearbhaidh anns an àireach.
Bha seann chù chaorach aig fear de na chaill a bheatha, Iain Stiùbhard, agus, an oidhche a chailleadh an t-eathar cha do thog an cù ceann. Nuair a thill e ’sann a thaigh bràthair-athar a mhaighstir a chaidh e air aoigheachd agus cha robh anns an fheòil na thàlaidheadh an cù air ais fo na cabair bhon do dh’fhalbh e.
Aige fèin tha fios thug ceangal brìoghmhor
’S neart faireachdainn cho domhainn iùlmhor
Thar tuigse agus eòlais daonnachd.
title | Feasgar Calla |
internal date | 1981.0 |
display date | 1981 |
publication date | 1981 |
level | |
reference template | Cairstìona A. NicLeòid in Gairm 116 %p |
parent text | Gairm 116 |