[65]

SGIAN MHIC AN T-SRONAICH

le Tormod Calum Domhnallach

Seo agad an dearbh uamh anns am biodh a crùbadh air oidhche fhiadhaich Gheamhraidh.

Esanna chrùban acoimhead a-mach air sitig fhliuch gun duine na beathach ri fhaicinn.

Esanna chrùban agus na mnathan Leòdhasach gu mhuighean air achloinn, ri cur eagal orra le ainm.

Ach bha eagal air a h-uile duine, mòr is beag, ro Mhac an t-Srònaich. Oir tha beagan dhen a leanabh anns a h-uile duine againn.

Bha na mnathan acur eagal air achloinn le ainm agus cha deigheadh fireannach gu mòinteach leis fhèin.

Robh a leithid ann?

Bha! Sin agad càil is mìorbhailich idir: Cha be Bodach Eagal a rinn na pàrantan suas airson smachd a chumail air achloinn. Cha be idir.

Bha leithid ann; seo an dearbhadh:

Procurator Fiscalv Bodach na Mondachor Fantom
(sic) A Moor Stalker
1834
July 8 Warrant dues on Petition to apprehend 2/-
Extract Warrant 2/ 6

Tha iad aràdh gun do mharbh e naoi duine deug.

Shuidh am boireannach air bruaich agus chùm i sùilean air a mac:

Balach mòr tapaidh, Calum Caimbeul à Arnol, agus esan asàs ann am Mac an t-Srònaich.

Bham bolla minna laighe ann a lòn, adolna lit.

Am balach tapaidh agus am fireannach fiadhaich a sàsna chèile eadar am poca min agus màthair abhalaich.

Siud a sgian a làimh Mhic an t-Srònaich agus siud am balach dhi mar an dealanach.

Theich Mac an t-Srònaich beagan air falbh, anailna uchd.

Tha mi uasal asad a bhoireannaich: is math am bainne cìch a dheoghail an giullan.”

Sin a thuirt Mac an t-Srònaich ri bean Arnoil, màthair abhalaich threuna:

Calum Caimbeul, a thug a sgian bho Mhac an t-Srònaich.

Ghabh an Caimbeulach dhan Arm agus tha iad ag ràdh gun tàinig orra deise a dhaon ghnothaich a dhènamh dha air sgàth cho mòrs a bha e.

Dhìrich Calum Caimbeul an t-Alma gu ruige na gunnaichean agus stob e leis abhiodaig iomadach Ruiseanach.

Bha e dha sadadh tarsainn air a ghuaillean mar gu faiceadh tu bad coirc.



[66]

[Sanasan]


[67]

Chaochail an Caimbeulach Mòr san àite sin.

Chì thu fhathast e. As dèidh abhatail.

An Diabhal, tha e mòr, seall an ghualainn a thair!

Where were you, you bastard, where were you?”

Chan eil facal aige ri ràdh ach sin fhèin, is e bruidhinn ri Nolan, Caiptean anns aLight Brigade. Thàinig Nolan a-mach as dèidh abhatail, còmhla ri Russell, fear anTimes.

Se fear Michael Dillon a tha cluich, air ainmeachadh aig deireadh nacredits : Dying Highlander.

Where were you, you bastard, where were you?”

Bheir Nolan dha sglog man abhus, agus an Gaidheal aig doras abhais.

Bheir Russell dha balgam uisge-beathà flasca.

Se Eireannach a bhann a Russell. ’Se Sasannach a bhann a Nolan, ach cha chreid mi gu robh a leithid idir ann.

Fictiona thann a Nolan.

Tha e iongantach mur e Eireannach a thann an Dillon cuideachd.

Chaidh sgian Mhic an t-Srònaich a chall aig muir is iad ri sgoltadh bhiorach. Mur a biodh cho dèidheils tha na Siaraich air bioraich, bhiodh sgian Mhic an t-Srònaich an-diugh anns amhuseum airScotland Street.

AN deireadh.

titleSgian Mhic an t-Sronaich
internal date1981.0
display date1981
publication date1981
level
reference template

Tormod Calum Dòmhnallach in Gairm 117 %p

parent textGairm 117
<< please select a word
<< please select a page