NAIDHEACHDAN A UIBHIST-A- DEAS (1)
air an cruinneachadh ’s air an deasachadh le Iain Mac a’ Phì, Loch Baghasdail.
(Seo agaibh beagan de’n stuth a thog mi air teip o Eàrdsaidh Munro a Loch Baghasdail, Uibhist-a- Deas agus an mhnaoi aige, Màiri, nach maireann.
Tha Eàrdsaidh fhèin, ged a chuir e cùl ris a’ cheithir fichead ’s a deich, gu frogail fhathast agus a chuimhne cho math ’s a bha i riamh. ’Se duine mòr, socair a th’ ann an Eàrdsaidh, fear a chuir seachad a’ chuid bu mhotha de shaoghal aig muir, agus air a bheil meas mòr aig sean is òg. Bha Màiri, a’ bhean aige, ’na boireannach cho laghach ’s cho bàidheil ’s b’ urrainn dhut fhaighinn, làn spòrs is dibhearsain. B’ èibhinn an taigh ud, nuair a rachadh duine air chèilidh, Eàrdsaidh is Màiri is naidheachd mu seach aca, agus mus bitheadh an oidhche seachad dh’ fhaodadh tu bhith cinnteach à ceathramh no dhà de dh’ òran o Mhàiri.
’Se Eàrdsaidh a dh’inns a’ naidheachd mu “Lachlann Dubh” agus Màiri an tè mun “bhoireannach air an robh na crùidhean.” — Iain Mac a’ Phì.)
Lachlann Dubh
Bhiodh iad a’ dol a-null ann a sheo — na h-Uibhistich — dhan Eilean Sgitheanach a dh’iasgach, greisean — a dh’iasgach sgadain — eil fhios agad, mar a bhiodh iad co-dhiù. Chaidh an fheadhainn a bha seo — o bha iad thall seachdainean a choreigin ann a shin — bhiodh iad a’ dol a chèilidh do thaigh a bha ann a shin greisean. An oidhche bha seo co-dhiù, chaidh am boireannach leis bu leis an taigh — a’ chailleach leis bu leis an taigh, agus fear dhiubh far a chèile agus thòisich iad air trod, i fhèin agus an t-Uibhisteach. Well, latha no dhà as a dheaghaidh sin bha na h-Uibhistich a’ tilleadh dhachaigh agus chuir ise air falbh a’ nighean aice fhèin ’na feannaig — ann a’ riochd feannaig — as an deaghaidh gus crìoch a chur air a’ bhàta ’s orra fhèin ’s air a h-uile sìon.
Bha iad a-nall tarsainn a’ chuain, ann a shin, ’s thàinig an fheannag air bòrd. Wella’ fear a bha a’ stiùireadh a’ bhàta, dhiùbh-san dha na h-Uibhistich — ’se Lachlann Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Mhuirich a bh’ air — agus bha e fad a’ latha ann a shin, cha do chairich e as a sin gus an do ràinig iad a-bhos agus cha do rinn an fheannag sìon ’s dh’fhalbh i mu dheireadh thall air an iteig ’s thill i dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach agus dh’ fhaighneachd a màthair dhith ciamar a chaidh dhi. “O” ars’ ise “cha b’urrainn mi sìon a dhèanamh, bha Lachlann Dubh mac Dhòmhnaill ’ic Mhuirich, bha e fad a’ latha ’na ghurrach air an stiùir”. Eil fhios agad bha ‘degree’ na b’àirde aig Lachlann Dubh anns an obair a bh’ann na bh’aice-se, ’s chuir e air falbh i. Bha esan na bu làidire sa’ bhuidseachd na bha ise . . . . . . . . . . Lachlann Dubh mac Dhòmhnaill ’ic Mhuirich ’s ’na ghurrach air an stiùir . . . . . . . . . .
Am boireannach air a robh na crùidhean
Bha seo ann dà ghille gan cosnadh aig tuathanach. Chan urrainn mi chantail cà’ robh iad, ach bha iad ann an deagh chosnadh, ’s bha iad glè mhath dheth agus a’ faighinn deagh bhiadh ach bha fear dhiubh a’ cumail uabhasach truagh a’ coimhead. Cha robh e togail air idir na sìon ’s bha e cur iongnadh air an fhear eile cho truagh ’s bha e, ’s iad a’ faighinn deagh bhiadh agus thuirt e ris a’ latha bha seo, “Tha e cur iongnadh uabhasach orm cho truagh ’s tha thu a’ coimhead. A bheil sìon ceàrr ort? Tha sinn a’ faighinn an aon bhiadh ’s tha sinn ann an deagh àite ann a sheo, agus tha sinn gu math comhfhurtail”. “O, well”, ars an gille òg eile, “innsidh mi dhuit dè tha cur dragh orm”. “Nam biodh tusa” ars esan, “a’ falbh a h-uile oidhche nad each mar a tha mise aig bean an taighe ’s i a’ dol a choimhead air fear eile bhiodh tu fhèin ’s dòcha cheart cho truagh”. “Dè tha thu ciallachadh” ars a chompanach. “O well” ars a’ fear eile, ’s dh’innis e dhà mar a bha.
“A h-uile oidhche, an dèidh dhuinn greis cadail a dhèanamh, cha bhi mise a’cadal gu dearbh” ars esan, “tha am boireannach — bean an tuathanaich a’ tighinn far a bheil mi is srian bheag aice ’s i ga crathadh air mo bheulaibh ’s tha mi dol ’nam each ’s tha i falbh leam ’s a’ dol a choimhead air fear eile. Bidh i greis còmhla ris ’s bidh mise ann a shin aig a’ gheata gus an tig i a-mach”. “O seadh” ars a chompanach ris. “Innsidh mise dhut dè nì mi riut. A-nochd theid mise gu beulaibh na leapa — gu posta na leapa — agus bidh mi ann a shin nuair a thig ise a-staigh feuch an dèan i an aon rud ormsa”. “Glè mhath” ars an gille eile, “tha mi glè thoilichte”.
Seo mar a bh’ann. Cha robh iad fada air a dhol dhan leabaidh nuair a thàinig i agus an t-srian aice ’s chrath i air a’ ghille i a bh’ aig posta na leapa ’s chaidh e ’na each sa’ mhionaid ’s dh’fhalbh i leis. Ràinig iad an taigh a bha seo ’s bha i deagh ghreis ann, gu uaireannan sa’ mhadainn,
ach thuirt esan ris fhèin, ged a bha e ’na each fhèin gu feuchadh e ri rudeigin a dhèanamh, ’s thòisich e air feuchainn ris an t-srian a thoirt dheth, mas e srian a bh’air, ceangailte ris a’ gheata a bha sin. Fhuair e dheth i mu dheireadh thall, ’s chaidh e dìreach ’na dhuine mar a bha e reimhid, ’s bha cuimhne aige air na faclan a thuirt ise, eil fhios agad, mun deach e ’na each, nuair a chrath i an t-srian air a bheulaibh. Nuair a thàinig i a-mach bha e an cùl a’ gheata, agus dìreach leum e, ’s thuirt e na faclan sin ’s chaidh i dìreach ’na làir, agus leum e air a muin ’s tharraing e gu ceàrdach gobha leatha agus chuir e ceithir chrùidhean oirre, crudha air gach làimh ’s air gach cois agus tharraing e an uairsin dhachaigh leatha. “Thalla a-nis a nighean a leithid seo agus bheir do leaba ort”, ’s dh’fhalbh i suas an staidhre ’s an “clatter” a bha sin aice leis na crùidhean.
Co-dhiù chaidh i dhan leabaidh — ma chaidh i dhan leabaidh —. Sa’ mhadainn bha tuasaid mhòr a-staigh. Cha robh fios aig duine dè bha ceàrr, bha bean an taighe uabhasach bochd; cha robh chridhe aig duine, a dhol ’na còir, cha robh i ach ag èigheach sa’ leabaidh. Dh’èirich esan ’s iad aig am biadh. “Dè tha ceàrr?” ars esan. “O, tha bean an taighe uabhasach bochd”. “Leigibh sibhse mise far a bheil i; tha fhios agam-sa dè tha ceàrr oirre”. O cha robh math dha dhol ’na còir aig càch.” “Theid mi suas” ars esan, “ ’s tha fhiosam dè th’oirre agus seallaidh mi dhuibhse dè th’oirre”. Chaidh e suas, ’s thug e dhith an cuibhrige ’s na plaideachan ’s bha i ann a shin anns a’ leabaidh ’s crudha air gach làimh ’s air gach cois. Well, sin agad, a-nis bana-bhuisreach, agus loisg iad i an uairsin.
title | Naidheachdan a Uibhist-a-Deas |
internal date | 1981.0 |
display date | 1981 |
publication date | 1981 |
level | |
parent text | Gairm 117 |