[122]

TURAS GU NIRRIBHIDH

le Tormod E. MacDhòmhnaill

Air an t-samhradh seo chaidh, 1981, rinn mi fhèin agus Mairead suas gun rachamaid cuairt do Nirribhidh mun dèanamaid mar is àbhaist air na h-eileanan an iar.

Dhfhàg sinn Hamilton aig uair Disathairne agus chaidh sinn ann am bus gu Port Adhair Ghlaschu. Bha beagan dàil ann a bhith afàgail a thoireadh gun robh a leithid adol air chuairt ach mu dheireadh bha sinn air an iteig agus adèanamh air Bergen. Nuair a ràinig sinn, bha an sìde fliuch ceòthach agus mar sin chan fhaca sinn mòran air an rathad gu Norheimsund.

Se baile beag bòidheach, air an Hardanger Fjord, a tha an Norheimsund. Tha mu 1800 duine afuireach ann agus bha sinne acòmhnaidh anns an taigh-osda Sandven, a tha gu math sean agus a tha air a thogail gu h-iomlan air fiodh. Bha na rumannan comhfhurtail agus am biadh air leth math. Aig àm breacaist agus aig meadhan latha bha sinn gar cuideachadh fhèin bho bhòrd mòr le biadh de gach seòrsa.

na Sàbaid bha uisge trom ann agus cha deach sinn fada. Feasgar chunnaic sinn film air obair nan seann ghobhaichean airgid ann an Nirribhidh agus an làthair bha gobha airgid aig a bheil bùth anns abhaile. Tha gobhaichean airgid anns gach baile oir tha mòran obair airgid comh-cheangailte ri deise nàiseanta na dùthcha.

Bha an sìde na bfheàrr Diluain agus chaidh sinn ann am bus gu Øystese agus an sin ghabh sinn aiseasg gu Fyksesund. Thadhail sinn ann an Alvik agus an Kinsvarik. Fhuair sinn aiseag eile gu Bruarvik agus thug am bus sinn suas do na beanntan. Bha an dìreadh cas le rathad caol lùbanach, coireachan domhainn, sgoran is creagan agus ged aig amannan a bha eagal air duine coimhead a-mach air an uinneig bha an sealladh air leth eireachdail, le easan atuiteamnan steallan sìos cliathaichean nam beann agus na fjords atighinn a-steach cho fada.

Bha madainn àlainn ann Dimàirt le grian agus fìor bheagan gaoithe agus ghabh sinn am bus gu Øystese agus air dhuinn coimhead air an bùthan choisich sinn air ais gu Norheimsund air an t-seann rathad tarsainn nam beanntan. Bha an sealladh brèagha fhèin, leis na h-eileanan beaga, na beanntan, na craobhan agus na taighean air an dèanamh gu lèir air fiodh agus air am peantadh le dathan bòidheach. Seach gu bheil a leithid de pheantadh ri dhèanamh feumaidh duine cead fhaighinn airson seòrsa dath a chuireas e air an taigh.

Tha iad airson gum bi na dathan a-rèir dathan nàduir, dathan nan craobh, an fheòir agus nam beanntan. Tha na taighean air an dèanamh air fiodh ach am bonn, a tha air a thogail air clachan. Seach gu bheil an talamh cho -chothrom bidh am bonn gu math tric àrd agus bidh iad


[123]

[Dealbh]
Mairead anns amheadhan

[Dealbh]
Cead-dol-thairis air chall, ’s am pleuna afeitheamh!


[124]

[Dealbh]
Eaglais-chlàr Borgund, aig Laerdal


[125]

an còmhnaidh acur rùm no dhà shìos gu h-ìosal. Tha am fiodh airson nan taighean pailt agus gu math saor ach tha pàigheadh luchd obrach gu math àrd.

Anns aphàirt seo den dùthaich chan eil na tuathan no na croitean ach beag agus mar a bheil obair eile aig na tuathanaich tha iad adèanamh bèoshlaint air fiodh, measan, iasgach no air luchd turais. Airson gu mair am fiodh tha e coltach ma ghearras duine craobh gu feum e a dhà a churna h-àite. Bidh iad agearradh a h-uile pìos feòir as urrainn dhaibh agus airson a thiormachadh bidh iad ga chrochadh air sreangan eadar pìosan maide. Bidh iad adèanamh seo cho luaths a ghearras iad e agus ga fhàgail gus an tiormaich e. Laighidh e air a chèile agus cha teid an t-uisge troimhe. Tha an geamhradh cho fada agus gum bi an crodh a-staigh gun dol a-mach, bho thoiseach an fhoghair gu meadhan amhìos Màigh agus mar sin feumaidh iad an t-uabhas fodair.

Feasgar, thadhail sinn ann an Eidfjord agus chaidh sinn air chuairt do Sima far am bheil an obair cumhachd Hydro as motha anns an Roinn Eòrpa. Chladhaich iad a-staigh do thè de na beanntan airson pìoban a chur troimpe agus tha an cladhach cho domhainn agus cho mòr agus gun teid bus a-staigh leth mhìle ann. Leis na tha aca de Hydro tha cumhachd an dealain cho saor agus gu bheil na Nirribhich uabhasach cosgail air. Tha e coltach an uair a theid duine a-staigh do thaigh, ’si dorcha, gun cuir e air a h-uile solas agus gum fàg e air iad fad na h-oidhche.

Diciadain ghabh sinn am bus gu Bergen-port gu math trang le margadh èisg a tha iongantach ri fhaicinn. Chaidh sinn suas ann ancable - cargu mullach de na beanntan agus gu dearbh bha an sealladh àlainn.

Chuir sinn seachad Diardaoin timcheall air Norheimsund fhèin agus feasgar thadhail sinn ann an Frammes Folkehoeskule noFrammes Folk School, far am bi clann nach eil ro chinnteach tha iad adol a dhèanamh an dèidh na h-àrd-sgoil, acur seachad bliadhna, agus bidh iad ag ionnsachadh mòran mu eachdraidh, cànan agus ceòl Nirribhidh. Nach mòr am feum a tha againn air a leithid de sgoiltean air aGhàidhealtachd?

Dihaoine chaidh sinn do Eaglais Vikoy, far an dfhuair sinn òraid, ann am Beurla, bhon mhinisteir. Tha achuid mhòr de na h-eaglaisean agus 96% de na daoine den chreideamh Lùtaranach.

Tha cosgais nan eaglaisean air a ghiùlan gu lèir leis an riaghaltas. Anns na h-eaglaisean tha sèithrichean brèagha far am bi càraid a tha adol a phòsadh asuidhe. Tha eaglais Vikoy gu math faisg air cladach an Hardanger Fjord agus air taobh eile an rathad, dìreach air oir na mara, tha seann taighean beaga far am bàbhaist, anns na seann làithean, an fheadhainn sin den chomhthionail, a bha fuireach air taobh eile am fjord agus a bhiodh atighinn ann am bàtaichean, a bhith acur orra an aodach Sàbaid. Nuair a thill sinn don taigh-òsda bha itealan, a laigheas air amhuir, dìreach air tighinn a-staigh. Bidh iad adèanamh feum de na h-itealain seo, airson iomadach martaxis, carabadan eiridinn agus giùlan


[126]

[Dealbh]
Caileagan Nirribhidheach ann an aodach nàiseanta

[Dealbh]
Ard-sgoil sluaigh (Folk High School)


[127]

phàipearan. Air an oidhche chunnaic sinn film air obair nam banarach anns na saitarsàirighean na Gaidhealtachd.

Disathairne, dhèirich sinn tràth anns amhadainn airson a dhol gu Port Adhair Bergen, agus an uair a thìde bha sinn air ais ann an Hamilton.

Tha mise smaoineachadh gum bu chòir don h-uile duine ann an Alba a dhol air chuairt do Nirribhidh. Tha an dhùthaich gu math coltach ri chèile. A thaobh sluaigh tha 4,080,000 ann an Nirribhidh agus 5,170,000 an Alba. Tha 455,000 acòmhnaidh an Oslo agus an Dun Eideann. Mar a tha Alba air a bhith strì gus i fhèin a chumail gun a dhol fo spògan mòra Shasainn tha Nirribhidh, troimh na linntean, air a bhith asabaid ris an t-Suain. Ach ann an 1905 rinneadh cùmhnant a dhfhàg Nirribhidhna dùthaich air leth, gun ghnothach air bith ris an t-Suain. Bhon uair sin tha Nirribidh air a cànan agus a dualchas a chur an òrdugh agus tha gach duine moiteil as gach a tha afàgail Nirribhidhna dùthaich air leth.

Tha Alba ìosal, truagh, an iomadach dòigh an comas ri Nirribhidh. An Nirribhidh tha 70% de oileanaich acumail air foghlam an dèidh sia bliadhn deug. An Albase an aireamh 37% . Gun obair an Alba tha 318,000 no 14. 1% . An Nirribhidh chan eil gun obair ach 28,200 no 1. 5% . Ann an gnothaichean economaiceach an 1979-80 bha am fàs an Nirribhidh 4. 3% . An Alba bha seo cho ìosal ri 1. 7% . Ann an 1979 ghlac na Nirribhich 2.7m tonne de iasg ach an Alba cha tugadh gu tìr ach 0.4m tonne.

Dhfhaodamaid cumail air adhart ach tha mi smaoineachadh gu bheil mòran leasain againn ri ionnsachadh bho na Nirribhich.

titleTuras gu Nirribhidh
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
reference template

Tormod E. MacDhòmhnaill in Gairm 118 %p

parent textGairm 118
<< please select a word
<< please select a page