[243]

BILE CHOIRICHEAN AIRSON CANAINEAN BEAGA

le Niall MacEacharna

Ceann-suidhe a’ Chomainn Ghaidhealaich

Aig deireadh na bliadhna 1981 chaidh Bile Chòirichean airson Cànainean Beaga troimh Phàrlamaid na Roinn Eòrpa. Tha am bile acomhairleachadh nam Pàrlamaidean nàiseanta cinnt a dhèanamh gu bheil luchd nan cànainean beaga afaighinn an còirichean; agus gu sònraichte amoladh gun toirear taic ann a roinn fòghlaim, meadhanan naidheachd agus gnothaichean coimhearsnachd.

Tha e air iarraidh air na riaghaltasan nàiseanta agus ionadail maoin a chur air leth airson teagasg nan cànainean, an eachdraidhs an cultur, a neartachadh anns na sgoiltean, agus far a bheil e freagarrach na cànainean a chleachdadh mar mheadhan teagaisg.

Ann an raon craolaidh tha am bile amoladh gum bi cothroman ann airson prògraman de iomadh seòrsa agus de ghnè àrd a dheasachadh agus a sgaoileadh anns na cànainean air rèidio agus telebhisean.

Agus tha am bile adèanamh soilleir gu bheil e ceart gum biodh cothrom aig muinntir nan cànainean beaga dèiligeadh ri ùghdarrasan ionadail co-dhiù, ’nan canain fhèin.

Sin, mata, gu geàrr, molaidhean abhile: molaidhean a tha air leth inntinneach. ’Se bha acur dragh air mòran, ged tha, nach robh dad atachairt. ’Sann air a shon sin a chaidh cruinneachadh a chur air bhonn ann am Bruiseal saChèitein, cruinneachadh a theid sìos ann an eachdraidh. An làthair bha àireamh de bhuill na Pàrlamaid Eòrpach, caigeann de luchd-obrach na Pàrlamaid, ollaimh agus daoine ionnsaichte eile, agus suas ri fichead riochdaire, aon as gach ceàrn anns abheil cànain bheag. San dol a-mach bha e fìor fhollaiseach an tart a bha air gach riochdaire airson fiosrachaidh mu an t-suidheachadh sna dùthchannan eile. Agus bha gach riochdaire làn fhileanta ann a bhith ag innseadh mun t-suidheachadh aig an dachaighean. Bha na facail asruth om bilean. Bha iad mar gum biodh iad afaighinn faochadh, neart agus misneach o bhith còmhradh ri chèile. Bha am miann airson eòlas cho làidirs gun do rùnaich achoinneamh glè thràth gum bu chòir iris ràitheil a chur air dòigh, iris a bheireadh eòlas air an t-suidheachadh anns gach dùthaich, a bheireadh iomradh air na h-ionnsaighean anns a bheilear an sàs, agus a bheireadh far comhair ‘models’ airson leasachaidh. Tha fiughair mhòr ris an iris seo.

Tha am bile amoladh taic aig ìre: ìre nàiseanta agus ìre Eòrpach, agus mar sin san dol-a- mach tha feum air ceistean a chur aig an ìre. On a chaidh am bile troimhn Phàrlamaid chaidh a dhèanamh, than dùil a dhèanamh agus na structairean a tha san amharc airson leasachaidh?


[244]

A-rèir na Pàrlamaid Eòrpach bha na bha làthair glè dhaingeann sabheachd gu bheil nithean cànain cho cudthromach agus cho farsaing ann am beatha an t-sluaighs nach biodh e ceart am fàgail aig aon choimitidh airson coimhead orra. Bu chòir leasachadh chànainean beaga a bhith fighte staigh ann am feallsanachd na Pàrlamaid agus àite fhaighinn anns gach raon obrach. Chan eil sin ag ràdh nach biodh e freagarrach, maite, aon choimitidh a bhith ann a shealladh gu dlùth is gu domhainn air ceistean cànaineach agus culturach. Tha dùil ‘Cultural Foundation’ a shuidheachadh san Eòrpa, agus dhfhaodadh am buidheann seo sealltainn gu dlùth air nithean co-cheangailte ris na cànainean beaga agus an culturan.

Ach tha seo fada bhuainn an tìm, agus tha gluasad na Pàrlamaid glè mhath. Airson piobrachadh agus brosnachadh a-nis chaidh bhuidheann a chur air chois. Sachiad àite chaidh buidheann de bhuill na Pàrlamaid Eòrpach a chruthachadh. Ged as e na sòisealtaich a thòisicheas am buidheann seo tha fiughair agus dòchas gun tig buill as gach pàrtaidh a-steach ann a ghabhail pàirt ann a bhith abreithneachadh agus adèanamh sgeimichean airson na Pàrlamaid. Tha cànain abeantainn ri gach taobh de bheatha an t-sluaigh agus bhiodh e neo-nàdùrra gnothaichean cànain a chumhangachadh taobh a-staigh crìochan phàrtaidhean. San dara àite, chaidh coimitidh a stèidheachadh, coimitidh le aon bhall o gach dùthaich anns a bheil cànain bheag.

Sna làithean a tha romhainn, co-dhiù gus an teid leasachadh chànainean fhilleadh nas dlùithe ann am feallsanachd na Pàrlamaid agus gus am faighear sreath anns abhudget airson leasachaidh, bithidh sinn


[245] nas tithiche cobhair fhaighinn airson ionnsaighean sònraichte. Tha e mar fhiachaibh air gach ceàrn ionnsaighean noprojectsa dhealbh agus a chur chun achoimitidh ùr airson sùil gheur a thoirt orra an cur air aghaidh ann an òrdugh freagarrach.

Ann an saoghal na Gàidhlig theid coimhead air ionnsaighean ann an raon fòghlaim, meadhanan naidheachd agus gnothaichean coimhearsnachd.

A thaobh fòghlaim tha feum air rannsachadh geur agus domhainn co-cheangailte ri -chànanas anns na sgoiltean. Tha feum air coimhead air dòighean teagaisg agus air prògram a dhealbh airson stuthan teagaisg agus leabhraichean. Tha stuthan agus leabhraichean dathte inntinneach cho gann agus gum faod gum feumar leabhraichean ann an cànainean eile eadar-theangachadh. Tha feum air coimhead air dòighean sam faigh clann na Gaidhealtachd, an dèidh an sgoil fhàgail, cothrom dol air aghaidh le ionnsachadh ann an teicneolas, innleadaireachd agus clèireachd saGhaidhealtachd, co-dhiù airson cuid de ùine. Tha e coltach gum biodh an t-ionnsachadh air a dhealbh an dòigh a fhreagras agus a bhuineas ris echoimhearsnachd. Agus tha feum mòr air sùil gheur a thoirt air smaointeachadh phàrantan. Carson nach eil pàrantan adèanamh oidhirp nas motha air an cànain mhàthaireil fhèin a thoirt don teaghlach. ’Se ceist mhòr a tha an sin, ceist a bha acur dragh air gach riochdair a bhan làthair.

Ann an raon craolaidh tha e ceart gum bitheamaid mothachail air achron a tha cion phrògraman Gàidhlig, gu sònraichte air telebhisean, adèanamh. Ach than t-àm ann cuideachd sealltainn air na dòighean as urrainn dhuinn barrachd feum a dhèanamh de chraoladh. feum a gheibh sinn as na h-adhartasan teicneolachnasatellitesagus navideo cassettesagus innleachdan eile? Feumaidh sinn a bhith deas èasgaidh agus làn eòlach air na cothroman a tha tighinn an àird.

Arm an raon gnothaichean coimhearsnachd tha mòran de dhobair luachdmhor adol air aghaidh ann an dùthchannan eile a thaobh polasaidhean -chànanach agus -chulturach. Is còir coimhead air an obair seo agus tighinn gu co-dhùnaidhean mu pholasaidhean airson diofar cheàrnannan dùthaich fhèin. Tha mòran rannsachadh agus fiosrachadh a dhìth.

Sin mata iomradh geàrr agus corra bheachdan mu rudan a ghabhadh dèanamh. Chan eil teagamh idir nach e bile uile gu lèir cudthromach a chaidh troimhn Phàrlamaid Eòrpach. Agus chan eil teagamh nach tig cuideachadh airson chànainean beagna lùib. Bithidh meud na taic a gheibh sin crochte gu ìre mhath ri meud na h-oidhirp a sinn fhèin air ar son fhèin. Ma sheallas an sluagh gum bheil ùidh mhòir acanan cànain agus gum bheil iad daingeannnam miann thig buaidh. Tha taic nàiseanta agus Eòrpach luachmhoir ach nas luachmhoire uile gu lèir tha toil an t-sluaigh.

titleBile Chòirichean Airson Canainean Beaga
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
reference template

Niall MacEacharna in Gairm 119 %p

parent textGairm 119
<< please select a word
<< please select a page