An Sgeilp Leabhraichean
Folksongs and Folklore of South Uist,le Margaret Fay Shaw (Routledge agus Kegan Paul Ltd., Lunnainn. 50/- ).
Tha sinn cinnteach gun toir a’ chuid as motha de ar luchd-leughaidh sùil gheur air prìs an leabhar so mus ceannaich iad e. Is duilich gu dearbh cho daor ’s a tha leabhraichean air fàs, ged a tha mi smaoineachadh gu bheil nas lugha prothaid aig na clò-bhualadairean na bh’aca roimh ’n chogadh. Ach chan eil prìs an leabhar so thar cuimse, oir cha b’ann an asgaidh a chaidh a dhèanamh, leis na th’ann de dhealbhannan is de cheòl. Cha leiginn a leas eadhon an leisgeul sin a dhèanamh airson na prìse. Is geal as fhiach e an t-airgead airson na tha ’na bhroinn.
’Se bana-Ameireaganach a bha anns an ùghdar mus deach i a dh’fhuireach a dh’Uibhist a Chinn a Deas anns a’ bhliadhna 1929. Chuir i seachad faisg air sia bliadhna ann an Gleann Dail anns an eilean sin, agus dh’fhàs i anabarrach ceangailte ris a’ bhaile sin agus ri na daoine a bha i beò ’nam measg. Tha iomradh coibhneil blàth-chridheach againn an so air na daoine is na mnathan a bha sin, is chan e a h-uile baile no a h-uile sluagh a gheibh carragh-cuimhne cho snasmhor no cho buan—bithidh e da-rìribh nas maireannaiche no umha.
’Se ceòl is òrain bu mhotha a bha air ùidh Mairead Fay Shaw, no mar a theirte rithe an diugh, Bean Fear Chanaidh. Ach saoilidh mi gur h-e an nì as luachmhoire de’n leabhar gu bheil i a’ fiachainn ri dealbh a thoirt do’n t-saoghal a muigh air caithe-beatha an t-sluaigh anns a’ bhaile so o chionn còrr is fichead bliadhna. Thainig iomadh atharrachadh air a’ bhaile bho’n uair sin. Is iongantach gu faicear an diugh a’ chas-chrom a’ dol an sàs ach glé ainneamh, is chan eil fhios agam a bheil aon teine am meadhon an làir ann an diugh. ’Se gnothaich gun chiall a bhiodh ann a bhith caoidh nan nithean sin air an sgàth fhéin. ’Se aobhar caoidh a bhiodh ann nan d’fhalbh, mar a thuirt am bàrd Iain Gobha, spiorad a’ Charthannais a bhà, a rèir sgeòil is a rèir ar fiosrachadh fhéin, co-cheangailte ris na seann rudan sin, is ma dh’fhalbhas eòlas nan daoine air an litreachas fhéin agus an uaill ’nan ceòl is ’nan cànain. Ma dh’fhalbhas, is math an cunntas so a bhith againn.
Tha cunntas againn cho mionaideach anns an leabhar so air Gleann Dail ’s a th’againn air baile sam bith air a’ Ghaidhealtachd. Chì sinn dealbhannan nan tighean, a muigh ’s a stigh, dealbhannan nan daoine ’s iad aig mòine, aig buain, ag càradh nan lìon, a’ snìomh is a leithid sin. Tha móran ann mu dheighinn Mhàiri is Pheigi Anndra, oir b’ann còmhla riutha-san a bha a’ bhan-ùghdar a’ fuireach. Chì
sinn dealbh de Mhàiri ’na suidhe ri taobh a’ ghealbhain is Uilleam Dona ’na h-uchd— ’se sin an cat! Chì sinn Peigi a’ bleoghan na bà, Bean Ruairi a’ Chùbair a’ càrdadh, Bean Iain Chlachair am measg nan caorach, saoitheanan ’gan tiormachadh air an fhence air bialaibh tigh Ghilleasbuig Mhic Cormaig. Tha grunn de na sgeulachdan a dh’innis Seonaidh Caimbeul air an cur sìos an so am Beurla; tha cunntas ann air leigheasan a bha ’gan dèanamh, air seanfhacail is tòimhseachain a bha air bilean an t-sluaigh gu coitcheann, agus gu h-àraidh air an h-òrain a bhiodh iad a’ seinn, is iad a’ snìomh is a’ luadhadh, a’ bleoghan na bà is a’ tàladh an leanaibh bhig. Tha ceud ’s a naoi de na h-òrain sin anns an leabhar, cuid aca is dha no trì de dh’fhuinn eadardhealaichte riutha, is beag no mór de dh’fhiosrachadh mu’n deighinn—càit eile a bheil iad r’am faighinn, no an sgeulachd tha ceangailte riutha. Tha òrain ann bho’n t-siathamh linn deug gu ruig an là againn fhìn, cuid a rinneadh air tir-mór, cuid a Leódhus, as na Hearadh, as an Eilean Sgitheanach, a Barraidh, gun luaidh air Uibhist fhéin. Mar as trice tha iad air an cur sìos mar a bha iad air an seinn ann an Gleann Dail, ach an corra àite tha iad air an leasachadh is air am mìneachadh. Chan aithne dhomh càit eile a faigheadh duine co-chruinneachadh de’n mheudachd so de cheòl is de dh’fhacail a tha cho earbsach ri so, mura faigheadh anns a’ chruinneachadh a rinn Frannsag Nic an Tolmaich, is a chuir AnEnglish Folksong Societyan clò anns a’ bhliadhna 1911. Tha gun teagamh móran de dh’òrain ann an so nach eil ro phrìseil mar litreachas, ach cha bhiodh an cunntas iomlan as an aonais, oir chan iad as lugha a tha a’ toirt de thlachd dhaibhsan a tha ’gan seinn. Nan deanainn casaid idir an aghaidh an leabhair ’se so e; gu faigheadh duine sealladh na bu shoilleire agus na b’fharsuinge air fàs agus searg a’ bhial-aithris so nam biodh na h-òrain air an òrdachadh a rèir an aoise. Tha fhios gu bheil so duilich a dheanamh, anabarrach duilich air uairean, ach feumar a dhèanamh uaireigin, agus feumar mar an ceudna an ceòl a sgrùdadh is a mhìneachadh air an dòigh cheudna. Ach is dòcha anns an leabhar so gum b’e call a bhiodh ann fiachainn ri sin a dhèanamh, oir tha a iomchuidheachd fhéin aig an òrdachadh a thagh a’ bhan ùghdar. Tha i a’ leantainn dòigh an Ollaimh Otto Andersson air na h-òrain luadhaidh a rannadh; a thaobh a’ chuspair sin bu chòir a ràdh gu bheil alt ùidheil aig Seumas Ros anns an àireamh mu dheireadh de’n iris Eireannach Eigse, a’ buntainn ris an dearbh chùis tha so ann an dòigh chothromach.
Tha ar taing aig a’ mhnaoi-uasail Mairead Fay Shaw, agus aig a céile Iain Lathurna Caimbeul, airson an saothair ann a bhith a’ toirt dhuinn an leabhair luachmhoir so.
RUARAIDH MACTHOMAIS.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Folksongs and Folklore of South Uist) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |