A’ Bhaidhearn
Le SOMHAIRLE MACGILLEATHAIN
Passau—Aon de na bailtean anns an robh Somhairle air a thurus.
ANNS a’ Mhàrt fhuair mi cothrom a dhol a cheann a deas na Gearmailte air gnothach mu theagasg na Beurla an sgoiltean na Baidhearn(Bavaria) .Chaidh sinn ann ceathrar Albannach, thug sinn òraidean do iomadh buidhinn de mhaighstirean agus bana-mhaighstirean sgoile; bhruidhinn gach fear dhinn ri trì no ceithir clasaichean an còrr is fichead sgoil; fhreagair sinn iomadh ceist thuigseach agus iomadh te neònach bho’n òigridh; agus chaith sinn iomadh uair a thìde an còmhradh oidean foghluim de iomadh seòrsa. A’ chiad seachdain bha sinn am Muinich, prìomh bhaile na dùthcha. An deidh sin chaidh dithis gu trì bailtean an iar ’s a deas air Muinich, agus chaidh an dithis eile gu trì bailtean tuath agus an ear, Regensburg, Straubing agus Passau. Bha mise air an dàrna dithis, ach mun d’fhàg sinne cuideachd chaidh againn air sgrìob a thoirt a dh’ionnsaigh nam beanntan an oir a deas na dùthcha, agus ràinig sinn mullach na te as àirde dhiubh uile.
Chunnaic sinn móran de’n Ghearmailte air an t-slighe. Bha solus an latha againn a’ falbh, cha mhór o Hoek na h-Olainde gus an d’ràinig sinn Muinich, ach a chionn gu robh e cho tràth de’n bhliadhna cha robh leathadan casa tìr an Rein fhathast gorm le duilleach nam fìon-lios no geal is dathte le blàthan eile, agus bha an là ciar ceòthach, agus shaoil mi gu robh na bailtean glé ghlas agus bha màbadh a’ chogaidh glé fhollaiseach. Nuair a dh’fhàg sinn an Rein agus a chuir sinn seachad Frankfurt agus Aschaffenburg ràinig sinn dùthaich a chòrd rium gu h-anabarrach. B’e sin Unter Franken no Iochdar Franconia, dùthaich le glinn chumhang agus cnuic choillteach, bailtean beaga bòidheach is mullaich dhearga air na tighean, is eaglaisean le stìopaill bhiorach. Ach mar a b’fhaide deas a chaidh sinn, chitheam-
aid an sud agus an so stiòpall air chumadh uinnein, comharradh gu robh sinn a’ tarruing dlùth air tìr a’ ghnè-togail ris an canar Baroc. Thug mi an aire gu robh na bailtean dùmhail agus gu robh an talamh-àitich a’ sìneadh bho na bailtean gun tigh idir air. Tha fìon-liosan anns a’ cheàrnaidh so cuideachd, air bruthaichean casa. Tha fhios gu bheil saothair mhór ’nan siubhal.
Tha na srathan a’ fàs nas leatha fosgailte gus an ruigear machair na Baidhearn agus an Donan. Tha a’ mhachair a’ ruigheachd deas air Muinich ach tha am baile sin faisg air a h-oir dheis oir chithear beanntan nan Alp bhuaithe.
Thugadh comhairle oirnn a dhol gu Garmisch ma bha sinn deònach air deagh shealladh faisg fhaighinn de na beanntan. Ghabh sinn a’ chomhairle sin, agus air a’ chiad Di-Sathuirne a bha againn saor, ràinig dithis againn fìor mhullach an t-Zugspitze, air là grianach gun neul air adhar. Tha a’ bheinn so glé fhaisg air 10,000 troigh os cionn na mara, agus chithear bhuaipe an Gross Glockner, Habicht, Piz Bernina, Piz Palu agus ceudan de bhinneinein eile, deas, an ear-dheas agus an iar-dheas, cuid dhiubh an Astria, cuid anns an t-Suis agus cuid anns an Eadailte. Fada àir faire anns an aird an ear-thuath chithear am Böhmer Wald ann an Seacho-Slobhacia.
Chan eil teagamh nach eil Bràighe na Baidhearn, a’ cheàrn a deas so, cho àlainn agus a ni beanntan àrda, coilltean, lochan agus aibhnean tìr sam bith, agus cha ruigear a leas an còrr a ràdh mu obair Nàduir, oir tha móran de obair an duine anns a’ Bhaidhearn glé annasach agus pàirt dhith glé bhrèagha.
Chan eil e soirbh do Albannach gaol a chridhe a ghabhail air an obair-ghréis bharoc a gheibhear gu saidhbhir ann am mór chuid de eaglaisean na Baidhearn, ach chan urrainn do neach sam bith gun iongnadh a bhith air aig ionmhas a ghnìomhaidh ghil agus oir agus uidh air n-uidh thig seòrsa de bhàigh an ceann an iongnaidh, gu h-àraidh mas toigh leis muinntir na Baidhearn, agus cha mhór nach canainn-sa: is toigh leis na h-uile iad. Bu toigh leam-sa, co-dhiùbh, na chunnaic mi de’n t-sluagh. A dh’aindeoin sin, is fheàrr leam am modh Gotach agus Romanasc, agus a bhrìgh sin, chòrd eaglaisean Regensburg rium na b’fheàrr, oir an Regensburg tha iad de’n chuile seòrsa: Romanasc, Gotach, Baroc agus Rococco. Tha fhios nach eil móran bhailtean san Roinn Eòrpa de a mheud—gabhaidh e coimeas ri Obar-Dheadhain an àireamh sluaigh—cho annasach a thaobh togalaichean. Bha fear-teagasg eachdraidh ’na fhear-iùil againn an Regensburg. Bha e, a réir gach coltais, mion eòlach air gach modh togail anns an Roinn Eòrpa agus chaidh e gu a làn dhìcheall a nochdadh dhuinn gach nì a b’fhiach fhaicinn. Am measg eaglaisean Regensburg tha te ris an can iad Shottenkirche, ’se sin eaglais nan Scotach, ach theagamh gu bheil Scotach a’ ciallachadh Eireannach, oir chuireadh air bonn i mun d’rinn na h-Eòrpaich eadar-dhealachadh eadar Scotaich na h-Eireann is na h-Albann. Tha Regensburg annasach do Ghaidheil an seagh eile. Thatar ag ràdh gur h-e ainm Ceilteach a tha anns an t-sean ainm, Ratisbon, agus gur h-ann mun àite so a tha a’ cheud iomradh air na Ceiltich anns an Roinn Eòrpa.
Ma tha na maighstirean-sgoile a thachair ruinne coltach ris an
[Dealbh]
“. . . ràinig dithis againn fìor mhullach an t-Zugspitze . . .”
t-sluagh eile, ’se daoine còire uaisle a tha am muinntir na Baidhearn. ’Sann mar sin a fhuair sinne an fheadhainn air na chuir sinn eòlas. Thigeadh iad a chéilidh oirnn anns na tighean-òsda anns an robh sinn, agus dh’fhanadh iad glé anmoch an còmhradh ruinn. Thigeadh fear le càr, agus mur robh càr aige fhéin, gheibheadh e caraid aig an robh agus bheireadh iad sinn gu gach àite a b’fheàrr a b’fhiach fhaicinn. Bha iad saor fosgailte ’nam briathran agus chuala sinn móran a bharrachd bhuapa na bha mi an dùil a chluinneamaid.
Feumar aideachadh gum b’e luchd-teagaisg sgoile a’ mhór roinn air an d’fhuair sinn aithne, agus faodaidh e bhith nach eil am beachdan-san an dùthaich sam bith glé choltach ri beachdan an t-sluaigh gu léir; faodaidh gu bheil iad, mar gum b’eadh, ’nan treubh air leth, gun spleadhan luchd an airgid mhóir agus nas farsuinge an inntinn na tha mór roinn an t-sluaigh; agus uime sin dh’fhaodadh nach d’fhuair sinne eòlas sam bith air cor agus spiorad na dùthcha, ach dh’éisd mise le cluais cho geur ’s a th’agam ris na thuirt iad agus thug mi mo cheart aire do na rudan nach dubhairt iad, agus dh’fhiach mi ris na dhà a chur ri chéile.
’S iomadh uair a chluinneas sinn Sasannach agus Albannach a’ labhairt mar so: “Chan eil aithreachas sam bith air na Gearmailtich a thaobh a’ Chogaidh, ach tha iad duilich nach deach e leotha fhéin.” Chan eil sin fìor a thaobh maighstirean-sgoile na Baidhearn, agus is deacair dhomh a chreidsinn gu bheil e fìor a thaobh mór chuid an t-sluaigh. Chan eil, gu dearbh, déidh mhór aca air na h-Ameireaganaich, ach tha aobhar àraidh air sin. Nuair a ràinig na h-Ameireaganaich a’ Bhaidhearn tha e coltach nach d’rinn iad eadar-dhealachadh gu leòir eadar na Nàsaich agus càch. Bha sin glé shearbh aig na Gearmailtich aig an robh gràin air Hitler. Bha aon mhaighstir-
sgoile glé ghuineach an aghaidh nan Ameireaganaich ach thuirt esan cuideachd: “Shàbhail iad sinn o rud fada na bu mhiosa.” Chuala sinn aig feadhainn eile gu robh an duine so ’na churaidh an aghaidh nan Nàsach, agus b’e na Ruiseanaich an “rud fada na bu mhiosa” a bha ’na bheachd. Bha e cho gasda ruinne ’s a b’urrainn neach a bhith. Theireadh fear is fear ruinn: “Cha robh mise riamh ’nam bhall de’n phàirtidh Nàsach” —agus tuigear cho doirbh ’s a bha sin do luchd-dreuchd sam bith. Bha e soilleir gu robh còrr agus dà thrian nam maighstirean-sgoile ’nan Caitligich, agus bha iadsan an còmhnaidh a’ nochdadh dhuinn mar a sheas an t-Ard-Easbuig Faulhaber an aghaidh Hitler; mar a bha abaid Mhetten ’na phrìosanach an Dachau; agus mar a mharbh réiseamaid S.S. Praedeger Döm Regensburg.
Thuig mi nach robh móran sam bith deònach air an arm Ghearmailteach a chur air bonn a rithist. “Tha e ro thràth” arsa feadhainn, “Tha cus de’n t-sean seòrsa oifigeach beò fhathast. Tha eagal oirnn gu faigh iadsan smachd air an arm.” Bha argumaidean eile aca a bhios againn fhìn: ge be có gheibh buaidh-làraich, na h-Ameireaganaich no na Ruiseanaich, theid a’ Ghearmailte ’na smàl. Cha bhi innte ach blàr cogaidh fo na bomaichean ùra. Tha nàire air iomadh duine còir a tha air taobh Adenauer gu bheil luchd-airgid tìr an Rein agus an Rùr cho déidheil air an arm a chur suas a rithist. Tha an fheadhainn a rinn fortan fo Hitler a’ dol a dheanamh fortan eile le armachadh na Gearmailte.
Cha chuala mi gu robh móran spéis aca do aonachadh na Gearmailte. “Tha òigridh na roinne an ear caillte. Tha na Comunnaich air an anam a ghlacadh.” Sin barail chumanta.
Tha tàmailt air na Gearmailtich gu bheil a leithid de ghamhlas aig na h-Eòrpaich eile dhaibh, gu h-àraidh aig na Duitsich agus na Lochlannaich. Bha maighstir-sgoile ag innseadh dhomh an tàire a dh’fhuiling e an Lochlann o chionn bliadhna no a dhà. “Cha chaill na Pólaich agus na Seachaich an gamhlas dhuinn gu bràth” arsa fear eile. “Gabhaidh sin tuigsinn.”
Cha chuala mi iad a’ cur gamhlas as leth nan Ruiseanach. Cha chuala mi duine ag ràdh deagh fhacal mu riaghladh na Ruisia ach gun dubhairt aon fhear gu robh uachdarain Ruisia fada nas comasaiche ann a bhith a’ tàladh choigreach na bha na h-Ameireaganaich. Bha iad uile de’n bharail gu robh Ruisia ’na dùthaich bhochd thruagh ach gun robh an sluagh còir, sìmplidh agus cràbhach, ach gu robh iad a’ dol ’nam brùidean le deoch làidir; gu robh iad mìorbhaileach mar shaighdearan, gu robh an cruadal agus an treuntas do-thuigsinn. Bha a h-uile fear ris na thachair mi a bha aois airm eadar 1939 agus 1945 anns a’ chogadh, agus ’sann an Ruisia a bha iad uile. Bha fear de’n bharail gum biodh móran de na Ruiseanaich, gu h-àraidh muinntir na h-Ucréin, air taobhadh ris na Gearmailtich mar b’e cho brùideil ’s a bha na réiseamaidean S.S. aig Hitler. Thuirt esan nach d’rinn an t-arm cumanta Gearmailteach rud sam bith nach deanadh arm eile, ach gu robh na réiseamaidean S.S. dìreach diabhlaidh. B’e sin beachd duine cho còir tuigseach ’s a chunnaic mi sa’ Ghearmailt no an dùthaich eile.
[Dealbh]
Regensburg , Dom St. Peter
Cha chuala mi aon ghuth an aghaidh na Frainge. “Chan eil dùthaich eile air an t-saoghal” arsa fear rium, “anns a bheil an t-saorsa inntinne a mhothaichear anns an Fhraing.”
Cha do chuir mi eòlas air a bheag ach oidean foghluim ach bha fear ag obair anns an tigh-òsda far an robh mi am Muinich a bha ’na phrìosanach anns an dà chogadh mhór. Uime sin chuir e eòlas air móran choigreach. Ars esan rium: “Na daoine bu choibhneile ri prìosanaich Ghearmailteach—b’ iad na h-Albannaich agus na daoine dubha Ameireaganach.” Chuir e a làmhan m’a ghlùinean a nochdadh gum b’e “gillean an fhéilidh a bha e a’ ciallachadh.”
Bha na maighstirean-sgoile gu math fiosrach mu ghnothaichean am Breatainn, ach ma bha iadsan fiosrach bha a’ chlann dian le an ceistean. An cuid de na sgoiltean dh’iarradh oirnn labhairt air cuspairean àraidh: sgoiltean na h-Albann; an cluichean; Burns; Wordsworth; bàrdachd ar linn fhéin; Shakespeare. An sgoiltean eile bha againn ri freagairt a thoirt do cheistean de gach seòrsa: dé a’ bharail a tha aca am Breatainn air na Gearmailtich; an toigh leis an t-sluagh Churchill; dé tha tighinn eadar Atlee agus Bevan; carson a tha na h-Albannaich diùmbach mu thiotal na Bànrioghain; a bheil na h-Albannaich ag iarraidh pàrlamaid dhaibh fhéin; dé an t-eadar-dhealachadh a tha eadar a’ Bheurla Shasunnach, a’ Bheurla Ghallda agus a’ Ghàidhlig; an robh mi fhéin airson imrich a dheanamh a dh’Ameireaga; có am bàrd Gearmailteach a b’ainmeile am Breatainn; agus mar sin air adhart.
An iomadh sgoil bha agam ri faclan Gàidhlig a ràdh. Am feadhainn dh’iarradh orm dàn Gàidhlig a ràdh agus an sin a chur am Beurla. Ann an aon sgoil rinneadh clàr de mo ghuth ag ràdh “Ailein Duinn” agus an uair sin ’ga chur am Beurla. “Nach mìorbhaileach an dàn e” ars am maighstir-sgoile. Nuair a rachainn a steach do chlas, sheinneadh iad òran Gearmailteach agus òran le Burns. Mar bu trice ’se“My heart ’s in ze Highlands”a gheibhinn. Nach mise a bha diùmbach nach robh guth agam fhìn a choisneadh bonn òir a’ Mhòid! Mar a bha ann, cha b’urrainn domh dad a ràdh ach: “Tha òrain mhatha aig na Goill ach ’sann aig na Gaidheil a tha na h-òrain! ”. Tha sgoil Döm Regensburg ainmeil airson ciùil anns an Roinn Eòrpa. Ghabh clas ghillean an sin dhuinn dàn Thómais Reumair le ceòl Gearmailteach ris.
Tha fhios agam nach fhaigh duine eòlas ceart air dùthaich ann an cola-deug agus chan fhiachainn-sa ri fìor chor agus spiorad na Baidhearn a chur an céill. Cha b’urrainn domh a ràdh a bheil barrachd bochdainn anns an dùthaich so na tha an Albainn gus nach eil. Bha an sluagh a chunnaic mi air sràidean Mhuinich pailt cho fallain an coltas ’s a tha iad an Dun-Eideann no an Glascho. ’Sann a theirinn gu robh iad beagan na b’fheàrr an coltas, ach dh’fhaodadh nach fhaca mi a’ phàirt as bochda de’n bhaile. Ar leam gu robh barrachd de chomharraidhean bochdainn an Regensburg agus anns na bailtean eile a chunnaic mi na bha am Muinich, ach thuirt na Gearmailtich fhéin gu robh bochdainn gu leòir anns gach baile dhiubh. Chaidh faisg air leth Muinich a leagail le bomaichean. Tha móran togail ùr ann, ach tha iomadh beàrn ann cuideachd agus bithidh a’ chiad ghreis.
title | A’ Bhàidhearn |
writers | Sorley MacLean |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Somhairle MacGilleathain in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |