[305]

An Ite Sheunta

Le ALASDAIR MACNEACAIL

BHA sud ann o shean air Gàidhealtachd na h-Albann, mar their sinn an diugh, rìgh do am bainm Brùd. Ged be Inbhirnis a cheann-bhaile, bha iomadh àite-còmhnuidh eile aige air feadh a dhùthcha ach, ’nam measg uile, cha robh aon a thigeadh ri a chàil mar a dheanadh longphort thìorail, an gleannan àilidh, air taobh siar a thìre. Sin far am bu mhiann leis a bhith atuineadh agus far an robh e afuireach ri ám ar sgeòil.

Bu ghreadhnach dol a mach agus teachd a steach an rìgh chliùitich so, oir bfharsaing agus bu thoirteil a sheilbh; ach cha daisig sin dha saorsainn o dhoilgheasan na beatha so. Mar dhéirich do iomadh rìgh, roimhe agusn a dheidh, banshocrach a cheann-adhairt. Air cho teòma agus gun tlàmadh a luchd-seòmair a chluasagan, air cho eagnaidh agus gun caislicheadh iad a leabaidh, cha thàladh an dealas tàmh do inntinn an rìgh. Cha bu luaithe a rachadh e fon aodach na thòisicheadh an suaineadh, an iorpais agus an luasgan, gus am fàsadh na cluasagan dhà-san cho cruaidh, corrach ri mol fuar an tiùrraidh agus an t-seid mar leacan daingeann achuain. Mar sin don rìgh na h-oidhche, air chor agus an uair a dhéireadh e samhadainn nach bu shùgradh a dholna dhàil. Chan fhaiceadh e ceart mun cuairt dha agus an saoghal mar gum beadh aleum air.

Rachadh iadsan a rinn a leabaidh an gairm da ionnsaigh agus, air dha an càineadh gu am brògan air son an cearbachdnan dreuchd agus an dearmad air an dleasdanas, bhriseadh e air muinntearas le fraochs le feirg. Bu shoirbh feadhainn eile a fhaotainn a sheasadhnan àite, ach, ann am beachd an rìgh air an màrach, mur biad sin a bu mhiosa, cha biad dad a bfheàrr na iadsan don tugadh cead an coise. Cha ghabhadh cluain a chur air an rìgh agus e asìor-shireadh achadail a bha a ghnàthg a sheachnadh; agus gach madainn ameudachadh a fhrionais agus a ghairge. Mu dheireadh fhuaras dithis mhnathan a rinn leabaidh cho mìn, tlàth ri ceò na maidne samhraidh ann an gleannan fàsaich ach, ged chaidh an rìgh ion agus am falach innte, bha i cho cruaidh leis-san agus a bàbhaist, agus an cadal air chall.

Cha robh fios de a dheanteadh ris. Bha de ùpraid agus de ùinich anns an lùchairt, agus eadhon air feadh na dùthcha gu léir, agus nach robh fios aig neach seach a chéile a dhfhaodadh tachairt. Bha an luchd-cùrtach gun tàmh asireadh comhairle, feuch an tùradh iad meadhon a dhaisigeadh fois don rìgh. Is ann a bha iad air an cur chuige cho mór agus gun do leig iad ruith le an céill, air chor agus gun éisdeadh iad ri neach sam bith a thogadh an dòchas.

Bann mar sin a bhà, an uair a thachair do bhuachaille ghobhar a bhà aig an rìgh, an druim amhonaidh, tighinn am fagus don chùirt. Biongnadh leis abhalach an othail a bha air gach làimh, agus dhfheòraich e ciod a badhbhar don bhrionglaid. Dhinnseadh sin dhà; agus is ann a chinn e de dhànadas gun do dhiarr e cead a dhol a steach don lùchairt. Ged bu doirbh an gnothach e, chaidh aig an luchd-comhairle mu dheireadh air rathad a réiteachadh; agus thugadh an gille-buachaille do sheòmar-cadail an rìgh. Bha de



[306]

ghreadhnachas an sin nach faca esan riamh a leithid, eadhon ann an aisling. Thuig e gu maith ceann-adhbhair na cùise, agus chuir e roimhe gun leasaicheadh e cor an rìgh, ged chùm e an seòl dòghach ris fein.

Dhiarr e leabaidh an rìgh a fhaicinn agus cho luath agus a rinneadh sin, thòisich e air tionndadh agus air crathadh nan coilceadan. Dhàithn e an còmhdach a bha air aon diubh a fhuasgladh chùm agus gum faiceadh e an seòrsa clòimhtich a bhana bhroinn. Cha bu luaithe a dhiarradh na rinneadh; agus rannsaich am balach gach ceàrn deth gu mion, mar gum bitheadh e asireadh ni-eigin nach dfhuair. “Tha iomadh ite mhìn-bhog an so,” arsa esan, “ach tha aon a dhìth; agus gu bràth gus am faighear i, cha chaidil an rìgh le cluain, oir is ann innte-se a mhàin a tha buaidh na sìor-throm-suain.”

Thog na briathran so ùidh na bhà san làthair, agus dhfheòraich iad le aon ghuth càite idir am faighteadh an ite shònraichte sin. Dhinnis esan: “Ite gheal an earball fithich a tha atuineadh air taobh siar na dùthcha air eilean fàs mu mhìle o thìr.”

Air ball chuir na h-àrd-chomhairlich buidheann air bhonn chùm agus gun rachadh iad air tòir an eòin; ach thubhairt an gille nach fòghnadh sin mur falbhadh an rìgh féin ga mharbhadh, agus sinna aonar; ach gun deanadh esan an t-iùil.

Greis mun glas an latha air amhàrach, bha carbadn a uidheam agus bha siubhal réidh aig eich sheanga gu còrsa siar na h-Albann.

Fhuaras eithear beag ann an cala agus chuireadh i air sàl. Dhiomair am buachaille gu smiorail agus, leis gu robh sruth agus soirbheas leotha, cha bfhada a bhathas aruigheachd eilean an eòin sheunta.

Ràinig iad tìr agus chuir iad uchd ri bruthaich. Ann an ùine ghoirid, mar bha san dàn, thug an gille an aire don fhitheach air sgor creige. Rinneadh air le suigeartnan ceum, ach mhilleadh an cothrom. Leis cho dian, deifireach agus a bhà an rìgh, thilg e saighead nach deachaidh an gaoith an eòin a dhéirich air a sgéith agròcail orrasan a bhris air a fhois. Chùm an gille gu biorach a shùil air siubhal an fhithich, gus am faca e e alaighe air mullach àrd mu leth-mhile air falbh.

Mach a ghabh iad a rithis; ach bha am fitheach tuille agus furachail air an son; agus bha e air sgèith mun robh na sealgairean faisg urchair air. Chùm am buachaille luath-chasach a aire air an rathad a ghabh an t-eun, agus chunnaic e e mu dheireadhna sheasamh air cnoc a bha an iochdar glinne san eilean.

Leanadh e a rithis ach bu dìomhain an t-saothair. Dhfhalbh an t-eun uair eile, gun sgathadh, gun leòn, air chor agus gum bu sgìth an rìghg a leanail.

Chaidh aca air a lorgachadh air creig àird am fìor mhullach an eilein; agus on bha an latha a nis air dhol seachad agus aghrian air cromadh san iar, chliùthaich am buachaille don rìgh gum be so an cothrom mu dheireadh a gheibheadh iad air an eun, agus gun feumteadh a dhol le an uile fhaiceallna dhàil. Sheòl an gille e air an t-slighe cho falachaidh agus a burrainn da; agus le slaodadhs le liùgadh, le èaladhs le falach-fuinn ràinig iad bonn na creige air an



[307]

robh am fitheachna sheasamh. Ghabh an rìgh geur-chuimse air. Thilg e an urchair. Bhuaileadh an t-eun anns abhrollach agus thuit e dìreach aig an casan. Thog an rìgh achlosach le sùrd. Chunnaic e gun robh ite gheal anns an earball. Spìon e as i agus spàrr e ina sporan

Ged bu sgìth an rìghna bhodhaig baighearach a chridhe adeanamh air an àite anns an dfhàgadh am bàta tràth den latha. An uair a ràinig iad chunncas gun robh an tràigh fada a mach agus am bàta ann an àird achladaich. Shlaod iad i gu cois na tuinne agus chaidh an rìgh air bòrd. Tharruing an gille i thar aghrunnd, leum ena toiseach agus rug e air na ràimh a chum a h-iomradh gu tìr.

Cha robh iad fada air astar an uair a dhéirich a leithid de chaitean air an fhairge agus nach robh an t-iomradhgan cur dad thuige. Air don rìgh an aire a thoirt da so, agus mar bha an oidhche a nis air tuiteam orra, chaill e a fhoidhidin agus dhàithn e don bhalach iomradh na bfheàrr. Thog so friogh aghille-bhuachaille air dhòigh agus gun do fhreagair e le dànadas gu robh an cruaidh-spàirnga chur thar a chomais, agus gum biomchuibhe don rìgh aon de na ràimh a ghabhail na bhith acoireachadh an neo-chiontaich; agus mur deanadh e sin gun dàil gu robh a bheatha an geall na bfhiach i. An sin thug an rìgh fainear an cunnart agus le iomradh sgairteil ràinig iad tìr.

Cha bu luaithe a rànas an lùchairt na thug an rìgh àithne don mharascal an ite-sheunta a churna leabaidh; agus laigh e sìos gun bhiadh a ghabhail, gun deoch.

Bha aghrian an àird an adhair mun do dhùisg an rìgh air amhàrach; gidheadh cha dfhairich e an ùine ach mar thiota. Leum e as a leabaidh cho sùnndach agus a rinn e riamhna òige. Stad e e-féin; agus, nach drinn e fad iomadh bliadhna, nach ann a thòisich e air a fhéithean a lasachadh. An sin chaidh e don t-seòmar-bhiadhta far an do bhris e le càil fhallain air a thraisg.

An uair a chuireadh crìoch air abhiadh dhiarr e a bhith air a threòrachadh gu bothan-àirigh abhuachaille. Ge bfhad air falbh an àirigh ràinig iad i agus fhuaradh am balach air ceann a ghnothaich mar bàbhaist. Thug an rìgh fainear nach robh e idir cho dàna agus a bhà e an oidhche roimhe oir, bann le faitcheas agus le cead amhórachd a dhfheòraich e an toisg so, cia mar chaidil an rìgh an oidhche. Dhinnis an rìgh dha le faoilt, aig an ám cheudna acur an céill gum bu toigh leis àite-cadail abhuachaille féin a fhaicinn. Shealladh sin dhà, —seid fhraoich, air a comhdachadh le cìob na beinne ann an oisean dùdaidh den bhothan-àirigh; agus biongnadh leis an rìgh cia mar chaidleadh neach sam bith air aleithid de àite. Fhreagair an gille gu robh i dhàsan cho seasgair tlàth ri leabaidh anns an dùthaich; oir, leis mar bhà e air a chlaoidh le obair an latha, gun caidleadh e gu suaimhneach na h-oidhche eadhon ged bi achlach a bhitheadh fo a cheann.

An sin dhfhalbh an rìgh air sgrìob leis abhuachaille a chuartachadh an treuid agus baobhach uallach a ghleus leis an iomairt a rinn iad. An oidhche sin a rithis chaidil e gun ghluasad agus mhothaich e gun cuir gnìomhachas ri slàinte agus ri suain; oir, mar thubhairt an seanfhocal: “Is feàrr sgìos cuirp na sgìos meanmann.”

titleAn Ite Sheunta
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Alasdair MacNeacail in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page