Am Buddha
Le COINNEACH ROS
GHEIBH neach a shiùbhlas dùthchannan céin fiosrachadh air iongantasan mór agus tha so gu h-àraidh fìor mu dhùthchannan na h-àird-an-ear: bidh neach mar gum biodh air saoghal eile, air chor ’s gun co-dhuin e gur fìor an ràdh gur “beag as fhios do dhara leth an t-saoghail ciod is beò do’n leth eile.” Fhuair iomadh òganach maoth fiosrachadh air sin ’nar linn, agus leudachadh eòlais agus mac-meanmnain an cois na h-armachd mhór mu dheireadh. Do neach mar sin, bha dòighean beatha, gnathasan-cainnt agus creideamh nan dùthchannan ud gu léir annasach; dh’fhaoidte gum biodh creideamh an t-sluaigh gu sònraichte iongantach dha.
Am measg nan tìrean fad as a bha ’nan raonta-catha do dh’armailtean cogaidh, tha Burma sònraichte air son aobhar no dhà: tìr lusrach dhlùth-choillteach, le aimsir bhruicheil euslainteach le cinneas làn iomadh-dhathach, a tha ’na ionad-còmhnaidh do iomadh ghnè bhiastag, —nathraichean, sneaghain, is creutairean snàgach is itealach eile—agus le aibhnichean móra mar tha an Salween agus an Irrawaddy ag uisgeachadh na tìr, ag éirigh ann an garbh-bheanntan na h-àird a tuath, agus a’ dòrtadh dh’an chuan Innseanach, fada mu dheas. Air am bruachan tha bailtean mar tha Pegu, Meiktila agus Mandalay, agus aig ceann a deas na dùthchadh, làmh ris a’ chuan, tha baile-puirt mór Rangoon. Am mach air an dùthaich agus air feadh nan coilltean, tha an sluagh beò le bhith a’ cinntinn a’ ghràin-Innseanaich, no“rice, ”a tha cho goireasach sna tìrean ud thall.
Ann am Burma, thig am fear-turuis thairis air samhlaichean a’ chreidimh mus teid e fad air aghaidh; chì e ag éirigh an àird an sud ’s an so os cionn nan coilltean, baidealan agus stìopaill nan teampall—teampallan Bhuddha, oir is e so ceàrn de’n t-saoghal anns an do fhreumhaich an creideamh Buddhach, suas ri dà mhìle agus sia ceud bliadhna air ais.
Bha Gotama Buddha a’ teagasg a’ dheisciobaill aig Benares san t-siathamh linn roimh Bhreith Chrìosd mu’n ám an robh Isàiah ri fàidheadaireachd an Israel, Confucius ag earalachadh nan Sìneach, agus Heraclitus ri feallsanachd an Ephesus. ’S e ám ro-chothromach de dh’ eachdraidh a bha’n so, oir air feadh an t-saoghail bha inntinnean geur-chuiseach air ghluasad le ceistean cudthromach tìmeil agus sìorraidh. Bhuineadh Gotama do theaghlach-riaghlaidh ionmhasach a bha ’nan uachdarain air dùthaich fo sgàil nam beanntan Himalaya, agus bha e ’na òige gun aire gun chùram, a’ mealtainn gach sòlas is pailteas a bha r’a làimh, ri sealg is cluich is caithream, a latha ’s a dh’oidhche. Ach mar a thachair do Tholstoi san linn a dh’fhalbh, thuit cùram ro-throm air a thaobh faoineas is dìomhanas a bheatha; ’na dhol-a- mach cha robh e ’faotainn ciall, agus dhrùidh an dragh cho mór air inntinn ’s gun do bhòidich e grad-sgaradh a dheanamh eadar e ’s na bha ’ga chuartachadh. Thog e air fo dhorchadas na h-oidhche, gun fhacal ri bean òg no clann a’ luath-mharcachd thar crìochan a rìoghachd, gun stad ach airson tacain am beul an latha, a chum iomlaid a dhèanamh de a thrusgan maiseach air son luideagan bochd’ diol-déirce a choinnich ris san t-slighe. Rinn e a rathad fa-
dheòidh gu ionad ann am beanntan Vindhya, far an robh còmhlan aonaranach de luchd-meòrach a’ sgrùdadh dìomhaireachd na cruthaidheachd; ’nan cuideachd-san dh’fhaoidte gum faigheadh e fuasgladh air na bha ’ga léireadh agus dh’fhan e maille riutha sna daingnichean iomallach ud fad grunnd bhliadhnachan.
A dh’aindeoin an gliocais, gidheadh, cha tug iad dha riarachadh, ’s bha e rithist air allaban. Bha e là ’na shuidhe an sgàile craoibhe, a’ beachdachadh gu dùrachdach, nuair a dhealraich grad-shoillseachadh a stigh air anam, agus thoir leis gun do bhuilicheadh air taisbeanadh réidh air ceistean domhain na beatha so; dh’éirich e le gàirdeachas agus rinn e air Benares, baile-naomh àrsaidh na Hindu, far an do thòisich e air teagasg nan deisciobaill a chruinnich d’a ionnsaigh. Thuirt iad-san gum b’e so da-rìribh am Buddha, no “Gliocas san Fheòil,” a bha r’a nochdadh air thalamh aig aman sònraichte. Sgaoil an creideamh so an Sìna, Japan, Malaya, Ceylon, Burma agus an toiseach sna h-Innseachan, dùthaich a thùis; an diugh tha mu 150,180,000 luchd-leanmhainn aig Buddha.
Ged a tha atharrachadh chleachdaidhean is phuingean-teagaisg dùthchail aig na Buddhaich, tha Burma ’na bhall-sampuill freagarrach gu leòir air a’ chreideamh gu coitcheann. Tha an creideamh stéidhichte air trì bunaitean, am Buddha, na leabhraichean naomha agus na sagairt; bhuapasan tha “Sirana,” no tearmunn bho uamhasan cuilbheartach na beatha so a’ sruthadh, a’ buileachadh air a’ chreidmheach rèite agus saorsa inntinn. Is e crìoch dheireannach a’ Bhuddhach “Nirvana,” —mar a theireamaide neo-bhitheachd; a dh’ionnsaigh na crìche sin tha e strì fad a bheatha le bhith a’ coimhead gu cùramach nan Ochd Phrìomh Aitheantan a dh’òrdaicheadh le Buddha fhéin le bhith toirt earrainn de a shaothair làitheil do’n teampall, agus le bhith a’ càrnadh a chuid de’n t-saoghal air altairean an Aon Ghlic.
Thig neach thairis an coitcheannas air dà sheorsa teampall, te mhór ris an abair iad Monastery, agus te bheag ris an abair iad Pagoda; mar as trice tha am Pagoda r’a faotainn air an dùthaich agus am Monastery ann am bailtean agus faisg air bailtean. Mus teid thu steach do aon de na togalaichean so ’s fheudar do bhrògan fhàgail aig an starsnaich, oir is e ionad ro-naomh a tha’n so do’n t-sluagh. Taobh a stigh an doruis, tha ionad farsuing rèidh far am bi adhradh air a dhèanamh; chan eil suidheachan r’a fhaicinn, oir ’s e an t-ùrlar sguaibte so as àite suidhe do’n luchd-adhraidh. Ach is e am prìomh nì a ghlacas an t-sùil, togte an àird—am meadhon an t-seòmair, a’ dubhachadh gu neoni le a mheudachd na bheil a stigh, iomhaigh a’ Bhuddha, snaidhte an cloich-lìomh ghil, a shùilean duatharach, a’ dùr-amharc gu dìomhair astar fada roimhe, mar gum biodh a stigh do’n bhithbhuantachd, e ’na shuidhe le a chasan tarsuinn ’s an leac-ìobairt aig a ghlùinean. Timcheall air anns gach oisean, air an càradh gu cùramach ann am frògan is eagan anns gach balla, tha ceudan de dh’ìomhaighean beaga de’n aon chruth—am Buddha a’ dlùth-bheachdachadh air an t-Sìorraidheachd. A’ falbh bhuat dha na speuran os do chionn, chì thu taobh a stigh na tùir àird agus farsuing a tha a’ crùnadh na Monastery, a farsuingeachd a meudachadh cumhachd a’ Bhuddha. Tha na sagairt mar an ceudna an so gach
fear le a cheann lom ’s a chleòca fada de dh’ anart geal; tha an àite còmhnaidh faisg air làimh.
Is e saothair is fialaidheachd an t-sluaigh a thug gach nì so gu buil; tha iad làn dearbhte gun toir gach iomhaigh a chàras iad san teampall, agus gach tiotan oibreach a nì iad mu’n togalach so, ceum nas dlùith iad air “Nirvana.”
A nis, saoilidh sinne gur h-e crìoch glé neo-tharbhach airson am bheil am Buddhach bochd a’ strì, mas co-ionnan “Nirvana” ri neo-bhitheachd; their sinn gun toir am bàs a chum na crìche sin e gun dragh sam bith. Faodaidh sin a bhith; gidheadh, do’n chreidmheach, tha tuilleadh air fhilleadh a stigh san staid so; is e tha ann ionmholtachd spioradail—a bhith a’ bàsachadh do thruaillidheachdan cuirp agus anaim; mur a buannaich e an staid sin tha am Buddhach a’ creidsinn gum faod e thighinn air ais chun an t-saoghail ann an cruth glé dhìblidh. Is e “Karma” a tha aca air an teagasg sin; is e th’ann seòrsa de roimh-òrdachadh a tha gidheadh buailteach do dh’aomadh a réir beatha a’ chreidmhich. Tha e mar sin de’n bheachd gum faod e dhol glé fhada air an t-slighe gu “Nirvana” anns a’ bheatha so, ged nach eil e iomlan gus am faigh e bàs.
Tuigidh sinn mar sin gu bheil am Buddhach an tòir air Flathanas le bhith ’ga ionnlaid fhéin bho anbhfhainneachd cuirp agus inntinn; tha e a’ tionndadh air falbh bho’n t-saoghal ’s a bhuairidhean agus a’ teicheadh roimh ’n olc a bu chòir dha choinneachadh le maith; a’ cur a mhuinghinn ann an dòchas nach d’fhuair buaidh air bàs no beatha; agus sin uile le oidhirpean fhéin a mhàin.
Gidheadh, dhuinne a tha cur eòlas air na nithean so airson a’ chiad uair, tha leasachadh is beartachadh inntinn ann a bhith beachdachadh orra; tha gnathasan is cleachdaidhean is nòsan beatha annasach an so, a’ toirt dhuinn ùrachadh inntinn an cois ùpraid cogaidh. Theid eòlas am meud an tìr nan ìomhaighean geala mar anns gach tìr chéin eile, a’ doimhneachadh ar tuigse air inntinn mac an duine. Tha na h-ìomhaighean ’nam mealladh ’s an luchd-adhraidh air iomrall ach tha eilimint an so a tha coitcheann anns gach creideamh, agus ginte an gnè an duine; eiliminte a tha goireasach do luchd craobh-sgaoilidh an t-Soisgeil air feadh an t-saoghail agus a tha a’ sruthadh air tùs bho Chruthaidhear an domhainn; is e an eilimint sin Spiorad an Adhraidh.
[Sanas]
title | Am Buddha |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Coinneach Ros in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |