[327]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

CHAN EIL teagamh sam bith nach eil goireasan ùra airson obair tighe aotromachadhs a chur an lughadgan tairgse dhuinn bho mìos gu mìos; agus cha bhi abhean-tighe, a tha ullamh gu cuid dhiubh a dhearbhadh, gun chobhairna saothair. A dhaindeoin gach innleachd bha sguabadh an ùrlair cho -chàileir, làn dusds a bha sguabadh an làir chrèadh gus an t-seachdain a chaidh. Cheannaich mi am ball àsuig as furmailtich a thainig don fhàrdaich bho chionn ùine—“Supermaid Magnetic Broom. ”Tha an sguab so ri tarruing an dusd gun dad dheth a thogail; gun spàirn theid i mu thimcheall gach cùil is ceàrn. Glanaidh i gach gnè ùrlair, oirs ann a tha na friodhanpolystyreneatogail nàdur dealain nuair ghluaisear i nulls a nall. Gabhaidh i nighe cho trics a thogras sibh agus bithidh i tioram an ceann uair a thìde. Mo bhriathran gur fhiach an sguab tharruinneach trì deug is naoi sgillinn.

Is gann an nach toir sùil le osna air cor a làmhan an deidh meas a ghlanadh, no buntàta ùr no curranan a sgrìobadh. ThaHandjoy” ’na bheannachd, oir togaidh suathadh math dheth an dath grannda so gu clisg, ’s bithidh iad cho glan ris an òr, achs e an buileach glic a chleachdasmeatagan do-fhaicsinneach.” Gheibhear a nis iomadh seòrsa den stuth so a leanas ris na làmhan ge be cho fliuch salach an obair. ThaInnoxaagusSteiner” ’gan reic, gun ainmeachadh ach a dhà.

Ma tha craicionn-uachdrach nan ìneanna chuis ghràin, afàs cruaidhs abriseadh, cha chreid mi nach còrdCutipenruibh. Tha cungaidh-nighe ann a tha buigneachadh achraicinn aig acheart áms a tha an gobga shàthadh sìos, agus is furasda làn eile fhaighinn.

Nach tlachdmhor math tiormachaidh agus brod an nigheadaireachd am muigh; ach, ochanse an t-iarnaigeadhs a h-uile ball



[328]

cho tioram ris an spìon. Cha chuir sin càil airDamp-it-down,” poca plastic a gheibh sibh air crùn. Tha an t-aodachga chur gu -riaghailteachna bhroinn agus mu dhà chupan bùirnga dhòirteadhna mheasg. An sin, tham pocaga sheulachadh leis na sìomain-seulachaidh a thana chois. An ceann uair a thìde bithidh gach ball dìreach deis airson an iaruinn.

Fhads a tha mi abruidhinn air iarnaigeadh cha dean math dhomh gun tarruing a thoirt air an rud as fheumaile buileachiarunn ùr a bhogas an t-aodach fhads a tha e ag iarnaigeadh. Chi sibh an dealbh aige air an duilleig soanKenwood Steam-o- Matic.Tha e aithghearr, sgiobalta, agus fìor thlachdmhor ri laimhseachadh. Feuchaibh e, agus mo ghealladh nach tìll sibh ris an t-seann iarunn rir maireann.

Co an againn nach do shuidh aig bòrd uair no uaireigin le làn chinnt gu feumadh an luchd ithe brod nan deud mus deargadh iad air an fheòil. Ma chuireas sibhTenderiserair an fheòil mum bruichear i chan aithnichear sean chailleach de chearc bho eireag. Bithidh an fheòil cho maoths nach gluais eadhon fiaclan fuadaich. Faodaidh sibh botal dheth a cheannach, noMeatendraa tha mar nàdur salainn. Cha toir am biadh cho fada air teine agus chan eil droch bhlas sam bithna chois.

Is iomadh is bliadhna bho chuala mi lighiche-craicinnagus esan a Sràid Harley cuideachdag ràdh gur e sgailc-mhullaich achinn a baobhar air móran bhriseadh craicinn. Ged nach do chuir mi mór speisna bhriathran aig an ám tha mi nise làn chreidsinn gur en fhìrinn a bhaige. aphlàigh is leanmhainnich nan sgailc mhullaich! ThaGenatosana nis airSebbix Shampooa dhèanamh agus gabhaibh mfhacal gu bheil e math da-rìribh. Chan eil an luchd-dèanamh ag agradh gun leigheis so gu h-iomlan; ach mur toir e faochadh miorbhuileach don a leanas air gu dìcheallach, saoileam gur e cor a slàinte ris am feum i sealltainn. Co-dhiùbh no co aca, fhads a tha sgailcnar cuideachd chan fheàrr caraid nan sguab-aodaich, do gach fear agus . FeuchaibhBungee, ”sguab chnapach rubair a ghlanas gach gnè aodaich anabarrach math.

Nach mór an léireadh a thig an cois dìth na claisteachd, gu h-àraid don nach dùraig innleachd éisdeachd a chleachdadh daonnan. Nuair a chluinneas sinn gu bheil buidhre air chor-eigin acur dragh air neach anns gach leth-dusan is mór an t-aobhar toileachais gum faodar a nis na h-innleachdan so fhaotainn sàs ri cluais-fhailean grinn. Tha còrd aotrom adol mu chùl na cluaise sìos cùl na h-amhaich gu bocsa còmhnard beag a ghreimicheas ri aodach-ìosal gun bhith léirsinneach. Cuid eile gheibhear sàs ri bràisd bòidheach. Ma tha inneal-éisdeachd agaibh mar thà nithear eireachdail mar so e ann an trì làithean airson beagan agus ceithir puinnd Sasunnach.

Thig an t-ám oirnn uile nuair nach tig oirnn sùil a dhùnadh air staid abhrat-ùrlair. Thatar a nisgam fighe de theudagan caola ris an abrarsynthetic fibre. ”Tha iad ceart coltach ris an fheadhainn clòimhe as fheàrr, cha dearg an leòmainn no boigneachd orra agus faodar an nighe mar phlaide. Cha chaill iad an daths cha lean làrach na bròige as truime orra. Seasaidh iad gu bithbhuan.

Mas eYaleaghlas a thair an dorus na cuiribh ola faisg oirre. ’S e luaidh sgrìobhaidh no pùdargraphitea dhfheumas sibh a chur



[329]

[Sanas]

air pìos paipeir is a shéideadh troimpeach mo thruaighe ma tharruingeas sibh anail fhads a tha am paipeir ri ur bus.

Tha an Nollaig fad as ach feumaidh mi innse mu sgeadachadh soillseach craobh na cloinne. Is math urn aithne air cho daors a tha slattinselagus cho doilleir odhars a bhios en ath bhliadhna. Na tilgibh as e idir; oir mo bhriathran nach ruig sibh a leas ach a chur am bogadh car tiota ann anGoddards Silver Dipagus bithidh e cho boillsgeach brèaghas a bha e riamh.

Tha na stuthan gealachaidh buailteach a bhith car trom air an aodach a dhfheumas todhar tric. Chan eilDygonach sia sgillinn agus chan e mhàin gun dean e geal mar shneachd, gun aol idirna ghnè, ach ullaichidh e aodach a thatar an dùil a dhath agus gluaisidh e gu buadhach làrach tea, no coffee, sùgh mheas no fìon.

Ma tha sibh acrochadh phaipeirean a dhaithghearr feuchaibh an glaodh-fliùir ùr, “Polycell. ”Chan fhàg so lorg air aphaipeir as gile. ’S e am balla sgrìobadh as doirbh den chùis. ThaQuick-strypsaor agus chan eil uimhir de mhilleadhna chois.

Tha fìor anntlachd agam fhéin air an fhiolan agus nach iadsan a tha pailt aig an ám so. Chunnaic mi acur paipeir-sùghaidh bog le olaPennyroyalanns gach sgàineadhs am bu mhinig iad ri tadhail oir cha teid iad faisg air so idir.

Is e mìlsean-measa den t-sùbh-làir silidh cho doirbh a bhinndeachadhs a nithear. Nuair a tha e air goil mar as toigh leibh, togaibh am pana leis gu cabhagach a mach an dorus agus cuiribh mun cuairt gu bras e car greis. Gun teagamh cha bhiodh so furasda suas dha no trì staidhireachan sabhaile mhór; ach mas urrainn dhuibh bheiribh oidhirp air so oir is coltach leamsa nach fàillnich an dòigh so.



[330]

An tug sibh an aire do na starragan am bliadhna? ’S ann gu h-àrd air barr-gheugan nan craobh a tha iad ri togail an neadan. Coltas an deagh shamhradh ars am bodach. Co-dhiùbh ma tha bhur sùil ri togail oirbh bhon tigh cuiribh craitheachan aoil anns gach soitheach ionnlaid mum falbh sibh. Bithidh iad geal glan air ur coinneamhs cha bhi boladh asda.

Tha còtaichean dìonachTeryleneair tighinn am follais mu dheireadh thall. Ged a chosgadh sibh bhur beathagan caitheamh cha chaill iad an dreach non dath. Faodaidh sibh cadal anntas cha bhi làrach ra fhaicinn, ’s ge be cho fada an turus tha iad eireachdail aig achrìch. ’S ann dorch-ghlas no uaine gheibhear iad fhathast, le adnan cois, agus tha beagan clòimh annta airson blàiths. Ged tha iad car daor, saoileam gur h-iomadh a theid air an tòir.

Anns an dealachadhgun ionnsaigh ladarna thoirt air an sgeilp leabhraicheanleughaibh leabhrachan ochd sgillinn deug ris an abrarThe Mary Potter Story. ” ’S e mo bheachd, ge be air bith bhur creidimh, gu lìon sgeul na mnaoi-eiridinn naoimh so sibh le iongantas. Chuir i air chois, tinn, euslainteach ged bhà i, tighean-eiridinn a tha an iomadh ceàrn den t-saoghal mhór a nis. An teis meadhon gach beus as fheàrr, gheibhear droch ghnàth agus be mo bheachd fhéin, a chaith greis mhathnan cùram air aGheamhradh, gu robh cus oibreachga iarraidh air na mnathan-eiridinn aonaranach so, ach chan fhacas, agus chan fhaicear iad ach sèimh, ciùin, coibhneil, làn feala-dhà.

[Sanas]

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page