Mor Ros
Le UILLEAM MACMHATHAIN
MAR tha fhios aig an t-saoghal, ’s e am ball-seirc a bha ’na gnùis so a dh’fhoghainn do Uilleam Ros; agus leis mar a chaidh a’ bhàrdachd a rinn e dhi am fad ’s am farsaing, ’s gann gu bheil t’éile am beul-aithris cho ainmeil rithe a thaobh maise is baindeachd mur eil Deirdre fhéin ann.
Is iomadh uair a dh’innseadh mar a phòs i fear eile seach am bàrd. Theirear nach misde sgeul math innse dà uair, agus tha e cinnteach, an seagh eile, nach bu mhisde an sgeul so a bhith air innse iomadh uair—is ann a’ sìor dhol am feabhas a bha e mar sgeul leis gach innse. Chan eil fiù nach robh e aca san aithris an oidhche a dh’eug Uilleam Ros gun tàinig a mhanadh chun an doruis aice an Liverpool, agus an uair a dh’fhosgail i an dorus gun do rinn lasair na coinnle greim air a h-aodach, ’s gun do loisgeadh i gu bàs. Tha a leithid so math gu leòir mar uirsgeul, ach cha bu chòir am barrachd géill a thoirt dha na sin.
Cho fad ’s as aithne dhòmhsa, chan eil de fhiosrachadh cinnteach mu Mhór Ros ri fhaotainn an clò ach a mhàin gur h-ann do Steòrnabhagh a bhuineadh i, agus gun do phòs i fear Clough a Liverpool. Bu mhath leam mar sin beagan a chur sìos m’a deighinn an so, chan ann o bheul-aithris, ach o dhaoine a bh’ann ’s a chunnaic.
Chan e Leódhus toiseach mo sgeòil idir, ach sgìre Chunndainn, air tìr-mór siorrachd Rois. Mu bhliadhna Theàrlaich gheibh sinn teaghlach an sin agus Ros orra mar ainm-cinnidh, ach chan eil fhios an ann de fhìor Chlann Ghill-anndrais a bha iad—co-dhiùbh ’s e “Riabhach” a theireadh sluagh na dùthcha riutha. Bha dithis bhràithrean dhiubh ann: ceannaiche a bha an Dòmhnall, agus tha e coltach gu robh Iain air a bhith treis air falbh o’n tigh ’na mharaiche, ’s e a’ seòladh a mach a Crombaigh do fhear-luingeas d’am b’ainm Iain Mac Gille Ruaidh (John Reid).
Is ann mar so a bha an uair a thòisich an iorghail ri linn Theàrlaich Stiùbhart a thighinn dh’an dùthaich a chothachadh a’ chrùin dh’a athair. Tha fhios aig na h-uile mar a chaidh dha, agus mar a b’fheudar dha tilleadh mu thuath a Sasainn mu dheireadh na bliadhna 1745. An uair a ràinig am feachd Gaidhealach Inbhir-nis, thugadh m’an aire gum biodh Colla mac Fir Bhàrasdail air a chur a shiorrachdan Rois is Chataibh gus na bha air na crìochan sin de nàimhdean nan Stiùbhartach a chumail fo cheannsail—chan e sin a mhàin, ach gus sparradh orra éirigh air taobh Theàrlaich. B’e Iain Ros aon de’n fheadhainn a lean Colla mac Fir Bhàrasdail aig an ám so, agus inbhe caiptein aige. ’S e sin a bh’air a ràdh as a leth co-dhiùbh, agus gun do mhaoidheadh air mur rachadh e ann gun togte a’ chreach bho a bhràthair.
An deidh blàr Chùil-lodair bha an tòir air Iain Ros, agus thug e a cheann fodha. Chan eil fhios dé cho fad ’s a bha e fo’n choill mun do ghabh e tàmh an Steòrnabhagh, ach bha tigh is fearann aige ann sa’ bhliadhna 1753. B’e sin a’ bhliadhna san tug Caiptean Barlow agus Caiptean Mac Fhearghuis ruaig do Leódhus feuch dé na reubalaich a bh’ann bu chòir a chur an làimh; agus chan urrainn gu robh Iain
Ros ro shaorsainneil fhad ’s a bha iad air àrainn a’ bhaile. Bhiodh fhios glé mhath aca an Steòrnabhagh air mar a dh’éirich dha, ach cha robh duine ann gus a bhrath.
Mar as minig tha a’ tachairt an uair a thig coigreach do bhaile dh’an t-seòrsa, shoirbhich le Iain Ros gu math. Bha e ’na cheannaiche agus ’na fhear-luingeas, agus ri ùine thog e tigh math cloiche ’s aoil sa’ chuid sin de’n bhaile ris an abrar an Rubha(Point) .Chan urrainn gu robh e ro fhada an Leódhus gus an do phòs e. Chan eil lorg air ainm-baiste na mnatha aige, ach b’e a h-athair Alasdair Mac Gille Mhoire (Alasdair mac Ailein), Fear Shiadair an Rubha. (Tha litir ann a sgrìobh esan anns am bheil e ag ainmeachadh Iain Rois mar“my good son John Ross. ”) Is ann a mhuinntir Nis a bha Fear Shiadair, agus e de shliochd a’ Bhritheimh Leódhusaich. Bha teaghlach mhac is nighean aige. Fhuair Dòmhnall àrd fhoghlum an Oilthigh Ghlaschu, agus an deidh sin chaidh e air imrich a dh’Ameireaga. Bha Sìne pòsda aig Ruairidh Moirreach (Ruairidh Gobha), Fear Shuaineabost an Nis, agus Màiri aig Aonghus Mac Neacail. B’i Màiri so seanmhair nan gillean a chuir air bonn Sgoil Mhic Neacail an Steòrnabhagh. Tha fhios gum b’fheàirrde Iain Ros cleamhnas a bhith aige ri daoine dh’an t-seòrsa, a bha càirdeach do uaislean an latha bh’ann an iomadh baile air feadh an eilein. Thàinig teaghlach air, ach chan eil rofhas againn an ceartuair air mac no nighean a bh’ann ach Mór—boinne-fala cho àillidh ’s a sheas a riamh air balt bròige, mas fìor na chaidh a ràdh dh’a taobh eadar bhàrdachd is eile.
Feumaidh gur h-ann suas mu’n bhliadhna 1780 a fhuair Uilleam Ros eòlas oirre air bàl an Steòrnabhagh. Tha e fhéin ag innse dhuinn mar a bha san òran “Feasgar Luain.” Chan eil fhios againn dé cho fada ’s a mhair an t-eòlas, no dé a’ mhisneachd a thug i dha a thaobh a phòsadh. ’S e as dòcha nach tug móran. Co-dhiùbh, cha robh e an dàn gur h-ann aige a bhitheadh i. Bha na siantan fhéin a’ deilbh an uilc ’na aghaidh; a chionn ’s ann air fhuadach roimh ghaillinn a bha Caiptean Samuel Clough a’ cheud uair a chuir e acair an sàs an caladh Steòrnabhagh. Bha e air turus-cuain o Liverpool gu ruige Jamaica, agus feumaidh gur h-e gaoth dha rìribh a chuir cho fada thar a chùrsa e. B’e so mar a thachair e ri Mór Ros, agus ged dh’fhalbh e an uair a thàinig soirbheas, cha robh e fada gun tilleadh—chan eil fhios an e a’ ghaoth bu choireach uile gu léir dh’an trobha so. Is cinnteach gu robh e an trom ghaol air Móir, ach chan eil a’ chùis idir cho soilleir dh’a taobh-se. Faodaidh gur h-ann airson a chuid airgid a bha meas air—aig a h-athair co-dhiùbh mur ann aig Móir fhéin; agus san latha bh’ann bha e air iarraidh air nighean a bhith umhail dh’a pàrantan an cùis dh’an t-seòrsa so.
Is e duine cothromach a bha an Caiptean Clough. Bha long mhór fichead gunna aige—té de na luingeas-spùinnidh (privateers), math dh’fhaoidte, a bha aig na Breatannaich agus aig na Frangaich air gach taobh gus a bhith a’ creachadh càbhlach-marsantachd a chéile. Bha duaisean móra ri fhaotainn airson gach soitheach agus luchd a ghlacte bho’n nàmhaid, ar neo mar éiric bho’n nàmhaid fhéin. Leis an airgead a bh’aig Clough thall ’s a bhos, ’s e as dòcha gu robh e air na Frangaich
a thoirt fo chìs uair is uair—bha an t-armachd aige airson a’ ghnìomh a dhèanamh co-dhiùbh.
So an duine a roghnaich Mór Ros mar fhear-pòsda—no a roghnaicheadh dhi. Phòs iad toiseach ceud mhìos an earraich, 1782. Goirid an deidh sin shuidhich Clough air a bhean £50 sa’ bhliadhna maille ri trian dh’a sheilbh, agus rinn e tiomnadh anns an d’fhàg e aice a chuid dh’an t-saoghal nam b’e ’s nach tilleadh e o’n turus air an robh e. A nis bha so uile àbhaisteach, agus chan eil dearbhadh sam bith ann gur h-e an t-airgead aig Clough a bha a dhìth air Móir no air duine a bhuineadh dhi.
Is e an t-Urramach Iain Downie, ministeir sgìre Steòrnabhagh, a phòs iad, agus tha e a’ toirt tarraing air mar a bha an trì litrichean a sgrìobh e aig an ám. (Tha na tha e ag ràdh air a chur sìos ’na dhearbh bhriathran fhéin aig deireadh a’ chunntais so.) Anns a’ cheud litir chan eil a choltas air a bhith ro thoilichte le cùisean. Cha robh aige ri ràdh mu’n chunnradh a bh’ann ach gu robh itean bòidheach air na h-eòin a bha fad as. Dh’fhaodadh mar a thachair a bhith a chum leas an teaghlaich aig Iain Ros, no dh’fhaodadh e a nighean a chur chun na truaighe. Chaidh tuilleadh ’s a’ chòir a chur sa’ gheall . . . Ach mun do sgrìobh e an treas litir bha Clough air a ainm a chur ris na còraichean a dh’ainmich mi cheana, agus ’s e tha e ag ràdh gur bochd nach robh dusan eile dh’a sheòrsa a measg chlann-nighean Steòrnabhagh!
Mu dheireadh thall thàinig air Caiptean Clough seòladh thar chuan gu Jamaica, agus dh’fhàg e a bhean còmhla ri a pàrantan. Tha fhios air so a chionn gun do sgrìobh a h-athair litir an Stròrnabhagh air an t-sèathamh latha de mhìos dheireannach na bliadhna 1782 anns a bheil e ag ràdh: “Mrs. Ross Mrs. Clough and the rest of our family joines in most respectfull complyments. ” ’S e as dòcha gun d’fhuirich Mór aig an tigh gus an do thill an duine aice a Jamaica, agus gur h-ann an uair sin a dh’fhalbh i gu ruige Liverpool. Bidh cuimhne air mar a thuirt Uilleam Ros anns an òran:
Do thurus thar chuan fo bhréid
Thug brasshileadh dheur o m’ shùil;
agus ann am fear eile:—
Ach masa triall gun dàil duit
Gu àite nam mòrsheol
Gun fhuireach ri do chàirdean,
Do dhàimh, no luchd t’ eòlais,
Biodh soineann air na speuran
Gun éirigh air mòrthonn
A dh’aisigeas le réidhghaoith
Gun bheud thu gu seòlaid.
Mas fìor beul-aithris, thill Mór Ros air chuairt do Steòrnabhagh uair no dhà móran bhliadhnaichean an deidh dhi pòsadh. Is ann bàn a bha i, agus i àrd thar a’ choitcheann.
Sin, ma tha, nas aithne dhuinn mu Mhór Ros. Ach tha aon sealladh eile againn air Clough. Dh’eug Iain Ros an Steòrnabhagh air an fhicheadamh là de cheud mhìos an earraich, 1795, agus dh’fhàg e tiomnadh anns a bheil “Captain Samuel Clough” air ainm-
eachadh mar am fear-gnìomha(executor) ,a chionn gu robh fiachan aige air a athair-céile. Leis sin, chan eil mac do Iain Ros faighinn san tiomnadh, agus cha bhiodh gnothach aig Móir, mar bhoireannach, ri a leithid co-dhiùbh.
Tha aon fhacal bu chòir a ràdh mu Uilleam Ros. A réir “Sàr Obair nam Bàrd” rugadh e sa’ bhliadhna 1762. Ma tha so ceart, cha robh e ach ’na ghlasghille an uair a thachair e ri Mór Ros, agus is gann gu smaoinicheadh i air fear cho òg a phòsadh ged nach biodh Clough air tighinn ’na lùib idir. Ach tha taobh eile air a’ chùis. Saoilidh mise co-dhiùbh nach do rinneadh “Feasgar Luain” le fear nach do ràinig aois fichead bliadhna. Chan eil “Sàr Obair” ’na ùghdarras ro earbsach a thaobh eachdraidh nam bàrd, agus theagamh gu robh Uilleam Ros beagan na bu shine na bhatar an dùil. Tha e air a ràdh gur h-e an gaol a thug e do Mhór Ros a dh’fhàg an eucail ann a thug am bàs dha. Mas fìor sin, ’s e, mar a theireadh iad, galar fada agus eug ’na bhun a bh’ ann: oir (co-dhiùbh a réir “Sàr Obair”) is ann sa’ bhliadhna 1790 a thàinig an fhàisneachd fo theach—an fhàisneachd a rinn e fhéin an uair a thubhairt e:
Ach triallam a chadal gu bràth
Do thalla nam bàrd nach beò.
LITRICHEAN AN URRAMAICH IAIN DOWNIE
(1)
Stornoway , 11th February, 1782.
Dr. Sir,
I have been in town for some days gallanting the Duchess of Letterew* who returns by this Packet—and marrying the celebrated Miss Ross to a Capt. Clough of Liverpool commanding a 20 Gun ship bound to Jamaica, who by the Influence of Venus has been twice driven in to this place from the Western Ocean during the late Hurricanes. I can make no reflection on this Bargaine, but that far fowls have fair feathers. It may be the making of John Ross’s Family, or the ruin of his Daur. It is high Gaming . . . .
*B ’e so a phiuthar-chéile, Catrìona, bean Iain Mhic Coinnich, Fear Leitir Iù.
(2)
Tong , 26th February, 1782.
. . . John Ross’s son-in-law loiters still in this Harbour with his 20 Gun Ship . . .
(3)
Tong, 16th March, 1782.
Dr. Sir,
It is true I had the honour of buckling Miss Ross to Mr. Clough, and of seeing two settlements executed on that affair. By the one she is secured in £50 a year with Terce of moveables in common form. The other is a will bequeathing all his subjects in the world to her, in the Event he does not return consisting of £800 at Liverpool— £500 insured aboard his ship—and £200 Jamaica currency due him in that Countrey. So that he has given ample proofs of his being over head and Ears. I wish we had a dozen more of him among our lasses . . .
title | Mór Ros |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Uilleam MacMhathain in Gairm 12 %p |
parent text | Gairm 12 |