[353]

Air Lorg Nan Eun An Leodhas (II)

Le DOMHNALL MACCOINNICH

SO aon , imrich nan eun, air nach do ràinig sgil, rannsachadh no gliocas dhaoine fhathast le tomhas iomlan de riarachadh. Tha iad mion eòlach, thaobh cuid de na gnèthean co-dhiùbh, air cuin a bhios fiughair riutha falbh agus dùil riutha tilleadh, agus an t-astar agus an t-slighe air an toir iad a mach an ceann-uidhe, achse ceisdean gun fhuasgladh a thann cionnas a tha iad air an treòrachadh no am fios falbh a tha iad afaighinn. A thaobh cuid dhiubh, mar a tha achuthag, tha na h-eun-eòlaich ag innse dhuinn gu bheil na h- -eòin òga aruighinn sìos mu mhìos an deidh am pàrantan an ceann-uidhe a thoirt a mach. Nam biodh iad na bfhaisge air a chéile theireadh sinn gu robh an fheadhainn òga air an treòrachadh, agus gun deanadh iad an t-slighe iad fhéin an deidh sin. Ach, mar a tha fhios aig amhór chuid, chan fhaic isean na cuthaige athair no a mhàthair le fios da a chaoidh, agus mar sin tha e gu tur an crochadh air abhuadh treòrachaidh a chuir Diana chléibh sachruthachadh. Tha am buadh nàdurra so comasach air na h-eòin a ghluasad gu tuath aig ám neadachadh as t-earrach, agus an tàladh san fhoghar air ais a deas far a bheil aghnè bìdh air a bheil iad atighinn beò sagheamhradh ra fhaighinn am pailteas. Tha sinn an comhnuidh dualtach air a bhith asmuaineachadh air imrich nan eun mar gum biodh e aciallachadh a mhàin na h-eòin a tha ri tadhal oirnn as t-samhradh agus ri leigeil soraidh leinn deireadh foghair. Ach tha a cheart uimhir a dheilthirich atathaich againn sagheamhradh, a tha rithisd afàgail na dùthcha as t-earrach agus aneadachadh a tuath oirnn an Innis Tile no an dùthchannan coillteach Lochlainn.

Faodaidh sinn na h-eòin a chur sìosnam buidhnean mar so:

1. Eòin-fuirich, a tha againn a shamhradhs a gheamhradh, ’s a tha neadachadh san dùthaich.

2. Coigrich samhraidh, a tha tadhal againn as t-samhradh, aneadachadh againn agusgar fàgail san fhoghar.

3. Coigrich geamhraidh, a tha còmhla ruinn sagheamhradh agus aneadachadh a tuath oirnn as t-samhradh.

4. Eòin turuis no eòin siubhail a tha air an slighean gu àitean eile, agus a stadas againn car ùine bhige aleigeil an anail, ri ám earraich no foghair.

5. Seachranaich, no eòin uasal, a theid le tubaist no -shealbh thar an slighe, a tha, a rèir ar n-eòlais, an taobh a muigh den eilean.

Rud eile, chì sinn cuid de na coigrich geamhraidh, nach àbhaist a bhith dol ro fhada tuath, againn as t-samhradh, ach cha tric a gheibhear iad aneadachadh an so, agus mar as trice, chì thu aon leis fhéin, mar achòrr no an guilbneach, asealltainn nach dfhuair e céile agus nach robh aobhar aige falbh, neo nach do leig an tàmailt leis! Chì thu cuideachd còmhlan beag den ghille-brìde(oyster-catcher)mu na cladaichean an uair bu chòir dhaibh a bhith aneadachadh air Tir-mór agus, theagamh, nam biodh na cearcan agus na coilich eadar-dhealaichte an cumadh no an dath, gu faiceadh tu gu robh iad gu léir den aon seòrsa: ’s math dhfhaodte seana-ghillean gu léir. A



[354]

rithisd, chan urrainn sinn a bhith ro chinnteach gur e na smeòraich, na topagan agus na curracagan a chì sinn sagheamhradh a bhios aneadachadh mun cuairt oirnn. Dhfhaodadh sinn a ghabhail gu bheil e dualtach do na h-eòin fuirich beagan gluasaid a dheanamh gu tuath as t-samhradh agus tilleadh air ais airson agheamhraidh. Fad an t-samhraidh on Ghiblin gu Samhainn chan fhaic sinne aig an uinneig ach trì eòin, an glaiseun(pippit)an smeòrach agus cearc an loin duibh a tha sinn air a bhith abeathachadh fad nan ceithir geamhraidhean mu dheireadh. De na h-eòin a dhainmich mi tadhailidh an fharsbag bheag, an gobhlan-gaoithe, achuthag, an steàrnag, an sùlaire, ’s am fasgadair san eilean as t-samhradh; an eala, an gèadh glas, an liaththrosg, maille ri móran eile sagheamhradh. De sheòrsan eile, mar an gille-brìde, an guilbneach agus achòrr, ni cuid dhiubh imrich is cuid nach dèan. Cuid a theicheas chon na monaidhean o na cladaichean, cuid eiles tha an triall fada fada mu thuath, agus tha cuid nach teid ach an taic an doruis a neadachadh, ach fad air falbh no faisg air làimh bidh nead an eòin aig ceann a tuath a shiubhail.

Cluinnidh no leughaidh sinn gu leòir mu na seachranaich a thurchras tadhal anns an eilean. Chan eil ro fhada on a bha pìosan ann an Gasait Steòrnabhaigh mu dheighinn faoileag gheal Innis Tile a bhith ann an Leódhus, clamhan bàn Innis Tile agus am feòladair glas(grey shrike)agus seòrsa no dhà eile do nach àbhaist a bhith tadhal. ’S fhada an on chunnaic mi an clamhan bàn atoirt ionnsaigh air na cearcan tighe agus aleagail na faoileige bige le aon straic de a ghob cromsga fàgail le sgéith briste, ruiteach; agus carson a dheanadh e leithid cha tuiginn oir cha bi sitheann a shaoilinn a thaghadh e. Chunnaic mi fear on uair sin air a chur suasna bhall-maise ann an talla tighe am Barbhas, agus bha fear an tighe ag innse dhomh gun do rinn e chùis air chirc mun do mharbh e e leis aghunna.

Thig mi air corra chlamhan(buzzard)an dràsdas a rithisd air na monaidhean. Tha e ni-eigin coltach ris an fhitheach nuair a chì thu e air sgéith, ach ma tha thu cho faisg dha agus gun dean thu a mach a dhath cha bhi teagamh sam bith agad. Tha cuideachd, bàrr na sgéithe aige nas cruinne is nas dùinte na bàrr sgiath an fhithich. Tha measgadh math de dhitean buidhe-dhonnga chomhdach. Chan eil móran aig muinntir nan caorach mu dheighinn-san, thaobhs gu bheil iad den bheachd gu bheil e ag itheadh nan uan, ach cha chreid mi, ged a gheibhear comhair closaich uain san nead, gu bheil e amarbhadh nas motha na isean coinein. Lorgaidh tu ena shuidhe, gu tric air an aon spiodan carraigh afeitheamhna leth-chadal gus an tig creutair -shealbhach timcheall, air an tuit e gu h-obann. Nuair a thig air, ithidh e closach, ach mar a tha e nàdurrach is annsa leis fuil bhlàth.

Chan eil mise glé eòlach air an iolair, rìgh nan eun, agus chan fhaca mi i ach tearc an Leódhus, ach cha chan mi nach fhaodadh i, nuair a tha i cho pailt sna bliadhnachan so an Uige, a bhith ciontach dhe bhith togail uan a treud, a thaobhs gu bheil amhaigheach afàs gann agus an iolair fhéin afàs lìonmhor, agus a thaobhs nach eil an coinein agus an t-eunfraoich, chulaidh thruais air a bheil i a



[355]

deanamh roinn de a beathachadh, ro phailt a bharrachd. Tha ina culaidh eagail do gach creutair maoth is meanbh air sgéith no air fonn. Dhaindeoins ged a tha i cronail, fuilteach agus theagamh calltach ann an tomhais, cha bu chaomh leinn cluinntinn gu robh cùisean air a thighinn gu inbhe gu feumte a cumail sìos. Tha ceangal aig gach fìor Ghaidheal ris an eun rìoghail so.

Den eunlaith fhuileachdach so ann an Leódhus tha a dhà no thrì sheòrsa fhathast rim faicinn. Chan eil an t-seabhag no an speireag(sparrowhawk)cho tric air sgéiths a bàbhaist, ’s cha chluinn thu guth an diugh air clamhan-nan-cearc(harrier) .Tachraidh dhut faicinn clamhan ruadh(kestrel) ’na stad le buille brais air sgéith afaire an gluasaid as lugha air fonn. Tha achuid as motha de na h-eòin so comasach air faire-itealaich mar so, ach chan eil gin aca cho ealanta ris achlamhan ruadh, agus chan eil an t-seabhag móran air dheireadh air. Aithnichidh tu iad o chéile nuair a tha iad ri faire-itealaich do bhrìghs gu bheil sgiath achlamhain ruaidh biorach agus sgiath na seabhaige maol, ni-eigin coltach ro sgéith na curracaige(lap-wing) .Tha an t-seabhag-mhór-ghormachearc(peregrin falcon)—faisg air a bhith a dhà uimhir ri a céile, agus tha esan mu mheud achlamhain ruaidh, ’se sin mu mheud calaman tapaidh. Aithnichidh tu an t-seabhag-mhór-ghorm so o an fhuaim uamhasach a i nuair a thuiteas i as an speur an deidh a creich. Cuiridh so a leithid de gheilt anns na h-eòin bheagas gun gabh iad fasgadhnad achlais. Nas trice chì thu meirneal no seabhag-bheag-ghorm-an-fhraoich(merlin) ,cleas na speireig, asiubhal gu h-ìosal mu na bruaichean agus mu na h-uillt, alorg eun beag bochd aonaranach mar an glaiseun. Is minig a chunnaic mi e, bròinean, ’ga shàbhaladh fhéin on tòir le ruith troimh an lìon lise. Chì thu am meirneal so ag éirigh gu h-àrd air sgéiths asgreuchail nuair a thig thu faisg air a nead, gu tric an creagan achladaich. Am measg achuid as motha de na seabhagan gheibh thu gu bheil achearc gu math nas motha na an coileach, agus tha sin adeanamh aithneachadh nan eun so gu mór nas duilghe. ’Se duine glé dhall nach aithnich cumadh eòin a bhuineas do threubh na seabhaige, chan e nach fhaod neach eòlach saoilsinn gur e seabhag a tha aig den chuthaig nuair a chì e i air sgéith. Chan eil duine tha eòlach air cleachdaidhean nan eun-ceileiridh, nam feadags nan calaman nach aithnich le buille de shùil, amhionaid a thig clamhan no seabhagna fàire. Eiridh iadna sgaothan thalls a bhos, shìos is shuas, le iomairt is guileig, is gluasad neo-àbhaisteachnam measg gu léir, is chan fhuirich eun leis fhéin. Tha sàbhailteachd ann am mór-àireamh agus iadhaidh agus dòmhlaichidh iad an nàmhaid coitcheann gus an saoil thu nach eil amharas no eagal aca dha thaobh.

Chan eil na h-eòin fala so glé lìonmhor anns an eilean, agus chan eil aobhar gearain idir againnnan aghaidh thaobh marbhadh uan is threud an taice ris na tha dhiubh air am milleadh le farsbagan, starragan is fithich. Cha teid mi an urras air an fhitheach dubh aig ám sam bith, agus gu h-àraidh aig ám a iseanan a bhith ògám nan uan oga is ám a tha na màthraichean trom is lagnach toir e ionnsaigh air uan is eadhon sùil a thoirt a caora leònta. Ach tha mi glé chinnteach gu bheil an fharsbag agus an starrag ris an obair ghrannda so



[356]

chunnaic mi e atachairt agus cha baon uair a chuala mi e. Cha chaomh leam idir an fharsbag no am fitheach is chan eil càil agam mu dheighinn na starraig, agus cha chunntainn ena chosgais fùdar a losgadh orra le cheile aig ám sam bith. Buinidh am fitheach, agus trì eòin eile, an ròcas, an starrag agus achathag(daw) ,a tha fuireach no atadhal san eilean, do theaghlach na feannaig(crow) . ’Sann ainneamh a chithear an fheannag dhubh fhéin an Leódhus, agus cha chreid mi gu bheil i aneadachadh ann. Tha an starag(hoodie crow)glé choltach rithena gnè agus bheir céile as gach bannal a mach àl cuideachd. Chan eil baile air tuath Leódhuis far a bheil feòladair nach aithnich thu leis na tha de starragan bleideil gionach asgiathalaich ma thimcheall. Tha iad atighinn beò gu dàna, leisg ag itheadh greallaiche agus apiocadh chnàmhan a tha na feòladairean afàgail mu na h-uillts na cladaichean.

Tha facal neònach anns aBheurla a tha ag ràdh rud-eigin mar so: “Ma chì thu fheannaigse ròcais a thagad, ’s ma chì thu aon ròcasse feannag a thagad.” Tha so aleigeil ris dhuinn gu bheil e cleachdail do na ròcais a bhith falbhna sgaothan agus do na feannagan a bhithnan aonrachd. Tha an fheannag agus an starrag coltach ri chéile sachùis so cuideachd agus, mur a faic thu dhà no trì dhiubh còmhla ri chéile mu chairbh no greim bìdh air chor-eigin, no paidhir asgiathalaich còmhla mu ám neadachadh, chan eil iad tric rim faighinn ach air leth. Tha an starrag seòlta dha rìribh, ’s chan eil a lethbhreac am braides an rudhrach. Is minig a chunnaic mi i alorg na bascaid cuirm-chnuic, a bhiodh aig muinntir na mònadh, a mach as achruaich agusga rùsgadh gus an ruigeadh i am biadh. Taghaidh i na Sàbaid gu tadhal aig na bailtean airson falbh le isean maoth circe. Tha a leithid de shàmhchair ann agus gun gluasad dhaoine acur dragha oirre. Chunnaic mi an starrag aon bhliadhna atoirt leatha ceithir iseanan air trì Sàbaid an deidh a chéile agus ged a bha an gunna afeitheamh oirre fad nan trì seachdainean cha dfhuaras cothrom oirre. Tha i aneadachadh anns na creagan agus anns na craobhan, glé thric far an ruig agus an creach na balaich an nead, agus thachead aca. Fhuair mi nead starraige ann an seann nead fithich agus nead fithich ann an seann làraich starraige. Le chéile cruachaidh iad bioranan, geugan tioram fraoich, stamhan tiorama no seann bharran bhuntàta air muin a chéile air lic no an achlais meangain craoibhe, agus pìosan craicinn is toinntean clòimhe air muin sin, agus cha bhi móran snas air seach aca, ach bha blàths gu leòir anns achuaich.

Chuala sinn uair is uair an coimeas so, “cho dubh ris an fhitheach,” agus mas e maise tha so, gu dearbh chan eil móran maise air an fhitheach on leth a muigh ach a mhàin gu bheil e dubh. Tha e cho grannda ris an fhaing fhéin ach a dhaindeoin sin tha subhailcna bheatha nach eil ann am beatha no eachdraidh móran de na h-eòin, no eadhon cho tric agus bu chòir am beatha clann nan daoine, ’se sin gun gleidh e a chéile am feadhs is beò i! Tha so fìor cuideachd mun fheannag agus achathag. Ma chì thu barrachd air na dhà dhiubh còmhla faodaidh tu bhith cinnteach gu bheil closach faisg an làimhe. Cruinnichidh sgaothan móra dhiubh aig ám marbhadh nam fiadh



[357]

airson na greallaiche a dhfhàgas an luchd tòrachnan deidh. Bithidh sgaothan nas motha dhiubh ram faicinn anns agheamhradh, agus tha eagal orm gu bheil iad an uair-sin dualtach air call a dheanamh air spreidh, no co-dhiùbh air caora lag. Tha e duilich a chreidsinn cho luaths a ghlanas sgaoth dhiubh closach caorach, afàgail an raoin glan gun cnàmh no ròin cloimhe ra fhaicinn, ach air uairean fàgar an claigeann lom. Bidh còmhlan beag de na farsbagan aig achuirm. Sabaid cho coimheachs a chunnaic mi riamh am measg nan eunsann eadar fhitheach. Thug mi cho math ri leth-uair a thìde acluinntinn an ràcail nimheil mus do lorg mi a aobhar. Thainig mi an sin air na fir còmhstri, agus an dara fear, gu dearbh, shìos dheth: air a ludradh, air a reubadh, agus cho ruiteachna fhuils gur gann a bha léirsinn aige falbh, no comas éirigh air sgéith, agus cha luaithe rinn e sin, le bràighe achnuic, na bha an curaidh a machna dheidh agus rinn e leagail a rithisd am beul na mara. Chan eil fhios agam na rinn e tìr dheth, ach bfheàrr dha am bàthadh fhéin nam bàs cràiteach fo ghob is spuirean an fhir uamhasaich ud. Bho fhuair mi eòlas air chan eil iongnadh idir orm nach tainig e air ais don Airc.

Tha ionad-ròcais na Gearraidh Chruaidh air gin cho mórs cho làns a chunnaic mi riamh, agus tha cuid aca afiachainn ri ionad-nead a chur suas an àiteachan eile mun timcheall. Chan fhaic thu na ròcais fada on ionad achna sgaothan. Moch samhadainn shamhraidh nuair a tha na h-àil òga a nis air sgéith, teichidh iad on dachaidh cho fads as urrainn iad gu roinnean den eilean thalls a bhos, agus ionaltraidh iad an slighe dhachaidh bho mhoch-thrath gu beul an anmuich; na pàrantan acur criomag am beul nan eun òga, a chì thu aruiths aleum gu tubaisteach an deidh nan cosnaichean. Tha iad atighinn beò air meanbh chreutairean na talamhainn agus gràn is sìl nuair tha sin ram faighinn. Chan eil iad idir cho salachnam beathasnam beathachadhs a tha an dàimhean eile a dhainmich mi. Aithnichidh tu an ròcas on abhall soilleir a gheibh thu mu bhun a guib. Bha mi riamhga ghabhailna chomharra math air an nam faicinn na ròcais adol seachad samhadainn mhoich.

Tha achathag gu math nas lugha na an ròcas agus beagan glais innte; bradach, bragailna dòigh, spaideil, spàgachna gluasad, agus gu tric air a cumailna peata aig cloinn. Achiad turus a chaidh mi riamh a Steòrnabhagh— ’s cha bann an bha sintharruing ràcail nan cathagan maire is grunnag aca air mullach tighe. Cha chuimhne leam faicinn gin aca le cinnt ach uair eile on ám sin gu aon de bhliadhnachan achogaidh mu dheireadh, 1942, tha mi smaoineachadh, nuair a bha feadhainn dhiubh aneadachadh sna simileirean an tighean abhaile. Tha na h-eòin so an còmhnuidh atadhal fàrdaichean falamh is làraich loma agus chuir e eagal air cuid, a bha den bheachd gum be sud achiad tadhal aig na h-eòin, gur e manadh gu robh am baile gu bhith air a sgrios a bha anns na h-eòin so a bhith tighinn air chuairt, ach cha chreid mi nach eil beagan dhiubh atadhal o bhliadhna gu bliadhna, ged nach fhuirich iad a h-uile bliadhna a thig iad.

(Ra leantaiun.)

titleAir Lorg Nan Eun An Leodhas
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Domhnall MacCoinnich in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page