[360]

Mgr. Ailean anns a’ Cholaiste

An earran so air a deasachadh do Ghairm le Iain Lathurna Caimbeul, Fear Chanaidh. Anns na ceud àireamhan den raitheachan, thug e dhuinnLeabhar Latha Mhgr. Ailein.”

Thogadh an dealbh so den t-sagart ainmeil ann an 1898, an uair a bha e suas ri da fhichead bliadhna a dhaois.


FACAL BHO FHEAR CHANAIDH

Bha na h-earrannan a leanas air an sgrìobhadh le Mgr. Ailean Dòmhnallach sabhliadhna 1880, nuair a bha e an Colaiste nan Albanach, ann am Valladolid. Ged nach robh e idir cho fileanta saGhàidhlig an uair sin agus a dhfhàs e, bliadhnaicheanna dheidh so, ann an Uibhist, bha e daonnan glé mhiadhail oirre. Mar sin, tha earrannan Gàidhlig dhen t-seòrsa so ram faighinn air feadh leabhairnotebooka bha e cumail aig an àm.

Bha corra sgoilear Gaidhealach anns aCholaiste còmhla ri Mgr. Ailean, agus, mar a tha Mgr. Ailean ag innse dhuinn, rin iad leabhar nomagazinelàimhsgrìobhte ris an canadh iad An Gàidheal air feadh 1881. Tha lethbhreac dheth ann fhathast. On a bha a h-uile fear aca acleachdadh far-ainm chan eil e furusda a bhith cinnteach sgrìobh na h-earrannan a tha sa’ “Ghàidheal,” ach tha làmh-sgrìobhadh Mhgr. Ailein atachairt (mura bheil mi air mo mhealladh) corra-uair fo chorra-ainmean. Bha e gabhail ùidh mhór ann am friamhachd nam facal, no philology mar a chanas iad an ám sin agus daonnanna dheidh.



[361]

VALLADOLID, 18801881

IS truagh nach eil pàipeir Gàidhlig saor miosail againn coltach ris aChatholic Progress. Pàighidh mise ceithir tasdansa bhliadhna air a shon gu deònach nan robh e air a chur a mach.

* * * * *

Thionndaidh mi so( “Oithona”) bhon Bheurla ann an uair gu leth gun fhaclair, air achiad latha fichead den mhios deireanach abhliadhna 1880.

Tha an sgeul ro-iongatach.

Chunnaic misan t-seòmarsa bheil iad acumail na(n) leabhraichean a bhuineas don Cholaiste, leabhar beag anns an robh an dàn so air a tionndadh gu Laidionn. Bha an leabhar sin air a chlò-bhualadh anns aCholaiste a bhagainn bho chionn fhada ann an Aquhorties. Tha mi duilich a nis nach tug mi mach e nuair a bha cothrom agam.

Is truagh nach robh tuillidh leabhraichean Gàidhlig againn a mach a so. Chan eil againn ach an Tiomnadh Nuadh, seann leabhar Ceisdean a chaidh chur a machsan linn a chaidh seachad, an Cath Spioradail, Leanmhuinn Chrìosda, Bliadhna Theàrlaich, Sean Dàna le Oisean, Ulann is Orran, fhaclair, Gramar Foirbeis is Munro, Leabhar Ceisd, Leabhar-ùrnaigh, is earrann de Charaid nan Gaidheal.

Tha pailteas leabhraichean Beurla againn. Leugh mi tuilles a chòir dhiu sin mar tha. ’S mi bhitheadh air mo dhòigh an diugh nan do leugh mi uidhirsa Ghàidhligs a leugh misa Bheurla. An latha roimhe thug mi mach Ossians Poems ann an trì leabhraichean, is leabhar no dhà eile, ach tha mi smaoineachadh gun leugh (mi) tuille bhon Ossian na leughas bho na leabhraichean eile.

S i mo bheachd-sa gur e dòigh anabarrach air son aGhàidhlig ionnsachadh a thann an Oisian a thionndadh gu Gàidhlig bho na Bheurla gun fhaclair no cobhair sam bith ach do smaointean fhéin. Tha e ciad mìluair nas fhasa Ossiansa Bheurla thionndadh gu Gàidhlig, na tha e leabhar sam bith eile air a sgrìobhadh am Beurla, no Laidionn no cànan sam bith eile, as toigh leat a thionndadh gus ar Gàidhlig bhriagh fhéin. ’S adhbhar air so gu bheil na smaointean a tha sinn afaighinn ann an Oisian cho Gàidhealachs a burrainn a bhith.

Nach iongatach nach eil aon fhacalsan Oisian air Dia sam bith. An robh creideamh sam bith aig abhàrd? Theagamh nach faodadh bàrd no duine sam bith ach na sagairt no na draoidh ainm ainmeachadh air son onoir a thoirt dha. Shaoileadh tu gun robh reusan air choireigin mar so aca, no cia mar air an t-saoghal nach eil na bàird Ghàidhealach acuimhneachadh an Dia?

* * * * *

Ardar

Thionndaidh min dàn ghoirid so bhon Ghàidhlig gu Beurlas as deidh dhomh sin a dhianamh, dhùin min leabhar Gàidhlig, is dhfhiach mi nam burrainn aBheurla a thionndadh air ais gus aGhàidhlig bhon do thionndaidh mi i. ’S i dòigh ainneamh math a tha so gu dòigh-labhairt aGhàidhlig ionnsachadh. Cuiridh mi aGhàidhlig ma air aon taobh, ’s aBheurla air an taobh eile.



[362]

Tha h-uile facalsa Ghàidhlig mar a bha iadsan dàn. Bha an crioman cho goirids gu robh (e) furusda gu leòir na faclan Gàidhlig a chumailnad chuimhne. Nan tionndaidhinn dàn fhada bhon Ghàidhlig, ’s mur toisiachadh mi (sic) gus aBheurla thionndadh air ais air son seachdainn no cola diag, cha bhitheadh e cho furusda uile gu léir a h-uile facal a chur sìos dìreach mar thathasgam faighinnsan dàn fhéin. Fiachaidh mi sin a dhianamh uair air choireigin. Mar bi an tionndadh cho math, n dolaidh? Ionnsaichidh (mi) pailteas fhaclan Gàidhlig, is no dhà mu dheidhinn deagh-dòigh-labhairt an Gàidhlig.

Sgrìobh mi an taobh so air maduinn Di-Ciad-Aoine 21 Dec. ’sa bhliadhna 1880.

* * * * *

Oidhche Di-Ciad-Aoin

Chan eil leasan eile againn gus an dara latha as deidh abhliadhna (sic) Ur. Nach mi tha duilich! !! Tha manam trom le mulad. Tha mo chridhe abristeadh le bròn. Tha mo shùilean astruthadh le deòir. Tha mo cheann asnàmh an ceò.

Is truagh minam aonar,
Gun leabhar no peannnam làimh;
Tha mi mar leanabh lag fann
Air a sgaradh bho mhàthair.

Ach feumaidh mi cluich uaireigin. ’S nach eil an t-am so cho math ri am eile. Ma chluitheas càch, car son nach bitheadh mo chuid spòrs agamsa? Is subhach am na Nollaig. Tha e glé chridheil a bhith suidhe mu chuairt aig an teine ag éisdeach ri sgeulan an am a chaidh seachs a losgadh cnothan is ubhlan.

Bha mi coiseachd leis aGhille Dubh an nochd. Thòisich sinn air bruidhinn air na bha dol a thachairt mu Dhi-Dòmhnaich Càisg an ath-bhliadhna. Feumaidh sinn Fàilta chur air ar fear-riaghlaidh ann an Greugais, an Laidionn, am Beurla, an Gearmailteach, am Fraingeis, an Spàinteach, ’s ann an Gàidhlig. Bithidh sin anabarrach. Ach a sheòid, as a tha aGhreugaiss aGhearmailteach dol a thighinn? Bithidh e furusda gu leòir fàilta chur airsna canain eile. Ach tha dòigh air gach air a bheil miann againn. Tha sinn an dòchas gun tig Maighstir Uilleam a mach le sagart eile. Tha mi creidsinn gum bu Maighstir Uilleam Mac na Cathaig* an so. Tha esan Fhraing an dràsds cha bhi duilich dha tighinngar n-ionnsaigh. Bu toigh leam fhaicinn a rithisd, oirs e sagart math, naomh, tapaidh a thann.

* An t-urr William Dawson.

Tha gealach asiubhail na speur
Gun neul acur a gnùis fo smalan,
Tha na reultan soillse aleumnaich le àigh
S iad aobhach, ’s ise ri gàire;
Trà dhùisgeas aghriansa mhaduinn bho suain,
S a dhéireas i gu oidhche is ceò a ruag,
Le caithream binn a chridhe
Chuireas fàilt air sagart dìleas.

* * * * *



[363]

Aig am na Nollaig leughaidh mi an leabhar air a bheil mar ainmSmiths Poems. ”Cha n-e leabhar Beurla a thann idir, ach leabhar de sheann dàna a sgrìobh Oisean, Ulann is Orran. Thionndaidh mi achiad dàn a thasan leabhar gu Beurla mar tha cho maths a burrainn, ach tha mi cinnteach gun drinn mi móran mearachdan. Leugh miTiomna Ghoill,” “Diarmid,” “Trathuil,” “Losga ThemraisArdar.” Cha mhór as fhiach Dan an Deirg no Tiomna Ghoill’. Tha Trathuil is Diarmaid glé laghach, ’s bu toigh leam Ardar cuideachd.

Bu toigh leam nan tòiseachamaid anGàidheala chur a mach a rithisd aig am na Nollaig. Bithidh pailteas tìm againn an sin. Sgrìobhaidh Dai, is an Torc, ’s mi fhéin. Bu toigh leam a bhith cinnteach gum faigheamaid cobhair Dhunnchaidh is cobhair an t-Saoir. Tha mi cinnteach mar thà nach sgrìobh an Glasach facalgar n-ionnsaigh a chaoidh. Ach n dolaidh? Thigeamaid air adhart a h-uile buille cho math as aonais.

* * * * *

Nollaig (1880). Bha mhaduinn fliuch ach cha do chuir sin dragh oirnn. Las sinn teine is bha pailteas cnothans ubhlan againn. Bha ceòl againn cuideachd. Bha sinn uile cridheil gu leòir. Fhuair mi litirsa mhaduinn bho mbhana-charaid Mór. Chuir i deich tasdan gamionnsaigh. Tha mi móranna comain. Ma bha mi am fiachan leis an fhear-riaghladh chan eil mi nise. Chuir i fhéin is Tearlaid* (i.e. Charlotte) dealbhan beag gu mionnsaigh-ses a dhionnsaigh Deòrsa.

San fheasgar chaidh sinn a mach don Eaglais Mhór, los gun cluinneamaid naVillencitos, ”ach cha robh iad ann idir. Bha na straidean uabhasach salach. An déidh dhuinn tilleadh, bha is oransean againn. Chluich an Tòiseach† air fhiodhull air ar son. Ghabh Donnchadh òran Gàidhlig. Tha fios aig air pailteas dhiu. As déidh an òls an t-òran dol mu chuairt, ghabh sinn ri na Cuthagan. Chluith sinn uair, ’s choisinn Donnchadh an uair. Bha sinn abruidhinn air aphàipeir-naidheachd Ghàidhlig.

N. Steaphain. Bha mhaduinn fliuch. Bha sinn ag iarraidh cluith ach cha robh ball againn, ’s cha burrainn ball a dhianamh chionns gum be Di-Dòmhnaich a bhann. An déidh dhinnse Donnchadh dhuinn gum fiachadh esa ar Gàidhlig a cheartachadh mun reachadh a chursa phàipeir. Tha sinn móranna chomain air son sin.

Bha , is ceòl, is cluith againn an nochd cuideachd. Choisinn Uilleams mi fhéin na leabhraichean. Chaidh ceathrar a machsan fheasgar, ach bha an làr ro-bhog.

N. Eòin. Tha mhaduinn math gu leòir. Thàinig triùir Shasunnaich a nall air son fiodhull an Tòisich, us ged a bha fios aca gun robh feum aigfhéin oirre, thug iad leò i. Tha e coltach riu, na trusdairean mhì-mhodhail. Chaidh cuid dhiu a mach a chluith leis na Sasunnaich aig braigh-bhaile leis abhall mhór. Cha deach mise mach leò. Bha mi fuaghal ball a rinn Daibhidh, ’s ag éisdeachd ris


* “Auntaige.
“ † Iain Mac an Tòisich, a bhana shagart ann am Bòirnisna deidh so.



[364]

an Tòiseachs e feadaireachd air biast derequitomar a their iad riusa Spàinde. ’San fheasgar chaidh sinn a mach. Bha mise coiseachd le Daibhidhs bha sinn abruidhinn an Gàidhlig, ’s air aGhàidhlig fad an tìm. Tha e glé dheònach gun tòisich sinn am pàipeir. Bha , etc., againn. Fhuair an t-Easbuig an leabhar an nochd. Thug an Tòiseach ubhlan òrbhuidh, is ubhlan-granaideach iscigarrosdhuinn an nochd chionns gum be so -fhéill-Eòin, oirs e Iain as ainm air-sa cuideachd.

Thàinig litir bho Mac na Cathaig an diu. Dhinnse e gun robh am madadh alluidh non t-iasg an Dun-Eideann an drasd, ’s gun robh ena bheachd a bhithna shagart fhathast. Thàinig litir bho Iain Coilltean an diu. Tha en Cille Mhàrnaig fhathast. Fhuair e cothrom a bhithna shagart an Caisteal Dubhghlas, ach cha do ghabh e e.

nan Naoidhean Neochiontach. Chaidh mi mu chuairtsa mhaduinn is dhfhaighnich (mi) dhen t-Saors dhen Tòiseach an robh iad toileach an còmhnadh a thoirt don phàipeir-naidheachd aon uair a thòisicheadh i. Thuirt iad gun dianadh iad an cuid sgrìobhadh. Cha deach an caramh aGhlasaich, tha e miodhanach leisg.

Bha mhaduinn fliuch. Bha Daibhidhs mi fhéin is Donnchadh abruidhinn air an litreachadh an Gàidhlig. Tha Daibhidhga thuigsinn gu math. Chaidh sinn a machsan fheasgar is chluith cuid dhinn leis abhall-cois comhla ris na Sassunnaich. Bithidh cleasan aca an ath-oidhche. Fhuair mi pàipeir a bha sealltuinn an clàr-innse a bhitheadh aca. etc. againn. Choisinn Donnchadh an leabhar a chuir Mac na Cathaig gar n-ionnsaigh. Tha mi toilichte gun dfhuair Gàidheal e. Sheinn Donnchadh an nochdIseabail Nic Aoidhis thug e orra creidsinn gum be marbhrann Mhic Coinnich a bhann. Sheinn mi fhéin òran Gàidhlig an oidhche roimhe air son achiad uair air dealachadh aPhrionnsa le Fionnaghal Nic Dhòmhnaill. Rug Mgr. Seumas air Daibhidhs e feadaireachdsa mhaduinn.

N. Thòmais. Bha ghaoth ro-àrdsa mhaduinn. Cha déirich an Tòiseach aig siasa mhaduinn. Mu naoi uairean thòisich aghrian ri gnùis fhéilidh a chur a mach bho na neulan. Chaidh sinn a chur fàilte air Maighistir Daibhidh. Thug e cluith dhuinn air son an uair. Chaidh sinn a mach don chladh. Thug na Sassunnaich dhuinnsan fheasgarSent to the Toweris Pàdruig Blac. Cha mhór a bfhiach achiad , ach bha Pàdruig ro-mhath. Bha òran math acaUabhasach Tapaidh.” Nuair a phill (sinn) smaoinich mi nam burrainn duine Rob Ruadh a thionndadh gu bhithna opera, gum bitheadh (e) toghta air son lathan fhear-riaghlaidh. An toiseach bhitheadh am Bàillidh againn am fiachan a cómhradh leis na daoine dhan robh e am fiachan is dhaibhse dol a mach acuimhneachadh gu robh aig Rob Ruadh chiad punnd Sassunnach a bhuin dha-sa, ’s acur roimhe gun reachadh e air an son. Tuathanaich is Saighdearan ann an tigh-òsda, “Am fòghnans aPhìob” ’s am Bàillidh tighinn a stighs asabaid. Niall is Rob abruidhinn air achogadh a bhacan aghaidh na Sassunnaich (sic) —Am Bàillidhnam measg. Na Sassunnaich atighinn faisg bho Thorntonam batailam Bàillidh bochd. Rug iad air Rob. Am Bàillidh dol dhachaidh atachairt



[365]

air Robfaighinn an t-airgiod, is Rob gealltuinn dol dhachaidh leis do Ghlaschu chionns gu bheil e cunnartach. Achùirt abrath am Bàillidh dhìteadh nuair a thàinig e fhéin is Rob a stigh.

N. Sheumais. Abruidhinn leis aghille dubh air opera. Thuirt (e) gun do shaoill leis gum burrainn opera a dhianamh dhe Rob Ruadh ged nach duirt mi aon fhacal mu dheidhinn. A sin chaidh sinn a bhàn do seòmar na(n) leabhraichean is sgrìobh sinn ar smaointean air crioman pàipeir. Bhitheadh i air a h-ainmeachadh Turus don Ghàidhealtachd, is thòiseachadh leis aBhàillidhna bhùths an Sassunnach Frannsaidh atighinn a stighs ag innse gu robh (e) deas air son an Turu(i) s. Dhianadh am fonnLe Continoyainneamh math air son deireadh achiad earrainn, etc. etc.

An mu dheireadhsa Bhliadhna. Chuir mi air falbh litir do mo charaid an Sagart an Dailiobrog. * Bha litir bho Mac na Cathaig an diugh. Thug Deòrsa pailteas tombac dhuinn an diugh chionns gum be so an latha air an do dhùisg ena dhuine. Thug e leabharManual de Confessoresdon fhear a choisneadh e aig na Cuthagan e (sic). Choisinn Uilleam e. Sgrìobh an Tòiseach do D(h) ouai air son aChalaiph am Bagdad. Bha Daibhidh ag ionnsachadhNach tig thu air tais a rithistan nochd. Bhaeclipsena gréine ann an diugh.

na Bliadhna Uire. Thòisich sinn An Gàidheal an diugh. Gum bi e fada beo! Bha beagan reothadh ann an raoir. Bithidh chiad earrann denGhàidhealsgrìobhte a màireach. Mo bhannag ort! Ciad mìle fàiltoirre.


* Rev. (an deidh sin Mgr. Canon) Alex. McKintosh.

[Sanasan]

titleMgr. Ailean anns a’ Cholaiste
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Iain Lathurna Caimbeul in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page