[367]

Aonghus Greum agus Alasdair Mac-a- Phearsoin

Le CREAG-GHUANACH

BE Aonghus Greum a Leódhus agus Alasdair Mac-a- Phearsoin, no mar theirte ris Alasdair Mór, a Uibhist-a- deas, shàr cho calma agus cho foghainnteachs a sheas a riamh am bonn bròige, anns na h-Eileanan an Iar co-dhiùbh. Bha iad le chéile, mar as gnàth le an seòrsa, anabarrach stòlda agus ciùinnan giùlain, agus cha shaoileadh neach le coinneachadh riutha air a rathad mhór gu robh iad ach mar dhaoine cumanta anns an t-sreath. Tha sgeula ghoirid air innse air gach fear dhiubh a nochdas am foghainnteachd. Bha Alasdair Mór aon fheasgair brèagha samhraidh atighinn dhachaidh a Loch-nam-madadh le trom-luchd air an each bhuidhe anns achairt. Aig dìreadh leathad Langais thòisich an gearran asgìtheachadhs aleigeil ann cho mór agus gum bfheudar an t-each a thoirt as achàrn agus a cheangal an deidh na cairt. Chuir an sin Alasdair an t-slabhraidh dhroma ma ghuaillean fhéin agus ghabh e suas am bruthach leis achàrn luchdaichte mar bha e air an each roimhe sin. Rug marcaiche sgoinneil on Taobh-an-Iar air agus dhfheòraich e dheth bha ceàrr air an each bhuidhe agus dhinnis Alasdair gu socrach dha gu robh an t-each sgìth agus nach robh e ag iarraidh a bhith trom air. “A bheil thu ag iarraidh cuideachadh?” ars am marcaiche. “Tha mi coma ged a phutadh tu achairt gu mullach an leothaid,” ars Alasdair. Thainig an Siarach bhàrr an eich agus thòisich e aputadh gu dìchiollach, ach cha bfhada gus an robh fhallas a mach agus ged a sguir e car tiotan a leigeil analach cha do stad an càrn. Nuair a chunnaic e sinsann a thòisich e aleigeil a chudthrom air achàrn, ach lean an càrn air adhart mar a bha e roimhe. Ghabh an duine leithid a dhiongnadhs gur ann a smaoinich e an tuilleadh dearbhaidh a chur airsan a bha atarruing achàirn, agus thòisich e le uile dhìchioll atarruing na cairt an comhair a cùil ach cha tainig maillead sam bith ann an astar achàirn. Nuair a ràinig iad mullach an leothaid leum am marcaiche don dìollaid agus anns an dol seachad dha thug Alasdair còir taing dha airson achuideachadh ghasd a thug e dha.

Air do Aonghus Greum a bhith dol dhachaidh a baile Steòrnabhaigh aon maille ri ochdar fhear thòisich deasbaireachd eatorra mu chreig-cloiche bha ri taobh na slighe. Chuir Aonghus geall ra chompanaich, airson leth bhodach uisge-bheatha nach cuireadh iad le chéile car den chloich. Thòisich na fir le chéile air achloich ach an deidh am fallais a thoirt a mach gus an robh braon agus ceò de am malaidhean cha chuireadh iad gaoth eadar is làr. Thòisich an sin an Greumach fhéinna ònrachd oirre agus chuir e gu furasda car thar char dith an aghaidh na bruthach thairis air an rathad mhór far a bheil ina laighe gus an an diugh, mar chuimhneachan balbh air spionnadh agus lùth achuraidh ghreimeil sin a thug na tulgaidh ud dhi don dìg.



[368]

Nise thachair gun do choinnich an dithis laoch so aig aon ám ri chéile ann an Loch-nam-madadh. Bhiodh bàta sònraichte anns an ám sin ri togail nam fear anns na h-eileanan uair sabhliadhna gu dhol donluinga Ghrianaig. Bha móran de Leódhasaich agus de dhUibhistich cruinn aig an ám agus a chionns gu robh ainm Alasdair Mhóir agus Aonghuis Ghreim air dol fad agus farsuing a thaobh an treise, bha ena annasach gun do thachair iad aghaidh ri aghaidh air an ud, agus thubhairt sgeigire beag de Hearach a bha làthairNach fhiach sibh aon leth-dusan sìnnteag air a chéile ach an dearbh sinn as fheàrr.” “ math ged a dheanamaid sin,” arsa Aonghus Greum,” ’s nach eil anns na Hearadh agaibh na chuireadh o chéile sinn a rithisd.” Le sin ghabh an dithis fhuirbidh sin car làimhe de chéile agus biad dithis a bu shìtheile bha an Loch-nam-madadh air an ud. ’Se am fear as lugha feum gu tric as motha ni de ghleadhraich agus de sgeig, agus fanaidh am fear a than fhìor chomas air a làimh anns an t-sreath-chùil gu ám na feuma.

[Sanasan]

titleAonghus Greum agus Alasdair Mac-a-Phearsoin
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Creag-Ghuanach in Gairm 12 %p

parent textGairm 12
<< please select a word
<< please select a page