[321]

LAITHEAN MOIGE
le Dòmhnall R. Moireasdan

Bidh mo smuaintean adol tric gu na làithean anns am bu bheag mo chùram, làithean mòige. Làithean na bu shaor, shaoirsneil a bha mi, mar a tha ma dhfhaoite fìor mu gach aon neach. Bithidh mi toirt sùil fhathast air sgeir neo badan anns achladach far am bithinn acur seann chliabh ghiomach airson portain anns mina mo bhalach sgoile; àiteile far am bithinn aseòladh long le cuid aodaich de dhanart geal, a shrac mi, neo a gheibhinn a-staigh san taigh. Cha be misenam aonar a bha leum ann an subhachas na h-òìge, gu beothail ann an cleasachd, ann an dealbhadh gu cluiche, ’s ann a bhith samhlachadh a-mach an fhìor fhear bàtas an iasgair le maon chliabh.


An Sgoil

Saoilidh mi gu bheil cuimhnagam air achiad latha a chaidh mi dhan sgoil co-dhiù an uiread seo gun do shuidh mi cuide ri co-aoisean eile air suidheachan beag fada ìseal anns an t-seòmar sgoile, sheòmar mas math mo chuimhne bhanns an taigh-sgoile an uair ud, aon seòmar mòr farsaing agus aon eile a bha na bu lugha. Le suidheachain fada gu h-àraidh anns an t-seòmar mhòr, air an robh na sgoileirean mhòr asuidhe.

Nise chan eil mòran cuimhnagam eadar mi dhol dhan sgoil agus faighinn gu clas “Mary had a little lamb” mar a theireadh na nuadh


[322]

Soitheach-seòlaidh, Eye of the Wind, ri taobh bàta ScalpachIsle of Tiree, ris achidhe tha am beul-a- muigh na h-acarsaid a tuath (Samhradh 1981). Chaidh an soitheach-seòlaidh a-null a dhÀstràilia an dèidh sin.

ghillean neo na nuadh nigheanan. Be seo achiad leabhar tha min dùil tha cuimhnagam fhaighinn, an leabhar anns an robh an duan cloinne ‘Mary had a little lamb’. ’Se aon mhaighstir sgoile agus bhana-mhaighstir sgoile a bha dhar ionnsadhadh anns an sgoil an toiseach nuair a chaidh mise innte.


Aitichean Fàsail

Chì mi fhathast mar an ceudna àitichean mar calachan, caraichean air am biodhte sailleadh èisg, tha an diugh air a dhol bàn, glas gun chlag ùird ri chluinntinn an siud, far a bàbhaist meadhrachas de chaochladh sheòrsachan a bhith measgadh le gàire, is gean oibreach ann an ùpraid an obair làitheil air an eilean nuair a bha obair a sgadain adol ann am feabhas gu soirbheachail cothromach òrdail, agus an t-eilean fo bhuaidh obair iasgaich is chlòitean is chroitean mar chòs dheillein le sreann gu leòr is piseach.

Ach mo chreach dhfhalbh sin o timcheall abhliadhna 1930, neo na 1930-an, is thàinig car eile ann an adhairc an daimh.

Chì mi tobhtaichean falamh mar fhianais air an ud. Seòlaichean, stòir a thuit as a chèile fo mheuran na dùilean is siantan is gailleann an iochdmhor;


[323]

Toileachas Inntinn

Bu thoileachas inntinn do neach a bhith beò anns an ud, their min diugh; na h-igheanan adeanamh bothagan a dèidh àm sgoile, le briachain acruthachadh a-mach cumadh is snasalachd an dreasair ann an seòmar dachaigh, eadar aphreis bheag is mòran ghrigleidean eile acur ri comharrachadh obair is ionadan tàimh nan làithean a baithne dhaibh-san. ’S na gillean acur an gleachd am buadhan fhèin ann an seadh obair nam fear air bòrd na luinge, adol le pìos lìn gun chladachs dha chuir ris an roc, air a bhiathadh uaireannan. Gun a seo ach beagan air smuaintean na h-òige adol gu gnìomh.


Cèilidh

Bhan cèilidh a dhfheumar cuimhneachadh air adol, nuair a bhiodh daoine òga atadhail cha mhòr a h-uile oidhche ann an taighean, ann an taighean àraidh: taigh Cairistìona Mòire air aon dhe na taighean sin. An t-seann chailleach chòir uasal a bha siud, a bha fuireachna h-aonar air am biodh na gillean a bha sinn ann adol a chèilidh. Sinn an siud air an oidhche gheamhraidh ag èisdeachd ris na fir, na gillean bu shineg innseadh naidheachdan asloinneadh, ’s a chailleach fhèin acur a-staigh facal an dràsdas a-rithists aceartachadh na cuideachd.


Sochraichean

Ann a-measg gach eòlas dhfheumadh achlann fhaighinnna mo linn-sa, dhfheumadh iad eòlas fhaighinn air na Sgriobtairean Naomha, eòlas spioradail bhon Eaglais. Mar sin bha sgoil shàbaid cuideachd air an eilean, air a cumail anns an eaglais, anns an taigh-leughaidh anns an tìm a bha taigh leughaidh an àird, ’s a chiad cheist as leabhar nan ceist air a chur air an fheadhainn a bòige: ‘Ciod is crìoch àraid don duine,’ agus a bharrachd air a sin earrainnean as aBhìoball, sailm is na sgriobtairean a-mhàin. Bha coinneamhan is searmonan air a frithealadh le sean is òg anns an aon nòs.


Atharraichean

Mar a bha na bliadhnaichean atighinn air adhart, bha atharraichean atighinn, faodaidh gum bann mall anns achiad sheirm, ach an sin na bu luaithe air adhart gu atharraichean an lathan diugh, sin a thaobh dòigh beò-shlaint, dòigh ionnsachaidh, dòigh eòlais, fòghlam dòigh sgoile, dòigh na h-òige, dòighean eadar-dhealaichte ann an iomadh seagh. Mar aon eisimpleir an t-eallach bhair a ghiùlain air an druim nis air a ghiùlain ann an carbaid.

Chaidh na croìtean, na fearainn a bha uaireigin air an oibreachadh gach ploc dhiubh a leigeil seachad, an crodh, abhò bhainne. Bainne na canasdairean, bainne na ‘cartons’ mar a chluinneas sinn anns an linn seo. Tha Ghàidhlig acall a grèim. Tha cròilean na sgoile air tuiteam gu


[324]

An taigh-sgoile ann an Scalpaigh (1982).

cleachdadh is labhairt na Beurla. Obh obh, mar a thuirt seann duine le na ciabhagan tana. “Cha bann mar seo a bha a bhalaich ri mo chiad chuimhn’ -sa”. ’S chan ann le ra-spars co-dhiù bu mhiann leam sin a ràdha. On latha anns am burrainn dhomhcata litreachadh gun seo, ged a bha tomhais dhen aBheurla air a faighinn leinn anns an sgoil bha barrachd grèim againn air aGhàidhlig ann am bitheantas gu bhith dha labhairt nar measg fhèins a-measg na burrainn a bruidhinn a-muigh. Bha eilair an eileans be sgoil Ghàidhlig a theirte ri sgoil bhair an eilean, achse tha seo sgeul eile.

- - - - - Dhfhalbh an s tha nis am màireach ann.

titleLàithean m’ Oige
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
reference template

Dòmhnall R. Moireasdan in Gairm 120 %p

parent textGairm 120
<< please select a word
<< please select a page