[74]

ATH-SGRUDADH (3)

DOMHNALLACH NA TOISIDHEACHD

le Coinneach D. MacDhòmhnaill

Tha cuimhne is iomradh fhathast am beul-athris na Gàidhealtachd air Eòin Dòmhnallach mar fhear de shearmonaichean barraichte an linn a chaidh. Bhiodh na ceudan acròthadh a dhionnsaigh na Tòisidheachd, faisg air Inbhir-pheofharain, far an robh ena mhinistear bho 1813 gu 1849, ’s fhuair na mìltean a bharrachd eòlas air mar shearmonaiche bha tric asiubhal gach ceàrn dhen Ghàidhealtachdeadar Hirt is Peairt’. Feumar a thuigsinn mar sin nach eil dòigh againn an-diugh air meas cothromach a dhèanamh air amhòr-chuid de shaothair a bheatha. Tha iomadh co-cheangailte ri searmon nach glacar fiùs ged a bhiodh na briathran air an gleidheadh ann an clò. Tha a buaidh an crochadh, chan ann a-mhàin air an teagasg a tha i giùlans an cumadh air an teagasg sin, ach gu ìre nach beag air suidheachadh, dùil is dòchas an luchd-èisdeachd aig an àm, agus air dùrachd is dòigh-labhairt an t-searmonaiche. A thuilleadh air sin uile, theireadh an neach a tha creidsinn, mar a bha Eòin Dòmhnallach ga chreidsinn, nach eil duine sam bithna fhìor shearmonaiche an t-Soisgeil mura h-eil e an earbsa ri cumhachd os-nàdarra bhith an cois na h-obrach, gur e an ìre gu bheil an cumhachd sin ga nochdadh gu mòr as cudhtromaiche nan ealain thalmhaidh leis a bheil an t-searmon air a tàthadh ri chèile. Mar a thuirt Iain Gobha thaobh an Dòmhnallaich fhèin:

An uair a shèideadh an anail
Gu treun ort bhiodh tanam cho beò,
Bhiodh buaidh leat, ’s cha bainneamh,
Air cluasaibhs air faireachadh slòigh.’

Chan eil dòigh againn air abhuaidh sin fhaireachadh an-diugh.

Ach ged nach urrainnear searmon a mheas dìreach mar chaob litreachais, tha eileamaidean innte a gheibhear anns a h-uile litreachassmuaintean air an còmhdach le briathranach acuimseachadh chan ann air an t-sùil ach air achluais. ’S ma tha na briathran air an gleidheadh dhuinn, fiùs fa chomhair na sùla fhèin, tha sinn afaighinn boillsgeadh fad às air choreigin air an t-searmon bheò a bhann. Cha do chuir an Dòmhnallach an clò ach aon searmon, a liubhair e an Inbhir-pheofharain an 1831 nuair a bha an colera ag oillteachadh abhaile, ach innte sin fhèin tha sinn afaicinn rudeigin de nàdar an duine, de bheadhan inntinn agus an smachd a bhaige air briathran. Acur ìmpidh air muinntir abhaile guncron a


[75] dhèanamh orra fhèin” (mar a thuirt Pòl ri fear-gleidhidh aphrìosain ann am Philippi, tha e anochdadh toinnisg is daonnachd cho math ri diadhachd. Chan eil e tòiseachadh le cùisean spioradail idir, ged a tha an t-searmon ceum air cheum astreap a dhionnsaigh sin. Tha en toiseach acur air shùilean dhan luchd-èisdeachd cho luachmhors a tha an cuirp, ’s cho feumachs a tha corp an duine air ceartas is frithealadh ciallach. Tha e cur a-mach trì dòighean anns am faod daoine cron a dhèanamh air an cuirp, gu sònraichte fa chomhair aghalair a tha mu sgaoil san sgìreachd, ’s tha e toirt ionnsaighean sgoinneil air na teagamhan a bha daoine ag altram a thaobh dhotairean is meadhanan-leighis. ’Sann an-uairsin a tha e dol air adhart gu taobh spioradail na cùise, acur a-mach trì dòighean anns am bi daoine adèanamh cron air an anam, ’s acur man coinneamh na slàinte a choisinn Crìosd. Tha an t-searmon anochdadh nàdar caidireach, dùrachdach, inntinn òrdail agus comas air cainnt dhealbhach a chleachdadh. Seo mar a tha e cur an cèill mar a bhios cuid adèanamh cron air an cuirp:

Tha cuid eile, tre leisg is lunndaireachd, agus ana-càil gu obair, nach saothraich mar bhuineadh dhaibh airson an arain làitheil, agus an lòins an èididh a dhfheumas an cuirp. Is ma ghabhas iad obair aig àm air bith os làimh, ciod a thanntach snàigearan is seilcheaganna ceann?”

Chithear, agus a thuilleadh air sin cluinnear, mar a tha na faclan air an clachaireachds air an cothromachadh ann an ruith nam briathran. Eisimpleir no dhà eile air achothromachadh seo:

Tha cuid dhiubh nach tig a dhèisdeachd an fhacail ach ro ainmig, ma thig iad idir; cuid eile a thig, ach gur beag an leisgeul a chumas aig abhailiad.”

Agus an do ghabh sibh riamh truas ruibh fhèin; an do chriothnaich sibh; an do stad sibh; no an dèigh sibh ri Dia stad a chur oirbh o bhith acur achloidhe steach gu bhur n-anamaibh, an a bha sibh adèanamh anns gach mionaid de ur beatha chaidh seachad? O, stadaibh tràth: air neo mur stad, soraidh le ur slàinte, soraidh le ur sìth, soraidh le ur sonas sìorraidh.”

Agus baithne dhan Dòmhnallach cuideachd argamaid a dhaighneachadh le sàthaidhean sgoinneil:

Ach their thu, ‘ esan [Dia] an a chuir e roimhe.’ , ach chan e an a chuir e roimhe fèin ris a bheil agadsa ri bhith sealltainn ach an a chuir e romhasda mar dhleasdanas. Chuir e roimhe fèin an t-anam a pheacaicheadh gum faigheadh e bàs, ach chuir e romhadsa mar dhleasdanas a bhith seachnadh peacaidh. Chuir e roimhe fèin am fear a thilgeas e fèin don uisge gum bàthar e, agus don teine gun loisgear e, ach chuir e romhadsa mar dhleasdanas gun seachnadh tu uisgagus teine.”

Duine aig an robh comas air a smuaintean a chur gu snasail ann an cainnt, ’s tha an comas sin a bhaig Eòin Dòmhnallach an searmonaiche ga


[76] chur gu feum cuideachd aig Eòin Dòmhnallach am bàrd. Faodar a ràdh, ged nach eil againn air mhaireann ach aon searmon leis, gu bheil sùgh is brìgh a shearmonachaidh gu lèir taisgtena chuid bàrdachd.

Bha dualchas an teaghlachs an dùthaich an Dòmhnallaich a chuidich gu bhith toirt beò na bàrdachd ann. Bhiodh a sheanair ri dèanamh laoidhean, ’s bha buadhan-inntinn aig athair a bha thar achumantais. Bann do Chill-donan an Cataibh a bhuineadh e, ach bha e suidhichte mar cheisdear ann an sgìreachd Mhìoraith an Gallaibh nuair a rugadh Eòin an 1779. Tha Eòin fhèin adèanamh luaidh air an liut a bhaig athair air a theagasg a phasgadh gu snasail ann an cainnt:

Fhuair e tàlann a bha ainneamh a bhith acur an cèill a smuainte ann an tearc do bhriathraibh . . . Air Dihaoine Orduigh, gu minig, aig co-dhùnadh na seirbhis, an tràth bhiodh feum air cuimseachd an ùrnaigh, bhiodh gairm air Seumas.”

Bha Iain MacAoidh à Mughadal agus Dòmhnall MacMhathain à Cill-donan iomraideach mar bhàird spioradail an Dùthaich MhicAoidh san 18mh linn, ’s bha na dàin aig Dùghall Bochanan air an ceann-a- tuath a ruighinn. Bann dìreach bliadhna mus drugadh an Dòmhnallach a chaochail Rob Donn, ’s bhiodh na h-òrain gheurchuiseach aigesan beò air bilean an t-sluaigh. Dhfhàg iad sin uile an làrach air bàrdachd an Dòmhnallaich. Bha an ceòl cuideachdna dhualchas. Bhiodh e ri pìobaireachdna òige, ’s chan eil teagamh nach ann aig cluais an fhir-chiùil a tha a thaing gu bheil a chuid rannaigheachd cho rèidhs cho siùbhlach. ’S tha eile as math dhuinn a chumail air chuimhne thaobh oideachadh an Dòmhnallaich: nuair a bha e sacholaisde an Obar-dheadhain, be na mathamataics an cuspair anns an robh an ceum-toisich aige air a cho-inbhich, agus chithear a bhuil sin anns achumadh rianail a thair na dàin aige.

Chan eil againn ach seachd dàin leis an Dòmhnallach uile gu lèir, ach tha suas ri ceithir mìle gu leth sreath annta (chan eil ach sia mìle sreath anns na rinn Donnchadh Bàn a dhòrain). ’Se marbhrainn a thannta uile ach a dhà. Bha marbhrainn spioradail air nochdadh mar thà san 18mh linn, leithid Cumha Mhaighstir Eachainn MhicPhàil (1774) le Lachlainn MacLachlainn agus Cumha do Uilleam MacAoidh (1798) le Uilleam MacCoinnich, achsann an làmhan an Dòmhnallaich a tha am marbhrann soisgeulach atighinn gu làn-ìre: Air Maighstir Caldair (1813); Air an Doctair Stiùbhard (1821); Air Maighstir Eòin Robison (1825); An Crìosdaidh air a Thuras, marbhrann dha athair fhèin, (1830); Air Maighstir Iain Ceanadaidh (1841). Annta sin tha sinn afaicinn fìor sheann stoc amharbhrainn Ghàidhlig acur bhlàthan ùr dheth. Bha Rob Donn mar thà air gluasad air falbh bho sheann chleachdaidhean gaisgeil amharbhrainn, far am biodh an duine ga chliùthachadh airson eireachdas a phearsa agus a thapachd air chùl airm. ’Se bha fainear dhàsan sgrùdadh a dhèanamh air nàdur an duine ann an seadh moraltaam be duine a bhann a bha feumail dha cho-chreutairean, ’s an robh nitheanna bheatha a bu mhath


[77] do dhfheadhainn eile atharrais no sheachnadh? Ann am marbhrainn an Dòmhnallaich, tha ceum eile ga thoirt air falbh bhon t-seann ghnàthas. ’Se tha esan acliùthachadh an obair a tha Dia adèanamh ann am beatha duinechan e càil sam bith a thaige gu nàdarra ach an loinn a thagràsacur air. Chan e dìlseachd don fhine tha e nochdadh ach dìlseachd dontreud”, sluagh an Tighearna, ’s chan ann air cinn-chinnidh thalmhaidh a tha a dhàin acuimseachadh ach air cinn-iùil spioradail. A-mach o athair fhèin be ministearan ainmeil air taobh sear na Gàidhealtachd dhan drinn an Dòmhnallach a mharbhrainn uile. Tha e togail ann am bàrdachd an seòrsa cuimhneachan air diadhairean iomraideach a bhidhte cur an clò an Sasainn marmemoir ’s anns aChuimrigh marcofiant: beatha is saothair is teagasg is bàs an duine gan cur ann an searmon, gu bhith misneachadh nan creidmheachs atoirt rabhaidh dha na h-ana-creidmhich.

Ged thugadh uainn thu bha tfhear-iùil dhuinn,
S nach ruig ar luaidh ort no ar cliù-ne,
Is toigh leinn fathast a bhithg ùrach
Achliù a fhuairs a thoill thu.
Oir faodaidh siud bhithna fhàile cùbhraidh
Do iomadh anamn diugh tha brùite,
S thaobh muinntir eile dhfhaoidtgun dùisg
Gu cùram mun staid chailltiad. (Caldair).

Chuir iad do dhuslach dlùth don àit
San robh do sheasamh iomadh ,
S mar bha do bheaththa nis do bhàs
Gach Sàbaid deanamh teagaisg dhaibh. (Robison).

Tha cuid leig tur às an cuimhne
Na chualiad rad linn-sa uait fèin,
S bfheumail chum iadsan a dhùsgadh
Bhithg ùrachadh fathast na sgèil’. (Ceanadaidh).

Tha marbhrainn an Dòmhnallaich aleantainn pàtran suidhichte. An toiseach, am bròn a dhadhbhraich bàs an duine:

Fhuair sinn an sgeul bha dubhach brònach,
Fhuair sinn an sgeul a lots a leòn sinn,
A chuir o aighear sinns o cheòl
S gach neach dam beòl na chaill sinn. (Caldair)

Tha Bàideanach an diugh fo ghruaim,
A teachdairàillidh thugadh uaip’;
Se bhith ga chàradh anns an uaigh
Thug sgeula cruaidh ri aithris dhuinn. (Robison)

An-uairsin na gibhteans na buadhan a bhaig an duine, ach angràs


[78] air thoiseach orra uile:

S mar fhuair thu gràs a bha neo-chumant
Bha agad pàirtean bhàrr air iumadh
Is buadhan nàdair thug an t-urram
Air iumadh bho ro-ainmeil . . . .

S maille ri buadhaibh gràis is nàdair
Fhuair thu cumadh pearsro-àlainn,
Is aghaidh mhaiseach fhaoilteach àill
Bha nochdadh blàths do ghaoil-sa. (Caldair)

A thaobh do ghibhteans do phàirtean,
S do bhuadhan urramach nàdair,
Is tha saor dhomh ri ràdh e
Gun robh iad siud làidir is treun;
Ach fhuair iad snaigheadh ro-àlainn
Fon fhoghlam bu ghlaines a bàirde . . . . (Stiùbhard)

Bha buadhan aithnichtnàdair aig
Is pàirtean beothail treun,
Ach beothail mar a bha iad siud
Se gràs a rinn dhiubh feum;
Se siud thug gleus is cumadh dhaibh
Is togail glan ri nèamh,
S a chuir gu lèir air obair iad
Mar uisgair muileann gleust’. (An Crìosdaidh).

Tha caob mhòr de gach marbhrann adèanamh luaidh air searmonachadh is teagasg an duine, ’s tha seo atoirt cothrom dhan Dòmhnallach fhèin brìgh an t-Soisgeil fhighe a-steach dhan bhàrdachd:

Is bha thu saothrach fad do shaoghail
A-measg chlann daoina leth tFhir-saoraidh
Anochdadh mach dhaibh seòl na saors
S an gaol thug gin is fàs da. (Caldair).

s tha e leudachadh airseòl na saors’” ann an fhichead rann an dèidh sin. Tha an dàrna h-earrainn de mharbhrann Theàrlaich Chaldair acuimseachadh air giùlan an duine aig àm a bhàis, ’s tha car an aon chumadh air amharbhrann a rinn e dha athair fhèin: an toiseach an Crìosdaidh air a thuras gu Iòrdan, an-uairsin an Crìosdaidh aig bruaich Iòrdain, ’s mu dheireadh an Crìosdaidh thall air Iòrdan. Sann air marbhrann Chaldair as follaisiche tha cumadh na searmoin, oir tha an treas earrainn acur an cèill aghuth a thann am bàs amhinisteir do gach seòrsa a-measg an t-sluaigh:

Ach O, tha guth san fhreasdal ghruamach-s
Seadh, ris gach seòrsa-measg an t-sluaigh:


[79] Gun deònaich Dia an doimhna thruais
Gum faigh sinn cluasan èisdeachd.

Tha leudachadh ga dhèanamh air aseo, acomharrachadh an aosda, na h-òigridh, feadhainn a chaidh a dhùsgadh fo a theagasgs feadhainn a rinn tàir air, agus feadhainn a tha iad fhèinnam ministearan.

Tha cunnart a thaobh dhàn cho fadas cho luchdaichte riu seo gum fàs iad cho troms gun tèid iad fodha. Chan eil feadhainn an Dòmhnallaich adol fodha a chionns gu bheil urad a dhùrachd bhlàth air an cùls gu bheil a dhealain anns abhàrdachd a tha gan cumail beò. Tha eirmseachd anns achainnt nach eil fadair dheireadh air Rob Donn fhèin:

Och tha iad ann a ghlaodhas lèirsgrios
Seadh mallachd lagh is corraich Dhè dhuinn,
Ach thaisbeanas gu bheil iad fèin
Gun iochd gun spèis gun truas ruinn.
Cha bionnan dhaibhsis dhutsa Theàrlaich
An cur an cèill ar calls ar gàbhaidh:
Se tanam fèin a bhiodh an sàs,
Is chiteadh gràdh nad ghruaim ruinn. (Caldair).

Tha iomadh ann a ghlaodhas gnìomhra
Seadh mar na h-uile anns an diadhachd
Nan teagasg tioram fuar is blìon
S nan gnìomhraibh fèin ga àicheadh;
Achse chuir maisdhuinn air do bhriathraibh-s
S a rinn do theagasg dhuinn ro-sgiamhach
Gun robh thu nochdadh leis aghnìomh
Gum bfhìor na bha thug ràdh ruinn. (Caldair).

Chan ionnan faireachadh air cruas
Is cruas nach eilna chràdh dhuinn. (Caldair).

Bu toigh leis riamh mar theireadh e
Na fhaireachdainn bhith beò,
Ach e bhith beò air faireachdainn,
Bu bhochd leis siud mar lòn;
Ach tràth bhan creideamh seilbheachadh
Bhiodh doirbheas aig an fheòil,
Bhiodh an fhaireachdainn asoirbheachadh
Is cuirm aicair abhòrd. (An Crìosdaidh).

Mar a bha stoc de shamhlaidhean aig na seann bhàird ionnsaichte air am biodh iad atarraing mar a dhfheumadh, tha cothlamadh de shamhlachas aBhìobaill aruith troimh dhàin an Dòmhnallaich, oirna -san bha muinntir na Gàidhlig air fàs mion-eòlach air na Sgriobtairean, ’s cha robh feum air na samhlaidhean sin a mhìneachadh dhaibh:


[80]

Chuir siud thu mach an ainm do Cheannaird
Dhiarraidh na cèile rinn e cheannach,
Is mar an t-Elièser beannaicht
Ga tabhairt gu fear-saoraidh. (Caldair).

Is tric a luaidh na bilean gaoil ud
Gu bheil ùr Sagart truacantnaomh-sa
Atagradh cùis a phobaill chaoimh
Air cathair naomh a ghlòire;
Is gu bheil fuaim an t-soisgeil èibhinn
Mar fhuaim nan clagan òir o èideadh
Anochdadh sheasamhn làthair Dhè,
S acur an cèill gur beò e. (Caldair).

Ach tha mo shùil ri Slànaighear
Bha gràsmhor fad mo chuairt,
Sa thròraich troimh an fhàsach mi,
Nach fàg e mi san uair;
Ach fòs gun dean e teasairginn
Dhomh fèin san t-seasamh chruaidh,
S gun sgoilt e dhomh na h-uisgeachan
Gu ruig mi null le buaidh. (An Crìosdaidh).

Air uairean, tha an Dòmhnallach acur a chumadh fhèin air briathran aBhìobaill:

Be siud an fhuil san robh an èifeachd,
A choisinn sìth dhuinn agus rèite
San ud anns an tug i èigh
An cluasaibh Dhè na tròcair. (Caldair).

Tha am facal èigh acur clisgeadh oirnn a tha tàirneachadh an teagaisg ri ar tuigse.

A thuilleadh air samhlaidhean agus ìomhaighean aBhìobaill, tha an Dòmhnallach acleachdadh tòrr de shamhlaidhean bhon t-saoghal nàdarra:

Bha teachd a-nuas a theagaisg bhuadhaich-s
Chan ann mar thuiltibh frasach, fuaimneach,
No mar uisgnam faoilteach fhuar
Gun deàrrsdo bhuaidh na grèine;
Ach bha e sileadh oirbh gu h-ùrail
Thaobh blàths na grèine bha ro-dhlùth dha
Mar an t-uisge tlàth is ciùin
Non driùchd a thig sa Chèitinn. (Caldair).

Am fochann samhraidh chì thu sgiamhach
Chan ann san àm ud gheibh thu biadh innt’,
Ach tràth bhios abaich i san dias
S an tràth chromas sìos gu làr i. (Caldair).


[81]

Ach ris an anam bhochd bhan sàs
Is mar leis fèin an dèidh chàich,
Bha annad truacantas neo-ghnàicht
S chan fhàgadh tu air dheireadh e.

Oir tràth thèid ainmhidh fòdham blàr
Chan e bhith leagadh air nan stràc
A bheir a chaoidh e às an t-sàs
Sann dhfhàgas siud gun tapadh e.

Ach spìonar fraoch is gearrar fàil
S cuirear fo chasaibh siud gun dàil,
An sin n t-ainmhidh bochd ud spàirn,
Is siud sabhlàrna sheasamh e. (Robison).

Ach cudthrom ciontthag iathadh orm
Mar cheap ri sgiath an eòin,
Teann leagaidh siud gu h-ìosal mi
Ri talamh sìos gun treòir. (An Crìosdaidh).

Cha robh e an nàdar an Dòmhnallaich a bhith alèireadh dhaoine le a theanga. ’Sann a-mhàin nuair a tha e mach air na ministearan ‘moderate’, len teagasg tioram, a tha e fàs caran sgaiteach, ’s a tha dualchas na h-aoir atighinn an uachdar:

Ach bhanan seasamh anns an àitud,
Mo chreachadh lèir, an culaidh bhràithrean,
Cuid, ma chreidear leinn an ràdh,
A bha gun chràdh gun dòrainn,
S àm do chàraidh-sanns an uaigh leinn
A bha gun nàiradèanamh uaill às
Gun coisgeadh seo an tional sluaigh
Bha ruith a-suas don Tòiseachd.” (Caldair).

Och is truagh iad thug an leum ud
A-steach do fhìonlios ar -ne
Gun ghairm a-riamh uaithe fèin ac
S gun aithnair an sgeul thad aluaidh;
Seadh, gun aithnair an sgeul ud
Na glòirs na toradhs na h-èifeachd
O ciamar bheathaichear treud leo
No bhitheas iad feumail don t-sluagh!
Ach thugar stìopan is glìob dhaibh
Is taighean-còmhnaidh mars miann leo,
S tha acan àilgheas a dhiarr iad
Biodh Crìosds a shoisgeul san uaigh.


[82]

Sann leam gun teagamh nach ioghnadh
Ged nach èisd caoraich an Tighearna
An teagasg tioram is blìon ac’ —
Bha teicheadh riamh aca uath’. (Stiùbhard).

Is truagh iad chuireas eòlas fuar
An àitan t-solais tha o shuas,
S a ghabhas orrbhith teagasg sluaigh
Le luaidh na sgèil nach aithne dhaibh.

S fìor gum faod eòlas nach bi gann
Is tomhas foghlaim bhith sa cheann,
Seadh, ’s faodaidh teanga ealanttheann
Bhith acsan àm chum labhairt leo.

Abair gur guthaich iad ro-bhinn
S gur glan than t-searmon ac’ ’nan cuimhn’,
Is air a snaidheadh leo co ghrinn
S ged shìnteadh rinn an locair oirr’. (Robison).

Is truagh gun teagamh gach teachdair
A chaidh steach gu ladarnsan dreuchd,
Gun aithne riamh air Fear-saoraidh
No naomh-obair Spioraid ar .

Labhairt na fìrinn nach eòl daibh,
Oir a glòir tha falaichtuathfèin;
O, ciod as feàrr iad nam peireid
Gun tuigsair na their e le bheul. (Ceanadaidh).

A thuilleadh air na marbhrainn, chuir an Dòmhnallach dhàn eile an clò: Iomradh air Obair an Spioraid ann an Sluagh Dhè agus Turas an Ughdair do Eilean Hirt. Tha Iomradh air Obair an Spioraid acur ann an rannaigheachd shiùbhlaich argamaid mu cheistean diadhachd, ’s tha ena theist air snas is gèiread inntinn an Dòmhnallaich gun deach aige air urad dhen chreud Chailbhineach a mhìneachadh ann an cruth cho cuimir. Seo mar a tha e alàimhseachadh na ceist: ciamar as urrainn tairgse shaor an t-Soisgeil agus rùintean sìorraidh Dhè a bhith a-rèir a chèile?

Is fìor, tha gairm ar soisgeil-ne
Gun lethbhreth do gach sluagh,
Is thaobh nan uile chreideas e
Bidh ac’ -san saorsle buaidh.
Is fìrinn siud, ach aidcheamaid
Gun seas an taghadh buan,
Oir an chuids ponca creidimh iad
Air teisteas Rìgh nan Sluagh.


[83]

Tha rùintean Dhè nan dìomhaireachd
S chan ioghnadh leinn an sgeul:
Dha fèin a-mhàin is riaghailt iad
Na ghnìomharaibh gu lèir;
Ach o, cha biad na rùintean ud
Bha dùint’ ’na uchd o chèin
Thug e mar riaghailt ùmhlachd dhuinn
Ach fhacal cùbhraidh fèin.

S ma tha duine air a theàrnadh, ’s e tèaraint san taghadh, nach fhaod e bhith coma (mar a theireadh “antionomian”) ged a bhiodh e ris apheacadh an dèidh sin?

Ach chloinn na h-oibre gràsmhor ud,
Na cràidhibh Spiorad Dhè
Tha annaibhna fhear-àiteachaidh
Mar Spiorad gràis gu rèidh,
Mun tarraing e a làthaireachd
iomadh uaibh fèin,
S gum faigh sibh caoilis fàsalachd
A dhfhàgas sibh gun fheum.

Chan e gu tur gum fàg e iad
San dghabh e tàmh a-riamh,
Oir seasaidhn ceangal gràsmhor ud
Gu bràth a thacri Crìosd;
Ach bidh mar phreas an gàrradh iad
A dhfhàsas seac is crìon,
A fhreumhan ged nach bàsaich iad
Air a bhàrr chan fhaic thu biadh.

Tha an teagasg a tha san dàn seo òrdail agus soilleir, ach tha sinn ag ionndrain na dràma a thanns na marbhrainn. Ann an Turas an Ughdair do Eilean Hirt, tha an dràma gar greimeachadh a-rithist. Tha an dàn seo adèanamh luaidh air achiad turas a chaidh an Dòmhnallach a shearmonachadh dha na Hirtich an 1822. Tha e cur staid spioradail nan daoine air an eilean iomallach uds a theachdaireachd fhèin thuca ann an solas na sìorraidheachd:

Air toirt leam smuain air an eilean
Tha fado gach fearann mun cuairt,
Ghrad dhùisg mo chùrams mo mhulad
Ri cuimhneachadh cunnairt an t-sluaigh.

Tha dealbhachd sgilear anns na rainn a tha cur mar coinneamh achiad sealladh a fhuair e air Hirt:

Ach ge be chitheadh an t-eilean
Na sheasamh gu biorach sa chuan,
Le a sgorra-chreagaibh corrach
Is a bheanntaibh neo-thorach gun snuadh;


[84]

Seadh, le a gharbh chladach uaine
Is borb thonnaibh uaibhreach na fairg
Acladhach gu domhainn mun cuairt dha
S ga bhualadh le ionnsaighibh garg’,

S an t-eilean aseasamh gun strìochdadh
Don t-sèisd tha gu h-ìosal ri bhonn,
Ged tha a shealladh air ciaradh
Le caitheamh is liath-cheò nan tonn.

Is ge be chitheadh an sealladh,
Ris theirinn gun teagamh san àm
Gum bu chùis-gheilt dolna choinneamh,
S nach gabhainn gun chuireadh dol ann.

S an dèidh dha iomradh a dhèanamh air a shearmonachadhs air abhuaidh bhana chois, tha dùnadh an dàin a-rithist aceangal a thurais ri dràma mhòr na cruinne:

Than latha tighinn a dhinnseas
N e saoradh no dìteadh bhios ann
Gun robh mi ùinann bhur n-eilean
Gur teagasg mar dhfhaodainn san àm.

S a-nis, mur faic mi sibh tuilleadh,
Mo shoraidh dhuibh uiles mo ghràdh,
Is gum bu slàn dhuibh fa dheireadh,
Aig àm cur na cruinnena smàl.

Than chuid neart faireachaidhs neart deilbhe sna sreathan deireannach. Tha faram nam facalcur na cruinnegar ceangal ris nasgorra-chreagaibh corrachair an tug e iomradh cheana, ’s cho faisg orra an fhacal mhìn, ach cho eadar-dhealaichtenan ciall, “slànissmàlacothromachadh a chèile. Mura biodh againn bho làimh an Dòmhnallaich ach an dàn seo fhèin, dhfheumte aideachadh nach be idir a bu tàire de bhàird an naodhamh linn deug.

titleAth-sgrùdadh (3): Dòmhnallach na Tòisidheachd
internal date1982.0
display date1982
publication date1982
level
reference template

Coinneach D. MacDhòmhnaill in Gairm 121 %p

parent textGairm 121
<< please select a word
<< please select a page