[253]

PROISECT MUINNTlR NAN EILEAN ANNS NA HEARADH

le Mòrag NicLeòid

Thainig rud neo dhà ùr annasach an lùib na dòghach ùir air riaghladh sgìreachdan a thachair ann an 1973 agus tha fhios gu robh na h-Eileanan an Iar fortanach seach mòran àitichean gun dfhuair iad seòrsa de dhfhèin-riaghladh aig an àm sin. ’Se aon de na h-annasan anns an deach cuid de luchd-dreuchd Comhairle nan Eilean an sàs iarrtas a chur gu Urras Van Leer anns an Olaind gus pròisect foghlaim a chur air chois anns na h-eileanan. Chuir Van Leer Daibhidh MacAoidh a Leòdhas a rannsachadh a robh a leithid de dhobair so-dhèanta anns na h-Eileanan, agus chuir iad Anna NicDhòmhnaill an sàs anns an rannsachadhna sgìre fhèin, Nis. Dhfhasdadh Sìle, bean MhicLeòid, a bha uaireigin ag obair aig Gasaet Steòrnabhaigh, ’na ban-chlèireach. Bha Daibhidh MacAoidh air a bhith ag obair aig Van Leer ann an grùnn àitichean; duine ciatach, tàileantach, èasgaidh a chuireadh e fhèin a-staigh air duine sam bith. Bha Sìle i fhèin comasach air cus a bharrachd na tha an dreuchdban-chlèireachacur an gèill, agus bha iad le chèilenan tacsa mhìorbhaileach dhuinn uile, fhads a mhair achiad ìre den Phròisect. ’Se buil a bha ann gun deach gabhail ri iarrtas na Comhairle an ceann na bliadhna sin, agus thòisich mi fhèin agus Cailean MacillEathainn ag obair air Pròisect Muinntir nan Eilean, còmhla ri Anna, anns na Hearadh, anns an Iochdar agus ann an Nis, ann an 1978. Bha seo gu bhith airson trì bliadhna.

Tha pròisectan aig Urras Van Leer air feadh an t-saoghail, far a bheilear afaicinn feum aig daoine air leasachadhnan caitheamh-beatha. Chaidh am Pròisect a chur air chois anns na h-Eileanan an Iarairson gu robhas afaireachdainn gu robh feum air seòrsa foghlaim:

a) nach robh glaiste an taobh a-staigh ballaichean na sgoile, ach a bha afrithealadh na coimhearsnachd air fad:

b) a bheireadh do mhuinntir nan Eilean barrachd tuigse air an suidheachadh fhèin agus barrachd misneachd gus an suidheachadh sin a leasachadh.” [Leabhran mun Phròisect 1981]

Abair obair! Abair adhbhar dùlain! Bha fear-stiùiridh acumail rian air aPhròisect ann an oifis an Steòrnabhagh. Dhfhaodamaid ar comhairle chur ris-san, agus troimhe-san ri Roinn an Fhoghlaim, agus bha comataidh


[254]

de luchd-dreuchd ann am Foghlam agus ann an Comhairle nan Eilean dha ar coinneachadh mu uair san ràithe airson sgrùdadh a dhèanamh air an obair a bha sinn adèanamh. Ach aig toiseach gnothaich co-dhiù, bha an dòigh anns an dèiligeamaid ris an obair gu mòr an urra ruinn fhèin.

Tha timcheall air mhìle gu leth duine afuireach air tir-mòr na Hearadh agus faisg air còig cheud ann an Sgalpaigh. ’Sann air an Tairbeart a fhuair mise oifis agus àite-fuirich. Bha sin fhèinna ghnothach cugallach. Le bhith fuireach anns an aon bhaile ris an dotair, ri fear nam fiaclan, ris abhancair, ’s ris amhaighstir-sgoile, a chuile h-aon dhiùna choigreach agus mar bu trice gun Ghàidhlig, a robh mi adèanamh dìmeas air na bailtean beaga iomallach anns a robh barrachd de mhuinntir na dùthcha? Co-dhiù neo co-dheth, ann an iomadach dòigh cha ghabhadh e leasachadh, o nach robh rùm obrach neo taigh rim faotainn am bad sam bith eile.

Thòisich mi le dhol chon a chuile coinneamh a bha dol, chaidh mo chur air corra chomataidh, agus fhuair mi beagan eòlais mar sin air na daoinea bfhiachanns an àite. ( ’Sann à Sgalpaigh a tha mise, agus bidhear amagadh oirnn nuair a bhios sinn dha ar cur fhèin air leth o mhuinntir na Hearadh, ach chaidh mise don sgoil an InbhiNis aig aois dusan bliadhna; bha bàta Mhic aBhruthainn atadhal an Sgalpaighs adol às sin dhan Chaol. Cha robh bùithtean an Tairbeart cho mìorbhaileach seach feadhainn Sgalpaigh agus Williams agus Oxendales gum biodh daoine adol ann tric. Saoilidh mi nach robh muinntir nan eilean cho eòlach air a chèile anns an leth-cheud bliadhna chaidh seachads a bha iad ron sin, agus a bhitheas iad às dèidh seo, airson caochladh adhbharan.) Bha mi ann an oifis còmhla ri a bha air a bhith fuireach anns an eilean fad a beatha, agus bi an -clàraidh airson an eilein. a bfheàrr gus mo churnam fhaicill a thaobh a bha càirdeach don fhear ud neo

[Dealbh]
Fhuair mi oifis air cùl oifis nan Obraichean Sòisealta, air an Tairbeart.


[255]

[Dealbh]
Taigh-sheinnse Ròghadail, an ceann a deas na Hearadh.

don ud, agus bhanan dearg nàimhdean da chèile, ’s bha laghach, còir, glic comasach!

Bheireadh e ro fhada bruidhinn mun chuile ris a robh a bheag neo mhòr de ghnothach agam, agus cumaidh mi ri beagan dhiù. Ghabh mi pàtran pròisect Nis an siuds an seo, ach bha tòrr air an do dhobraich Anna adol mar-tha anns na Hearadh, leithid Leabhar Fòn, Day Centredha na seann daoine, Co-chomann. Cha bionnan àite, cuideachd. Tha an aon àireamh dhaoine anns an àite, ach tha muinntir Nis an taobh a-staigh de chòig mìle a dhastar; tha mu leth-cheud mìle eadar crìoch Leòdhais agus Ròghadal anns na Hearadh, gun tighinn air na bailtean beaga a tha a sears a siar air an rathad sin. Mar sin, dhfheuch mi ri buidheann sheann daoine fhaighinn còmhla anns an Tòb, coltach ris abhuidhinn a bha air an Tairbeart mar-tha. On is ann dhaibh-san dhan duilghe dhol ann as fheumaile a leithid seo, bha e fortanach gu robh còmhdhail ri fhaighinn dhaibh mar bu trice. Bha cròileagan air an Tairbeart cuideachd, agus bha mi treis asmaoineachadh gum bu rud e air nach robh feum aca an Sgalpaighs na taighean cho faisg air a chèile.


[256]

[Dealbh]
Bha rùm againn ri taobh bùthBean Angaidhanns a robh na seann dealbhannan rim faicinn.

Ach chruinnich na màthraicheans dhaontaich iad gu feuchadh iad air cròileagan a chur air bhonn. Chan eil teagamh nach do rinn e feum don chloinn a bha fad às, diùid, adèanamh na slighe nas rèidhe dhaibh man deidheadh iad dhan sgoil. Tha min dùil gun do rinn e beagan do na màthraichean cuideachd, ach tha e uabhasach duilich do mhàthair òg laghach gabhail oirre fhèin càch a stiùireadh, ged a bhiodh an comas aice.

Bha daoine air a bhith bruidhinn air pàipear-naidheachd anns na Hearadh airson treis mus deachaidh mise ann, agus cha robh mi fada ann gus an dfhuair sinn tha dolgu dol. Fhuair sinn airgead onMhanpower Services Commissionairson a chlo-sgrìobhaidh airson bliadhna, agus às dèidh sin bha a bha faisg air làimh dha dhèanamh. Bha dràibhearan busaichean na sgoile atoirt aphàipeir chon nam bùithtean. Cha robh e furasda naidheachdan fhaighinn uaireannan ach bha sinn adèanamh an gnothaich mar bu trice, agus bhiodhte dha mholadhs dha chàineadh, mar a bhiodhte an Gasaet fhèin glè thric!

An rud a bfheàrr a thachair rium anns na trì bliadhna a bha mi aig Pròisect Muinntir nan Eilean, ’se an clas-oidhche a bha adol gheamhradh ann am Mànais, baile beag air taobh nam bàgh den eilean.


[257]

Se nigheanan òga bu mhotha bha ann, agus bha bodaich à taigh nan seann daoine air an Tairbeart ag ionnsachadh dhaibh ciamar a dhèanadh iad treidheachan is stùils a leithid sin, le cuilc. Bhiodh fireannaich atadhal dìreach airson còmhradh ri na bodaich. Bha cothrom againn air rud mar sin a dhèanamh gun a bhith fo chuibhrichean Chomhairlean Foghlaim.

An ceann ùine fhuair sinn airgead onMhanpower Services Commissiondo chòignear òga agus do fhear-stiùiridh airson eachdraidh an àite a chruinneachadh. Chaidh tòrr dhealbhannan a thrusadh agus chuidich pròisect Nis agus fear an Iochdair agus Sgoil-Eòlais na h-Alba sinn len copaigeadhs am meudachadh. Bha iad rim faicinn ann an rùm am meadhan abhaile air an Tairbeart, agus thog iad ùidh dhaoine thalls a-bhos. Bha an luchd-obrach cuideachd ag iarraidh eachdraidh air muinntir an àite, ’s dha fhaighinn air teip. Cha robh an gnothach ach gann air tòiseachadh nuair a bha abhliadhna seachad, ach tha min dùil gu bheil e adol a chumail air adhart le tuilleadh airgid a-nis. Bha an sgeime seo glè fheumail airson naidheachdan aChogaidh Mhòir a chruinneachadh, agus nochd an leabhar a thainig àsle naidheachdan às an Iochdair is à Nisan uiridh agus ghabhadh ris gu math.

Thòisich Mòd na Hearadh fhads a bha mi ann. Cha robh luchd-stiùiridh aPhròisect air a shon idirs iad dha fhaicinn mar dhroch rud gum biodh daoine aco-fharpais ri chèile. Bha co-dhiù aon bhan-sgoilear den aon bheachd. Ach anns na Hearadh cha mhòr nach e seo an aon dòigh anns an ionnsaich achlann òran Gàidhligs achuid mhòr de na tidsearan gun bhiùc seinn. Bha iad aig an àm ud às aonais tidsear ciùil. Cha chreid mi gun do dhadhbhraich am mòd a bheag sam bith de dhaimhreit, ach dhfhaodadh e fhathast a dholna fhèisd, tha fhios, le britheamhnan a sheachnadh, ach tha an t-eagal an còmhnaidh nach nochd duine mur a bi co-fharpais ann. Tha mi-fhèin an dòchas, ma theid gu math dhaibh an Uibhist, gu faigh iad misneachd anns na Hearadh airson fèisd a dhèanamh den mhòd cuideachd.

Sann air sàilleamh mobrach ann an Sgoil-Eòlais na h-Alba a chuir mi a-mach chassette, le leabhar an urra, de dhòrains de laoidhean a sheinn Cairistìona Seadha, i fhèins a piuthar Peigi, agus bannal-luaidh. ’Sann on Sgoil a thogadh na h-òrains na laoidhean ach chuireadh a-mach iad, tro Acair, fo ainm Pròisect Muinntir na Hearadh, agus tha iad rin cluinntinn air feadh an t-saoghail. Bha bhuidheann luaidh acoinneachadh an dràsdas a-rithists ag ionnsachadh òran. Dhobraich iad gu math trang aig àm Mòd nan Eilean, agus cluinnear de na buidhnean aircassetteIomall aMhòid.

Dhfhàg mise am Pròisect aig deireadh an Iuchair 1981, ’s cha deachaidh duine churnam àite. Chan e mo chuid a chantainn an do rinn mi feum anns na Hearadh neo nach do rinn. Ga be na tha ri fhaighinn de dhairgead airson a leithid seo, ’se tha an urra ris agus na daoine


[258]

[Dealbh]
Ath-linne. Na Hearadh air an dàrna taobh de Loch Siofort, ’s Leòdhas air an taobh eile.

tha ann airson a chuideachadh a tha cudromach. Agus an dèidh sin cha chùm rud adol ma bhitheas e ro mhòr an crochadh ri aon duine. ’Se sin aon de na rabhaidhean a fhuair sinn nuair a thòisich sinn air aPhròisect: gum bu chòir gun cumadh rud sam bith air an do thòisich sinn adol às ar n-aonais. Mur a cumadh cha robh na daoine dha iarraidh. Tha barrachd air sin an ceangal ris, duilgheadasan faighinn o àite gu àite, mar eiseimpleir. Fiù is le buscoimhearsnachdcha robh e furasda daoine fhaighinn cruinn còmhla ro thric. Tha tha dolann fhathast, agus Mòd na Hearadh, agus tha buidheann às ùr adol a chruinneachadh eachdraidh.

Airson caochladh adhbharan tha am Pròisect air atharrachadh anns gach àite. ’Se obair am-measg chloinne a tha fo aois sgoile, agus cuideachadh do chomainn eachdraidh, na goireasan air a bheil Van Leer a-nis aleigeil cudrom. Mar sin bidh na Hearadh, tha mi creidsinn, afaighinn cuideachadh cleas achorra, ged nach eil obraiche an làthair ann gu cunbhallach. Bha an obair a rinneadh an Nis fo sgèith achomainn eachdraidhna ùrachadh mòr don sgìreachd, agus, ri tìde, dhfhaodadh gum bi e mar sin do na Hearadh cuideachd.

(Bha na dealbhannan gu lèir air an togail le Cailean MacIllEathainn).

titleProisect Muinntir nan Eilean anns na Hearadh
internal date1983.0
display date1983
publication date1983
level
reference template

Mòrag NicLeòid in Gairm 123 %p

parent textGairm 123
<< please select a word
<< please select a page