[358]

SGOIL CHOLBHASAIGH

Seònaid an fhuilt throm dhualaich

le Barabra NicAlasdair

Bha falt brèagha dubh oirre, agus mar a dhamhairceadh i ort leis an shùil mhòr dhonn, ’sann a shaoileadh tu gu mealladh iad na h-eòin thar nan craobhan, bruidhinn airaon deug is barrachdair neo “O levels”, cha do chualas riamh iomradh air na rudan neònach sin, ach airson teagasg cloinne cha robh na bfheàrr na i ri fhaighinn anns an rìoghachd.

A bharrachd air leughadh, sgrìobhadh, cùnntas agus na rudan a bhios am bitheantas gan teagasg, gheibheadh na caileagan figheadh, fuaigheal, gearradhs adèanadh suas aodaich agus obair ghrèis; dhionnsaich i cuideachd dhaibh mar a dhèanadh iad iomadh seòrsa biadh.

Bha na balaich afaotainn cladhach aghàrraidh agus mar a chuireadh iad fras airson lusan, bhiodh a h-uile seòrsa cinntinn ann, càl, currain, buntàta, peasair agus iomadh rud math eile, bhiodh iad asaorsainneachds aclachaireachd, agreusachd agus gu math tric amarcachd, o chionn bha capal bòidheach buidhe agus dubh aice air an robh an t-ainm Una, agus bhiodh na balaich ga toirt on stàbal don phàirc far am biodh i cur seachad an latha.

Cha robh dìth pheataichean oirre, bha aice, ’se Fionn a bhair, mòran chait, cearcan, caora air an robh Peigi mar ainm agus crà-ghèadh air an tug i Tutankhamen.

Bann anns an taigh aice fhèin a chois na sgoile anns ant-seòmara bha am piano agus an leabhar-lann, a h-uile Diciadain bhiodh iad adol a-staigh a dhionnsachadh mu cheòl agus mu sheinn; nuair a bhiodh aghaidh abhean-theagaisg bhochd ris an inneil-chiùil bhiodh na balaich mhosach ris a h-uile mollachadh agus adèanadh a h-uile rud ach aseinn.

S iomadh leisgeul a rinn na caileagan a dhfaodainn a-staigh don t-seòmair seo, a chionn bha bocsaichean ann làn de ghnothaichean brèagh, snàthainnean air an robh a h-uile dath, grìogagan, putain de gach seòrsas chan eil fhios . Dhabradh iad gun robh leabhar a dhìth orra a bheireadh iad dhachaigh a leughadh, ach bann air na bocsaichean a bu trice a dhèanadh iad a shealltainn air na bhannta.

[TTD 359]

Nuair a bhiodh na leasain seachad, gu sònraichte anns an t-samhradh rachadh i fhèin agus iadsan cuairt a siud agus an seo air feadh an eilein, agus dhinnseadh i dhaibh mu na creagans na bha cinntinn orra, Neòinean Cladaich, Brògan Cuthaig agus iomadh flùr beag brèagh eile, mu na craobhan a bha cinntinn ann am meadhan an eilein, darach, calltainn, beithe-gheal, seileach, bhiodh i afoillseachadh dhaibh mu fheumalachd gach a bhann.

Air an lochan shealladh iad iomadh seòrsa eun, bunabhuachaillean, lachaich riabhach, coilich thràghadh, corraichean griodhach, ’s ma bann san earrach a bhiodh iad adèanadh achuairts docha gum faiceadh iad nead bolachdan, no cearc-uisge anns achuilc.

Creutair eil cho coibhneil bhiodh e gu math doirbh fhaodainn. Bha teaghlach shònraichte afuireach ann am baile uaigeanach, chaill iad a màthair an uair a bha am fear a bòige dhiubhna leanabh. Mun rachadh iad don sgoil gun phìos (cha robh biadh ga chreic sna sgoilltean san àm ud) chuireadh i abhranndair air an teines dhèanadh i boinnich dhaibh; nam biodh iad air an còmhdach car truagh air uairean, bheireadh i mach pìos clòidhs cha bhiodh i fada dèanadh briogais air neo peiteag mhuilichinnich. Dhfhigheadh i dhaibh stocainnean cuideachd. Tha na balaich sin an diughnan daoine prionnsabalach agus air amharc suas riuth anns an rìoghachd.

Chan fhaod comharradh ceàrr a bhith air a thoirt seachad, o chionn ged a bha i gu math dèidheil air a bhi ri obair a-muigh, cha robh dearmadachd air na trì Rs agus chaidh iomadh fear is de na sgoilearan air aghaidh chun na sgoiltean mòr ann an Dun Omhainn, no an t-Oban no Inbhir Nis agus rinn iad uile gu math.

Thachair rud gu math duilich do h-aon de na balaich. Dhfhàg e an sgoil bheag a dhol a dhionnsachadh mu eòlas-leighis. Bha e faotainn air aghaidh gu math airson achiad bliadhna, ach aig toiseachd an dara bliadhna dhfhàs e glè bhochd agus chaochail e.

Chuir seo mulad air an àite, ach gu sònraichte air muinntir na sgoil bhige. Cha burrainn dhaibh an gnothach a bhann a thuigsinn, bha latha an tiodhlaicidh adlùthachadh agus cha tug i fhèin iomradh air dad, ach adol timcheall air a h-obair, gu sàmhach, mar bàbhaist.

Co-dhiù, madainn an latha bhrònaich, chuir i na feadhainn a bu shine dhiubh a thruiseadh còinnteach. Nuair a thill iad, fhuair iad ise trang adèanadh cuairteag. Bhon a bha gàrradh brèagh aice bha gu leòr a fhlùraichan gallda ann, ach chuir i iad air ais a dhfhaotainn cuid dhe na feadhainn bheaga nàdurra a bha cinntinn a chois na h-aibhne, sòbhrachain, neònainean, biadh-ùr-eunachan agus mur sin.

Le cuideachadh na cloinneadh chuir i crìoch air achuairteag a bha glè bhòidheach agus mun deachaidh a flùr mu dheireadh anns achòinntich cha robh sùil thioram aig duine aca.

Bann a sin a thuirt i riutha gun teideadh i fhèin agus iadsan don


[360] chladh chun an tiodhlaiceadh.

Bha balach beag eile afuireach leatha fhèin anns an taigh, mac bràthar a chaill a phàrantan, ’si thog gu math e, agus bha e uabhasach gleusda air leasain; dhfhalbh e gu fairge, bhiodh e sgrìobhadh litirean glè chumhachdach dhachaigh.

Bu toigh leatha a bhith gan leughadh a-mach do na sgoilearan, oir chòrdadh e gu math riutha a bhith cluinntinn mu na rìoghachdan fad air falbh agus na puirt aig am biodh am bàta atadhal. An àm achogaidh mu dheireadh, bha esanna mharaiche ainmeil agus tha e an-diughna cheannamhard air sgoil sheòladair ann a Sasainn.

Eadar loch air an rathad chun na sgoileadh, nam biodh dìl uisge ann bhiodh a rathad adol fodha. Bhan taigh-sgoil air taobh thall a loch mu thuath. Air as nach biodh casan fliuch aig feadhainn a bha tighinn air astar, dhiarr i orra brat geal a chrochadh air pìos maide agus thigeadh i fhèin agus Una sa charbad dhan aiseig; bha achlann (cha ruig mi leas a ràdh) glè thoilichte nuair a thigeadh uisge mòr, chionn bha am fealla-dhà seo acòrdadh riutha gu gasda.

Is iomadh latha samhraidh a choisich i fhèin agus iadsan chun an tràigh bhuidhe bhrèagh, no math a dhfhaodte do ghleannan ailein airson feisg bheag a bhith aca anns aghrèin. Bheireadh iad leotha coire, , siùcair, bainne, mìlsean agus aran milis de gach seòrsa. Chruinnicheadh achlann birein fhraoich no fiodh thar achladaich, dhèanadh iad teine, lìonar an coire le uisge fìor às an tobair agus ghoileadh e air an teine airson an . Nuair a gheibheadh gach duine biadh, chuireadh tòr mòr fiodh air, is shuidheadh iad timchealls thòisicheadh an t-seinn. Orain mhath Ghàidhlig no cuairt no dhà anns aBheurla. Bhiodh inneal ghabhail dhealbhan aice agus chuireadh i seo am feum cuideachd. Nam biodh an làn a-staigh rachadh iad gam falcaidh, agus aig deireadh aghnothaich, thòisicheadh iad air na dannsaichean.

Cha bhiodh inneal-chiùil aca, ach canntaireachd. Uime sin cha robh balach no caile a dhfhàg a sgoil sin, nach robh glè fhiosraichte anns gach ruidhle no dannsadh sam bith eile a bha fasanta san àm.

Abruidhinn air cur-seachad ùine bhiodh a h-uile bliadhna cèilidh mhòr aice dhaibh anns an talla dlùth don sgoil. Bha i air a cur air dòigh airson airgead a thruiseadh airson duaisean do na sgoilearan aig deireadh na bliadhna.

Bha gu leòr a dheasachadh ra dhèanadh airson na h-oidhche mhòr seo. An toiseachd chuirear fios do Ghlaschu no do Dhun Eideann airson leabhraichean dàn-cluiche. Nuair a thigeadh iad, thaghadh na sgoilearan a bu fhreagarraiche airson aghnothaich agus airson mòran sheachdainean bhiodh iad ag ionnsachadhs acur air dòigh. Bha seo fhèin atoirt mòran toil-inntinn, gu sònraichte an oidhche ron àm, an uair a bhiodh an ath-aithris aodaich aca.

S iomadh uair a bhiodh am biadh airson na cèilidh mhòr seo air bòrd


[361] an Dunàra gus an latha a bhiodh e dhìth; ’sann gu math iomagaineach a bhiodh abhean-theagaisg agus achlann nan tigeadh smùid do ghaoth dheas a chumadh am bàta bhon chladach agus math dhfhaodte gum feumadh iad achèilidh a chur dheth airson seachdain. Bha a h-uile dad ga bhruich anns an taigh aice fhèin. Chuireadh i na balaich a mhion-ghearradh an fheòils nan coineanan airson an cur eadar arain, agus na caileagan a dhèanadh nam boinnich mhilis, nan teideadh tu a-staigh don t-seòmar an oidhche ron chèilidh dhfheumadh tu gluasad gu math socaireach, o chionn bhiodh boinnich bheag is mhòr, fada is cruinn, feadhainn dhubh agus feadhainn gheal thairis air an ùrlar.

Uime sin leis gach cnap-starra a thigeadh a rathad bha achèilidh mhòr daonnan glè mhath agus chòrdadh i gu mòr ri muinntir an eilein agus glè thric ri coigrich cuideachd.

Ro fhèill an t-samhraidh, rachadh chun na sgoil, aon neo dhà de na daoine a bha riaghaladh san àite agus bheireadh iadsan seachad na duaisean.

Se leabhraichean a bu trice bhair an toirt seachad. Gus an latha an-diugh, ma theid thu do thaigh no dhà anns an eilein, math-dhfhaodte gum faic thu annta leabhraichean agus air an duilleag aghaidh sgrìobhte, achiad duais airson Beurla 1930 neo an dara duais airson Cruinne Eòlais 1934.

Bha an grùnnd agus na cnocan timcheall air an sgoil air an còmhdach gu math tiugh le conasg agus anns an Earrach, bhiodh mòran falloisg ga dhèanadh aig an àm dhìnnireach, ’s bhiodh achlann acluich anns an toit. Bha air iarraidh orra a bhith daonnan cinnteach gun robh na teaineachan uile às mum falbhadh an glag aig uair.

Aon Earrach shònraichte thòisich ceithir no còig de na caileagan air dèanadh “toffee” ann a sean “tin” a fhuair iad air dùnan na sgoileadh. Bha h-aon mu seach dhiubh atoirt siùcair, ìm, neo bainne don sgoil agus nuair a stadadh na leasain aig meadhan latha bhiodh iad atoirt nan cnocan orra. Bheireadh iad an toiseach greiseag amarcadh a -ghàrradh, ’s aleigeil orra gum be na h-uaislean a bhannta dol cuairt air an eilein.

Lasadh iad a sin teine bheag agus chuireadh iad earrainn mheasgaidh an “toffee” anns antin; cha bhiodh seo fada goil, bha iad ga fhuarachadh air seann truinnsear a fhuair iad an àiteigin. ’S a sin ga itheadh.

S fheudar gun robh an “toffee” air leth math aon latha, chionn dhìochuimhnich iad an teine bheag a chur às agus ann am priobadh na sùilean, ghabh aBhruaich Mhòr teine. ’Sann a sin a bha an èiginns an ùbraid. Dhall iad orra le còtaichean is peiteanan neo rud sam bith eile a bha dlùth aig làmh, ach cha ghabhadh an teine cur às agus bha an t-àm mu bhith ann airson aghlag aig uair.

Mu dheireadh rinn iad ùrnaigh, “O Thighearna, thig a-nuas às do nèamh agus cuir às seo dhuinn”. ’S dòcha gun dfhuair iad freagairt o chionn ràinig na balaich iad gu math clis an dèidh sins cha robh iad


[362] fada faotainn làmh an uachdair air na lasagan mòr, ach bha aon neo dhà de na caileagan bochd aig an robh ruisg, corragan agus còtaichean caran loisgte.

Gus an latha an-diugh ma thacharras aon neo dhà dhiubh air a chèile, bithidh iad adol thairis air an latha seos bithidh na balaich ag ràdham bheil cuimhne agaibh air an latha rinn sibh an ùrnaigh?”

Oidhche Shamhnadh bhiodh Cèilidh Shamhainn aice dhaibh. Rachadh iad dhachaigh às an sgoil aig ceithir uairean feasgar, ach thilleadh iad a-rithist mar a thigeadh an oidhche, a h-uile h-aon dhiubh is atharraich cruth orra, cailleachan, bodaich, sìthein agus mar sin air aghaidh.

Bhiodh iad às dèidh ùbhlan ann an tuban uisge neo ag ithidh buntàta suaite. O mhullach an t-seòmair far an robh crioman car fosgailte, aon Shamhainn chroch ise ròpa eadar na tuill agus air a seo chuir i bonnach còmhdaichte le drabhag shiùcair. Bha am bonnach air a chur mun cuairt a dhfhaicinn bhiodh gleusda gu leòr a dhfhaodainn sgrog às.

Dhìochuimhnich i an ròpa thoirt a-nuass on latha sin gus an latha a shlaod na balaich a-nuas an sglaib o mhullach an taighe, fhuair iad mòran spòrs asogainnich air an ròpa.

Bha sin toll glè mhòr os an ceann, ’s iomadh rud a chaidh a thilgeadh suas a sin, tha air a ràdh, o chionn glè ghoirid nuair a bha an seòmar seo ga leagail airson atharrachadh gun robh am measgachadh a bha san toll glè bhuannachdail, leabhraichean, pinn, combaistean, “rubairean”, clachans chan eil fhios .

N àm na Càisge bha i toirt cead dhaibh a bhith truiseadh uighean, seachdain neo dithis ron àm, latha na Càisge bhiodh feisg bheag eile aca, bhruitheadh iad uighean a-mach, dhèanadh iad foileagan, is , bhiodh na balaich afeuchainn ach a bu mhotha a dhitheadhs cha stadadh iad gus am biodh iad, cha mhòr, tinn. Ach nach mur seo a bhios balaich am bitheantas?

Chuir i seachad pìosa math da beatha a-measg nan eileinich ach feumaidh a h-uile rud math tighinn gu crìoch. Chaidh a bràthair a leòn gu dona aon latha nuair a bha e asealgaireachd agus bfheudar dhi a h-obair fhàgail agus dol dhachaigh mu dheas ga altram.

Nuair a chualas gun robh i dol gam fàgail, chruinnich na daoine mòran airgid a-measg a chèile, chionn bha mios mòr oirre agus rinn iad tabhartas dhi.

An latha a dhfhàg i bha, cha mhòr, a h-uile duine san àite air an laimhrig ga faicinn air falbh agus atoirt am beannachdan dhi; ’se chuir an duilichean orra nuair a ràinig i fhèin, Fionn, Peigi, Tutankhamen agus na cait le Una anns acharbad.

Nuair a fhuair i fhèins an teaghlach uile air bòrd, sheas iad air an laimhrig acrathadh rithe gus an deachaidh an Dunàra às an t-sealladh, ’s thug fear do na balaich a charbad agus Una thùirseach dhachaigh leis.

titleSgoil Cholbhasaigh: Seònaid an fhuilt throm dhualaich
internal date1983.0
display date1983
publication date1983
level
reference template

Barabra NicAlasdair in Gairm 124 %p

parent textGairm 124
<< please select a word
<< please select a page