TRI SGEULACHDAN TAIRBEARTACH AGUS RANN
Bho Mhac Iain Dheòrsa
Fhuair na Pàrlanaich an t-ainm a bhith ’nam buidsean agus a bhith eòlach air an sgoil-dhuibh. Chan eil fhios agam an do thoill iad sin, ach b’e sin an creideas cumanta a bha san dùthaich d’am buin mise. Theagamh gun robh sgeul eile aca an Gleann Crò ’s an Gleann Conaghlais. Tha dà sgeul mu Phàrlanaich air na trì sgeulachdan a leanas bho Thairbeart Loch Fìne.
(1) Am Bioran Calltainn
Latha buidhe bruthainneach luchair is a’ ghrian a’ sgogadh nan creag ’s na luin a’ ruith air uachdar an fheur thàinig coigreach a-nuas bho Chruach an t-Sorchain. ’Se Pàrlanach a bh’ann air a shlighe bho Ghleann Crò gu Ceann Locha tarsainn a’ mhonaidh rathad Sgibinis.
Lean e air gus a’ bhaile a bh’aig Allt Beithe agus ghabh e gu doras a’ chiad thaighe a choinnich ris. Bha bean anns an taigh agus a triùir nighean is iad ri snìomh oir dh’fhalbh na fir uile a thadhal air na h-àirighean.
“An toir thu deoch bhainne dhomh a bhean?” thuirt an coigreach ’s e ’na sheasamh anns an doras air nach robh còmhla. “Cha do bhlais mi air grèim no balgam bhon dè, agus tha Ceann Locha agam ri dhèanamh dheth.”
“Cha toir mi bainne no bainne dhuit,” ars a’ bhean gu frionasach. “Gabh sìos don alld agus gheibh thu deoch agus an latha cho blàth, bruthainneach.”
“Matà, matà,” ars am Pàrlanach ’s e ’gabhail a-staigh don taigh. Dh’èirich lìon an taighe air an casan bhon t-snìomh. Cha duirt e diog a chòrr ach chuir e a làmh ’na achlais agus thug e a-mach bioran beag calltainn. Stob e don tughadh e.
Nuair a stob e don tughadh e thòisich an ceathrar bhan a’ dannsadh. Bha e ga stobadh ’s ga stobadh san tughadh. Bha e ris is ris is ris agus bha lìon an taighe a’ dannsadh ’s a’ dannsadh mar gun robh iad air dol às a rian. Lean e air agus lean iadsan orra.
’Se bun a bh’ann gun do thuit iad seachad leis an sgìos ’nan clod air
Spìon e am bioran calltainn a-mach às an tughadh agus chuir e air ais ’na achlais e.
Ghabh e a-null do bhean an taighe a bha ’na laighe air an ùrlar chloiche agus a sàilean air stoban.
“Tha mi dearbh nach diùlt thu deoch bhainne don ath choigreach a thig an taobh seo,” thuirt esan an guth ìosal, agus thionndaidh e air a shàil agus dh’fhàg e ’n taigh ’s e dèanamh air Sgibinis.
(2) Bleoghann a’ Chroinn
Tha Caoil Bhòid air an dèanamh suas de dhà chaol: Caol an Ear bho Fheàrnach gu Sròn Sroigheann, bhon Phutaig gu Rubh’ an Draighnein faisg air Baile Bhòid; agus Caol an Iar, no an Caol Ceathrach (the Kerry Kyle) bhon Chalbh (no Eilean Dubh) gu Aird MhicLaomainn. Gheibhear Taigh na Bruaich agus Ach’ an Lochain taobh a’ Chaoil Cheathraich, a tha fosgailte gu deas.
Oidhch’ a bh’ann bha sgoth aig an iasgach sa’ Chaol Cheathrach. Chunnacas Ailean à Gaoth Deas (am muirbhuachaill) air an loch an latha roimhe ’s e air tighinn fada a-staigh — rabhadh air droch aimsir bhon Airde Deas. Ach coma, bha iad a-mach ag iasgach sa’ Chaol an Iar. Thàinig meadhan oidhche is cha d’fhuair iad lann.
Aig beagan sa’ mhadainn a dh’aon phlathadh dh’èirich gailleann a deas le cathadh-mara a bha uabhasach. Bha a h-uile cladach ’na chladach leis agus cha robh a chridhe aca feuchainn ri dol ris. Chuir iad trì chinn a-staigh san t-seòl.
Leis a’ chathadh-mhara shaillte bha iad gam marbhadh aig an tart ’s aig a’ phathadh, ach cha robh boinne uisge air bòrd aca, ach a-mhàin builghean arain. Bha iad pàiteach, tartmhor, ìotach da-rìribh. ’Se Pàrlanaich a bh’annta, triùir aca.
“A bheil tobar aig a’ Chalbh?” arsa Pàrlan Meadhanach, “agus ruithidh sinn.”
“Coma dhan Chalbh,” arsa Pàrlan Mòr, “a bheil làmhag air bòrd againn?”
“Tha, shìos an seo san deireadh,” arsa Pàrlan Beag, a bh’air an stiùir.
Ghabh Pàrlan Mòr sìos don deireadh agus fhuair e an làmhag. Chaidh e suas don toiseach agus chaidh e ’na chrùban aig bun a’ chroinn.
Thug e gliong den tuaigh ri bun a’ chroinn agus thàinig a-mach às bainne cho math, blasda ’s a chunnaic sibh rir beò!
(3) Chan fhoghnadh Sàl
Oidhche bha siud nuair nach robh deò à adhar, ach an loch gu fèathail, farsaing, bha sgioba, ceathrar aca, a-mach aig an iasgach. Bha iad
Bha ‘caoileach’ air bòrd aca, brazierairson còcaireachd agus e lomalàn mòna. Bha e air.
Thuit fòd mòna laiste a-nuas air an t-seòl mhòr a bha shìos air ùrlar a’ bhàta agus ghabh an seòl. Bha iad a’ saltairt air len casan feuch an cuireadh iad às e, ach cha ghabhadh e cur às.
“Cà bheil tobar?” dh’èigh fear.
“Aig a’ Choileach,” dh’èigh fear eile.
“Dèanamaid air a’ Choileach!” dh’èigh an Sgiobair.
Shuidh dithis air na ràmhan, an Sgiobair air an stiùir agus an ceathramh fear shuas san toiseach le bucaid ’na làimh, deas gu leum air tìr nuair a ruigeadh iad an Coileach Arannach.
Bha iad a’ sìor iomram is a’ sior iomram gus an robh an loch ’na chaoir leis an iomram aca.
Mu dheireadh rinn iad an Coileach dheth. Bhuail i le sad. Thuit fear na bucaid an comhair a chinn san uisge. Thàinig e an uachdar.
“Coma leibh, ’illean!” dh’èigh e. “Tha gu leòr de dh’uisg an seo.”
(4) Rann
Dùrd a’ Ghlinne
Fonn ciùil bu bhinne dùrd a’ ghlinne,
’s e dùint’ an grinneas chraobh;
duilleach ’s feur is guth nan eun,
1à buidhe grèine caomh.
title | Tri Sgeulachdan Tairbeartach agus Rann |
internal date | 1984.0 |
display date | 1984 |
publication date | 1984 |
level | |
reference template | Mac Iain Dheòrsa in Gairm 126 %p |
notes | Author: Deòrsa Mac Iain Dheòrsa = Deòrsa Caimbeul Hay |
parent text | Gairm 126 |