[23]

TURAS DO DHUTHAICH EILE

le Pamela NicAoidh

An uair a bhitheas minam shuidhe ri taobh an teine agus teas an teine gam bhlàthachadh, bidh mo smuaintean air dùthaich eile agus air an turas a ghabh mi air bus nan saor-làithean.

Bha an triùir againn, mi-fhèin agus dithis chaileag eile, ag iarraidh air falbh bhon droch shìde an Alba gu deàrrsadh na grèine san Eadailt.

Dhfhàg sinn Lunnainn air abhus agus an sin choinnich sinn ri mòran dhaoine bhon a h-uile ceàrnaidh den dùthaich. Thug am bus sinn gu Sheerness agus às a sin ghabh sinn an toiseach ri airgead agus cànain air nach robh sinn eòlach.

An ath latha, ràinig sinn aGhearmailt. Mhothaich sinn gur e tramaichean a bha aruith air na rathaideans nach robh bus ri fhaicinn. Bha iad tòrr na bu ghlaine agus bha mise asmaoineachadh gun robh iad tòrr na beireachdailenan cruth. Bha a h-uile càil glan anns aGhearmailtena sràidean, am biadh agus na daoine, na daoine gu h-àraidh agus bha iad uile cho pongail cuideachd. Sin mar a chunnaic mise na Gearmailtich.

Ach, mus do dhfhàg sinn aGhearmailt chaidh sinn troimh dhùthaich àlainn Bhavaria far an robh dealbhan àlainn dathte air gach taigh. Bha dealbhan ann den a h-uile rud bho Mhuire màthair Iosa gu flùraichean àlainn agus beathaichean eireachdail. Bha a h-uile rud cho brèagha nuair a bha aghrian adeàrrsadh air.

As aGhearmailt chaidh sinn do dhAustria. Sin far an robh an sealladhna beanntan mòra, làidir còmhdaichte le còta geal de shneachda; bha dìtheanan beaga gorm agus geal afàs air gach taobh agus na taighean beaga le bocsaichean fo na h-uinneagan le tuilleadh dhìtheanan afàs annta. Stad sinn an sin agus dhòl sinn cupa tea agus dhfhiach sinn pìos ‘apfel strudel’ le bàrr. ’Se bha blasda!

Thog sinn oirnn agus, mu dheireadh, ràinig sinn an Eadailt. An uair a chaidh sinn troimh an luidheir faisg air drochaid Europa, thug sinn uile an aire cho eadar-dhealaichtes a bha an Eadailt ri Austria is aGhearmailt. Bha na rathaidean làn salchair is trealaich de gach seòrsa. Bha na feansaichean gus tuiteam le meirg. Ràinig sinn Vipiteno, baile beag, brèagha, far an robh fìon ann am pailteas, daoine areic bàrr rèodhta agus ceòl aseinn a-mach às a h-uile còrnair.


[24]

Ach cha burrainn boireannach a dhol air thuras don Eadailt gun facal a ràdh mu na fir! Bha iad dìreach mar a dhealbh a h-uile caileag a bhann romhainnna caisean feusaig agus na fiaclan geala adeàrrsadh. Bha iad asmaointinn gun robh iad cho càirdeilnan dòighean ach bha sinne an dùil gun robh iad gu math bragail is bras!

Dhfhàg sinn Vipiteno agus an oidhche sin ràinig sinn an taigh-òsda faisg air Venice, far am bitheamaid acur seachad seachdain eile. Chaidh sinn a-mach a thoirt sùil mun cuairt. An Eadailt, ’se bha seo ach saoghal eile! Dùthaich a tha làn ciùil, làn maise nàduir agus maise ealain. Bu toigh leam amsiesta’, cadal beag an fheasgair, agus bu toigh leam cho comas a bha na h-Eadailtich mu obair. ’S fheàrr leotha a bhithnan laighe air an tràigh agabhail na grèine.

Chan fhaca mi riamh àite a chòrd rium cho math ri Venicenagondoliersag iomradh na gondolas suas an abhainn gus an dràinig sinn an drochaidRialtoaig ceann aGhrand Canal. Nuair a ràinig sinn ar ceann-uidhe, thàinig sinn às aghondola agus ghabh sinn cuairt gus am faiceadh sinn amPiazza St. Marcofar a bheil lùchairt an Doge. Bha ceudan de dhealbhan anns an lùchairt, dealbhan àlainn le Tintoretto, feadhainn de bhoireannaich air an robh coltas ànraidh agus feadhainn eile acoimhead cho ciùins cho sàmhach ri snuadh amMona Lisa’. Gu -fhortanach, mhìll e dhòmhsa àilleachd an àite na prìsean a bhagainn ri phàigheadh. Mar eisimpleir, cosgaidh e not airson cupa tea anns am Piazza St. Marco!

Ràinig sinn Florence cuideachd agus bha an t-àite sin e fhèin làn dhealbhan. Dealbhan le Leonardo da Vinci, Botticelli agus iomadh duine ainmeil eile.

Tha mi a-nis air ais ann an Albas chan eil aghrian adeàrrsadh an seotha dìle uisge ann. Chan eilgondolasair an abhainn, chan eil fiùs bàta-iomraidh oirre! Tha a h-uile duine ag obair cho trangs nach eil tìde aca airson bruidhinn ri chèile neo airsonsiestabheag! Tha sinn gus a dhol fodha le sneachda agus làn fuachd, agus mar sin, bidh mo smuaintean adol air ais gu na làithean brèagha anns an Eadailt. Uill, sin mar a tha cùisean — ’s dòcha gum bi mi air ais an sin an ath bhliadhnaco aig tha fhios?

titleTuras do Dhùthaich eile
internal date1984.0
display date1984
publication date1984
level
reference template

Pamela NicAoidh in Gairm 129 %p

parent textGairm 129
<< please select a word
<< please select a page