An Sgeilp Leabhraichean
Drámaíocht in Eirinn, le Micheál MacLiammóir. Ceol agus Amhránaíocht na h-Eireann, le Domhnall O Súilleabháin. Gnéithe na h-Eireann, le R. Lloyd Praeger. An Sean-shaol in Eirinn, deas. le Maolmhuire Díolún. Conamara, le Seán MacGiollarnáth. Ealaí Eireannach den tsean-ré Chríostaí, le Françoise Henry (Colm O Lóchlainn, Baile Ath Cliath. 1950-54. 2/- an urra). Imeachtaí na Teanga Gaeilge, le Dónall O Corcora (C. J. Fallon, Baile Ath Cliath. 1954 2/- ).
Tha na seachd leabhraichean beaga so (tha àireamh nan duilleagan anns gach fear eadar mu leth-cheud is mu shia fichead duilleag) air an cur am mach am Beurla le Comhar Cultúra Eireann(Cultural Relations Committee of Ireland)aig prìs reusanta. Cha tig an là a chuireas buidheann de’ n t-seòrsa so ann an Lunnainn leabhraichean an clò air a’ Ghaidhealtachd no air a’ Ghàidhlig, ach nam biodh de mhath unnainn an Albainn na ghabhadh os làimh riaghladh ar dùthaich fhìn dh’fhaodadh nach biodh sinn cho fada air deireadh ’s a thà sinn.
Tha caochladh cumaidh is gnè air na leabhraichean so, oir cha do chuireadh srian air na h-ùghdairean ach beag. A thaobh sgoilearachd dhomhainn tha ceum air thoiseach air càch aig an leabhar a dheasaich Myles Dillon(Early Irish Society)agus gheibh sinn an so geàrr-chunntas air beachdan an là-an-diugh air cuspairean mar a tha Gàidhlig na h-Eireann (Myles Dillon), Seann Litreachas na h-Eireann (David Greene), na h-uirsgeulan co-cheangailte ri prìomh àiteachadh na dùthcha (M. A. O’ Brien), an Lagh (D. A. Binchy), agus Tighinn is Buaidh a’ Chreideimh Chrìosdaidh (James Carney). Tha saothar nan ceud bliadhna a chaidh seachad air chùl an t-seanachais so, gun luaidh air spionnadh agus géiread inntinne nan ùghdar a dh’ ainmich mi.
Anns an leabharThe Fortunes of the Irish Languagetha Daniel Corkery a’ toirt dhuinn geàrr-chunntas air eachdraidh chulturach na h-Eireann, ’Se leabhar beag feumail a tha so, le gu leòir de dh’fhiosrachadh is de thogarrachd ann. Tha an so againn, cuideachd, sgoilear nach do chaill a dhòchas a thaobh ais-eirigh na Gàidhlige. Lùigeadh sinn leabhar na b’fhaide bho Dhomhnall O Súilleabháin, sàr sgoilear a’ chiùil is nan òran ann an Eirinn, ach air cho goirid ’s ga bheil e chan fhalbh duine bhuaithe falamh. Chan eil sinn gun eòlas againn ann an Albainn air modh an roinn so:
Do gheallais domh-sa, ní nárbh fhéidir,
Go dtúrfa laimhnní do chroiceann éisg dom,
Go dtúrfa bróga do chroiceann éin dom,
Is c’ luith don tsíoda ba dhaoire ’nEirinn.
Dh’ iarramaid móran a bharrachd dheth so. Tha beagan aige ri ràdh cuideachd mu na seann chlàrsairean a dh’ fhaodamaid a chumail ’nar n-aire an Albainn.
Tha Micheál MacLiammóir iomraiteach mar actar ann an iomadh dùthaich, agus tha e fhéin air dealbh-chluichean a sgrìobhadh am Beurla is an Gàidhlig. Tha esan a’ toirt seachad geàrr-eachdraidh na dràma an Eirinn—araon am Beurla is an Gàidhlig—le cunntas air na prìomh thighean-cluiche, na h-actaran is na dràmairean. Tha e de’n bheachd gu feum dràma na h-Eireann leudachadh cuspair is spioraid, a bheir nas dlùithe do’ n tradaisean Eòrpach i, gun a gnè dùthchail a chur air chùl. Nach mairg sinne ann an Albainn nach eil dràma Ghàidhlig idir againn fhathast, is nach motha tha iarrtas aig a’ mhór-chuid againn oirre.
Chan ionnan an dà leabhar, Irish Landscapele R. Lloyd Praeger, agus Conamara le Seán MacGiollarnáth, ged a tha an dithis a’ fiachainn ri maise na h-Eireann a chur an sgrìobhadh. ’Se sop as gach seid a th’ aig Praeger dhuinn—cus ainmean àitean is ro bheag a ghlacas aire mu’ n deighinn. Ach tha MacGiollarnáth a’ ruighinn glé fhaisg air spiorad na dùthcha is nan daoine ann an Conamara. Bu chòir do ar luchd-teagaisg leughadh na th’aige ri ràdh mu’ n bhrosnachadh a tha ’ga toirt do luchd na Gàidhlige anns na sgoiltean an sin. Tha an luchd-teagaisg a’ foghlum bho’n chloinn fhéin, far a bheil a’ Ghàidhlig fhathast fallain, is òrain is sgeulachdan beò anns gach baile. Cha tug Riaghaltas na h-Eireann fhathast iomradh airrocket - rangea shuidheachadh ann an Conamara.
Tha an leabhar aig Françoise Henry air a chlò-bhualadh ann am Beurla is am Fraingeis. Tha leth-cheud dealbh ’s a seachd an so de sheann chroisean, soithichean, bràisdean, duilleagan a seann làmh-sgrìobhainnean, is a leithid sin, còmhla ri cunntas goirid a tha fìor luachmhor air ealadhain Ceilteach ann an Eirinn.
R. McT.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Drámaíocht in Éirinn) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |