Eilean Rum a Ealghol. As an leabhar aig G. Douglas Bolton.
“Scotland’s Western Seaboard”le G. Douglas Bolton.
Clò-bhuailte le Oliver & Boyd, 18/ -.
’S fhada an t-saoghail mhóir bho nach fhaca sinn leabhar cho grinn, eireachdail no leabhar cho tlachdmhor a làimhseachadh ris an fhear so.
Thòisich turus an ùghdair shìos aig crìoch Shasuinn agus stad e aig a’ Pharbh. Cha robh ceàrn anns nach do rinn e tadhal agus air nach tug e iomradh ann am briathran agus ann an deilbh, agus bu chòir a leabhar a bhith ann an làmhan gach fear-turuis a tha a’ cur aghaidh air na h-iomallan sin. Tha na dealbhan—còrr agus ceithir fichead dhiubh—air leth eireachdail, leithid na tè a tha sinn a’ sealltainn air an duilleig so, agus chan e mhàin gu bheil iad grin dhiubh fhéin ach tha an t-ùghdar a’ toirt cunntais aig deireadh an leabhair air ciamar a ghabh e iad.
Muile. Lathurna. An Apuinn. Muideart. An t-Eilean Sgitheanach. Lochabar. Loch Aillse. Ulapul. Chan eil an sin ach feadhainn de na h-aiteachan anns an do thadhail Douglas Bolton agus air an tug e sgeul thaitneach.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scotland’s Western Seabord) |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |