[51]

Bruadaran

LE TORMOD DOMHNALLACH (ILE)

THA feadhainn ann nach eil idir acreidsinn ann an aislingean. Their iad nach eil anns a h-uile aisling ach a tha air aobharachadh le neach a ghabhail biadh trom nach do chnàmh e mun deach e laighe, no ma dhfhaodte nach robh aonna shlàinte aig an ám, no gu robh abhodhaig sgìth no anshocrach anns an leabaidh. Their cuid eile gu bheil coire mhór aig amhacmeanmainn riutha, sin ri ràdh, ma thachair do neach a bhith làn cùraim agus iomagain, gu bheil e nas buailtiche gum biodh an inntinn troimhe chéile ann an seagh cho mórs gu bheil i -fhoistinneach, eadhon an suain na h-oidhche, ’s acur an céill a bruaillean anns na nithean a bhios daoine afaicinn anns na h-aislingean. Chan eil teagamh sam bith nach eil sin fìor mu àireamh de aislingean ach tha móran eile ann de bhruadaran aig nach eil buintinneas sam bith ri suidheachadh bodhaig no inntinn, a tha cho fìors cho làn de bhreithneachadhs gu bheil e ro shoilleir gur e teachdairean a tha annta bhon t-saoghal thall, a thatoirt sanas is rabhaidhean thugainn mu nithean a tha dol a thighinn gu teachd.

Bha na Ceiltich bho shean, mar a bha iomadh cinneadh eile, glé làidir den bheachd gur ann bho spioradan dhàimhean is luchd eòlais nach maireann, a bha bruadaran na h-oidhche atighinn thuca. Anns an sgeul a bha ri chluinntinn gu minig ri mo cheud chuimhne, a thatoirt iomradh air mar a fhuair Coinneach Odhar achlach-fhiosachd, bha e air aithris gu robh màthair Choinnich air oidhche bhriagha shamhraidhna suidhe an iomall cladh Uig, abuachailleachd mart agus a cuigeal gu gnìomhachna dòrn. Goirid an deidh meadhoin oidhche, ged nach robh oidhche ann anns an t-seaghs nach robh an latha idir gu tur afalbh bhàrr an adhair, chunnaic i na h-uaighean gu léir afosgladh agus na mairbh ag éirighs adeanamh le luathas na gaoithe air na ceithir àirdibh. Goirid mus do shoilleirich amhadainn, thug i sùil agus nach ann a bha na tannaisg cheudna atilleadhnam ficheadans adèanamh air an uaighean le dian chabhaig agus cha bu luaithe a shocraich gach neachna àite féin, na dhùin an uaigh air ais. Bha aon ann co-dhiùbh, nach do thill fathast, cailin òg, dheas, fhìnealta, a dhfhàg an uaigh a bha ri taobh na mnà. Chuir abhana-bhuachaille roimpe gu faigheadh i mach bun na cùise agus anns an inntinn sin chàraich i an cuigeal thairis air beul na h-uaigh fhosgailte. Cha robh i ach air so a dhèanamh an uair a nochd an aon a bha ifeitheamh air fàire na h-àirda tuath. Air dhi tighinn dlùth, ghlaodh i gu cas: “Tog do chuigeals leig a steach dom uaigh mi!” “Cha leig,” arsan eile, “gus an innis thu dhomh an toiseach thù agus càite an robh thu féin agus càch! '”

Is misears an òighenighean rìgh Lochlann agus bha mi fhìn agus càch acur aislingean gu ar càirdean, ach do bhrìghs gu robh agamsa ri dol cho fada air falbh ri Lochlann, is e sin a dhfhàg mi cho fada air dheireadh air an fheadhainn eile. Ach rach thusa thun achladaich ud shìos agus gheibh thu ann an sin clach bheag bhòidheach,



[52]

[Sanasan]



[53]

eadardhealaichte bho chàch, thoir do Choinneach do mhac i agus cho luaths a sheallas e innte bidh fiosachd aige.”

Acur aislingean gu ar càirdean!” Faodaidh gu saoil sinn nach robh an so ach sgeul fhaoin gun chiall gun bhrìgh, ach anns gach sgeul den t-seòrsa, gheibh sinn daonnan teagasg, no cràbhadh, no beachd a tha mar ghath soluis atighinn a nuas bho na linntean cian a dhaom.

Bha na seann daoine den bharail nach robh de chiall aig bruadaran na Sàbaid is mur an tigeadh dad de na bha iad acur air mhanadh gu teachd an ath , nach robh géill sam bith ri thabhairt dhaibh.

Chunnaic sinn féin bruadaran a bha cho fìrinneachs nach leig sinn a chaoidh air dìochuimhne iad. Chuala sinn mar an ceudna mu aislingean a chunnaic feadhainn eile, a bha cheart cho fìor air an coimhlionadhs gun do chùm sinn a riamh air chuimhne iad.

Anns abhliadhna 1913, bhruadar bean Ghaidhealach ann an Ceap Breatann, air oidhche, gu robh ina seasamh a muigh blàth grianach, air an raon. Sheall i suas air an speur, is an sin chunnaic i riomball dearg de theine acuartachadh an adhair ceithir thimcheall. Chuir na chunnaic i a leithid de iongnadh oirre is gun do dhinnis i mu dheighinn do bhoireannach eile. Bhreithnich a banacharaid e mar so: “tha cogadh mór agus sgriosail adol a bhristeadh a mach a dhaithghearr agus bidh uile rìoghachdan an domhainn an sàs gu dian anns achòmhrag.” An ath bhliadhna, fhuair an aisling agus a breithneachadh làn choimhlionadh. Chuala mi cuideachd mu bhoireannach ann an Gaidhealtachd Alba a chunnaic aig acheart ám, an dearbh shealladh sona cadal. iongantach.

Bha fear ann an àite eile de Cheap Breatann aon mhadainn, ag innse do a theaghlach mu aisling a chunnaic e an oidhche roimhe sin. Bhruadar e gun do thuit na fiaclan uile, ceart cruinn còmhla, á charbad. Nuair a chaidh e mach an latha sin gu a ghnothach, is beag a bha de dhùil aige féin no aig càch nach tilleadh e dhachaidh beò. Ann am priobadh na sùla, chaidh a mharbhadh nuair a bhuail cumhachd an dealain e aig obair.

Dhinnis bean dhomh air an robh mi eòlach, aisling a chunnaic i féin. “Thainig mo sheanamhair a bha acòmhnaidh ann an àite de Chanada a bha iomadh ceud mìle air falbh, gam ionnsaigh ann am bruadar aon oidhche. Chuir i fàilte orm gu gràdhach, suilbhearra, leis na facail so anns aGhàidhlig: “thàinig mi astar fada gad fhaicinn!” Le sin, dhfhalbh an sealladh. n a dheidh, fhuair mi litir bhon dachaidh ag innse dhomh gun do chaochail mo sheanamhair air an dearbh oidhche anns an tainig i gam ionnsaighna mo chadal.”

Anns abhliadhna 1812, bha naoidh-duine-deug ann am broinn eathair adol dhachaidh do Chulnancnoc as baile Phortrìgheadh. Bha tuilleadh mór is achòir de luchd anns abhàta is chaidh triùir a mach aisde ann am beul na h-oidhche nuair a ràinig iad Rigg, mu thrì mìle bhon dachaidh. Chum na sia-deug orra anns an sgoth, ach ann an dorchadas na h-oidhche, bhuail i an Duibh Sgeir air cùl Rubha Nam Bràithrean, is bhàthadh na bhan a broinn. Cha dfhuaireadh ach aon a mhàin de na cuirp.



[54]

[Sanas]



[55]

Oidhche no dhà an deidh achalla, thàinig fear de na h-òganaich a chaidh a dhìth far an robh a mhàthair ann an aisling, is dhinnis e dhi gach mar a dhéirich dhà féin. “Nuair a chaidh mise don ghrunndars esan, “chaidh mo cheann an sàs ann an stamhans am feamainn an aigeil. Chaidh de na stamhan fada so mum amhaich a chùm sìos mi gus an deach mo bhàthadh. Mur a biodh sin bha mi air tàrrsainn as.”

Thàinig fear eile de na chailleadh an oidhche ud, far an robh a mhàthair féin ann am bruadar, is dhinnis e dhi gun deach a chorp-san air tìr ann an Eilean na Cìche, is cha do labhair e an còrr. Bha abhean bhochd afeòrach de gach duine ris an coinnicheadh i, càit an robh Eilean na Cìche, oir cha chuali mun àite a riamh, ach cha robh aon comasach air sud innse dhi. Mu dheireadh thàinig buidheann cheàrd timcheall is dhfhaighnich i dhiùbhsan air dhaibh a bhith cho siùbhlach anns gach àite den Ghàidhealtachd, càit an robh Eilean na Cìche, ma bha a leithid de àite ann. Bha na ceàird comasach air sud innse. Thubhairt iad rithe gu robh Eilean na Cìche a mach bho chòrsa an iar Siorramachd Rois. Bha na cuirp air an giùlain air falbh thun an ionad ud leis an t-sruth.

Aisling caillich mar a dùrachd,” an è? Chan è gu buileach, agus ged a bè, nach eil inochdadh dhuinn cho fìor dhlùths a tha an shaoghal da chéile nuair a chluinnear eadhon andùrachd” ’s a gheibh i ceart fhreagradh bhon taobh thall.

titleBruadaran
writersNorman MacDonald
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page