[91]

The Isle of Lewis and Harrisle Artar Geddes.
Clò-bhuailteEdinburgh University Press, £2 2/ -.

Ann an 1919 chomhairlich Pàdraig Geddes do Leverhulme gréim fhaighinn air Marcel Hardy, tuathanach agus sgoilear ainmeil, agus iarraidh geur sgrùdadh a dhèanamh air cor an t-sluaigh agus air cor an talmhainn ann an Leódhus agus anns na Hearadh. Rinn am Morair Leverhulme sin. Chaidh Marcel Hardy a Leodhus agus rinn e toiseach tòiseachaidh air an obair, ach cha tainig amhór-chuid de na sgrìobh e ann am follais riamh. Bha mac do Phàdraig Geddesna fhear cuideachaidh aig HardyArtar Geddesagus bann airsan a chaidh fios a chur ann an 1929 gus crìoch a chur air obair Hardy. Cha be sin an gnothaich beag. Anns na deich bliadhna eadar 1919 agus 1929, bha cùisean air atharrachadh gu mór anns na h-eileanan agus chuir Geddes roimhe tòiseachadh on fhìor thoiseach agus rannsachadh agus sgrùdadh a dhèanamh dha fhéin. Thug e sia bliadhna fichead ris an obairgun ghuth air na bliadhnachan a chuir e seachad còmhla ri Hardyagus is ann air an t-samhradh so a thainig a leabhar amach.

Leabhar eireachdail, tùrail. Tha e atòiseachadh le cunntas air suidheachadh agus fearann Leódhuis agus na Hearadhadol air ais chun an fhìor thoisichchun nan creagan as sine ann am Breatainn. As a sin, tha egar toirt ceum air cheum troimh na linntean anns an tainig an sluagh gu ìre agus an do thionail iadnam buidhneansnam bailtean car mar a tha againn an diugh. Fad an t-siubhail, tha Geddes anochdadh dhuinn gach buaidh a bha aig cùisean anns an t-saoghal amuigh air adhartas nan eileanan iomallach, agus, aig an aon ám, tha e asealltainn mar a tha buaidh aig an talamhs aig na cnuics aig na creagan air na daoine a thagan comhnaidh.

Na tighean troimh na linntean. Obair an fhearainn troimh na ginealaichean. An soisgeul agus an sluagh. Bàrdachd agus cànain. Chan eil an sin ach feadhainn de na cinn fo am bheil Geddes asgrìobhadh agus asgrùdadh. Leana beag is beag tha e atoirt beachd sgileil dhuinn air beatha agus air dòigh smuain dhaoine air an robh dùil againn gu robh sinn eòlach.

Tha an leabhar làn de chlàir a tha anochdadh meud agus àireamh gach gné oibreachsin agus an t-airgead a thainig an cois gach obair. Le sùil air aon duilleig, chì sinn gu robh dhusan tractar ann am Barbhas agus ochd anns na Hearadh ann an 1954; chì sinn gu robh naoi fichead acaire fo bhuntàta anns na Lochan anns an aon bhliadhna. Le sùil air duilleig eile, chì sinn na chaidh a tharruing ann an Leódhus agus anns na Hearadh ann an airgead pension; eadhon de na chaidh a chur troimhn phost de dhairgead as an eilean. Agus, aig deireadh an leabhair tha duilleagan de leabhraichean eile a dhfhaodas sinn a leughadh air an dearbh chuspair!

Tha gach duine aig a bheil an ùidh as lugha ann an cor nan eilean an comain Artair Geddes agus Oilthigh Dhun-éidinn airson an leabhair so. Anns na bliadhnachan ri teachd, is iomadh làmh a shìnear thuige an uair a tha mìneachadh a dhìth air ceist mu Leodhus no mu na Hearadh. Tha e daorma tha ghini daor airson rud a tha anochdadh obair duine fad leth a bheatha.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Isle of Lewis and Harris)
internal date1955.0
display date1955
publication date1955
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 13 %p

parent textGairm 13
<< please select a word
<< please select a page