Buaidh a’ Chiùil
Le D. MACTHIRIDHE
A dh’ aindeoin gu bheil sùilean geura aig muinntir Chille-sgumain gus fàilingean agus lochdan càch a chéile a chomharrachadh, cha chuala mi riamh dad a bu mhiosa air a chur as leth Eachainn Mhic Gilleathain, am foirfeach bàn mar theirteadh ris, na gum b’ annasach an nì e duine cho ionraic ris a bhith cho gaolach air ceòl. Ged nach robh aithrichean Chille-sgumain cho fada an aghaidh ciùil ’s a bha aithrichean Rois, agus na Tuathaich am bitheantas, bha cho mhaith leò nach biodh foirfich na h-eaglais co-dhiùbh a’ cluich air pìob no air fidhill. Ach ged nach biodh Eachann MacGilleathain a’ cluich air a’ phìob bhiodh e a’ cluich air an fhidhill, agus air leth-dusan de innealan neònach eile a bha aige; ach ma bhitheadh, cha do rinn sin cron dha riamh ann an sùilean a’ choimhthionail, oir bha fhios aca nach robh duine eile an Cille-sgumain a b’ ionraice cridhe na e.
B’ e an dà nì anns an robh a chridhe, ùrnuigh agus ceòl. Moch agus anmoch, agus seachd uairean eadar na tràthan, bhiodh e air a ghlùinean anns an tigh-ghreusachd ag ùrnuigh ri Dia. An uair a chluinneadh e gu robh balach no caileag òg a’ fàgail Chille-sgumain a dhol ’gan cosnadh do Ghlaschu no do bhaile-mór eile, sgrìobhadh e an ainm air bòrd le cailc los cuimhne a chumail orra ’na ùrnuighean.
Ach O! An gaol a bha aig an duine ud air ceòl! Bha e dùthchasach dha air an dà thaobh; bha fuil bhàrd is chlàrsairean is phìobairean ann gus an ochdamh glùn. Anns na madainnean earraich bu shòlas leis éirigh leis a’ ghréin, a dhol a mach a dh’ éisdeachd ris na h-eòin bheaga a’ seinn laoidhean do’ n Chruithear; aig na h-amannan sin bhiodh e a’ deanamh fhacal ’na inntinn féin a fhreagradh do na fuinn a bha aig na h-eòin.
Bha aon no dhà de na foirfich eile anns an t-seisean nach robh idir toilichte gu robh Eachann MacGilleathain cho gaolach air an fhidhill, gu sònraichte dithis a bha air ùr thighinn do Chille-sgumain, Uilleam MacLeòid, a bhuineadh do Leódhus, agus Alasdair Ros, am bùidsear, a thàinig a Inbhir Pheofharan. Bhiodh iad a’ sealltainn air gu maith gruamach anns an t-seisean, agus a’ gabhail gach cothrom a gheibheadh iad air naidheachdan fada-thall innseadh mu aithrichean agus mu dhiadhairean Rois; ciod a thuirt Alasdair Geàrr mu fhìdhlear a bha am Bun Ilidh, no ciod a thuirt MacRath Mór mu bhoireannach anns a’ Chomraich a chaidh air snàmh air là-traisg, no ciod a thuirt an t-Ollamh Ceanaideach mu fhear ann an Roscuithnidh nach robh coltach ri daoine eile. Ach cha chuala muinntir Chille-sgumain mu Alasdair Geàrr riamh; cha deachaidh fhuaim na b’fhaide mu dheas na Inbhir Nis, agus mar sin cha robh ann ach saothair dhìomhain do Uilleam MacLeòid agus do Alasdair Ros a bhith ag innseadh naidheachdan uime.
An uair a thòisich an cogadh, am measg nan daoine eile a chaidh do’n arm á Cille-sgumain, chaidh mac Eachainn MhicGilleathain ann. An deidh dha bhith greis anns an Fhraing chuireadh do’ n Eiphit e;
as an Eiphit chuireadh do Mhesopotamia e, far an robh e gus an do chrìochnaich an cogadh. Bha e fhéin agus seachd saighdearan Breatannach air am fàgail ann am baile beag, gus sùil a chumail air na h-Arabaich agus gus a bhith ’nan cluasan do’ n arm. Bha iad a’ dol amach ’s astigh am measg muinntir an àite; uidh ar n-uidh, dh’ fhàs na saighdearan agus na h-Arabaich gu maith mór aig a chéile. Cha robh gin de na saighdearan a b’ fheàrr leis na h-Arabaich na Niall MacGilleathain.
Bha aon teaghlach sònraichte ann ris an robh e anabarrach coibhneil is truacanta, teaghlach anns an robh làn an tighe de chloinn. Bha iad bochd bochd; an casa dubha cho caol ri cas spàine, agus gun ach an craicionn a’ còmhdach an cnàmh. Bha barrachd bìdh air a chur amach do na saighdearan na b’ urrainn iad uisneachadh, is bhiodh Niall MacGilleathain a’ gleidheadh gu cùramach gach còrr a bhiodh air fhàgail, agus ’ga thoirt do’ n chloinn ud; càise agus briosgaidean agus tarbh-fheòil air am measgadh anns an aon phoit. Man d’ fhàg na saighdearan Breatannach am baile bha fuil na cloinne cho làidir teth ’s gum biodh iad a’ réiseadh air feadh an fhàsaich mar gum faiceadh tu buaile ghamhna a bha air an geamhrachadh gu maith air an leigeil amach air madainn ghrianach earraich.
An uair a bha Niall MacGilleathain a’ tighinn dhachaidh chuir athair agus màthair na cloinne bocsa beag ’na làimh, ag ràdh ris: “Tha sinne bochd, ach bu mhaith leinn fhios a bhith agad gu bheil gaol againn air a’ choigreach a bha coibhneil ris a’ chloinn. Anns a’ bhocsa so tha inneal-chiùil a bha aon uair ainmeil; inneal-chiùil a tha anns an teaghlach againne o chionn dà mhìle bliadhna, ach chan eil duine beò anns an dùthaich an diugh as urrainn an inneal a chluich. Am bi an coigreach cho maith agus am bocsa so a ghabhail bhuainn, an dòchas gum mair a theaghlach dà mhìle bliadhna anns an tìr thall a tha iad a’ sealbhachadh!”
Thug Niall MacGlleathain taing dhaibh; an sin bheannaich iad cach a chéile anns an dealachadh, iadsan a’ beannachadh a’ choigrich an ainm Allah agus a’ cromadh an cinn, is esan ’gam beannachadh-san an ainm Athair ar Tighearna Iosa Crìosd. An uair a thàinig e dhachaidh thug e am bocsa d’a athair, agus dh’ innis e dha facal air an fhacal mar thubhairt an t-Arabach ris. Ach ged dh’ fheuch Eachann MacGilleathain ris an inneal-chiùil a chur ri chéile a dh’fheuchainn an gabhadh ceòl a thoirt aisde, dh’ fhairtlich e air gu buileach. Iomadh is iomadh uair chuireadh e seachad a’ chuid a b’fheàrr de’n latha a’ corramheurachd nam bioran agus nan teudan a bha anns a’ bhocsa, agus muinntir Chille-sgumain a’ feitheamh ri brògan a chuir iad thuige g’ an càradh.
An ath bhliadhna an deireadh an fhoghair, thàinig dà dhuine dhubh do Chille-sgumain, fear dhiubh a’ reic uineanan agus am fear eile a’ reic uaireadairean is speuclairean is trealaich eile. Ged bha iad dorcha anns a’ chraicionn agus ged theirteadh daoine dubha riu cha b’ ann de shliochdHama bha iad idir; bhuineadh iad do’n Eiphit. Bha an t-sìd fuar aig an ám; cha robh air na h-Eiphitich ach aodach tana, is bhuaileadh iad le chéile le droch thinneas, an dara fear lepneumonia, agus am fear eile le fiabhrus lòinidh.
Cha ghabhadh am bàillidh gnothach riu, no Tom Elliot anns an tigh-òsda, no Alasdair Ros, am bùidsear, ach dh’ iarr Eachaun Mac Gilleathain air a’ chonastabal agus air a’ chléireach aig Bòrd nam Bochd an toirt do’n tigh aige-san.
Sin a rinneadh. Bha iad ann an tigh Eachainn MhicGhilleathain suas ri ceithir mìosan, agus fad na h-ùine sin dh’ eiridinn e iad mar gum b’ e fhuil is fheòil féin a bha annta, a’ caithris iomadh oidhche ri taobh an leapachan. An uair a chaidh iad na b’ fheàrr bhiodh iad air uairean a’ dol do’ n tigh-ghreusachd far am biodh Eachann ag obair. Là de na làithean a chaidh fear dhiubh a steach bha am bocsa aig Eachann air a ghlùin, agus e a’ feuchainn ris an inneal-chiùil a chur air ghleus. An uair a chunnaic an t-Eiphiteach an rud a bha anns a’ bhocsa sheas a dhà shùil ’na cheann is dh’fhàs aodann mar gum biodh aodann mairbh.
“Càite,” ars esan, “an d’ fhuair sibh sin?”
Dh’ innis Eachann MacGilleathain dha mar fhuair Niall a mhac am bocsa ud ann am Mesopotamia.
“Sin agaibh” ars an t-Eiphiteach, “inneal-chiùil as sine agus as iongantaiche a tha air an t-saoghal, ach a mhàin companach dhi a tha ann an tigh m’ athar ann am baile Mhartumba anns an Eiphit. An uair a bha Heman MacIoeil air cheann na coisir-chiùil anns an teampull an Ierusalem bha seinneadair aige a bha cho binn ’s nach mór gum b’urrainn do na sagartan éisdeachd ris a chionn gun leaghadh a ghuth an cridheachan ’nan com. Chan e mhàin gu robh e math air seinn ach bha grinneas anabarrach air a làimh, is bha ealadhain aige air innealan-ciùil a dheanamh nach robh aig duine eile ann an Ierusalem. Rinn e dà inneal-chiùil nach fhacas agus nach cualas riamh an leithid, oir bha a’ bhuaidh iongantach so aca gun cuireadh iad gach duine no creutair a chluinneadh iad a dhannsadh, ge b’ oil leò. Fad nan ceudan bliadhna bha na h-innealan air an gleidheadh gu cùramach ann an teaghlach Hemain, an t-athair ag innseadh d’ a mhac bu shine mu’ n bhuaidh iongantaich a bha annta agus a’ toirt eòlas dìomhair dha ciamar a ghabhadh iad cluich. Ach uair a thàinig rìgh coimheach o’ n àird an Ear a thoirt léir-sgrios air Ierusalem bha teaghlach Hemain air an ruagadh air falbh, triùir dhiubh air an toirt ’nam prìosanaich do Mhesopotamia agus am fear bu shine air a chur air theicheadh do’ n Eiphit. Anns a’ chabhaig cha d’ fhuair am mac bu shine ach an aon inneal a thoirt leis; tha an inneal sin againne fhathast ann an tigh m’ athar am Martumba. Lean ar teaghlach-ne creideamh ar n-aithrichean; tha sinn ag adhradh do Iehòbhah, agus cha do chailleadh riamh eòlas air an dòigh anns an gabh an inneal cluich. Am bràthair a lean ris an inneil eile agus a thug leis i do Mhesopotamia, cha b’ aithne dha ciamar a chluichteadh i, no dad eile uimpe ach a mhàin gu robh i sean. Cha d’fhiosraich is cha d’fhairich, is cha chuala sinn, ciod a dh’ éirich do’ n mheur eile de theaghlach Hemain o chionn nan ceudan bliadhna, ach a cheart cho luath ’s a chunnaic mo shùil am bocsa dh’aithnich mi gur e so companach na h-inneil againn féin, a bha air chall o chionn nan ceudan bliadhna.”
Gus naidheachd fhada a dheanamh goirid, cha tugadh an t-
Eiphiteach leis am bocsa dhachaidh ged dh’ iarr Eachann MacGilleathain air sin a dheanamh, a chionn gum b’ ann d’ a dhaoine a bhuineadh e gu ceart. Thubhairt e gum bu bheag an tabhartas-buidheachais e an éiric a choibhneis a fhuair e fhéin agus a chompanach ann an tigh a’ ghreusaiche, agus a thuilleadh air sin thubhairt e gun ionnsaicheadh e dha ciamar a chuireadh e an inneal ri chéile agus ciamar a chluicheadh e i, agus gun innseadh e a h-ainm dha ann an litrichean Eabhra ann an cagar.
Ma bha muinntir Chille-sgumain air uairean a’ feitheamh seachdain ri brògan a bha ’gan càradh aig a’ ghreusaiche, bhiodh iad a nis a’ feitheamh ceithir-la-deug, oir fhuair Eachann MacGilleathain déideag ùr. Ach bha e ’na dhuine caomhail cho maith ri bhith ’na dhuine ionraic, is bheireadh e an fhìor aire gu robh na dorsan dùinte man gleusadh e an inneal-chiùil, air eagal gun deanadh e, gun fhios daibh, culaidh-mhagaidh de sheanairean Chille-sgumain, no rud bu mhiosa air fad, de mhnathan a’ bhaile.
Ach ged bu duine ionraic e nach deanadh cron no olc air a cho-chreutairean airson an t-saoghail, bha a chridhe lan àbhacais is cridhealais agus bu ghasda leis, an uair nach biodh an còrr aige ri dhèanamh, a bhith sealltainn amach air an uinneig, a’ gabhail beachd air na daoine a bha dol seachad agus a’ smuaineachadh ris féin ciamar a shealladh an tè ud no ciod a theireadh am fear ud nan tugadh e orra stad air beulaibh an tigh-òsda agus tòiseachadh air dannsadh An uair a chitheadh e mnathan stàtail a’ seòladh seachad mar longan Tharsuis fo làn an cuid aodaich, bean a’ Chòirneil agus bean a’ bhancair, no fir bheaga a’ ruith seachad le cabhaig dhian, mar nach rachadh an saoghal air aghaidh as an eugmhais, dheanadh e gàire beag ris féin agus shìneadh e a làmh gus breith air an inneal-chiùil—ach anns a’ mhionaid thairngeadh e air ais i, ag ràdh fo anail, “Dia a thoirt maitheanais dhomh.” Ach an ath mhionaid, chitheadh e duine-eigin eile a bheireadh air a làmh a shìneadh ris an inneal a rìs, is thigeadh e fo dhruim a’ gaireachdainn. Chan eil sùilean air an t-saoghal cho léirsinneach ri sùilean naoimh, gu sònraichte ma tha rud beag de chridhealas ann.
Mìle agus mìle uair ghleus Eachann MacGilleathain an inneal ud gu bhith moladh ainm an Tighearna, ach ged chuir e roimhe nach cuireadh e i gu feum a bu shuaraiche na bhith togail fonn nan salm, tha eagal orm nach do chùm e a’ bhòid sin gu buileach, oir, aon uair co-dhiùbh chuir e daoine a dhannsadh leatha agus gun dannsa ’nam beachd. So mar a thachair.
Bha Uilleam MacLeòid agus Alasdair Ros fada fada an aghaidh ciùil is dannsadh; bhiodh iad gun sgur ag iarraidh air an t-seisean riaghailt làidir a dheanamh nach leigteadh gu bòrd an Tighearna fear no bean air bith a chunnacas aig cuirm-chiùil, no aig soiree, no aig bàl, no aig céilidhean an W. R. I. far am biodh cluich is sùgradh saoghalta a’ dol air aghaidh. Thubhairt Uilleam MacLeòid gur e dìth smachd a bha cur na h-eaglais gu truaighe; nach biodh cùisean an Albainn mar bha iad nan robh Maighstir Ruairidh beò; gu robh cuimhne aige air là a bha Maighstir Ruairidh a’ dìon nam bòrd aig
comanachadh ann an Cill Oran, agus gun do labhair e cho làidir smachdail mu dhaoine nach robh gu buileach dealaichte o’ n t-saoghal ’s nach deachaidh ach deichnear a dh’ ionnsaigh a’ bhùird ged bha còrr agus dà cheud de luchd-comanachaidh a làthair. “Sin agaibh” ars esan, agus e a’ sealltainn air an Urramach Niall MacPhàrlain, B.D. , “ministear a bha dìleas.”
Cha dubhairt an t-Urramach Niall MacPhàrlainn, B. D., diog, ach ann an guth ciùin sèimh thubhairt Eachann MacGilleathain, “Co dha, Uilleam, a bha Maighstir Ruairidh dìleas?”
Ach ged a bha a’ cheist so air am beulaibh uair no dhà a h-uile bliadhna bha seisean Chille-sgumain mar tha an eaglais Chrìosdaidh air fad; bha cuid de na bràithrean de aon bheachd agus cuid dhiubh de bheachd eile.
Ach bha Uilleam MacLeòid agus Alasdair Ros dìorrasach; seachdain roimh chomanachadh an earraich, an uair a bha ochdnar de ghillean agus de chaileagan òga air beulaibh an t-seisein gu bhith air an gabhail a steach mar luchd-comanachaidh, cheasnaich Uilleam MacLeòid dithis de na caileagan cho teann goirid gruamach mu dhannsa aig an robh iad ceithir-la-deug roimh sud ’s gun deachaidh na caileagan a chaoineadh. An uair a chaidh na caileagan amach as an t-seisean chaidh Eachann MacGilleathain amach còmhla riu agus e fhéin a’ caoineadh.
An oidhche sin cha d’ fhuair e aon lochd cadail; am màireach, shuidh e air an fhuirm-ghreusachd mar b’ àbhaist, ach ma shuidh cha b’ ann a dh’ obair; bha seachran ’na cheann fad an latha. Ged bha tartar agus straighlich an rathaid ’na chluasan cha b’ e sin idir a bha e a’ cluinntinn ach meacanaich nan caileagan aig an robh sùil ri aoibhneas agus feuch uabhas.
Bha am bùth aig Alasdair Ros mu choinneamh tigh a’ ghreusaiche; chitheadh an greusaiche a h-uile rud a bha dol air aghaidh am bùth a’ bhùidseir. Là de na làithean, chunnaic e ’nan seasamh aig an dorus, agus iad a’ sealltainn os an cionn air bàta-adhair a bha dol seachad, am bùidsear, Uilleam MacLeòid, a ghoistidh; bean a’ bhancair is measan beag coin aice air thaod; agus searbhanta as an tigh-òsda a chaidh a dh’ iarraidh mharagan dubha do fhear-siubhail a bha gaolach orra. An uair a chunnaic an greusaiche am bannal ud ag amharc air na speuran, rinn e gàire beag ris féin, dh’ fhosgail e an dorus agus an uinneag gu fàilidh, is shìn e a làmh a dh’ iarraidh na cruit-chiùil. An sin, chunnacas an Cille-sgumain rud neònach nach fhacas riamh roimhe is, theagamh, nach fhaicear gu bràth tuilleadh, dà fhoirfeach a’ dannsadh air a’ mheadhon-là. Mar gu rachadh an aon saighead annta, leum a’ cheathrar ud an achlaisibh a chéile, Uilleam MacLeòid agus gréim aige air bean a’ bhancair, Alasdair Ros agus gréim aige air còcaire an tigh-òsda, a’ ruidhleadh ’s a’ dannsadh mar gum biodh copan an cinn air togail, agus measan a’ bhancair a’ comhartaich gu frionasach ri Uilleam MacLeòid agus a’ spioladh a shàiltean.
An uair a bha an dannsadh ’na theas, có a thainig mun cuairt an oisein ach an t-Urramach Niall MacPhàrlain, B. D.; cho luath ’s a chunnaic Eachann MacGilleathain gum faca am ministear a dhà fhoirfeach air cheann ruidhle leig e as a làimh a’ bhan-Eiphiteach, is dhùin e an uinneag agus na dorsan.
title | Buaidh a’ Chiùil |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | D. MacThiridhe in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |