Litir bho Dhòmhnall
IS ann dìreach bliadhna an ama so a chuireadh “Litir Dhòmhnaill” am broinn an leabhrain mheasail so agus tha mi moiteil gun d’ fhuair mi cuireadh an dara litir a dheasachadh.
Càite, matà, an tòisich mi an turus so? Saoilidh mi gum biodh e iomchuidh gum biodh rudeigin agam ri chantainn ris an òigridh chionn chuir mi seachad na làithean a bu toilichte de mo bheatha ’nan cuideachd.
So matà, sgeul bheag mu’n ghille thapaidh sin—An Sionnach, agus co aig tha fios nach dean e leasan do’ n fheadhainn sin a tha a’ deanamh an dìchill gus a’ chànain a thogail.
“Gheibhear an sionnach cha mhór anns gach ceàrn de’ n domhainn. Buinidh e do’n aon seòrsa ris a’ mhadadh. Tha a dhath donn, a bheul biorach, a chluasan àrd agus dìreach agus ’earball fada, dosach agus breac.
Tha an toll anns a bheil e a’ gabhail còmhnaidh am bitheanta fo ’n talamh no ann an sgeiribh chreag.
Chan fhàg e a gharadh gu feasgar; agus an sin theid e a mach air feadh nan coilltean agus an fhearainn airson cobhartaich agus fanaidh e amuigh gu madainn.
’S e is biadh dha a’ mhaigheach, an coinean, cearcan agus eunlaith de gach seòrsa. Ithidh e mar an ceudna, faimh, radain agus luchaibh; agus tha e ro dhéidheil air ubhlaibh agus air gach gnè meas. Ged tha an sionnach ro dhiuthalach am measg eunlaith agus uan, tha e a’ deanamh feum mhór le bhith ’cur as do iomadh creutair millteach agus gràineil.
Ann an Sasunn agus ann an iomadh àit’ eile de’ n domhainn, tha an sionnach a’ toirt mór-shùgradh agus aighear do luchd-seilg. Tha na sealgairean a’ marcach ’na dheidh agus ’ga ruagadh le madaibh; ach is tric a’ sgìthicheas e na coin, na h-eich agus na sealgairean; agus faodaidh e bhith, an deidh dhaibh a leantainn car leth-cheud mìle, gun toir e an car asda mu dheireadh, gun ruig e ionad-falaich éiginn agus gun tèaruinn e a bheatha.
Tha an sionnach ro-innleachdach chum breith air a chobhartach, agus chum a nàimhdean a sheachnadh. Tha so cho aithnichte do gach neach is gun abrar mar ghnàth-fhocal ri duine carach agus cuilbheartach “Gu bheil e cho seòlta ris an t-sionnach.”
Is iomadh sgeul a dh’ innsear mu thincheall an t-sionnaich agus mu thimcheall nan innleachdan a tha e ’gnàthachadh a mhealladh a nàimhdean.
Bha aon de na creutairibh so gu tric air a dhlùth-leantainn le madaibh, ach chaidh e as a ghnàth le bhith ruith gu mullach creige corraich, far an robh àite-tuinidh aige; agus is minic a thachair e, nuair a bha na madaidh an dian-thòir air, gun deach iad thar a’ charraig agus gun do mharbhadh iad.
Le bhith ’gabhail beachd air an àite so, fhuair an luchd-seilg amach mu dheireadh gun robh garadh aig an t-sionnach ann am beul aodann na carraig agus gun robh e a’ greimeachadh le fhiaclan ri slait làidir
[Sanas]
a bha fàs aig taobh a thuill, agus air an dòigh so ’ga thilgeadh féin a steach ann. Ach tha innleachd an duine nas mò na seòltachd an t-sionnaich. Gheàrr na sealgairean an t-slat agus chum an car a thoirt as an t-sionnach, dh’ fhàg iad i ’na seasamh far an robh i.
An ath uair a chaidh an sionnach a ruagadh ruith e gu bile na carraige mar a b’ àbhaist dà, rug e air an t-slait ’na fhiaclaibh, ach ghéill i roimhe agus thuit e sìos, car air char, gu ìochdar na carraige, agus air an dòigh so reubadh ’na bhloighdibh e. A’ chrìoch.
Nis, ar leam gu bheil mi a’ cluinntinn cuid-eigin ag ràdh— “Ach saoil càit’ an d’ fhuair Dòmhnall an sgeul sin?”
Matà, eadarainn fhéin, so an fhìrinn. Dìreach fichead bliadhna air ais, chuir mo charaid nach maireann, Seòras Gallda còir, is mi-fhéin cuairt air an Eilean Sgitheanach, no mar a chanas iad-fhéin—An t-Eilean. Bha sinn a’ fuireach fad seachdainn an Tobhta, dachaidh an t-sàr Ghaidheil sin an Coirneilear Coinneach Dòmhnallach, a tha a nis aig fois leis na daoine bho’n tàinig e. ’Na mo bheachd-sa cha d’ fhàg e ’na dheidh fear eile coltach ris, chan ann a mhàin ’na dhreuchd ach ’na nàdur. Fìor dhuin-uasal anns gach seagh agus fìor charaid na Gàidhlige. Mun d’ fhàg sinn an dachaidh fhialaidh sin, thug e leabhar do Sheòras agus leabhar eile dhòmh-sa. B’ e am fear a fhuair mise “Mac Talla III” agus is ann as an leabhar ghrinn sin a thog mi an sgeul mu’n t-sionnach. Tha mi an dòchas gun còrd i ribh.
Agus cha b’ urrainn mi gun gàireadh a dheanamh nuair a leugh mi so:—
“Nach ann aig Dòmhnall a bha an srann nuair a chadil e san eaglais an diugh,” arsa Calum ri Seumas ’s iad air an rathad dhachaidh. “ ’Sann a bha e uabhasach,” arsa Seumas, “ ’S peacach dha fhéin an dòigh a th’ aige, dol dha’n eaglais ’s a’ cumail a suas a leithid sud de shrann. Cha d’ fhuair mi-fhéin norradh cadail leis fad an t-searmoin!”
Agus a rithist—Bha Peigi air leaba a bàis agus cha robh aon nì a’ cur cùram oirre ach eagal gum pòsadh Dòmhnall an deidh dha ise a chur fo’n fhòd. “A Dhòmhnaill, eudail,” ars ise, “Feuch nach teid thusa a phòsadh té eile an deidh mo bhàis-sa!”
“O, a Pheigi,” arsa Dòmhnall, “cha tig an latha chì thu mise pòsda ri té sam bith ach thu-fhéin, a ghràidh.”
O chionn seachdain no dhà, bha mi aig dùnadh na Sgoile an Gleann Urchardain, mar bhall de Chomhairle an Fhoghluim. Chaidh mi sìos ann am bus agus bha aon dusan de oileanaich a Sgoil Rìoghail Inbhir Nis cuide rium. Cha b’ fhada gus an cuala mi na h-òrain Ghàidhlig agus cha b’ iongnadh sin agus gach aon dhiubh a’ dèanamh air Eilean Bharraidh, troimh an Oban. Bha gille òg ’nam measg agus am Bocsa aige. Thog esan fonn an deidh fuinn air a’ bhocsa agus sheinn càch na h-òrain. B’ fheudar dhomh am fàgail agus a’ chuirm aig a h-àirde, agus nuair a dh’ fhàg mi beannachd aca agus beannachd chun am pàrantan cuideachd, chunnaic mi fear a’ bhocsa a’ glacadh na pìoba. Gu dearbh b’ e sud còmhlan de ghillean is de nigheanan cho toilichte agus cho aighearrach ’s a chunna mi riamh.
[Sanas]
Thug e gu mo chuimhne a’ liuthad Campa aig an robh mi fo ùghdarras Chomunn na h-Oigridh. Bha cuirm eile romham san sgoil ach is e an nì a b’ fheàrr a chòrd rium na h-òrain Ghàidhlig le Coisir mhór na Sgoile. Sheinn iad “An t-Eilean Muileach” gu dùrachdach agus nuair a sheinn iad “Teann a nall,” cha mhór nach do thog iad na sparran. Tha Gàidhlig ’ga teagasg san sgoil agus tha dùil ri barrachd adhartais anns na bliadhnachan a tha romhainn. Nach e obair latha tòiseachadh!
Tha Céilidh nan Gaidheal a nis air tighinn gu ìre agus is dòcha gun cuala cuid agaibh a’ chéilidh a chraobh-sgaoil sinn air an Radio o chionn ghoirid. Tha mi a’ tabhairt taing do’n Bh. B. C. a thaobh so.
Aig ám sgrìobhaidh na litreach so, tha an t-sìde dìreach àluinn fhéin, teas gréine fad-fin-faoineach an latha agus dealt ciùin san oidhche. Ach is e beachd an luchd-àitich nach biodh fras no dhà as an rathad.
Chuala mi fear a’ talach an là roimhe nach robh e ’na chomas sud no so a dhèanamh. “Tut, tut,” ars am fear eile, “chan eil thu ’nad aonar—cha chùm an rìgh fhéin snaoisean ris a’ ghaoith!”
Saoil có thuirt so:—
“Cha d’ ràinig cleitean sneachd riamh an talamh gun smal a thrusadh o’n àile troimh an do thuit e; mar so, tha an nàdur as gloinne air a shalachadh ’na ghluasad anns an t-saoghal.”
No so:—
“Tha atharrachadh mór eadar sonas agus gliocas. Tha esan gun teagamh sona a tha da-rìreadh a’ creidsinn gu bheil e sona, ach is amadan an duine sin a tha ’ga mheas fhéin nas glice na gach neach eile mun cuairt da.”
No so:—
Ma bhios nì sam bith a chuireas smal air d’ aodach seachainn e; agus seachainn mar an ceudna gach nì a bheir mì-chliù air d’ ainm.”
Nis, a leughadairean, cha chan mi an còrr an dràsda agus am paipear cho daor ach ma bhios mi beò is gu maith, faodaidh dùil a bhith agaibh ris an treas litir ri ùine.
Deoch an Doruis
Deoch an t-sonais
Deoch an deagh thuruis;
Air ghaol sìth
’S air eagal Donais
Thugaibh deoch an doruis dhuinn.
Slàn leibh,
DOMHNALL MACPHAIL.
title | Litir bho Dhòmhnall |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Dòmhnall MacPhàil in Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |