“Clo-bhuailte le Calum Nocs”
“The Long River” by Iain Crichton Smith. Published by M. Macdonald, Edinburgh. ”Sin aon leabhar. Tha leabhraichean eile ann cuideachd. “Mouth Music” by Alexander Scott. “The Unpublished Poems of Robert Fergusson. ”Agus an t-uabhas eile. Ach aig bonn na duilleig-iùil anns gach aon dhiubh, tha na facail so, “Published by M. Macdonald, Edinburgh. ”
Do’ n fheadhainn (agus gu h-àraidh na Leódhusaich) aig nach eil Beurla, tha na facail sin a’ ciallachadh, “Clò-bhuailte le Calum Nocs.” No Calum Mhurchaidh Nocs, mar a their na Beàrnaraich.
Càit a nise an tòisich sinn?
Anns a’ cheud dol a mach, ’s fheudar dhuinn aideachadh gu bheil, ann an Alba an diugh, an saoghal bràth de dhaoine—sean is òg—a tha fodha gu’ n cluasan ann an sgrìobhadh bàrdachd agus ann an clò-bhualadh leabhraichean. Mar a rinn an t-annradh, tha móran dhiùbh aig a bheil am barrachd rannaigheachd no rian—balaich an fhuilt fhada, mar a theirear riutha!
Ach, a bharrachd orra sin, tha ann an Alba, an diugh, feadhainn a tha ri bàrdachd agus ri rosg, aig a bheil fìor smior na dùthcha ’nan cnàmhan agus ’nan cuid sgrìobhaidh. Feadhainn a tha a’ strì, gun eadhon gloinne leanna air a shon, ri rud-eigin Gàidhlig no Albais a chur an clò. Tha an fheadhainn mu dheireadh sin ann an comain
Chaluim Nocs. Oir, ann an Dun-Eideann, tha e air beairt-bhualaidh (no beairt-chlò-bhualaidh) a stéidheachadh, a chuireas Gàidhlig no Albais gu margadh gun a dhol an comain duine sam bith.
Rugadh Calum Dòmhnallach ann am Beàrnaraidh Leódhuis, bho chionn dà fhichead bliadhna ’s a trì. B’ e athair Murchadh Nocs. B’ e a mhàthair Mairi Anna Nic’ Illeathain a Bréinis. Bha a h-uile duine do’ m b’ aithne e an làn dùil gun rachadh e ris a’ mhinisteirealachd no ris an sgoilearachd, ach ’s fheudar nach tug iad sùil riamh air an lasadh a bha ’na dhà shùil ghuirm no air a’ chrùidh chruaidh a bha ’na smeigid.
An deidh dha Ard-Sgoil ’Ic Neacail ann an Steòrnabhagh fhàgail ann an 1931, chaidh e do dh’ Oilthigh Dhun-Eidinn far an do bheachdaich e air Eachdraidh (Le Urram). Fhad’ s a bha e fhathast an greim ri foghlum, thachair e air caileig a chòrd ris na b’ fheàrr na Eachdraidh—eadhon Eachdraidh le Urram—agus phòs iad, am falachaidh, ann an 1934. B’ i a’ chaileag, Una Ros—nighean do dh’ Uilleam Ros a bha ’na mhaighstir sgoile, uaireigin, ann an Siabost agus anns an Scarp. An diugh, tha i r’ a ghualainn ann an Dun-Eideann; i fhéin agus sianar chloinne—triùir de gach seòrsa, mar a their Calum fhéin.
A dh’ aindeoin Bonn Oir ann an Eachdraidh a’ Mhaoin(Economic History)bhuail e air Calum nach fóghnadh foghlum a mhàin, agus thug e a chasan leis as an Oil-thigh ann an 1935. Thug e greis ri obair ann an Lunnainn—ann am bùth-àirneis—ach an uair a thòisich an
[Dealbh]
Calum aig a’ bheart mhóir a chlò-bhuaileas na milltean duilleag ’san uair.
[Dealbh]
Anna Mairi a’ cuideachadh a h-athar.
cogadh (cho luath ’s a thòisich e) chaidh e do’ n Arm Adhair—guCoastal Command.Ann an 1944, thugadh Iomradh Iomraiteach air, agus, bliadhna an deidh sin, roghnaicheadh e a dhol air ceann aon de Cholaisdean an R. A. F. Ann an 1947, thugadh tairgse dha fuireach anns an Fheachd Adhair, ach dhiùlt e. Thog e airgead an airm agus cheannaich e bùtha phaipearan a bha air a dhol cas-ma-sheach ann an Dun-Eideann. Leana beag is beag, thug e a’ bhùtha air adhart, agus, ann an 1951—gus an t-sìde a chur seachad feasgar—thug e ochd notaichean air inneal bheag clò-bhualaidh. As a sin dh’fhàs an clò-bhualadh!
Cha robh fada gus an robh a bhean, Una, an urra ris a’ bhùthaidh, agus bha Calum shìos an staidhre le trì innealan móra a’ sgeith leabhraichean de gach seòrsa. Bho chionn beagan mhìosan, thug e Coinneach MacCoinnich—a bha uair air a’ Chaledonian Press—a steach còmhla ris, agus, le chéile, tha iad an sàs anns a’ ghnothaich. Iad fhéin agus clann Chaluim—leithid Anna Màiri a tha còmhla ris anns an dealbh so shuas.
Chan e gnothaich airgeadach a tha ann an clò-bhualadh anns an là sa bheil sinn beò. Ach ma ni duine dad dheth, ni Calum Nocs e. Oir, ge be dé a tha ceart no ceàrr air leabhar a thig far a chuid bheairtean, tha snas agus grinneas orra mar a tha airLines Review;no airThe Masque of Edinburgh;no air Francis George Scott. Mar a tha air leabhar bàrdachd Iain Mhic a’ Ghobhainn—The Long River.Ach sin far an do thòisich ar sgeul . . . . .
title | “Clo-bhuailte le Calum Nocs” |
internal date | 1955.0 |
display date | 1955 |
publication date | 1955 |
level | |
reference template | Gairm 13 %p |
parent text | Gairm 13 |